Live /

Over 28 of our staffed sites have now reopened and we are delighted to welcome you back. Booking in advance is recommended to guarantee entry. Find out more and book now

x

Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

Facal Gàidhlig English Term English Note Nota Gàidhlig Audio
OBAIR GNÌOMHACHAIS INDUSTRIAL ACTIVITY
OBAIR-SNAIGHIDH CARVING A carved figure or design in stone. Use more specific term as appropriate. Cruth duine no dealbhadh a chaidh a shnaidheadh air clach. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios gin iomchaidh.
OBEILEASG OBELISK A stone pillar, square or rectangular in cross section, with a pyramidal top. Used as a public, funerary or garden monument. Carragh cloiche a tha ceàrnagach no ceart-cheàrnach air a roinn-tarsainn le ceann biorramaideach. Ga chleachdadh mar chuimhneachan poblach, tìodhlacaidh no gàrraidh.
OIFIS OFFICE A building or room where business, administrative or professional activities are conducted. Use specific type where known. Togalach no seòmar far a bheilear ri gnothachas, rianachd no obair phroifeiseanta. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
OIFIS A' CHOGAIDH WAR OFFICE
OIFIS A' PHUIST POST OFFICE A building, department or other establishment where postal business is carried out. Togalach, roinn no ionad eile far a bheil gnothaichean a' phuist a' dol.
OIFIS AILTIRE ARCHITECTS PRACTICE A business providing a range of architectural services. Gnothachas a tha a' solar diofar seirbheisean ailtireachd.
OIFIS AN ÀRD-PHÀIGHE-MHAIGHSTIR PAYMASTER GENERALS OFFICE
OIFIS BATHAIR GOODS OFFICE
OIFIS CHOIMEARSALTA COMMERCIAL OFFICE The administrative office of a commercial concern. Oifis rianachd aig gnothach.
OIFIS CHUIDEAMAN IS THOIMHSEAN WEIGHTS AND MEASURES OFFICE
OIFIS CHÙISEAN-MARA MARITIME OFFICE A building from where marine operations are directed. Togalach a thathar a' stiùireadh cùisean na mara uaithe.
OIFIS CHUSBAINN IS CHÌSEAN CUSTOMS AND EXCISE OFFICE
OIFIS CLÀRADAIR UAIREAN TIMEKEEPERS OFFICE
OIFIS COMHAIRLE COUNCIL OFFICE
OIFIS DEALBHAIDH DRAWING OFFICE
OIFIS EINNSEANAIR ENGINEERS OFFICE A business providing a range of engineering services. Gnothachas a tha a' solar diofar seirbheisean einnseanaireachd.
OIFIS IOMAIRT-GHEALL BETTING OFFICE An establishment where wagering and the placing of bets takes place. Ionad far a bheilear a' airgead air geall.
OIFIS MAIGHSTIR-CALA DOCKMASTERS OFFICE An administrative building used by the official in charge of a dock or harbour. Togalach rianachd a chleachdas oifigear a tha os cionn doca no cala.
OIFIS MAIGHSTIR-CALA HARBOUR MASTERS OFFICE
OIFIS NA SUIRBHIDH ÒRDANAIS ORDNANCE SURVEY OFFICE
OIFIS NÀISEANTA ATH-CHEANNACH IASADAN NATIONAL DEBT REDEMPTION OFFICE
OIFIS NAM PÀITINN PATENT OFFICE
OIFIS NAN CÌSEAN INLAND REVENUE OFFICE
OIFIS NAN COLOINIDHEAN COLONIAL OFFICE
OIFIS NAN CUIPEAN WHIPS OFFICE
OIFIS NAN DÙTHCHANNAN CÈIN FOREIGN OFFICE
OIFIS NEACH-LAGHA LEGAL OFFICE A building housing the services of professionals with an expert knowledge of the law such as the offices of solicitors, barristers and lawyers. Togalach far am faighear seirbheisean dhaoine a tha sàr-eòlach air an lagh, mar oifis luchd-lagha is bharrastairean.
OIFIS NEACH-LAGHA SOLICITORS OFFICE
OIFIS NEACH-LAGHA LAWYERS OFFICE
OIFIS NEACH-TOMHAIS SURVEYORS OFFICE A business providing a range of land and building surveys. Gnothachas a sholaireas diofar shuirbhidhean talmhainn is thogalaichean.
OIFIS OIGHREACHD ESTATE OFFICE An office for the administration of a town or country estate. Oifis airson rianachd oighreachd ann am baile no air an dùthaich.
OIFIS ÒRDANAIS ORDNANCE OFFICE
OIFIS PAIDHLEIT PILOT OFFICE An office used by a qualified pilot, expert in ship-handling and with local knowledge, who assists the captain or master to take a vessel in or out of a harbour or through narrow waters. Oifis aig paidhleat aig a bheil teisteanas agus sàr-eòlach air làimhseachadh longan agus air an àite agus a bheir taic do chaiptean no maighstir soithich a gluasad a-steach no a-mach à cala no tro chaolas.
OIFIS PHANALAN PANELS OFFICE
OIFIS PORTAIR PORTERS OFFICE
OIFIS RÈILE RAILWAY OFFICE A building or room where railway tickets may be bought and administrative duties associated with a railway are conducted. Togalach no seòmar far an urrainnear tiocaidean rèile a cheannach agus far a bheilear ri obair-rianachd nan rathaidean-iarainn.
OIFIS RIAGHALTAIS GOVERNMENT OFFICE The offices of a Government Department responsible for the administration of the country. Na h-oifisean aig roinn an riaghaltais air a bheil urram airson rianachd na dùthcha.
OIFIS RIAGHALTAS IONADAIL LOCAL GOVERNMENT OFFICE A building which houses the administrative functions of a local authority. Togalach sa bheilear ri obair rianachd ann an ùghdarras ionadail.
OIFIS ROINN AN IONMHAIS TREASURY OFFICE
OIFIS STÈISEAN-BATHAIR GOODS STATION OFFICE
OIFIS THIOGAIDEAN TICKET OFFICE
OIFIS THIOGAIDEAN BOOKING OFFICE An establishment where tickets/reservations for events, journeys or entrance to a site can be purchased. Ionad far an urrainnear tiocaidean a cheannach no a ghlèidheadh airson tachartasan, tursan no cead a-steach do làrach.
OIFIS TÌME TIME OFFICE A room or building occupied by a person employed to keep accounts of workers' hours of labour. Seòmar no togalach far a bheil cuideigin ga fhastadh a chumas clàr nan uairean-obrach aig obraichean.
OIFIS ÙGHDARRAS PUIRT PORT AUTHORITY OFFICE The office of the body controlling a harbour and docks. Oifis a' bhuidhinn aig a bheil smachd air a' chala 's na docannan.
OIFIS-CHLÀRAIDH ROLLS OFFICE
OIFIS-CHLÀRAIDH REGISTER OFFICE An office at which the registration of marriages, births and deaths are recorded, and in which marriage ceremonies may take place. Oifis far a bheilear a' clàradh pòsaidhean, breithean agus bàsan agus far an cumar deas-ghnàthan pòsaidh cuideachd.
OIFIS-STAMPA STAMP OFFICE
OIGHREACHD ESTATE An extensive landed property, usually in the country. Seilbheachd aig a bheil talamh mòr, mar is trice air an dùthaich.
OILTHIGH UNIVERSITY A group of colleges and associated buildings belonging to a university. Buidheann de cholaistean agus togalaichean co-cheangailte riutha a tha a' buntainn do dh'oilthigh.
OITIREAN EISIREAN OYSTER BEDS A place where oysters are bred for consumption. Àite far a bheilear ag àrach eisirean a dh'ithear mar bhiadh.
OSPADAL HOSPITAL A building or complex where care and treatment are provided to the sick, aged, infirm and poor. Use narrower term where possible. Togalach no aitreabh far am faigh daoine a tha tinn, seann-daoine 's na bochd cùram is leigheasadh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma ghabhas sin a dhèanamh.
OSPADAL HOSPITAL BLOCK A specialist unit within a hospital complex. It may be a separate building or sometimes linked by a corridor or covered walkway to a main building. Aonad sònraichte am broinn aitreabh ospadail. Dh'fhaoidte gum bi seo na thogalach fa leth no gu bheil trannsa no slighe le mullach a' dol ann on phrìomh-thogalach.
OSPADAL  THINNEASAN TROPAIGEACH TROPICAL DISEASES HOSPITAL
OSPADAL A' GHALAIR BHRIC SMALLPOX HOSPITAL
OSPADAL CLOINNE CHILDRENS HOSPITAL A specialist hospital for the medical and surgical treatment of children. Ospadal sònraichte a bheir seachad leigheas is obair-lannsa dhan chlann.
OSPADAL CÙRAM INNTINN ASYLUM
OSPADAL FIABHRAIS FEVER HOSPITAL
OSPADAL GHALARAN GABHALTACH INFECTIOUS DISEASES HOSPITAL An isolation hospital for infectious diseases; commonly situated on the edge of a town. For leprosy use LEPER HOSPITAL. Ospadal leth-oireachd airson tinneasan gabhaltach; gu math tric aig oir baile. Airson lòbhradh, cleachd OSPADAL LOBHARAN.
OSPADAL LEIGHEAS-INNTINN MENTAL HOSPITAL
OSPADAL LEITEACH  ISOLATION HOSPITAL
OSPADAL LIGHICHEAN SPÈISEALTA SPECIALIST HOSPITAL A hospital providing medical, surgical or psychiatric testing and treatment for patients with specific illnesses or injuries. Ospadal a nì obair-lannsa no deuchainnean tinneis-inntinn no meadaigeach 's a bheir seachad leigheas do dh'euslaintich air a bheil tinneasan no leòntan sònraichte.
OSPADAL LOBHAR LEPER HOSPITAL A hospital where people with leprosy are cared for. During the medieval period, this usually comprised a church and separate accommodation for lepers. Ospadal far a bheilear a' gabhail cùram lobharan. Rè nam meadhan-aoisean, bhiodh seo a' gabhail a-steach eaglais agus àite-fuirich fa leth dha na lobharan.
OSPADAL NA BUINNICHE-MÒIRE CHOLERA HOSPITAL
OSPADAL NA CAITHEIMH TUBERCULOSIS HOSPITAL
OSPADAL PHLÀIGHEAN   PLAGUE HOSPITAL
OSPADAL TEARBAIDH QUARANTINE HOSPITAL
OSPADAL-INNTINN PSYCHIATRIC HOSPITAL A hospital where patients suffering from psychiatric disorders receive care and treatment. Ospadal far am faigh daoine a tha a' fulang tinneasan-inntinn cùram is leigheasadh.
OSPAS HOSPICE An establishment providing care for the terminally ill. Ionad a ghabhas cùram dhaoine aig a bheil tinneas-bàis.
OSTAIL HOSTEL A building, usually containing several dormitories, used as a cheap, short term residence. Togalach, mar is trice le grunn shuain-lannan, a tha na àite-fuirich saor far nach bithear a' fuireach ach greiseag bheag.
OSTAIL NURSAICHEAN NURSES HOSTEL
OSTAIL-ÒIGRIDH YOUTH HOSTEL A place where (young) holiday-makers and hikers can be put up cheaply for the night. Àite far am faigh daoine (òga) is luchd-coiseachd cuid-oidhche gu math saor.

Share