Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

Facal Gàidhlig English Term English Note Nota Gàidhlig Audio
TAC BHEAG SMALLHOLDING A holding on a smaller scale than a farm. Tac a tha nas lugha na tuathanas.
TAIGH HOUSE A building designed for human habitation, usually as a permanent dwelling. Use specific term where known. Togalach a chaidh a dhealbhadh mar àite-fuirich mac an duine, mar is trice mar àite-còmhnaidh buan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TAIGH A BHIOCAIR VICARAGE
TAIGH A GHRÙDAIR BREWERS HOUSE A dwelling occupied by a person engaged in the brewing industry, associated with a BREWERY. Àite-còmhnaidh aig cuideigin a tha ri grùdaireachd, co-cheangailte ri TAIGH-GRÙIDE.
TAIGH A MHANAIDSEIR MANAGERS HOUSE (1) A purpose-built dwelling for the manager of a factory, works, textile mill, etc, often found within the complex itself. Àite-còmhnaidh a chaidh a thogail do mhanaidsear factaraidh no muileann-clòtha 's msaa, gu math tric am broinn an aitreibh fhèin.
TAIGH A MHARSANTA MERCHANTS HOUSE (1) Originally, a house of higher social status in a town or port, often with a storage cellar. Taigh aig cuideigin aig an robh inbhe nas àirde ann am baile no port, gu math tric le seilear stòrais.
TAIGH A MHUILLEIR MILL HOUSE The residence of a miller, often attached to a mill, brewery or distillery. Àite-còmhnaidh muilleir, gu math tric ri muilleann, taigh-grùide no taigh-staile.
TAIGH A MHUILLEIR MILLERS HOUSE
TAIGH A-MUIGH OUTBUILDING A detached subordinate building. Use specific type where known, e.g. DAIRY. Fo-thogalach dealaichte. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air, m.e. TAIGH-BAINNE.
TAIGH A-MUIGH OUTHOUSE
TAIGH ACAINN-TOGAIL WINDER HOUSE A building housing an engine, usually with an attendant boiler house and chimney. Used for winding men, materials and minerals up and down a mine shaft. Togalach sa bheil einnsean, mar is trice le taigh-goileadair is similear co-cheangailte ris. Thathar ga chleachdadh gus daoine, stuthan is clachan-mèinneir a ghluasad suas is sìos sloc mèinne.
TAIGH AN AISEIG FERRYKEEPERS COTTAGE The residence of a ferrykeeper. Taigh-còmhnaidh fear an aiseig.
Taigh an Easbaig, Eilginn Elgin Bishop's House
TAIGH AN FHIR-TAC TACKSMANS HOUSE A dwelling occupied by a tacksman, the chief leaseholder of a township who rented out land to sub-tenants. Àite-còmhnaidh far a bheil fear-tac, prìomh-ghabhaltach baile a thug seachad fearann dha na h-iar-mhàladairean.
TAIGH AN TUIL-DHORSAIR LOCK KEEPERS COTTAGE The residence of a canal lock-keeper. Taigh-còmhnaidh fear an tuil-dhorais.
TAIGH AN UACHDARAIN LAIRDS HOUSE (1) A medium-sized domestic residence of a lesser landholder c.1560-c.1750, the earliest being of tower-house form, the later ones of symmetrical rectangular plan. Taigh-còmhnaidh meadhanach mòr a bha aig uachdarain-fhearainn eadar 1560 is 1750 mu thuaiream. Bha iad nan taighean-tùir an toiseach ach chaidh an togail air plana ceart-cheàrnach is co-shìnte an uairsin.
TAIGH ATH-SHLÀINTEACHAIDH CONVALESCENT HOME An establishment where patients can rest and recover after an operation or illness. Ionad far am faigh euslaintich fois agus cothrom slànachaidh an dèidh obrach-lannsa no tinneis.
TAIGH BATHAR BANNAICHTE BOND
TAIGH BHALBHAN VALVE HOUSE A small building housing a valve which controls the flow of water from a reservoir via a canal feeder channel to a canal. Togalach beag sa bheil duille-dhoras a chumas smachd air sruthadh an uisge à uisgeadan slighe cladhan inbhir canail a dh'ionnsaigh canail.
TAIGH BHEATHAICHEAN ANIMAL HOUSE Living quarters for animals, birds, etc, as pets or for observation, entertainment, etc. Àitichean-fuirich airson beathaichean, eòin is msaa mar pheatachan no airson rannsachadh no dibhearsan.
TAIGH CARBAD NAM MARBH HEARSE HOUSE A type of carriage house, usually in a churchyard, for storing a hearse. Nàdar de thaigh-charbadan, mar is trice ann an cill, far an cumar an crò-charbad.
TAIGH CARTADH- LEATHAIR CRÒM CHROME TANNERY
TAIGH CHAILLEACHAN-DUBHA NUNNERY A complex of buildings inhabited by a community of women, such as nuns or canonesses, living in seclusion under religious vows. Aitreabh thogalaichean sa bheil coimhearsnachd de bhoireannaich, mar chailleachan-dubha no bana-chananaichean, a' fuireach ann an dòrramanachd fo bhòid chràbhach.
TAIGH CHALMAN DOVECOT A house for doves and pigeons, with openings and provision inside for roosting and breeding. Taigh do chalmain sa bheil fosglaidhean agus spirisean is àitichean guir.
Taigh Cheann Fhàil Kinneil House
TAIGH CHIOPAIREAN KIPPERING HOUSE A building where herring are smoked to produce kippers. Togalach far a bheilear a' smocadh sgadan gus sgadain-rèisgte a dhèanamh dhiubh.
TAIGH CLOSAICHEAN FHIADH DEER LARDER A building providing cool conditions in which deer carcasses are hung to mature. Togalach fionnar far a bheilear a' crochadh fèidh mharbha airson 's gun abaich am feòil.
TAIGH CÙIRT-LIOS COURTYARD HOUSE A building or buildings ranged around a courtyard on at least three sides. They occur in the Iron Age, as well as being an influential plan type of house from the 15th century onwards. Index with appropriate period. Togalach no togalaichean a tha mun cuairt air cùirt-lios, air co-dhiù trì taobhan dheth. Nochd iad ann an Linn an Iarainn ach bha buaidh mhòr aig taighean dhen t-seòrsa seo air planaichean thaighean a-mach on 15mh linn. Cuir an linn iomchaidh air a' chlàr-amais.
TAIGH CÙIRT-LIOS YARD HOUSE
TAIGH CUNNTADH NAN DÈIRCEAN OFFERTORY HOUSE A building used by church elders to collect and count the alms donated by the congregation. Togalach far a bheil èildearan na h-eaglaise a' cruinneachadh 's a' cunntadh dèircean a' cho-thionail.
TAIGH DAINGNICHTE FORTIFIED HOUSE A house which bears signs of fortification. These often include crenellated battlements and narrow slit-like windows. Taigh a chaidh a dhaingneachadh gu follaiseach. Tha baidealan creanaileach agus uinneagan glè chaol aca gu tric.
TAIGH DEALAICHTE DETACHED HOUSE A free-standing house, not joined to another on either side. Taigh a sheasas leis fhèin 's nach eil balla ri balla ri taigh eile.
Taigh Dhè Bhreichin Brechin Maison Dieu
TAIGH DORSAIR JANITORS HOUSE
Taigh Duff Duff House
TAIGH EINNSEAN-DÈILE BEAM ENGINE HOUSE A structure which houses a beam engine. Structar sa bheil einnsean sparra.
TAIGH EINNSEAN-EICH HORSE ENGINE HOUSE A round, square or polygonal building that contains a horse engine. Commonly found on farms next to the threshing barn, where it is used to power the machinery. Togalach cruinn, ceàrnagach no ioma-cheàrnach sa bheil einnsean eich. Gheibhear seo air tuathanasan mar is trice, ri taobh an t-sabhail-bhualaidh far a bheil e a' gintinn cumhachd dhan innealra.
TAIGH EINNSEAN-SMÙIDE STEAM ENGINE HOUSE A building housing a steam engine. Togalach sa bheil einnsean-smùide.
TAIGH EINNSEIN ENGINE HOUSE A building housing an engine. Use specific term where known. Togalach sa bheil einnsean. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TAIGH EINNSEIN SÈIDIDH BLOWING ENGINE HOUSE Steam engine, usually, driving a centrifugal fan to provide an air blast for a blast furnace. Einnsean-smùide, mar is trice fear a dh'obraicheas gaotharan meadhan-sheachnach a shèideas fùirneis-iarainn.
TAIGH FO-THALAMH SOUTERRAIN A subterranean or partly subterranean chamber or passage. Often associated with an above ground structure. Seòmar no trannsa a tha gu tur no gu ìre fon talamh. Gu tric co-cheangailte ri structar air uachdar na talmhainn.
TAIGH GOIL-ÈISG BOILHOUSE A building used for the washing, cooking and packing of fish. Togalach far a bheilear a' nighe, a' còcaireachd 's a' pacaideadh iasg.
TAIGH ITHE 'S ÒIL EATING AND DRINKING ESTABLISHMENT For commercial or non-commercial use. See narrow terms in each class. Airson cleachdadh coimeirsealta 's neo-choimeirsealta.
TAIGH LE CUAIRT-DHÌG RING DITCH HOUSE (1) A roundhouse with an internal ditch, which may be visible on the ground surface. Taigh-cruinn le dìg na bhroinn. Dh'fhaoidte gum faicear an dìg air uachdar na talmhainn.
TAIGH LE CUAIRT-DÌG RING DITCH HOUSE A roundhouse with an internal ditch, which may be visible on the ground surface. Taigh-cruinn le dìg na bhroinn. Dh'fhaoidte gum faicear an dìg air uachdar na talmhainn.
TAIGH LE CUAIRT-GHRÒB RING GROOVE HOUSE A roundhouse, the upright posts of which stood in a penannular bedding trench. The trench may be visible on the ground as a shallow groove. Taigh-cruinn aig an robh saidhean a sheas ann an clais leabachaidh bheàrn-fhàinneach. Dh'fhaoidte gun aithnichear a' chlais air gròb eu-domhain air an talamh.
TAIGH LE CUAIRT-GHRÒB RING GROOVE HOUSE (1) A roundhouse, the upright posts of which stood in a penannular bedding trench. The trench may be visible on the ground as a shallow groove. Taigh-cruinn aig an robh saidhean a sheas ann an clais leabachaidh bheàrn-fhàinneach. Dh'fhaoidte gun aithnichear a' chlais air gròb eu-domhain air an talamh.
TAIGH LETH-DHEALAICHTE SEMI DETACHED HOUSE A house joined to another to form one building. Togalach sa bheil dà thaigh a tha ri balla a chèile..
TAIGH LOCHLANNACH NORSE HOUSE
TAIGH LOCHLANNACH VIKING HOUSE
TAIGH LUCHD-TÒRRAIDH FUNERAL DIRECTORS The establishment of an undertaker who is responsible for the management of the ceremony connected with the burial or cremation of a dead body. Gnothachas adhlacair a dhèiligeas ri stiùireadh nan deas-ghnàth a tha co-cheangailte ri tìodhlacadh no losgadh cuirp.
TAIGH MAIGHSTIR-STÈISEIN STATION MASTERS HOUSE The residence of a station master. Taigh-còmhnaidh aig maighstir-stèisean.
Taigh Mavisbank & Poileasaidhean Mavisbank House & Policies
Taigh na Trianaid Trinity House
TAIGH NAM BOCHD ALMSHOUSE A privately funded building providing accommodation for the poor. Togalach a chaidh a thogail air maoin phrìobhaideach agus a tha na àite-fuirich dhan bhochd.
TAIGH NAM BOCHD POOR HOUSE A building or buildings used as a public institution providing accommodation and care for the poor. Togalach no togalaichean a tha gan cleachdadh ma institiud phoblach a bheil seachad àite-fuirich is cùram dhan bhochd.
TAIGH NAM MARBH MORT HOUSE A building, usually within a churchyard, used for the temporary and secure storage of human remains prior to burial. Togalach, mar is trice air cill, a chleachdar mar stòras sealach is tèarainte de chuip dhaoine mus tèid an tìodhlacadh.
TAIGH NAN DÈIRCEAN BEDEHOUSE
TAIGH NAN LÌON NETHOUSE A building where fishing nets are dried and stored. Togalach far an cumar 's far an tiormaichear lìn-iasgaich.
TAIGH NAN OB OASTHOUSE A building for the storage and drying of hops, often including a hop drying kiln. Usually built as part of a farm. Togalach airson stòradh is tiormachadh oban, gu math tric le àth-thìoraidh oban. A ghnàth na phàirt de thuathanas.
TAIGH NEACH TAIGH-SOLAIS LIGHTHOUSE KEEPERS HOUSE The residence of a lighthouse keeper. Taigh-còmhnaidh fear an taigh-sholais.
TAIGH NEACH-CÙRAIM CARETAKERS HOUSE Residence of a caretaker or janitor, often attached to, or adjacent to a place of work, e.g. a school. Àite-fuirich aig neach-cùraim, gu math tric co-cheangailte ri àite-obrach, no faisg air, m.e. sgoil.
TAIGH NEACH-OBRACH-SLÀINTE HEALTH WORKERS HOUSE Self-contained house for health workers, usually part of, or adjacent to a healthcare site. Thaigh a tha na aonad dha fhèin airson luchd-obrach slàinte, mar is trice na phàirt de (no faisg air) làrach cùraim-shlàinte.
TAIGH OBRAICHE CANÀIL CANAL WORKERS COTTAGE The residence of a canal worker. Taigh-còmhnaidh neach-obrach canail.
TAIGH OBRAICHE CÒMHDHAIL TRANSPORT WORKERS HOUSE The residences of people involved in transport work. Taighean-còmhnaidh nan daoine a tha aig obair ann an còmhdhail.
Taigh Peit Riabhaidh, Tucaid Pitreavie House, Dovecot
TAIGH PHAILM PALM HOUSE A greenhouse used for growing palms and/or tropical plants. Taigh-glaine anns a bheilear a' cur fàs air craobhan-pailm agus/no lusan tropaigeach eile.
TAIGH RO-SHAOTHRAICHTE PREFAB
TAIGH RO-SHAOTHRAICHTE PREFABRICATED HOUSE A type of house erected, as part of the Temporary Housing Programme, between 1944 and 1948. This scheme was devised to relieve the post-war housing shortage at a time when conventional materials were unavailable. Seòrsa de thaigh a chaidh a thogail mar phàirt dhen Phrògram Taigheadais Sealach eadar 1944 is 1948. Chaidh an sgeama seo a chur air chois leis cho gann 's a bha taighean an dèidh a' chogaidh 's nuair nach biodh stuthan togalaich àbhaisteach ri làimh..
TAIGH ROTH-UISGE WATER WHEEL HOUSE A building to house waterwheels, attached to a WATERMILL or water-powered factory. Togalach far a bheil rothan-uisge, co-cheangailte ri MUILEANN-UISGE no factaraidh a dh'obraicheas air cumhachd-uisge.
TAIGH ROTH-UISGE WATER WHEELHOUSE
TAIGH SHOITHICHEAN-CRUTHACHAIDH GAS RETORT HOUSE Central functional building of a gas works. Coal is roasted in retorts producing gas, coke and byproducts. Prìomh ionad-obrachaidh aig FACTARAIDH gas. Tha gual ga ròstadh ann an GLAINNEachan srònach gus gas, còc agus co-bhathar eile a dhèanamh.
TAIGH TRANNSACH AISLED HOUSE
TAIGH TROPAIGEACH TROPICAL HOUSE
TAIGH TUIL-DHORSAIR LOCK KEEPERS HOUSE
TAIGH- CHARAIDSEAN EICH CARRIAGE HOUSE An outbuilding used for the storage and maintenance of horse-drawn carriages. Frith-thogalach airson carbadan-eich a stòradh 's a ghlèidheadh.
TAIGH- FO THALAMH EARTH HOUSE
TAIGH-ABA ABBOTS HOUSE
TAIGH-ALUM ALUM WORKS A building or group of buildings where the evaporation and crystallisation of sodium aluminium sulphate solution is carried out. Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear ri deatachadh agus criostaladh de eadar-sgaoileadh sulfaid-almain sòidium.
TAIGH-AMARAN BATH HOUSE A building equipped with facilities for bathing. Togalach sa bheil goireasan airson failceadh.
TAIGH-AONARAN HERMITAGE (1) A built or natural feature in a secluded location, used as a retreat or resting place. Ionad nàdarra no rud a chaidh a thogail ann an àite aonaranach mar dhìseart no àite tàimh.
TAIGH-BAILE TOWN HOUSE An urban residence of a merchant or laird, either detached or in a terrace. For a building used for local administration use TOLBOOTH Taigh-còmhnaidh ann am baile mòr aig marsanta no uachdaran, togalach fa leth no ann am barraid. Cleachd TOLL-BÙTHA airson togalach a tha ga chleachdadh airson rianachd ionadail.
TAIGH-BAILE TOWN HOUSE (1) An urban residence of a merchant or laird, either detached or in a terrace. For a building used for local administration use TOLBOOTH Taigh-còmhnaidh ann am baile mòr aig marsanta no uachdaran, togalach fa leth no ann am barraid. Cleachd TOLL-BÙTHA airson togalach a tha ga chleachdadh airson rianachd ionadail.
TAIGH-BAINNE DAIRY A building or group of buildings used for the making, processing, storing and selling of milk. Togalach no badan de thogalaichean airson gintinn, giullachd, stòradh is reic na bainne.
TAIGH-BAISTEIL BASTLE HOUSE
TAIGH-BARRAID TERRACED HOUSE A house in a line of houses attached to and adjoining one another and planned and built as one unit. Taigh ann an sreath de thaighean a tha balla ri balla agus a chaidh a phlanadh 's a thogail mar aon aonad.
TAIGH-BARRAID TERRACED HOUSE (1) A house in a line of houses attached to and adjoining one another and planned and built as one unit. Taigh ann an sreath de thaighean a tha balla ri balla agus a chaidh a phlanadh 's a thogail mar aon aonad.
TAIGH-BÀTA BOATHOUSE A house or shelter for the storage and/or launching of boats. Taigh no fasgnadh far an cumar bàtaichean agus/no far an cuirear air bhog iad.
TAIGH-BATHAIR WAREHOUSE A building or part of a building used for the storage of goods or merchandise. Use more specific term where known. Togalach no pàirt de thogalach far an cumar bathar no marsantachd. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TAIGH-BATHAIR BANNAICHTE BONDED WAREHOUSE A warehouse in which goods are stored before the duty has been paid. Often found at ports and airports. Taigh-bathair far a bheilear a' stòradh bathar mus deach na cìsean a phàigheadh. Gheibhear seo gu tric aig puirt is puirt-adhair.
TAIGH-BATHAIR CANÀIL CANAL WAREHOUSE A large building, situated by or near a canal, used for the temporary storage of goods or merchandise awaiting transportation to or from the canal. Togalach mòr a tha ri taobh no faisg air canal 's a chleachdar mar stòras bathair sealach a tha ri ghiùlan air a' chanal no air falbh uaithe.
TAIGH-BATHAIR DIUT JUTE WAREHOUSE A building in which jute is stored. Togalach far an cumar diut.
TAIGH-BATHAIR FÌONA WINE STORE A building where wine is stored. For underground storage use WINE CELLAR. Togalach far an cumar fìon. Airson stòras fon talamh, cleachd SEILEAR FÌONA.
TAIGH-BATHAIR IARAINN IRON WAREHOUSE A large building where iron is stored. Togalach far an cumar iarann.
TAIGH-BATHAIR SÌL GRAIN WAREHOUSE A large building used for the storage of grain. Togalach far an cumar sìol.
TAIGH-BATHAIR SIÙCAIR SUGAR WAREHOUSE A building where sugar is stored. Togalach far an cumar siùcar.
TAIGH-BATHAIR TOMBACA TOBACCO WAREHOUSE A building designed specifically for handling tobacco. This may be a bonded warehouse containing facilities for removing tobacco leaves from the hogsheads in which they were imported, and pressing them. Togalach a chaidh a dhealbhadh gu sònraichte gus tombaca a làimhseachadh. Dh'fhaoidte gur e taigh-bathair bannaichte a tha seo aig a bheil goireasan airson duillean tombaca a thoirt às na tocasaidean anns an deach an toirt dhan dùthaich agus airson na duillean a bhrùthadh.
TAIGH-BEAG LATRINE A small building or cell containing a toilet. Togalach no cealla beag sa bheil taigh-beag.
TAIGH-BEAG GARDEROBE
TAIGH-BEAG LAVATORY
TAIGH-BEAG POBLACH PUBLIC CONVENIENCE A toilet or toilets for public use. Taigh-beag no taighean-beaga airson a' phobaill.
TAIGH-BIANADAIREACHD CURRYING HOUSE
TAIGH-BÌDH RESTAURANT A commercial establishment where meals and refreshments are prepared and served to paying customers. Gnothach far a bheil biadh is deoch ga ullachadh 's ga reic do chustamairean.
TAIGH-BRACHA MALT HOUSE A building with malt kilns for the malting of grains and with other similar equipment for brewing work. Togalach sa bheil àthan-brachaidh airson brachadh shìol agus le acainnean eile coltach ri sin airson obair-ghrùide.
TAIGH-BRACHA MALTINGS A building or group of buildings where grain is processed through germination, to produce malt. Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear a' failleanachadh sìol gus braich a dhèanamh.
TAIGH-CAIBIDEIL CHAPTER HOUSE The building attached to a cathedral or collegiate church where the dean, prebendaries or monks and canons met for the transaction of business. An togalach a tha co-cheangailte ri cathair-eaglais no eaglais cholaisteach far an cum an deadhain, sagartan-tuarastail no manaich agus cananaich coinneamhan obrach.
TAIGH-CARTACHAIDH BARKING HOUSE A building used for the treatment of fishing nets. Togalach far a bheilear a' càradh lìontan-èisg.
TAIGH-CARTAIDH LEATHAIR TANNERY A manufacturing complex where the hides of animals are turned into leather, consisting of buildings for fleecing and drying, as well as treatment pits. Aitreabh saothrachaidh far a bheilear a' dèanamh leathar de bhèin bheathaichean, le togalaichean airson lomadh is tiormachadh agus slocan cartaidh.
TAIGH-CHALMAN DOVECOTE
TAIGH-CHAORACH SHEEP HOUSE A building for sheltering sheep. Togalach far am faigh caoraich fasgadh.
TAIGH-CHEAP TURF HOUSE A dwelling with turf walls. Àite-còmhnaidh aig a bheil ballachan sgratha.
TAIGH-CHEARC HEN HOUSE Togalach sa bheil cearcan a' fuireach.
TAIGH-CHÌSEAN TOLL HOUSE A house by a toll gate or toll bridge where tolls are collected. Taigh ri taobh geata-càine no drochaid-chàine far an togar càin.
TAIGH-CIÙIL MUSIC HOUSE
TAIGH-CIÙRAIDH CURING HOUSE A place where meat and fruit, etc, is preserved by salting and/or drying. Àite far a bheilear a' glèidheadh feòil, measan is rudan mar sin le bhith gan sailleadh agus/no gan tiormachadh.
TAIGH-CIÙRAIDH ÈISG FISH CURING HOUSE
TAIGH-CLÈIRICH CLERGY HOUSE A residence for all clergy having the sole or subordinate charge of a living Taigh-còmhnaidh dhan chlèir air a bheil làn-chùram no fo-chùram beathachaidh-eaglaise.
TAIGH-CLUAINEIS RETIREMENT HOME Residence for retired people, often in the form of an apartment complex, differing from a nursing home as the residents live independently. Àite-fuirich airson dhaoine a leig dhiubh an cuid dhreuchdan, gu math tric an cruth aitreabh àrasan, eadar-dhealaichte o thaigh-cùraim leis gu bheil na daoine a' fuireach ann an neo-eisimeileachd.
TAIGH-CLUBA CLUBHOUSE A building occupied by a club or commonly used for club activities. Togalach sa bheil cluba no a chleachdar airson tachartasan cluba gu tric.
TAIGH-CLUICHE THEATRE A building used primarily for theatrical performances. Togalach far a bheilear gu sònraichte ri dealbh-chluichean.
TAIGH-COIDSE COACH HOUSE An outbuilding where a horse-drawn carriage is kept. Frith-thogalach far a bheilear a' cumail carbad-eich.
TAIGH-COIDSEIR COACHMANS COTTAGE The residence of a coachman. Taigh-còmhnaidh aig coistear.
TAIGH-COIDSEIR POSTILLIONS HOUSE
TAIGH-COINNEIMH COMANN NAN CARAIDEAN FRIENDS MEETING HOUSE A place of worship for members of the Society of Friends, a denomination founded by George Fox in c.1650 who believed in passivist principles and a rejection of the sacrament. Àite-adhraidh airson buill Comann nan Caraidean, buidheann a chaidh a chur air bhonn le George Fox mun bhliadhna 1650 aig an robh creideas ann am prionnsabalan fulangachd agus a bha a' diùltadh na sàcramaid.
TAIGH-COINNEIMH COMANN NAN CARAIDEAN SOCIETY OF FRIENDS MEETING HOUSE
TAIGH-COINNEIMH NAM BRÀITHREAN BRETHREN MEETING HOUSE A place of meeting and worship for Brethren, a fundamentalist puritan sect founded in Ireland in the late 1820s and established in England in Plymouth in the 1830s. Àite-coinneachaidh is adhraidh aig na Bràithrean, seict phiùratanach bhun-chreidmheach a chaidh a chur air chois ann an Èirinn aig deireadh nan 1820an agus ann an Sasainn ann am Plymouth sna 1830an.
TAIGH-COINNEIMH NAM BUCHANACH BUCHANITE MEETING HOUSE A place of worship for members of the Buchanite sect (1784-1846). Àite-adhraidh aig seict nam Buchanach (1784-1846).
TAIGH-COINNEIMH NAN NEO-GLÈILLEADAIREAN   NONCONFORMIST MEETING HOUSE A building used for services by a nonconformist protestant sect, especially by Quakers and Presbyterians. Togalach a chaidh a chleachdadh airson seirbheisean le seict Phròstanach neo-ghèillidh, gu h-àraid Cuaigearan is Clèirich.
TAIGH-COINNEIMH NAN QUAKERS QUAKER MEETING HOUSE
TAIGH-COMHAIRLE COUNCIL HOUSE A house originally built by a local authority. Some are now owned privately. Taigh a chaidh a thogail le ùghdarras ionadail o thùs. Tha cuid dhiubh ann an seilbh phrìobhaideach a-nis.
TAIGH-CÒMHNAIDH  NEACH-CLÈIREACH MONASTIC DWELLING A residence for a member of a religious community eg. Abbot, Prior, Manciple etc. Àite-còmhnaidh aig ball coimhearsnachd cràbhach, m.e. aba, priòir, ceallair is msaa.
TAIGH-CÒMHNAIDH ÀITEACHAIS AGRICULTURAL DWELLING Buildings and structures inhabited by agricultural workers. Togalaichean is structaran sa bheil luchd-obrach àiteachais a' fuireach.
TAIGH-CÒMHNAIDH CHLÈIREACH CLERICAL DWELLING Residences of religious people and members of the clergy. Àitichean-còmhnaidh aig daoine diadhach is clèirich.
TAIGH-CRÀBHAIDH RELIGIOUS HOUSE Use only for a monastic house of unknown status, religious order and uncertain authenticity, otherwise use specific term. Na cleachd ach mur eilear cinnteach dè an inbhe, òrd cràbhach no ùghdaralas a bhuineas do thogalach mhanach.
TAIGH-CRUINN ROUNDHOUSE A circular or sub-circular dwelling, largely timber-built, although it may have a stone or earth wall base. Àite-còmhnaidh cearcallach no cha mhòr cearcallach, air a thogail de dh'fhiodh gu ìre mhòr ach faodaidh gu bheil bun cloiche no ùir aig a' bhalla.
TAIGH-CRUINN ROUND HOUSE
TAIGH-CRUINN TRANNSACH AISLED ROUNDHOUSE A circular or sub-circular dry-stone building with a series of upright single pillar stones set vertically around its inner wall-face, often capped by a lintel which rests on the wall-head. Use for WHEELHOUSE if these features are present. Togalach-cobhaireachd a tha cruinn no cha mhòr cruinn agus aig a bheil sreath de charraighean-cloiche dìreach mu choinneamh a bhalla a-staigh, gu tric le leacan os an cionn a tha an taobh eile dhiubh air an anainn. Cleachd an àite TAIGH-ROTHAICH ma tha a leithid a rudan ann.
TAIGH-CRUINN TRANNSACH AISLED ROUNDHOUSE (1) A circular or sub-circular dry-stone building with a series of upright single pillar stones set vertically around its inner wall-face, often capped by a lintel which rests on the wall-head. Use for WHEELHOUSE if these features are present. Togalach-cobhaireachd a tha cruinn no cha mhòr cruinn agus aig a bheil sreath de charraighean-cloiche dìreach mu choinneamh a bhalla a-staigh, gu tric le leacan os an cionn a tha an taobh eile dhiubh air an anainn. Cleachd an àite TAIGHE-CUIBHLE ma tha a leithid a rudan ann.
TAIGH-CRUINN TRANNSACH ROUND WAG
TAIGH-CÙBAIREACHD COOPERAGE A barrel-making workshop or factory, found in conjunction with a number of industries. Ceàrdach no factaraidh a nì baraillean 's a gheibhear an cois diofar gnìomhachasan.
TAIGH-CUIBHLE WHEELHOUSE A variant form of roundhouse, in which the roof was supported by internal stone piers radially disposed. Nàdar de thaigh-cruinn aig an robh saidhean cloiche na bhroinn a' cumail taic ris a' mhullach 's iad ann an cruth cuibhle.
TAIGH-CÙINNIDH MINT A place where money is coined under public authority. Àite far a bheilear a' cùinneadh airgead fo ùghdarras poblach.
TAIGH-CÙINNIDH RÌOGHAIL ROYAL MINT
TAIGH-CÙIRTE COURT HOUSE A public building in which a judicial court is held. Togalach poblach far a bheilear a' cumail cùirt an lagha.
TAIGH-CUNNTAIS COUNTING HOUSE An accounts office, especially within an industrial or commercial complex. Oifis cunntasair, gu h-àraid am broinn aitreabh gnìomhachais no gnothachais.
TAIGH-CÙRAIM NURSING HOME A home for the elderly. Use for homes established since 1947 and state-funded. For earlier homes for the old, use ALMSHOUSE, COTTAGE HOME. Taigh do sheann-daoine. Cleachd airson taighean a chaidh a stèidheachadh a-mach o 1947 agus a tha gam maoineachadh leis an stàit. Airson taighean a tha nas sine na sin, cleachd TAIGH NAM BOCHD, TAIGH BOTHAIN.
TAIGH-CUSBAINN CUSTOM HOUSE A government office or building, especially at a seaport, at which customs are collected and ships are cleared for entry. Taigh no togalach an riaghaltais, mar is trice ann am port-mara, far a bheilear a' togail na cusbainn 's a' toirt cead do longan a thighinn a-steach dhan dùthaich.
TAIGH-CUSBAINN CUSTOMS HOUSE
TAIGH-DEADHAIN DEANERY The official residence of a dean. Àite-còmhnaidh oifigeach aig deadhan.
TAIGH-DEIGHE ICEHOUSE A semi-subterranean building used to store ice, for the preservation of fish, meat and other foods, cold drinks and medical supplies. Found in the grounds of large 19th century houses and also close to harbours used by fishing boats. Togalach a bha an dàrna leth dheth fon talamh agus anns an deach eigh a stòradh airson glèidheadh èisg, feòla agus bìdh eile, deochan fuara agus stuthan meadaigeach. Gheibhear iad air fearann thaighean mòra às an 19mh linn agus cuideachd faisg air puirt iasgaich.
TAIGH-DEIGHE ICE HOUSE
TAIGH-DHEALBH CINEMA A building containing one, or more, auditorium with a screen on which films are shown to paying customers. Togalach sa bheil co-dhiù aon ionad-èisteachd le sgrìn air an tèid filmichean a shealltainn do chustamairean a phàigh airgead.
TAIGH-DHÌTHREABHACH HERMITAGE A built or natural feature in a secluded location, used as a retreat or resting place. Ionad nàdarra no rud a chaidh a thogail ann an àite aonaranach mar dhìseart no àite tàimh.
TAIGH-DIBHE PUBLIC HOUSE A building licensed for the sale and public consumption of alcoholic drinks. Àite aig a bheil cead deoch-làidir a reic agus airson am poball a bhith an làthair ga h-òl.
TAIGH-DRÀIBHEIR CHAUFFEURS HOUSE The residence of a chauffeur or driver Àite-còmhnaidh aig chauffeur no draibhear.
TAIGH-DROCHAID BRIDGE KEEPERS COTTAGE The residence of a bridge keeper. Taigh-còmhnaidh neach na drochaid.
TAIGH-DUBH BLACKHOUSE (1) A dwelling comprising byre, barn and living quarters, with walls consisting of inner and outer dry stone facings with an insulating turf core. Àite-fuirich san robh bàthach, sabhal agus àite-còmhnaidh. Bhiodh ballachan cloiche gun aol-tàthaidh aca agus glut-lìonadh sgratha a chumadh a-mach am fuachd.
TAIGH-DUBHAIRICHE   DOWER HOUSE A small house, usually on the estate of a country house, forming part of a widow's dower and intended as her residence. Taigh beag, mar is trice air oighreachd taighe-dhùthcha, na phàirt de dhubhar banntraich is mar àite-còmhnaidh dhi.
TAIGH-DÙTHCHA COUNTRY HOUSE A rural residence or mansion. Àite-còmhnaidh no mansa air an dùthaich.
TAIGH-EASAGAN PHEASANTRY A place where pheasants are reared and kept. Àite far a bheilear ag àrach 's a' cumail easagan.
TAIGH-EASGANN EELHOUSE A building containing a tank for the storage of eels. Togalach sa bheil soitheach airson easgannan.
TAIGH-EINNSEIN UNNDAIS WINDING ENGINE HOUSE
TAIGH-EIRIDINN INFIRMARY A building where the sick are cared for. Use where part of a wider complex, otherwise use HOSPITAL. Togalach far am faigh daoine a tha tinn cùram. Cleachd seo ma tha e na phàirt de dh'aitreabh nas motha air neo cleachd OSPADAL.
TAIGH-EUN POULTRY HOUSE A structure providing accommodation for poultry. Structar a tha na dhachaigh do dheòin.
TAIGH-EUN BIRD HOUSE
TAIGH-EUNAICH SHOOTING BOTHY A small building used by huntsmen to store equipment and as temporary lodgings. Togalach beag far an cùm sealgairean acainn agus a chleachdar mar thaigh-còmhnaidh sealach.
TAIGH-FAIRE WATCH HOUSE A house or hut for a nightwatchman; including parish watch houses in churchyards and private watch houses, eg. in dockyards, factories, etc. Taigh no bothan do dh'fhear-faire; a' gabhail a-steach taighean-freiceadain sgìreil ann an cilltean is feadhainn phrìobhaideach, m.e. air docannan no ann am factaraidhean is msaa.
TAIGH-FAIRE BLOCKHOUSE A detached fort covering a strategic point. Gearastan dealaichte a tha a' dìon puing ro-innleachdach.
Taigh-feachd an Ruadhainn Ruthven Barracks
TAIGH-FIGHEADAIR WEAVERS COTTAGE A building which combines a dwelling with a workshop where textiles are hand woven. Togalach a tha an dà chuid na àite-còmhnaidh agus àite-obrach far an dèanar clò a làimh.
TAIGH-FOGHLAIM RIDIREAN AN TEAMPAILL PRECEPTORY A manor or estate owned and run by an order of knights and governed by a preceptor. Mainear no oighreachd aig òrd ridirean 's ga ruith leotha agus fo stiùireadh tuiteir.
Taigh-foghlaim Thòrr Fhèichin Torphichen Preceptory
TAIGH-FUARAIN CONDUIT HOUSE A small building over the end of a water conduit or spring. Togalach beag os cionn ceann seòl-phìoba no fuarain.
TAIGH-FÙDAIR POWDER MAGAZINE A place in which gunpowder and other explosives are stored in large quantities. Àite far a bheilear a' stòradh mòran fùdair-ghunna 's stuthan-spreadhaidh.
TAIGH-FÙDAIR POWDER HOUSE
TAIGH-FUINE BAKERY A commercial bakery or bread factory. Taigh-fuine no factaraidh arain coimeirsealta.
TAIGH-FUINE BAKEHOUSE A service building to a country house, farm, etc, used for baking. If commercial premises use BAKERY. Togalach seirbheise aig taigh-dùthcha, tuathanas is msaa a chleachdar airson fuineadh. Mas e ionad coimeirsealta a tha ann, cleachd TAIGH-FUINE.
TAIGH-FÙIRNEIS FOUNDRY A workshop or factory for casting metals. Ceàrdach no factaraidh airson mòlltachadh mheatailtean.
TAIGH-FÙIRNEIS ALUIMINIUM ALUMINIUM FOUNDRY A workshop or factory where objects are made by casting aluminium. Ceàrdach no factaraidh far a bheilear a' dèanamh rudan le bhith a' mòlltachadh alman.
TAIGH-FÙIRNEIS IARAINN IRON FOUNDRY A workshop or foundry where iron articles are made by casting molten material into moulds. Ceàrdach no fùirneis far a bheilear a' dèanamh bathar iarainn le bhith a' taomadh stuth air a leaghadh ann am mòlltairean.
TAIGH-FÙIRNEIS PHÌOBAN PIPE FOUNDRY A site where metal pipes are made in single castings. For forged steel tubes use TUBE WORKS. Làrach far a bheilear a' dèanamh pìoban meatailt dhen aon mheatailt. Airson tiùbaichean stàilinn a chaidh fhùirneiseachd, cleachd FACTARAIDH THIÙBAICHEAN.
TAIGH-FÙIRNEIS PRÀISE BRASS FOUNDRY A workshop or factory where brass articles are made by casting molten material into a mould. Ceàrdach no factaraidh far a bheilear a' dèanamh bathar pràise le bhith a' taomadh stuth air a leaghadh ann am mòlltairean.
TAIGH-FÙIRNEIS STÀILINN STEEL FOUNDRY
TAIGH-GÀRRAIDH GARDEN HOUSE A small ornamental building in a garden, usually one-storied and consisting of one room. Use a more specific term where known. Togalach beag sgeadachail ann an gàrradh, mar is trice cha bhi ann ach aon làr is aon seòmar. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TAIGH-GAS GAS HOUSE An ancillary building, usually to provide gas for lighting a particular building (eg. railway stations, factories, etc.) as opposed to public GAS WORKS. Fo-thogalach, mar is trice fear a sholaireas gas airson solasan togalaich àraidh (m.e. stèiseanan-rèile, factaraidhean, is msaa), seach FACTARAIDH GAS poblach.
TAIGH-GEÀIRD GUARDHOUSE A building used for the accommodation of a military guard and/or the detainment of prisoners. Togalach far a bheil àite-còmhnaidh aig freiceadan an airm agus/no glèidheadh phrìosanach.
TAIGH-GEAMAIR GAMEKEEPERS HOUSE A house on an estate in which a gamekeeper resides. Taigh air oighreachd far a bheil an geamair a' fuireach.
TAIGH-GEATA GATEHOUSE A gateway with one or more chambers over the entrance arch; the flanking towers housing stairs and additional rooms. Use with wider site type where known. Geata aig a bheil co-dhiù aon seòmar os cionn bogha an dorais a-steach; tha staidhrichean is seòmraichean eile san dà thùr air an dà thaobh. Cleachd seòrsa de làrach nas fharsainge ma tha fhios dè.
TAIGH-GEATA ABAIDE ABBEY GATEHOUSE
TAIGH-GEATA CAISTEIL CASTLE GATEHOUSE
TAIGH-GEATA DOCA DOCKYARD GATEHOUSE
TAIGH-GEATA FRAIDHEARAIDH FRIARY GATEHOUSE
TAIGH-GEATA MANACHAINN MONASTERY GATEHOUSE
TAIGH-GEATA PRAIDHEARAIDH PRIORY GATEHOUSE
TAIGH-GIGE GIG HOUSE
TAIGH-GINEADAIR GENERATOR HOUSE A building housing a generator. Togalach sa bheil gineadair.
TAIGH-GIULLACHD BHIAN CURRIERY A place where tanned leather is dressed and coloured. Àite far an tèid leathar cairte a ghiullachd 's a dhathachadh.
TAIGH-GLAINNE GLASSHOUSE A building constructed chiefly from glass, and used to provide the conditions necessary for growing fruit, vegetables, flowers or exotic plants. Togalach a tha cuid mhath dheth na ghlainne agus a chruthaicheas àrainneachd anns am fàs lusan, measan, flùraichean no lusan cian-thìreach.
TAIGH-GLAINNE GREENHOUSE
TAIGH-GLAINNE RAINICH FERNERY (GLASSHOUSE) A glasshouse for the cultivation of ferns. Taigh-glaine far a bheilear a' toirt fàs air raineach.
TAIGH-GNÌOMHACHAIS INDUSTRIAL HOUSE The residence and sometimes workplace of industrial workers. Àite-còmhnaidh, agus uaireannan àite-obrach, aig luchd-obrach gnìomhachais.
TAIGH-GOILEADAIR BOILER HOUSE A building housing a boiler, often connected to a steam engine house. Togalach sa bheil goileadair, gu math tric co-cheangailte ri taigh-einnsein smùide.
TAIGH-GRÙIDE BREWERY A large commercial complex of buildings for the brewing of beer. Aitreabh thogalaichean malairt mòr airson grùdaireachd beòir.
Taigh-ionnlaid Bearsden Bearsden Bath House
TAIGH-LAMPAICHEAN LAMPHOUSE A building used for the storage and recharging of battery-powered miners lamps. Togalach far a bheilear a' stòradh 's ag ath-theairrdseadh bataraidhean lampaichean nam mèinnearan.
TAIGH-LOBHAR LEPER HOUSE
TAIGH-LOIDSIDH LODGING HOUSE Purpose built workers' accommodation comprising single rooms with communal eating and washing facilities. Usually for short stay accommodation only. Taighean-còmhnaidh do luchd-obrach a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach agus sa bheil seòmraichean singilte le ionadan ithe is nighe a chleachdar còmhla. Cha chleachdar seo mar is trice ach fad ghreisean beaga.
TAIGH-MAINEIR MANOR HOUSE The principal house of a manor or village. Prìomh-thaigh aig mainear no baile.
TAIGH-MAINEIR DAINGNICHTE FORTIFIED MANOR HOUSE A manor house, which was granted a royal licence to crenellate. Taigh-maineir a fhuair cead rìoghail creanailean a chur ann.
TAIGH-MALAIRT EXCHANGE A multi-purpose commercial building, used primarily as a trading place for merchants, but also incorporating shops, public offices, guildhalls, etc. Togalach coimeirsealta airson iomadh rud, gu sònraichte mar ionad malairt do mharsantan ach le bùthan, oifisean poblach, tallachan chomann-cheàird is msaa cuideachd.
TAIGH-MALAIRT ARBHAIR CORN EXCHANGE A building where samples of corn were sold or auctioned during the early to mid 19th century. When not in use, between market days, the buildings were used as public halls. Togalach far an robh buill-shampaill de dh'arbhar ga reic gu dìreach no air reic-tairgse eadar toiseach is meadhan na 19mh linn. Bhathar a' cleachdadh nan togalaichean seo mar thallachan poblach eadar làithean margaid nuair nach robh feum orra airson reic an arbhair.
TAIGH-MALAIRT OBRACH LABOUR EXCHANGE An employment exchange for unemployed labourers, servicemen, etc. Taigh-malairt fastaidh airson luchd-obrach gun obair, buill-sheirbheise is msaa.
TAIGH-MANAIDSEIR MANAGERS HOUSE A purpose-built dwelling for the manager of a factory, works, textile mill, etc, often found within the complex itself. Àite-còmhnaidh a chaidh a thogail do mhanaidsear factaraidh no muileann-clòtha 's msaa, gu math tric am broinn nan togalaichean-obrach iad fhèin.
TAIGH-MARA MARITIME HOUSE The residences of people associated with the sea. Àitichean-còmhnaidh aig daoine a tha ris a' mhuir.
TAIGH-MARGAID MARKET HOUSE A market building, pre-19th century, incorporating other function rooms, e.g. theatres, courtrooms, schoolrooms. Togalach margaide a chaidh a thogail ron 19mh linn aig a bheil seòmraichean airson rudan eile, m.e. taigh-cluich, seòmraichean-cùirte, seòmraichean-teagaisg.
TAIGH-MARSANTA MERCHANTS HOUSE Originally, a house of higher social status in a town or port, often with a storage cellar. Taigh aig cuideigin aig an robh inbhe nas àirde ann am baile no port, gu math tric le seilear stòrais.
TAIGH-MASGAIDH MASH HOUSE A brewery building where malt is mixed with hot water to form wort. Taigh-grùide far a bheilear a' measgachadh braich le uisge teth gus brailis.
TAIGH-MÀTHRACHAIDH UAN KEB HOUSE A building used to twin orphaned lambs with kebs (ewes that have lost their lambs). Togalach far a bheilear a' nasgadh dìlleachdain uain le caoraich a chaill an cuid uan.
TAIGH-MÈINNEIR MINERS COTTAGE A cottage purpose built by an employer for the accommodation of a miner and his family. Taigh beag a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach le fastaiche airson còmhnaidh mèinneir agus a chuid teaghlaich.
TAIGH-NIGHE WASH HOUSE A building where clothes are washed. Togalach far a bheilear a' nighe aodach.
TAIGH-NIGHEADAIREACHD LAUNDRY A room or building where clothing and other fabrics are washed, mangled, steamed and ironed. Seòmar no togalach far a bheilear a' nighe, a' mìneachadh, a' ceò-theasachadh 's ag iarnaigeadh aodach is clòthan eile,
TAIGH-OBRACH WORKHOUSE
TAIGH-OBRAICHE WORKERS COTTAGE An industrial worker's house which has been purpose built by an employer, as opposed to the workshop houses used by artisans. Taigh aig obraiche gnìomhachais a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach le fastaiche, seach taighean-ciùird a bhiodh aig ciùird.
TAIGH-ORAINSEARAN ORANGERY A gallery or building in a garden, usually south facing, used for growing oranges and other fruit. Gailearaidh no togalach ann an gàrradh, mar is trice ris an deas, sa bheilear a' toirt fàs air orainsearan is measan eile.
TAIGH-ÒSTA HOTEL A large building with separate bedrooms, providing accommodation, meals and facilities for paying guests. Togalach mòr sa bheil iomadh seòmar-cadail fa leth. Tha cuid-oidhche, biadh agus goireasan ann gan solar do chustamairean air airgead.
TAIGH-ÒSTA HOSTELRY
TAIGH-ÒSTA AN RÌGH KINGSHOUSE An inn established in the 18th century to service military roads. Taigh-òsta a chaidh a chur air chois san 18mh linn gus seirbheisean a sholar air rathaidean an airm.
TAIGH-ÒSTA COIDSEARACHD COACHING INN A public house offering lodgings to the passengers, and stabling for the horses of stage coaches. Taigh poblach a sholaireas cuid-oidhche dhan luchd-siubhail agus stàballan dha na h-eich aig carbadan-stèidse.
TAIGH-ÒSTA COIDSEARACHD LIVERY TAVERN
TAIGH-ÒSTA MOTARACHD MOTEL A long, low-rise building consisting of rows of attached individual suites of rooms used for overnight accommodation by motorists. Togalach fada ìseal sa bheil aonadan fa leth de sheòmraichean taobh ri taobh ann an sreath mar chuid-oidhche do mhotaraichean.
TAIGH-PÀRLAMAID PARLIAMENT HOUSE A building in which a parliament meets and conducts the business of government. Togalach sa bheil pàrlamaid a' coinneachadh 's a' dèiligeadh ri obair riaghaltais.
TAIGH-PEARSA-EAGLAIS PARSONAGE
TAIGH-POILIS POLICE HOUSE A building providing lodgings for police constables. Togalach far am faigh constabalan a' phoileis àite-fuirich.
TAIGH-PUIST POST HOUSE
TAIGH-PUMPA PUMP HOUSE A small pumping station. Stèisean pumpaidh beag.
TAIGH-RATHAID ROADHOUSE A licensed premises, usually located on a main road outside a town or city, providing meals and entertainment. Fàrdach aig a bheil cead deoch-làidir a reic, mar is trice air prìomh-rathad taobh a-muigh baile no cathrach 's a sholaireas biadh is dibhearsan.
TAIGH-REACHDAIRE RECTORY The residence of a rector, parson or vicar. Àite-còmhnaidh aig reachdaire, pearsan no bhiocar.
TAIGH-RÈISTIDH SMOKEHOUSE A building where fish and meat are cured by smoking. Togalach far a bheilear a' ciùradh iasg is feòil le toit.
TAIGH-RÈISTIDH ÈISG FISH SMOKING HOUSE
TAIGH-RIAGHLAIDH UISGE WATER HOUSE A building that houses machinery for measuring and controlling the flow of water from an external source such as a river. Togalach sa bheil innealan airson sruthadh uisge o mhàthair-uisge air an taobh a-muigh mar abhainn a thomhas is smachd a chumail air.
TAIGH-RÒPA ROPEWALK A long, narrow, roofed building, sometimes two-storied, used for the manufacture of rope. Often attached to warehousing, an engine house or offices. Can be included within the complex of a textile mill or dockyard. Togalach fada caol le mullach air, uaireannan le dà ùrlar, ann an dèanar ròpa. Gu math tric co-cheangailte ri taighean-bathair, taigh-einnsein no oifisean. Dh'fhaoidte gum bi seo na phàirt de dh'aitreabh mhuilinn-chlòtha no doca.
TAIGH-RUP AUCTION HOUSE A place where public sales of goods are made by competitive bidding. Àite far a bheilear a' reic bathar le bhith a' cur tairgsean an aghaidh chàich.
TAIGH-SAGAIRT PRESBYTERY The residence of a Catholic parish priest. Àite-còmhnaidh aig sagart Caitligeach na paraiste.
TAIGH-SAGAIRT PRIESTS HOUSE
TAIGH-SALAINN SALT STORE Buildings incorporating a high degree of protection against damp for the bulk storage of salt. Togalaichean sa bheil dìon mòr an aghaidh taiseachd airson salann a stòradh ann.
TAIGH-SALAINN SALT PAN HOUSE
TAIGH-SAMHRAIDH SUMMERHOUSE A building in a garden or park designed to provide a shady retreat from the heat of the sun. Togalach ann an gàrradh no pàirc a chaidh a dhealbhadh gus daoine a sgàileadh o theas na grèine.
TAIGH-SEINNSE INN A public house for the lodging and entertainment of travellers, etc. Taigh far am faigh daoine air turas cuid-oidhche 's fèisteas is rudan mar sin.
TAIGH-SEINNSE POST INN
TAIGH-SEISEIN SESSION HOUSE A building used as the meeting place of a religious body presiding over a local congregation. Togalach a tha ga chleachdadh mar àite-coinneachaidh aig buidheann cràbhach a tha os cionn coithionail ionadail.
TAIGH-SGALAIG WORKERS COTTAGE (1) An industrial worker's house which has been purpose built by an employer, as opposed to the workshop houses used by artisans. Taigh aig obraiche gnìomhachais a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach le fastaiche, seach taighean-ciùird a bhiodh aig ciùird.
TAIGH-SGOILE SCHOOLHOUSE A dwelling attached to a school, usually occupied by a school teacher. Àite-còmhnaidh a tha co-cheangailte ri sgoil, mar is trice bhiodh tidsear na sgoile a' fuireach ann.
TAIGH-SGUIDSIDH HACKLING HOUSE
TAIGH-SÌOLAIDH FILTER HOUSE A building containing apparatus for the removal of large pieces of detritus from a water supply. Togalach sa bheil acainnean a thogas pìosan mòra de phronnas à solar uisge,
TAIGH-SOLAIS LIGHTHOUSE A tower or structure, with a powerful light or lights at the top, usually erected at an important or dangerous point on or near the sea-coast for the warning and guidance of mariners, but can also be erected inland for the guidance of travellers. Tùr no structar le solas no solais chumhachdach air a mhullach, mar is trice ann an àite cudromach no cunnartach air a' chladach no faisg air, mar rabhadh is stiùireadh do luchd-seòlaidh ach gabhaidh a thogail am broinn na dùthcha cuideachd mar stiùireadh do luchd-siubhail.
Taigh-solais Rubha Cheann Àird Kinnaird Head Lighthouse
TAIGH-SPADAIDH ABATTOIR A building where animals are slaughtered for food. Togalach far a bheilear a' spadadh beathaichean airson biadh.
TAIGH-SPADAIDH SLAUGHTERHOUSE
TAIGH-SPADAIDH EACH KNACKERS YARD A site where old horses are slaughtered and butchered. Làrach far a bheilear a' spadadh is a' bùidsearachd sheann-each.
TAIGH-STAILE DISTILLERY A complex or works where spirits are made by distillation. Aitreabh no FACTARAIDH far a bheilear a' stailigeadh deoch-làidir.
TAIGH-STAILE STILL HOUSE A building housing equipment for the process of distillation. Togalach sa bheil acainnean airson grùdadh.
TAIGH-STAILE UISGE-BEATHA WHISKY DISTILLERY
TAIGH-STÒRAIDH UISGE CISTERN HOUSE A building housing a cistern. Togalach sa bheil sisteal.
TAIGH-SUIDSIDH FÒN TELEPHONE EXCHANGE An office or central station of a local telephone system where the various lines are brought to a central switchboard and communication between subscribers is achieved. Oifis no prìomh-stèisean aig siostam ionadail nam fònaichean far a bheil na diofar loidhnichean a' tighinn còmhla air prìomh bhòrd-seinnse far an dèanar ceangal eadar na diofar fo-sgrìobhaichean.
TAIGH-TAIRBH BULL HOUSE A building where a bull is kept. Togalach far a bheilear a' cumail tarbh.
TAIGH-TALLA HALL HOUSE A house consisting of a public hall with private living accommodation attached. Built from the medieval period onwards. Taigh sa bheil talla poblach agus le àite-fuirich prìobhaideach ris. Chaidh an togail a-mach o na meadhan-aoisean.
Taigh-talmhainn Àird Eastaidh Ardestie Earth House
Taigh-talmhainn Chair Luinge Carlungie Earth House
Taigh-talmhainn na Cùilt Culsh Earthhouse
Taigh-talmhainn Thuilinn Tealing Earth House
TAIGH-TASGAIDH MUSEUM A building, group of buildings or space devoted to the acquisition, conservation, study, exhibition, and educational interpretation of objects having scientific, historical, or artistic value. Togalach, grunn thogalaichean no àite far a bheilear a' cruinneachadh, a' glèidheadh, a' rannsachadh, a' sealltainn 's a' mìneachadh rudan aig a tha cudromach a thaobh saidheans, eachdraidh no nan ealan.
TAIGH-TÌ TEA HOUSE A refreshment house in a public park or country house garden. Taigh far am faighear deoch is biadh beag ann am pàirc phoblach no gàrradh taighe-dhùthcha.
TAIGH-TIDSEIR TEACHERS HOUSE The residence of a teacher, often on the site of a school. Àite-còmhnaidh tidseir, gu tric air raon na sgoile.
TAIGH-TIORMACHAIDH DIATOMAIT DIATOMITE DRYING SHED A building in which diatomite is dried after extraction. Togalach dar a bheilear a' tiormachadh diatomait an dèidh a dhùsgadh.
TAIGH-TOBAIR WELL HOUSE A building over a well housing machinery for raising the water. Often consisting of a DONKEY WHEEL or HORSE GIN. Togalach os cionn tobair sa bheil acainnean a thogas uisge an àirde. Gu math tric, bidh CUIBHLE ASAIL no EINNSEAN EICH ann.
TAIGH-TOMHAIS WEIGH HOUSE A building containing a weighing machine for weighing goods; sometimes found in markets, ports, etc. Togalach sa bheil inneal a thomhaiseas cuideam bathair; gheibhear seo air margaidean, ann am puirt is àitichean mar sin uaireannan.
TAIGH-TORMACHAIDH DRYING HOUSE A building used to aid in the drying of goods, for example, by means of flowing air. Togalach a chuidicheas tiormachadh bathair, mar eisimpleir tro mheadhan sèideadh adhair.
TAIGH-TÒRRAIDH TEMPLE MAUSOLEUM
TAIGH-TUATHANAIS FARMHOUSE The main dwelling-house attached to a farm. Prìomh thaigh-còmhnaidh air tuathanas.
TAIGH-TUGHAIDH BLACKHOUSE A dwelling comprising byre, barn and living quarters, with walls consisting of inner and outer dry stone facings with an insulating turf core. Àite-fuirich san robh bàthach, sabhal agus àite-còmhnaidh. Bhiodh ballachan cloiche gun aol-tàthaidh aca agus glut-lìonadh sgratha a chumadh a-mach am fuachd.
TAIGH-TÙIR TOWER HOUSE A permanently occupied, fortified residence, built from the mid-14th to the 17th century. Tower-houses are rectilinear in plan, often with one or more additional wings, and provide accommodation on several storeys. Àite-còmhnaidh daingnichte san robhar a' fuireach gu buan 's a chaidh a thogail eadar meadhan na 14mh suas gun 17mh linn. Tha plana ùrlar lìneach aig taighean-tùir, gu tric le co-dhiù aon sgiath agus le àitichean-fuireach air iomadh ùrlar.
TAIGH-TUIRBÌN TURBINE HOUSE A building housing a turbine. Togalach sa bheil turbain.
TAIGH-UACHDAIR CREAMERY A site where milk is processed to produce secondary products such as cream, cheese and yogurt. Làrach far a bheilear a' dèanamh rudan eile de bhainne, can barr, càise 's iogart.
TAIGH-UACHDARAIN LAIRDS HOUSE A medium-sized domestic residence of a lesser landholder c.1560-c.1750, the earliest being of tower-house form, the later ones of symmetrical rectangular plan. Taigh-còmhnaidh meadhanach mòr a bha aig uachdarain-fhearainn eadar 1560 is 1750 mu thuaiream. Bha iad nan taighean-tùir an toiseach ach chaidh an togail air plana ceart-cheàrnach is co-shìnte an uairsin.
TAIGH-UNNDAISE WINCH HOUSE A building in which a winch is housed. Togalach sa bheilear a' cumail unndais.
TAIGHEADAS AIRM MILITARY HOUSING Dwellings for members of the armed forces. This includes family homes outside a military base. Taighean-còmhnaidh do bhuill nam feachdan armaichte. Tha seo a' gabhail a-steach dachaighean theaghlaichean taobh a-muigh bunait an airm.
TAIGHEADAS COLOINIDH COLONY HOUSING Two-storied terraces of upper and lower flats, each with access to its own front door and garden. Built in cities from the mid-19th century. Barraid dhà-ùrlarach de dh'fhlataichean uachdarach is ìochdarach, gach aon dhiubh le doras is gàrradh aige fhèin. Chaidh an togail a-mach o mheadhan na 19mh linn.
TAIGHEADAS LE NEACH-CÙRAIM SHELTERED HOUSING Accommodation designed for the elderly, disabled, etc., as individual units. Àitichean-còmhnaidh a chaidh a dhealbhadh do sheann-daoine, daoine air a bheil ciorram is msaa mar aonadan fa leth.
TAIGHEAN  LUCHD-AIRM PÒSTA MARRIED QUARTERS Purpose built accommodation for members of the armed forces and their families. Àitichean-fuirich a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach do bhuill nam feachdan armaichte 's na teaghlaichean aca.
TAIGHEAN SEANN SHAIGHDEARAN VETERANS SETTLEMENT Dwellings built for veteran soldiers. Taighean-còmhnaidh a chaidh a thogail do sheann-ghaisgeach.
TAIGHEAN-CHON KENNELS A building or group of buildings in which dogs are housed, either permanently or on a temporary basis. Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear a' cumail coin, gu buan no fad greis.
TAIGHEAN-FEACHD BARRACKS A building used to house troops or military personnel. Togalach far a bheilear a' toirt còmhnaidh dha feachdan no luchd-obrach an airm.
TAKEAWAY TAKEAWAY An establishment for the preparation and selling of food to be consumed off the premises. Ionad far a bheilear ag ullachadh 's a reic biadh nach tèid ithe san ionad sin.
TALAMH COIMHEARSNACHD COMMON LAND Unenclosed wasteland, forest and pasture used in common by the community. Talamh fàs, coille agus ionaltradh a tha a' choimhearsnachd air fad a' cleachdadh còmhla.
TALAMH COIMHEARSNACHD COMMON
TALLA HALL A large building or room used for a specific function. If not domestic, use specific term, e.g. VILLAGE HALL. Togalach no seòmar mòr a chleachdar airson adhbhar sònraichte. Mur e cleachdadh dachaigheil a tha ann, cleachd briathar pongail, m.e. TALLA  BAILE.
TALLA AN SALVATION ARMY SALVATION ARMY HALL A place of worship and meeting hall for members of the Salvation Army, an evangelical sect founded by William Booth in Nottingham in 1865 and derived from Wesleyan Methodism. They rejected the sacraments and adopted a quasi-military rhetoric and style. Àite-adhraidh is talla-cruinneachaidh do bhall Feachd na Slàinte, seict shoisgeulach a chaidh a chur air bhonn le William Booth ann an Nottingham ann an 1865, stèidhichte air Meathodachd Wesley. Dhiùlt iad na sàcramaidean is ghabh iad ri reatoraig is stoidhle leth-armailteach.
TALLA AN SALVATION ARMY SALVATION ARMY CITADEL
TALLA BAILE TOWN HALL A large building used for the transaction of the public business of a town, the holding of courts of justice, entertainments and other activities, following the Municipal Reform Act of 1833. Togalach mòr far a bheilear ri gnothaichean poblach a' bhaile, a' cumail cùirtean an lagha, fèisteas agus tachartasan eile an dèidh a' Municipal Reform Act sa bhliadhna 1833.
TALLA BAILE VILLAGE HALL A hall in a village used for meetings and other functions. Talla ann am baile a tha ga chleachdadh airson coinneamhan is tachartasan eile.
TALLA BILLIARD BILLIARD HALL A building in which billiards is played. Togalach sa bheilear a' cluich billiard.
TALLA BINGO BINGO HALL A place where the popular gambling game of bingo is played. Àite far a bheilear a' cluich geama cearrachais air a bheil bingo.
TALLA CRUINNEACHAIDH MEETING HALL A place where people meet for entertainment, discussion or assembly. Use more specific term where known. Àite far an cruinnich daoine airson fèisteas, deasbad no tionalan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TALLA EAGLAISE CHURCH HALL A hall associated with a church, used for holding functions and meetings and for conducting parish business. Talla a tha co-cheangailte ri eaglais far an cumar coinneamhan is tachartasan agus gnothaichean na paraiste.
TALLA LÈIGIAN BHREATAINN BRITISH LEGION HALL A place where members of the British Legion meet. Àite far an coinnich buill Lèigiun Bhreatainn.
TALLA MISEIN  MISSION HALL A building used for meetings and worship by a religious community attempting to establish its faith in a particular area. Togalach a thathar a' cleachdadh airson coinneamhan agus adhradh le coimhearsnachd chràbhach a tha a' feuchainn ris a' chreideamh aca a stèidheachadh san sgìre.
Talla Mòr Great Hall
TALLA NAM FLEADH BANQUETING HALL A large room or apartment intended for festive or state functions. Seòmar no àras mòr a tha airson fèilltean no tachartasan stàite.
TALLA NAN AONAIDHEAN-CIÙIRD TRADES UNION HALL
TALLA NAN AONAIDHEAN-CIÙIRD TRADE UNION HALL
TALLA NAN CIÙIRD TRADES HALL A building where trade unions meet together, or work from cooperatively, under a local representative organisation, known as a Labour Council or Trades Hall Council. Togalach far an cruinnich aonaidhean-ciùird no far an dèan iad obair còmhla fo bhuidheann riochdachaidh ionadail air a bheil comhairle-obrach no comhairle talla nan ceàrd.
TALLA NAN COMANN-CIÙIRDE GUILDHALL Traditionally, the hall of a crafts, trade, or merchants' guild. Nowadays, often used to describe a TOWN HALL. Gu tradaiseanta, seo talla aig comann-cheàrd mharsantach no luchd-chiùird. Ga chleachdadh airson TALLA-BAILE gu tric an-diugh.
TALLA NAN SAOR-CHLACHAIREAN MASONIC HALL A meeting place for freemasons. Àite-coinneachaidh airson saor-chlachairean.
TALLA NAN SAOR-CHLACHAIREAN MASONS HALL
TALLA PHOBLACH PUBLIC HALL A purpose-built hall (usually 19th century) which was available for public hire and could be used for a variety of activities, eg. lectures, meetings, balls and concerts. Talla a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach (mar is trice san 19mh linn) a bhiodh ri fhaighinn air mhàl agus a chaidh a chleachdadh airson diofar rudan, m.e. òraidean, coinneamhan, bàlaichean is consartan.
TALLA SNUCAIR SNOOKER HALL A building with facilities for playing snooker. Togalach far an urrainnear snùcair a chluich.
TALLA-AOIGHEACHD GUEST HALL A residence for guests, usually part of a religious house. Taigh-còmhnaidh airson aoighean, mar is trice na phàirt de thaigh eaglaise.
TALLA-BAILE CITY HALL
TALLA-CIÙIL MUSIC HALL A hall licensed for musical performances, singing, dancing and other entertainments, exclusive of dramatic performance. Talla aig a bheil cead ceòl, seinn, dannsa agus fèisteas eile a shealltainn air an àrd-ùrlair ach chan e dealbh-chluichean.
TALLA-CÒMHNAIDH HALL OF RESIDENCE A university or college building set apart for residence or instruction of students. Togalach oilthigh no colaiste a chaidh a shònrachadh mar àite-còmhnaidh no àite-teagaisg oileanach.
TALLA-CONSAIRT CONCERT HALL An establishment where musical performances take place. Ionad far an cluichear ceòl.
TALLA-DRILE DRILL HALL A building or site used for the exercise and training of military personnel. Togalach no làrach airson eacarsaichean is trèanadh luchd-obrach an airm.
TALLA-FIODHRAICH TIMBER HALL A large, rectangular building of high status, constructed largely of wood. Togalach mòr ceart-cheàrnach is àrd-inbheach, cuid mhòr dheth air a thogail de dh'fhiodh.
TALLA-MARGAID MARKET HALL A purpose built covered market hall, usually 19th century. Talla-margaid le mullach a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach, mar is trice às an 19mh linn.
TALLA-SIOMFANAIDH SYMPHONY HALL
TALLA-TAISBEANAIDH EXHIBITION HALL A hall used for housing public displays. Talla a chleachdar airson taisbeanaidhean poblach.
TANCA TANK A large receptacle, container, or structure for holding a liquid or gas. Glacadan, soitheach no structar mòr gus lionn no gas a ghlèidheadh ann.
TANCA AIRM ARMY TANK
TANCA GAS GAS HOLDER Expanding storage tank for gas, often includes a meter for measuring the amount used. For gas measurement only use GASOMETER. Tanca-stòrais so-ataichte airson gas, gu tric le tomhas a dh'innseas uiread a ghas a chaidh a chleachdadh. Airson tomhas gas, na cleachd ach MEIDHEADAIR-GAS.
TANCA SÌOLAIDH SETTLING TANK A large tank where particles suspended in water, or other liquids, are allowed to sink to the bottom forming a sediment. Tanca mòr far an leigear le mìrean ann an uisge no lionn eile suidhe aig a' bhonn 's iad a' dol nan grùid ann.
TANCA-STÒRAIDH STORAGE TANK Container for the storage of unspecified materials. Soitheach sa bheilear a' stòradh rudan 's gun fhios dè tha annta.
TANCA-STÒRAIDH GAS GAS STORAGE TANK Storage tank for coal gas and other types of gas. Tanca-stòrais airson ceò-guail agus gasaichean eile.
TANCA-STÒRAIDH OLA OIL STORAGE TANK A tank used for the storage of petroleum oil. Togalach far a bheilear a' stòradh ola peatrail.
TANCA-UISGE WATER TANK A receptacle for storing water. Glacadan airson uisge a stòradh ann.
TANCA-UISGE CISTERN A covered tank in which rainwater is stored for use when required. Tanca còmhdaichte sa bheilear a' glèidheadh uisge nan neul gus am bi feum air.
TARGAID TARGET Any structure or object, used for the purpose of practice shooting by aerial, seaborne or land mounted weapons. Structar no rud sam bith air a bheilear a' tilgeil le airm adhair, mara no talmhainn airson cleachdadh.
TARGAID BOMAIDH BOMBING TARGET A building or structure built for bombing practice. Togalach no structar a chaidh a thogail airson eacarsaichean bomaidh.
TARGAID LOSGAIDH FIRING TARGET
TEAMPALL TEMPLE A building or structure used for religious ceremonies or worship. For later landscape features use GARDEN TEMPLE or FOLLY. Togalach no structar a thathar a' cleachdadh airson deas-ghnàthan cràbhach no adhradh. Airson cruthan san tìr nas ùire na sin, cleachd TEAMPALL GÀRRAIDH no SAOBH-THOGALACH.
TEAMPALL GÀRRAIDH GARDEN TEMPLE A garden building, usually in the Gothic or classical style. The term can be applied to many types of garden building with an interior space in which to stand or sit. Togalach gàrraidh, mar is trice le dreach Gothach no clasaigeach air. Faodar am briathar seo a thoirt air iomadh seòrsa de thogalach gàrraidh aig a bheil àite suidhe no seasaimh na bhroinn.
TEANAMAINT TENEMENT A large building containing a number of rooms or flats, access to which is usually gained via a common stairway. Togalach mòr sa bheil grunn sheòmraichean no fhlataichean a ruigear air staidhir choitcheann mar is trice.
TEATAIR-ÒRAID LECTURE THEATRE A large room with fixed seating, designed for lectures. Seòmar mòr le suidheachain shocraichte a chaidh a dhealbhadh airson òraidean.
TEIRMINEAL BHOGSAICHEAN-STÒRAIDH CONTAINER TERMINAL An area of a port, dock or harbour where cargo vessels can load and unload large storage containers. May include a rail terminal for containers which have been transported to the port by rail. Àite ann am port, doca no cala far a bheilear a' toirt bogsaichean-stòraidh mòra far bhàtaichean-carago agus far a bheilear a' cur feadhainn ùra orra. Dh'fhaoidte gun gabh seo a-steach tèirmineal rèile airson bogsaichean-stòraidh a chaidh an giùlan gun phort air trèan.
TÈIRMINEAL GAS GAS TERMINAL A facility at the end of a pipeline, where natural gas is stored prior to further distribution. Ionad aig ceann thall pìob-loidhne far a bheilear a' stòradh gas nàdarra mus tèid a chur air adhart.
TEIRMINEAL MARA SEA TERMINAL A port, dock or harbour where ferries, hovercraft, ocean liners and cargo vessels can load and unload. May include road and/or rail terminals for transportation to the port. Port, doca no cala far a bheilear a' toirt luchdan far aiseagan, bhàtaichean-falbhain, loidhnearan agus bhàtaichean-carago agus far a bheilear a' cur luchdan orra. Dh'fhaoidte gun gabh seo a-steach tèirminealan rathaid agus/no rèile airson an giùlan gun phort.
TÈIRMINEAL PÌOB-OLA OIL PIPELINE TERMINAL A site where crude oil is stored prior to distribution. Àite far a bheilear a' stòradh ola amh mus tèid a ghluasad a dh'àitichean eile.
TING TING A place of judicial assembly dating to the Viking period. Mòd lagha a tha a' dol air ais gu linn nan Lochlannach.
TOBAR WELL A shaft sunk into the ground to provide a supply of water. Toll a chaidh a chladhach san talamh gus uisge fhaighinn às.
Tobar Burghead Burghead Well
TOBAR CHLÙDAIDH CLOOTIE WELL
TOBAR CHLÙDAIDH CLOUTIE WELL
TOBAR CHLÙDAIDH CLOUGHTIE WELL
TOBAR CLÙDAIDH RAG WELL An area around water where rags or clothing are tied or placed for ritual purposes. Raon mun cuairt air uisge far a bheilear a' ceangal no a' cur aodach no luideagan mar dheas-gnàth.
TOBAR NAOMH HOLY WELL A well or spring which is reputed to possess miraculous healing properties. Tobar no fuaran a thathar ag ràdh gu bheil buadhan slànachaidh draoidheil aige.
TOBAR SGEADAICHTE ORNAMENTAL WELL A well and superstructure constructed as an ornamental feature in a garden or public space. Tobar agus structar na cheann a chaidh a thogail mar rud sgeadachail ann an gàrraidh no àite poblach.
TOBAR SÌOLAIDH STRAINING WELL A sunken structure with inlet pipes and copper screens into which water from from a reservoir for filtration. Structar fon uisge aig a bheil pìoban a-steach agus sgrìnichean copair tron a thèid uisge on uisgeadan a chur gus a shìolachadh.
TOGALACH BUILDING A structure with a roof to provide shelter from the weather for occupants or contents. Use specific type where known. Structar aig a bheil mullach a bheir fasgadh on aimsir do dhaoine no rudan. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH  BACAIDH PLATFORM BUILDING A rectangular building constructed on an artificial platform, usually set at right angles to the slope. Togalach ceart-cheàrnach a chaidh a thogail air ùrlar fuadain, mar is tric air ceàrn dìreach ris an leathad.
TOGALACH A' BHAILE MUNICIPAL BUILDING A building owned or used by a local authority. Togalach aig ùghdarras ionadail no fear a tha ga chleachdadh le ùghdarras ionadail.
TOGALACH AIRM MILITARY BUILDING A building of unknown purpose found at a military site. Use more specific type where known. Togalach air làrach airm ach gun fhios dè air a shon a bha e. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH ÀITEACHAIS AGRICULTURAL BUILDING A building used for an agricultural and/or subsistence purpose. Use more specific term where known. Togalach a tha ga chleachdadh airson adhbhar àiteachais agus/no bith-beò. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH CEALLACH CELLULAR BUILDING A circular or subcircular drystone building usually with a corbelled roof and thick walls, and sometimes clad and/or roofed in turf. Can have adjoining subsidiary cells. Togalach cobhaireachd cearcallach no cha mhòr cearcallach, mar is trice le mullach coirbealta agus ballachan tiugha agus uaireannan le còmhdachadh agus/no mullach sgratha. Faodaidh gum bi fo-cheallan ann a tha ri taobh a chèile.
TOGALACH CIÙRADH ÈISG FISH CURING BUILDING A building where fish is cured. Togalach a bheilear a' ciùradh iasg.
Togalach Clàraichte Listed Building
TOGALACH CÒMHNAIDH RESIDENTIAL BUILDING Buildings used as non-permanent homes. Togalaichean a tha nan dachaighean nach eil buan.
TOGALACH DHEAS-GHNÀTHAN RITUAL BUILDING A building which appears to have fulfilled a ritual, rather than a domestic or industrial, function. Togalach a chaidh a chleachdadh airson deas-ghnàthan seach mar àite-còmhnaidh no gnìomhachais.
TOGALACH DÌ-THRUAILLIDH DECONTAMINATION BUILDING A building used for the treatment of victims of chemical, gas or other forms of contamination. Togalach far am faigh daoine a dh'fhulaing stuthan ceimigeach, gas no rud mì-fhallain eile mar sin leigheasadh.
TOGALACH DRUMA-UNNDAIS INCLINE DRUM BUILDING
TOGALACH EAGLAISEIL ECCLESIASTICAL BUILDING A building thought to have a religious association. Togalach a thathar dhen bheachd gun robh ceangal cràbhach aige.
TOGALACH FIODHA TIMBER BUILDING A building constructed largely from wood. Use specific term where known. Togalach a tha sa mhòrchuid de dh'fhiodh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH GÀRRAIDH GARDEN BUILDING A building or structure set in a garden. Use a more specific term where possible. Togalach no structar ann an gàrradh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH GNÌOMHACHAIS INDUSTRIAL BUILDING Any building designed or adapted to accommodate trades and manufacturing activity. Use more specific site where known. Togalach sam bith a chaidh a dhealbhadh no a chur air gleus airson gnìomhachd malairt no saothrachaidh. Cleachd làrach nas mionaidiche ma tha fios cò tè.
TOGALACH GOBHAL-CHEANGALACH CRUCK FRAMED BUILDING A building in which pairs of curved timbers form a bowed A-frame to support the roof independently of the walls. Use specific term where known. Togalach aig a bheil paidhrichean de chrainn an cruth A lùbte 's a chumas an àirde am mullach as aonais taic o na ballachan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH IOMA-CHÒMHNAIDH MULTIPLE DWELLING Buildings designed for the accommodation of large numbers of people, rather than single families, etc. Togalaichean a chaidh a dhealbhadh mar àite-còmhnaidh airson mòran dhaoine seach teaghlaichean fa leth is msaa.
TOGALACH LE ÙRLAR ÌSLICHTE SUNKEN FLOORED BUILDING A building defined by a sunken hollow, usually identified as a solid square or rectangular cropmark. Togalach aig an robh ùrlar nas ìsle na an talamh 's a dh'aithnichear air comharra-barra a tha ceàrnagach/ceart-cheàrnach is soladach.
TOGALACH MÈINNE MINE BUILDING A building found at the surface at the site of a mine. Use specific type where known. Togalach a tha air uachdar na talmhainn air làrach mèinne. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH OIGHREACHD ESTATE BUILDING A building situated within the estate of a country house. Togalach a tha am broinn oighreachd taighe-dhùthcha.
TOGALACH OSPADAIL HOSPITAL BUILDING A hospital building of uncertain function. Use more specific type if known. Ospadal 's gun fhios cinnteach dè feum a bha ann. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH PEIT CHARMAIG PITCARMICK BUILDING A roughly rectangular building of early medieval date, usually narrower at one end than the other and sometimes bow-sided. In many cases the floor at the narrow end is sunken. Togalach a tha cha mhòr ceart-cheàrnach à toiseach nam meadhan-aoisean, mar is trice nas caoile air an dàrna cheann na aig a' cheann eile agus uaireannan le taobhan cama. Bidh ùrlar ìslichte aig a' cheann chaol gu math tric.
TOGALACH PHARAISIUTAN PARACHUTE PACKING BUILDING A building where parachutes are packed for use, checked and maintained. Togalach far a bheilear a' pacadh, a' sgrùdadh 's a' càradh paraisiutaichean.
TOGALACH POBLACH PUBLIC BUILDING A building or group of buildings owned and operated by a governing body and often occupied by a government agency. Use specific type of building where known. Togalach no grunn thogalaichean aig buidheann-riaghlaidh 's e gan obrachadh, bidh buidheann riaghaltais ann gu math tric. Cleachd seòrsa nas mionaidiche de thogalach ma tha fios air.
TOGALACH RIAGHALTAIS GOVERNMENT BUILDING
TOGALACH RO-SHAOTHRAICHTE PREFABRICATED BUILDING A building constructed from prefabricated sections. Use more specific type where known. Togalach a chaidh a thogail de phìosan ro-shocraichte. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH ROINNE FACULTY BUILDING A departmental building within a college or university where a particular subject is taught and administered. Togalach roinne aig colaiste no oilthigh far a bheilear a' teagasg no a' rianachd cuspair sònraichte.
TOGALACH SIORRACHD COUNTY BUILDING A building containing the local administrative, judicial and political authorities. Taigh sa bheil an rianachd ionadail agus na h-ùghdarrasan laghail 's poileataigeach.
TOGALACH SPÒRS SPORTS BUILDING A building in which a sport is played. Use more specific type where known. Togalach sa bheilear a' cluich spòrs. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH STUAGHAN CRUINN ROUND ENDED BUILDING A roughly rectangular building with one or both ends rounded. Togalach a tha cha mhòr ceart-cheàrnach aig a bheil co-dhiù aon cheann cruinnte.
TOGALACH TÈIRMINEIL TERMINAL BUILDING A building within a transport terminal, often associated with the registration and clearing of incoming and outgoing passengers or freight. Togalach am broinn tèirmineal còmhdhalach, gu tric co-cheangailte ri clàradh is ceadachadh luchd-siubhail no bathair a thig a-steach no a thèid a-mach.
TOGALACH TELE-CHONALTRAIDH TELECOMMUNICATIONS BUILDING A building housing electrical or electronic equipment used for communicating over long distances. Use specific type where known. Togalach sa bheil acainnean dealain no leatronach airson conaltradh a dhèanamh thairis air astar mòr. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH TOLL-MÈINNE PITHEAD BUILDING
TOGALACH TRANNSACH AISLED BUILDING A subrectangular dry-stone building with upright pillar stones set vertically around its inner wall-face, forming an 'aisle'. The pillar stones are single monoliths, and are often capped by a lintel which rests on the wall-head. Togalach cobhaireachd ceart-cheàrnach le oirean cruinnte agus carraighean cloiche a tha a' seasamh cruinn a-rèir a' bhalla a-staigh 's iad a' cruthachadh "trannsa". Tha na carraighean cloiche seo nan tursachan singilte agus bidh àrd-doras os an cionn gu tric a tha na laighe air an anainn.
TOGALACH TRANNSACH WAG
TOGALACH TUATHANAIS FARM BUILDING A building or structure found on a farm. Use more specific term where known. Togalach no structar air tuathanas. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOGALACH-CÒMHNAIDH AIRM MILITARY RESIDENCE A residence for military personnel. Àite-fuirich airson luchd-obrach an airm.
TOGALACH-CÒMHNAIDH OIFIGEARAN OFFICERS QUARTERS A building where military officers are accommodated. Togalach far a bheil àitichean-fuirich do dh'oifigearan an airm.
TOGALACH-LIÙGAIDH HIDE A shelter, sometimes camouflaged, for the observation of birds and animals at close quarters. Fasgadh, uaireannan ann am breug-riochd, airson coimhead air eòin is beathaichean air astar goirid.
TOGALACH-TAICE AIRM MILITARY SUPPORT BUILDING Ancillary buildings and structures associated with a military base. Togalaichean is structaran taice a tha cho-cheangailte ri bunait an airm.
TOGALAICHEAN  NÈIBHIDH NAVAL ESTABLISHMENT A building or group of buildings and structures used by the navy. Use specific term where possible. Togalach no grunn thogalaichean is structaran a tha gan cleachdadh leis a' chabhlach. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
Togalaichean Clàraichte Listed Buildings
Togalaichean Clàraichte na h-Alba Scotlands Listed Buildings
TOIDHLEAT TOILET A small room or building containing a lavatory and, in more recent times, washing facilities. Seòmar no taigh beag sa bheil toidhleat agus, sna làithean seo, goireasan airson nighe do làmhan.
TOLL SHAFT A vertical passage which provides access or ventilation to an underground excavation or chamber. Use only if function is unknown, otherwise use specific term. Slighe dhìreach suas no sìos a bheir inntrigeadh no adhar gu cladhach no seòmar fon talamh. Na cleachd seo ach mur eil fios cò air a shon a bha e 's cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TOLL CLAGACH BELL PIT A bell-shaped shaft used in early coal mining. Use with functional type if known, eg. COAL WORKS. Sloc clag-chumhach a chaidh a chleachdadh tràth ann am mèinnearachd guail. Cleachd seo leis an fhoincsean ma tha fhios cò fear, m.e. FACTARAIDH GUAIL.
TOLL MÈINNE COAL SHAFT A vertical shaft providing access to the lower tunnels in a coal mine. Sloc dìreach air a ruigear na tunailean ìochdarach ann am mèinn guail.
TOLL MÈINNE MINE SHAFT A vertical or inclined excavation giving access to an underground mine. Cladhach dìreach no claon air an ruigear mèinn fon talamh.
TOLL PUIST POST HOLE A hole dug to provide a firm base for an upright post, often with stone packing. Use broader monument type where known. Toll a chaidh a chladhach mar bhunait sheasmhach airson post a sheasas dìreach an àirde, gu math tric le clachan dùmhlaichte ann. Cleachd seòrsa de chuimhneachan nach eil cho pongail ma tha fhios cò fear.
TOLL PUIST STAKE HOLE A hole which has been created by driving or hammering an upright stake into the ground. Toll a nochd ri linn cipein dìreach a chaidh a phutadh no a bhualadh san talamh.
TOLL-BÙTHA TOLBOOTH A building serving as a centre of local burgh administration, justice and ceremony. Togalach a tha ann an teis-mheadhan rianachd, ceartas agus deas-ghnàthan a' bhuirgh ionadail.
TOLL-ÈADHRACHAIDH AIR SHAFT An artificial ventilation shaft. Sloc gaothrachaidh fuadain.
TOLL-INNEARACH DUNG PIT A pit used for containing manure. Sloc far an cumar inneir.
TOLL-SALCHAIR CESS PIT A pit for the reception of human waste and refuse. Sloc dhan a bheilear a' tilgeil sgudal agus salachar dhaoine.
TOLMAN SEÒMARACH CHAMBERED MOUND
TOLMAN TÒRRAIDH BURIAL MOUND
TOM A' MHÒID COURT HILL An artificial or natural mound where a court was held and justice administered. Tom nàdarra no fear a chaidh a thogail far an robhar a' cumail cùirt agus far an robhar a' cur ceartas an gnìomh.
TOM A' MHÒID MOOT HILL A natural or artificial hill used as a meeting place, often the site of a local court. Tom nàdarra no fuadain a bhite a' cleachdadh mar àite cruinneachaidh, ionad cùirte ionadail gu math tric.
TOM ÀIRIGH SHIELING MOUND A mound created by successive shieling huts. Torr a nochd an cois iomadh bothan-àirigh a chaidh a thogail an dèidh a chèile san aon àite.
TOM CHLACH SMALL CAIRN
TOM CHLACHAN-ACHAIDH CONSUMPTION CAIRN A cairn built to consume stone cleared from the land as part of the agricultural improvements of the 18th and 19th centuries. Càrn de chlachan a chaidh a ghlanadh à fearann ri linn leasachadh nam fearann san 18mh agus san 19mh linn.
TOM CHLACHAN-ACHAIDH STONE HEAP A pile of stones of doubtful antiquity, sometimes dumped in preparation for building or drainage, but more often of unknown purpose or origin. For piles of stone cleared for agricultural purposes use CLEARANCE CAIRN. Torr chlachan nach eil àrsaidh gu cinnteach; uaireannan chaidh fhàgail ann ach am bi iad ullamh airson obair togalaich no drèanaidh ach nas trice, chan eil cinnt cò às a thàinig iad agus dè feum a bha annta. Airson torran de chlachan a chaidh a ghlanadh air falbh air sgàth àiteachais, cleachd CÀRN CARTAIDH.
TOM MÒNA PEAT MOUND
TOMAN BIADHAIDH FEED BIN STANCE A circular or rectangular lump surrounded by a shallow depression, often with a slightly raised external lip, formed by cattle trampling around a feed bin. Usually seen as earthwork remains, but sometimes as cropmarks. Meall cearcallach no ceart-cheàrnach tha tha lagan eu-domhain mun cuairt air, gu tric le bile caran togte a nochd ri linn stampadh a' chruidh mun cuairt air biona biadhtaidh. Chithear seo mar iarsmaidhean uchdan-ùire mar is trice ach uaireannan mar chomharran-barra.
TORAN-GUNNA GUNLOOP An aperture in the wall of a castle or other defended building, allowing the firing of guns and other firearms. May be fashioned from a single block of stone. Fosgladh ann am balla caisteil no togalaich dhìonaich eile sa bheil tuill a thilgear urchraichean tromhpa. Dh'fhaoidte gu bheil seo na chlach mhòr leatha fhèin.
TÒRR MOUND An artificial elevation of earth or stones. Use more specific term where known. Àirde fhuadain de chlachan no ùir. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
Tòrr Lèin, Arainn Torrylin Cairn, Arran
TÒRRADH BURIAL An interment of human or animal remains. Use specific term where known. Tìodhlacadh iarsmaidhean duine no beathaich. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TÒRRADH BOGLAICH BOG BURIAL A body which has been interred in boggy or waterlogged ground. Interment may have been deliberate or accidental. Corp a chaidh a thìodhlacadh ann am boglach no talamh fliuch. Dh'fhaoidte gun deach a thìodhlacadh a dh'aona-ghnothach no gu tubaisteach.
TÒRRADH CHNÀMHAN INHUMATION An interment of unburnt, articulated human remains. Tìodhlacadh iarsmaidhean duine no beathaich ann an òrdugh nan cnàmhan 's gun a losgadh.
TÒRRADH LOCHLANNACH VIKING BURIAL
TÒRRADH LUINGE SHIP BURIAL A burial in which the body is placed in or covered by a ship or boat, or within a setting of stones in the shape of a ship. Tìodhlacadh san deach an corp a chur ann an long no bàta, a chur fo long no bàta no am broinn clachan air cruth luinge.
TÒRRADH LUINGE BOAT BURIAL
TRAG-RÈISIDH RACE TRACK A piece of ground on which athletes race. Talamh far an cumar rèisean lùth-chleasaichean.
TRAG-RÈISIDH CHON DOG RACING TRACK A racing track, often within a permanent stadium, for racing dogs, usually greyhounds and whippets. Cuairt-rèisidh, gu tric am broinn stèideim bhuain, airson rèiseadh chon, mar is trice mìol-choin is whippets.
TRAINNS-MHÈINNEADH TRENCH MINING
TRAINNSE TRENCH A long, narrow excavation used as a means of concealment or protection, or to insert pipes or other features into the ground. Cladach fada caol a thathar a' cleachdadh gus rud a chur am falach no a dhìon no airson pìoban no rudan eile a chur san talamh.
TRAINNSE CHUMHANG SLIT TRENCH A short trench used to protect troops or to provide defensive fire from, often dug for practice purposes. Trainnse ghoirid a tha a' dìon feachdan no a thilgear urchraichean uaithe mar dhìon do chompanaich, air an cladhach mar eacarsaich gu tric.
Trannsa Lauderdale, Haddington Lauderdale Aisle, Haddington
Trannsa Skelmorlie Skelmorlie Aisle
Trannsa Tìodhlacaidh Lindsay Lindsay Burial Aisle
TRANNSA TÒRRAIDH BURIAL AISLE A projecting wing or chapel within a church, or a freestanding building, used privately by a family for burial. Sgiath a tha a' stobadh a-mach no seipeal am broinn eaglaise no togalach a sheasas leis fhèin a tha teaghlach ga chleachdadh airson tìodhlacaidhean prìobhaidean.
TRONA TRON A pillar or post to which a beam could be attached, for use either as a public weighing balance or as a pillory for the punishment of petty criminals. Carragh no post a chaidh crann a cheangal ris 's e ga chleachdadh mar chothrom cuideim poblach no mar bhallan-stiallach airson eucoirich bheaga a pheanasachadh.
TUAMA TOMB A grave or sepulchre including a monument. Use specific term where known. Uaigh a tha a' gabhail a-steach cuimhneachan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
TUATHANAIS HOMESTEAD
TUATHANAS FARM A tract of land, often including a farmhouse and ancillary buildings, used for the purpose of cultivation and the rearing of livestock, etc. Use more specific type where known. Fearann, mar is trice le taigh-tuathanais agus togalaichean co-cheangailte ris, airson àiteachas is àrach cruidh is msaa. Cleachd seòrsa na mionaidiche ma tha fhios.
TUATHANAS-ÈISG FISH FARM A farm with a pond, river, lake or tanks where fish are kept and bred for commercial purposes. Tuathanas le linn, abhainn no loch far a bheilear a' cumail 's ag àrach iasg gus a reic.
TUATHANAS-GAOITHE WIND FARM A group of electricity-producing windmills or wind turbines. Buidheann de mhuilnean-gaoithe no turbainean-gaoithe a ghineas dealan.
TUBA GUAIL COAL TUB A metal container on wheels used for the transportation of coal on a track within a mine. Soitheach meatailt air cuibhlichean a thathar a' cleachdadh gus gual a ghiùlan air traca ann am mèinn.
TUBA-LÌN NET TUB
Tucaid a' Cheathraimh an Iar Westquarter Dovecot
Tucaid Chros Thoirphin Corstorphine Dovecot
Tucaid Thuilinn Tealing Dovecot
TUIL-CHLADHAN SPILLWAY A channel carrying overflow water past a dam. Early 19th century onwards. Cladhan a bheir anabarr uisge seachad air dama. A-mach o thoiseach na 19mh linn.
TUIL-DHORAS SLUICE GATE The gate of a sluice which can be opened or shut to let out or retain the water. An geata aig tuil-dhoras a ghabhas fhosgladh no dhùnadh gus uisge a leigeil às no a chumail a-staigh.
TUIM CHLACH SMALL CAIRNS
TUINEACHADH SETTLEMENT A group of dwellings and associated buildings and structures. Grunn thaighean-còmhnaidh còmhla ris na togalaichean is structaran a tha co-cheangailte riutha.
TUINEACHADH (FRIOCHDANACH ) CUAIRTICHTE BANJO ENCLOSURE
TUINEACHADH BACACH CUAIRTICHTE UNENCLOSED PLATFORM SETTLEMENT A prehistoric settlement, comprising a number of platforms for timber roundhouses, usually found on a hillside, particularly in the Border Counties. Tuineachadh ro-eachdraidheil, le grunn ùrlaran airson taighean-cruinne fiodha, mar is trice air leathad 's gu h-àraid ann an Crìochan na h-Alba.
TUINEACHADH CUAIRTICHTE ENCLOSED SETTLEMENT A site containing traces of human settlement and which has been surrounded by a bank and ditch, palisade or some other form of enclosure. Làrach air an aithnichear tuineachadh mac an duine agus mun robh uchdan agus dìg, sonnach no rud mar sin.
TUINEACHADH DHAOINE CUMANTA CIVIL SETTLEMENT
TUINEACHADH FÀS DESERTED SETTLEMENT
TUINEACHADH FOSGAILTE UNENCLOSED SETTLEMENT A settlement lacking an enclosure boundary. Tuineachadh gun lann mun cuairt air.
TUINEACHADH LOCHLANNACH NORSE SETTLEMENT
TUINEACHADH LOCHLANNACH VIKING SETTLEMENT
TUINEACHADH SEALACH TEMPORARY SETTLEMENT A site or camp providing temporary accommodation. Làrach no campa far am faighear àite-fuirich fad greiseig.
TUINEACHADH SONNACH PALISADED SETTLEMENT A settlement enclosed by one or more rows of closely spaced vertical timbers embedded in a narrow foundation trench. Tuineachadh mun a bheil co-dhiù aon sreath de phuist fhiodha faisg air a chèile 's nan seasamh ann an dìg bunait chaol.
TUIRBIN TURBINE A rotary prime mover. Turbines may be steam, water or gas operated. Iompachair cumhachd cuairt-ghluasadach. Faodaidh gum bi na turbainean gan obrachadh air smùid, gas no uisge.
TULGAIR GUAIL COAL TIPPLER Loading machinery tipping coal into railway wagons usually at a pithead. Innealan luchdaidh a dhòirteas gual air carbadan rèile, mar is trice aig ceann-mèinne.
TUNAIL TUNNEL An artificial underground channel. Use specific type where known. Cladhan fuadain fon talamh. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
TUNAIL-RATHAID ROAD TUNNEL A tunnel carrying a road under a river or through a hill or other obstruction. Tunail-rathaid a tha a' dol fo abhainn no tro chnoc no bacadh eile.
TUNAIL-RÈILE RAILWAY TUNNEL A tunnel running under a river or a hillside through which a railway line runs. Tunail a tha a' dol fo abhainn no tro leathad 's rathad-iarainn a' dol troimhe.
TÙR TOWER A tall building, either round, rectangular or polygonal in plan, used for a variety of purposes, including defence, as a landmark, for the hanging of bells, industrial functions, etc. Use more specific term where known. Togalach àrd, air pàtran cruinn, ceart-cheàrnach no ioma-cheàrnach 's a chleachdar airson iomadh adhbhar, a' gabhail a-steach dìon, mar chomharra-tìre, airson clagan a chrochadh ann, airson obair gnìomhachais is msaa. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fhios cò fear.
TÙR BHALBHAN VALVE TOWER An iron, stone or concrete tower built up from the bed of a reservoir. From it the control valves of the pipes which draw off water at different levels are operated. Tùr iarainn, cloiche no concrait a chaidh a thogail air grunnd uisgeadan. Thathar ag obrachadh tuil-dhorsan nam pìoban a leigeas a-mach uisge aig diofar àirdean uaithe.
TÙR CEATHRAMHAIN QUADRANT TOWER Observation tower associated with WW2 bombing ranges. An enclosed structure, usually of brick or concrete and raised on four legs. Tùr coimhid a tha co-cheangailte ri rainsean bomadh an Dàrna Chogaidh Mhòir. Structar, mar is trice ann an slige bhreigean no concrait agus gu h-àrd air ceithir casan.
Tùr Chlach Mhanann Clackmannan Tower*
TÙR CRUINN ROUND TOWER A tall, narrow tower, circular in cross section. Usually of early Medieval date and associated with, although detached from, a church or monastery. Tùr àrd caol a tha cruinn air a roinn-tharsainn. Mar is trice às na meadhan-aoisean agus co-cheangailte ri eaglais no manachainn ged a bhios e dealaichte uapa.
Tùr Cruinn Bhreichin Brechin Round Tower
TÙR CRUINN OBAR NEACHDAIN ABERNETHY ROUND TOWER
TÙR CRUINNEACHADH CUMHACHD HAIDREOLAIG HYDRAULIC ACCUMULATOR TOWER A structure used for the storage of hydraulic energy. A head of water holds a counterweight at the top of the tower by means of pumps. Used for powering machinery, and often connected to an urban or port infrastructure by a network of hydraulic mains. Structar far a bheilear a' stòradh cumhachd haidreolaig. Tha ceann uisge a' cumail frith-chudrom aig barr an tùir slighe phumpaichean. Thathar gan cleachdadh gus innealan obrachadh agus tha iad gu tric ceangailte ri bun-structar baile no cala slighe lìonra de phrìomh-loidhnichean haidreolaig.
TÙR CUMHACHD THAICEIL AUXILIARY ACCUMULATOR TOWER
Tùr Druim Cotaran Drumcoltran Tower
Tùr Greenknowe Greenknowe Tower
TÙR MHAOR-CHLADAICH COASTGUARD TOWER A tower used as a watch tower by the coastguard. Often, though not always, built as part of a Coastguard Station. Tùr a tha na maoir-chladaich a' cur gu feum mar thuraid-faire. Gu tric ach chan ann an-còmhnaidh chaidh an togail mar phàirt de stèisean nam maor-chladaich.
TÙR MHARTELLO MARTELLO TOWER A coastal gun/watch tower built as part of the anti-invasion defences during the Napoleonic Wars. Tùr freiceadain/ghunnaichean air a' chladach a chaidh a thogail mar phàirt dhe na goireasan dìon o ionnsaighean aig àm Chogaidhean Napoleon.
TÙR PHEILEARAN SHOT TOWER A tower in which shot is made from molten lead poured through sieves at top and falling into water at bottom. Tùr far a bheilear a' dèanamh peilearan le bhith a' cur luaithe leaghte tro shìolachan aig barr an tùir 's e a' tuiteam dhan uisge aig a' bhonn.
TÙR SAIDHLEIDS SILAGE TOWER A structure for the production and storage of silage. Structar far an dèanar 's far an cumar saidhleids.
Tùr Scotstarvit Scotstarvit Tower
TÙR SIOGNALAIDH SIGNAL TOWER A tower which forms part of a semaphore communication system, often a three-storey building set on a hill in line-of-sight. Signal towers usually provided accommodation for two crewmen and their families. Tùr a tha na phàirt de shiostam siognaileadh shaimeaforan, gu math tric na thogalach trì-ùrlarach air cnuic agus air loidhne-amhairc. Bhiodh àite-fuirich do sgioba dithis agus an cuid theaghlaichean ann an tùr siognailidh.
Tùr Smailholm Smailholm Castle
Tùr Smailholm Smailholm Tower
TÙR THAIGHEAN TOWER BLOCK A tall, multi storeyed building either used as business premises or, more usually, as residential accommodation. Togalach àrd ioma-ùrlarach a chleachdar mar ionadan gnìomhachais no, nas trice, àitichean-còmhnaidh.
Tùr-cluig Àird Chlach Ardclach Bell Tower
TÙR-CRUINN ROUNDTOWER
TÙR-FAIRE WATCH TOWER A building or structure from which observation is kept of the approach of danger. Togalach no structar airson sùil a chumail air cunnart a' dlùthachadh.
Tùr-faire Ròmanach Chnoc na h-Eaglaise Kirkhill Roman Watch Tower
TÙR-GEATA GATE TOWER A tower, containing a gate, built into the walls of a town, castle or similar fortification. Tùr sa bheil geata 's a chaidh a thogail ann am balla baile, caisteil no daingneachaidh mar sin.
TÙR-MHUILEANN TOWER MILL A windmill with a rotating cap containing the windshaft, and a stationary body in the form of a tower. Muileann-gaoithe aig a bheil ceann cuairteachaidh sa bheil an lurgann-tachrais agus togalach a tha coltach ri tùr.
TÙR-MHUILEANN- TÙIR WINDMILL TOWER
TÙR-SMÙDAIN PELE HOUSE An uncrenellated, strong, fortified dwelling, of between two and four storeys, built mainly from the mid 14th to the 17th century. Taigh-còmhnaidh làidir is daingnichte ach as aonais chreanailean, eadar dà is ceithir ùrlaran. Chaidh an togail eadar meadhan na 14mh linn agus an 17mh linn gu sònraichte.
TÙR-STIÙIRIDH CONTROL TOWER A high building at an airport from which air traffic is controlled by radio. Togalach àrd air port-adhair a thèid an trafaig adhair a stiùireadh uaithe le rèidio.
TÙR-SÙMAID SURGE TOWER A hollow tower located at lower end of the descending pipelines of a hydroelectric power station that regulates air and water pressure. Tùr caoch a chumas rian air brùthadh adhair 's uisge a tha aig ceann ìosal nam pìob-loidhnichean teàrnaidh aig stèisean-cumhachd uisge.
TÙR-UISGE WATER TOWER A tower serving as a reservoir to deliver water at a required point. Tùr a tha na uisgeadan 's a sholaireas uisge far a bheil feum air.
TURSA STANDING STONE A stone that has been deliberately set upright in the ground. Use only for isolated stones. Otherwise use specific term where known. Clach a chaidh a sheasamh san talamh a dh'aona-ghnothach. Na cleachd ach airson clachan leotha fhèin. Air neo cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
Tursachan Achadh Choirthe an Ear East Aquhorthies Stone Circle
Tursachan Achadh Ghallan, Arainn Auchagallon, Stone Circle, Arran
Tursachan Choille an Teampaill Templewood Stone Circle
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh Cullerlie Stone Circle
Tursachan Loanhead Loanhead Stone Circle
Tursachan Tom an Aifrinn Tomnaverie Stone Circle
Tursachan Torhouse Torhouse Stone Circle

Share