Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.
Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.
Neo tagh litir / Browse by letter:
Beurla / English
Gàidhlig / Gaelic
English Term | Facal Gàidhlig | English Note | Nota Gàidhlig | Audio |
SACK FACTORY | FACTARAIDH PHOCANNAN | A site where sacks are manufactured. | Làrach far a bheilear a' dèanamh pocannan. | |
SACKMAKING WORKS | FACTARAIDH PHOCANNAN | |||
SAFARI PARK | PÀIRC SAFARI | A drive-through wildlife park. | Pàirc ainmhidhean fiadhaich as urrainnear draibheadh troimhpe. | |
SAFETY FUSE FACTORY | FACTARAIDH FIÙSAICHEAN SÀBHAILTEACHD | A factory where safety fuses, for use with explosives, are made. Often associated with a BLACK POWDER WORKS. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh fiùsaichean sàbhailteachd a thèid an cleachdadh le stuthan-spreadhaidh. Gu math tric co-cheangailte ri FACTARAIDH FÙDAIR-DHUIBH. | |
SAILCLOTH FACTORY | FACTARAIDH AODACH SIÙIL | A factory where sailcloth is manufactured. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh aodach siùil. | |
SAILMAKING WORKS | FACTARAIDH SHEÒL | A building or site where boat sails are manufactured from processed cloth. | Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh siùil bàta de dh'aodach giullaichte. | |
SALLYPORT | DORAS-IONNSAIGH | A small gateway cut through a curtain wall or its flanking towers. Used primarily as an outlet for counter-attacking forces. | Bealach beag a chaidh a ghearradh tro aghaidh-thogalaich chùirtearach no na tùir ri taobh. Chaidh seo a chleachdadh mar is trice mar doras a-mach gus ionnsaigh a thoirt air nàmhaid. | |
SALMON LADDER | CEUM BHRADAN | |||
SALT MINE | MÈINN SALAINN | A mine yielding rock salt. | Mèinn far a bheilear a' faighinn salann. | |
SALT PAN HOUSE | TAIGH-SALAINN | |||
SALT PANS | LAGAIN SALAINN | |||
SALT STORE | TAIGH-SALAINN | Buildings incorporating a high degree of protection against damp for the bulk storage of salt. | Togalaichean sa bheil dìon mòr an aghaidh taiseachd airson salann a stòradh ann. | |
SALT WORKS | FACTARAIDH SALAINN | A site used for the extraction and purification of salt, usually by the dehydration of brine. | Làrach far a bheilear a' tarraig salann à sàl agus ga ghlanadh, mar is trice slighe deatachadh an uisge ann. | |
SALVATION ARMY CITADEL | TALLA AN SALVATION ARMY | |||
SALVATION ARMY HALL | TALLA AN SALVATION ARMY | A place of worship and meeting hall for members of the Salvation Army, an evangelical sect founded by William Booth in Nottingham in 1865 and derived from Wesleyan Methodism. They rejected the sacraments and adopted a quasi-military rhetoric and style. | Àite-adhraidh is talla-cruinneachaidh do bhall Feachd na Slàinte, seict shoisgeulach a chaidh a chur air bhonn le William Booth ann an Nottingham ann an 1865, stèidhichte air Meathodachd Wesley. Dhiùlt iad na sàcramaidean is ghabh iad ri reatoraig is stoidhle leth-armailteach. | |
SANATORIUM | SANATORIUM | A hospital for convalescents or consumptives. | Ospadal airson ath-shlàinteachadh no daoine air a bheil a' chaitheamh. | |
SANCTUARY | COMRAICH | A sacred or consecrated place, or a place of refuge. | Àite naomh no naomhaichte no tèarmann. | |
SANCTUARY CROSS | CROIS COMRAICH | |||
SANCTUARY MARKER | COMHARRA COMRAICH | A marker, usually in the shape of a cross, indicating the extent of an area of sanctuary. | Comharra, mar is trice ann an cruth croise, a chomharraicheas crìochan tèarmainn. | |
SAND AND GRAVEL EXTRACTION SITE | LÀRACH CLADHACH GAINMHICH IS GREABHAIL | Sites associated with the extraction from the ground of sand and gravel. | Làraichean a tha co-cheangailte ri dùsgadh gainmhich agus grinneal às an talamh. | |
SAND AND GRAVEL WORKINGS | IONAD GAINMHICH IS GREABHAIL | A site associated with the extraction of sand and gravel. | Làrach a tha co-cheangailte ri dùsgadh gainmhich agus grinneal. | |
SAND PIT | SLOC-GAINMHICH | A pit from which sand is excavated. | Làrach far a bheilear a' dùsgadh gainmhich. | |
SANDSTONE QUARRY | CUARAIDH CLACH-GHAINMHICH | A place where sandstone is excavated. | Àite far a bheilear a' dùsgadh clach-ghainmhich. | |
SANITARY WARE WORKS | FACTARAIDH BATHAR SHEÒMARAN-IONNLAID | A complex or building where toilets, baths, wash basins and other items of ceramic sanitary ware are made. | Togalach no aitreabh thogalaichean far a bheilear a' dèanamh toidhleatan, amaran, basaidhean is bathar criadhadaireachd eile airson seòmraichean-ionnlaid. | |
SARCOPHAGUS | LEAC-CHISTE SHNAIGHTE | A stone coffin embellished with sculpture. | Ciste cloiche a chaidh a shnaidheadh air an taobh a-muigh. | |
SAUSAGE FACTORY | FACTARAIDH ISBEANAN | A factory where sausages are made. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh isbeanan. | |
SAUSAGE WORKS | FACTARAIDH ISBEANAN | |||
SAW MILL | MUILEANN-SÀBHAIDH | A factory in which logs are converted to timber by running them through a series of saws. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh fiodh de logaichean le bhith gan cur tro shreath de shàbhan. | |
SAW PIT | SLOC-SÀBHAIDH | A place where tree trunks were sawn into planks by hand. | Àite far an robhar a' sàbhadh stocan-craoibhe nan dèilean. | |
SAWMILL | MUILEANN-SÀBHAIDH | |||
SAWPIT | SLOC-SÀBHAIDH | |||
Scalloway Castle | Caisteal Scalloway | |||
Scheduled Monument | Carragh Clàraichte | |||
Scheduled Monuments | Carraighean Clàraichte | |||
Scheduled Monuments Consent | Cead Charraighean Clàraichte | |||
Scheduling | Clàradh | |||
SCHIST QUARRY | CUARAIDH SIOSTA | A site where schist is extracted. | Làrach far a bheilear a' dùsgadh siosta. | |
SCHOOL | SGOIL | An establishment in which people, usually children, are taught. | Ionad far am faigh daoine, mar is trice a' chlann, sgoil. | |
SCHOOLHOUSE | TAIGH-SGOILE | A dwelling attached to a school, usually occupied by a school teacher. | Àite-còmhnaidh a tha co-cheangailte ri sgoil, mar is trice bhiodh tidsear na sgoile a' fuireach ann. | |
SCHOOLROOM | SEÒMAR-SGOILE | A room in a school devoted to the formal instruction of pupils. | Seòmar ann an sgoil airson teagasg foirmeil nan sgoilearan. | |
SCIENTIFIC RESEARCH ESTABLISHMENT | IONAD-RANNSACHAIDH SAIDHEANSAIL | Buildings and structures where scientific research is carried out. May be attached to an educational establishment, or be a private or government sponsored facility. | Togalaichean is structaran far a bheilear ri rannsachadh saidheansail. Dh'fhaoidte gum bi iad co-cheangailte ionad-foghlaim no ionad prìobhaideach no fear aig an riaghaltas. | |
SCOOPED ENCLOSURE | BACLANN | |||
SCOOPED SETTLEMENT | BAILE BHAC | A settlement, usually enclosed, on a slope, containing a number of house platforms and a yard. | Tuineachadh, mar is trice ann an lann 's air leathad agus anns a bheil grunn ùrlaran taighe 's clobhsa. | |
Scotlands Listed Buildings | Togalaichean Clàraichte na h-Alba | |||
Scotlands Marine heritage | Dualchas Mara na h-Alba | |||
Scotstarvit Tower | Tùr Scotstarvit | |||
SCOTTISH EXECUTIVE | RIAGHALTAS NA H-ALBA | |||
Scottish Historic Environment Policy | Poileasaidh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba | |||
SCOURING WORKS | IONAD-NIGHE CLÒIMHE | A building or outdoor facility where wool is washed to remove grease. | Togalach no ionad a-muigh air a' bhlàr far a bheilear a' nighe clòimh gus a' chrèis a thoirt air falbh. | |
SCRAP YARD | GÀRRADH FUIGHEALL-MEATAILT | A place where scrap metal is collected. | Làrach far a bheilear a' cruinneachadh fuigheall meatailte. | |
SCRAPYARD | GÀRRADH SGUDAL-MEATAILT | A place where scrap metal is collected. | Làrach far a bheilear a' cruinneachadh fuigheall meatailte. | |
SCULPTED ROCK | CLACH SHNAIGHTE | |||
SCULPTURE | ÌOMHAIGH-SHNAIGHTE | A figurative or abstract design in the round or in relief, made by chiselling stone, carving wood, modelling clay, casting metal, or similar processes. | Dealbhadh figearail no eas-chruthach na rilif no air a cheithir timcheall 's a chaidh a chruthachadh le bhith a' snaidheadh clach no fiodh, a' cumadh criadh no a' mòlltachadh meatailt no dòigh mar sin. | |
SCULPTURE GARDEN | GÀRRADH ÌOMHAIGHEAN SNAIGHTE | A garden designed to display sculpture, publicly or privately. | Gàrradh a chaidh a dhealbhadh airson taisbeanadh cruth-ealain, gu prìobhaideach no gu poblach. | |
SCULPTURED STONE | CLACH SHNAIGHTE | |||
SEA BANK | DÌON-CLADAICH | |||
SEA DEFENCES | DÌON-CLADAICH | Non-military maritime flood and erosion defences. | Dìon an aghaidh tuiltean is bleitheadh mara nach ann leis an arm. | |
SEA LOCK | LOC BEUL-MARA | An entrance chamber from tidal water to a canal or river basin, with gates at each end and a means of raising or lowering the water level. | Amar air an t-slighe a-steach on t-sàl gu canal no abhainn, le geata aig gach ceann agus gleus air choireigin a lùghdaicheas no a dh'àrdaicheas ìre an uisge. | |
SEA MARK | COMHARRA-SEÒLAIDH | A conspicuous object, such as a cairn or beacon, used by mariners as a navigation aid. | Rud follaiseach mar chàrn no leus-mara a chleachdas maraichean mar thaic seòladaireachd. | |
SEA TERMINAL | TEIRMINEAL MARA | A port, dock or harbour where ferries, hovercraft, ocean liners and cargo vessels can load and unload. May include road and/or rail terminals for transportation to the port. | Port, doca no cala far a bheilear a' toirt luchdan far aiseagan, bhàtaichean-falbhain, loidhnearan agus bhàtaichean-carago agus far a bheilear a' cur luchdan orra. Dh'fhaoidte gun gabh seo a-steach tèirminealan rathaid agus/no rèile airson an giùlan gun phort. | |
SEA WALL | BALLA-MARA | |||
Seabegs | Seabegs | |||
SEAPLANE BASE | IONAD-PHLEÀNAICHEAN-MARA | A facility with buildings and structures used to house and maintain seaplanes. | Àite far a bheil togalaichean is structaran anns an cumar plèanaichean-mara agus far an dèanar obair-chàraidh orra. | |
SEARCHLIGHT BATTERY | BATARAIDH SHOLASAN-SIRIDH | A site in which one or more searchlights were positioned to locate enemy aircraft or surface vessels for the benefit of batteries and night fighter aircraft. | Làrach far an robh co-dhiù aon solas-siridh a bhiodh a' lorg plèanaichean no soithichean nàmhad ach am faiceadh bataraidhean is plèanaichean-cogaidh oidhche iad. | |
SEARCHLIGHT EMPLACEMENT | IONAD SOLAIS-SIRIDH | An enclosed searchlight position, normally built of brick and concrete, and often roofed. | Ionad solais-luirg am broinn structair, mar is trice de bhreigean is concrait agus gu tric le mullach air. | |
SEARCHLIGHT PLATFORM | ÙRLAR SOLAIS-SIRIDH | A concrete platform upon which a searchlight was positioned. | Ùrlar concrait far an deach solas-luirg a chur. | |
SEAT | SUIDHEACHAN | An external structure used to sit on. | Structar air an taobh a-muigh air an dèanar suidhe. | |
SEMAPHORE STATION | STÈISEAN SAIMEAFOR | A signal station incorporating equipment for visually conveying coded communications. | Stèisean siognailidh sa bheil acainnean airson conaltradh còdaichte a thoirt a-null air dòigh lèirsinneach. | |
SEMI DETACHED HOUSE | TAIGH LETH-DHEALAICHTE | A house joined to another to form one building. | Togalach sa bheil dà thaigh a tha ri balla a chèile.. | |
SEMINARY | SGOIL-DHIADHACHD | |||
SENTRY POST | IONAD-FAIRE | A building or site used for the accommodation of military or civilian personnel controlling access to and from military or government property. | Togalach no làrach far am faigh luchd-obrach an airm no luchd-obrach catharra (a tha a' cumail smachd air na thig a-steach no a thèid a-mach aig làraichean an airm no an riaghaltais) àite-fuirich. | |
SERVICE STATION | STÈISEAN-SHEIRBHEISEAN | Use for complexes where services (eg. restaurants, shops) are provided in addition to facilities for buying petrol. | Cleachd airson aitreabhan far a bheilear a' solar sheirbheisean (m.e. taighean-bìdh 's bùithtean) a bharrachd air àite far a bheil peatral ga reic. | |
SESSION HOUSE | TAIGH-SEISEIN | A building used as the meeting place of a religious body presiding over a local congregation. | Togalach a tha ga chleachdadh mar àite-coinneachaidh aig buidheann cràbhach a tha os cionn coithionail ionadail. | |
Seton Collegiate Kirk | Eaglais Cholaisteach Seton | |||
SETTLEMENT | TUINEACHADH | A group of dwellings and associated buildings and structures. | Grunn thaighean-còmhnaidh còmhla ris na togalaichean is structaran a tha co-cheangailte riutha. | |
SETTLING POND | LÒN SÌOLAIDH | A pond where suspended fine particles are allowed to sink to the bottom, forming a sediment. | Linn far a bheil cothrom aig mìrean beaga ann an uisge tuiteam gun ghrunnd 's a' dol nan grùid ann. | |
SETTLING TANK | TANCA SÌOLAIDH | A large tank where particles suspended in water, or other liquids, are allowed to sink to the bottom forming a sediment. | Tanca mòr far an leigear le mìrean ann an uisge no lionn eile suidhe aig a' bhonn 's iad a' dol nan grùid ann. | |
SEWAGE OUTFALL | BEUL DRÈANA ÒTRACHAIS | |||
SEWAGE WORKS | IONAD-ÒTRACHAIS | A facility where sewage and waste water is filtered and purified, | Ionad far a bheilear a' sìolachadh 's a' glanadh òtrachas is uisge sgudail. | |
SEWER | DRÈAN ÒTRACHAIS | A drain or conduit which carries away sewage and waste water. | Cladhan no seòl-phìob a bheir air falbh òtrachas agus uisge sgudail. | |
SEWING MACHINE FACTORY | FACTARAIDH INNEALAN-FUAIGHEIL | A factory where sewing machines are made. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh uidheaman-fuaigheil. | |
SHAFT | TOLL | A vertical passage which provides access or ventilation to an underground excavation or chamber. Use only if function is unknown, otherwise use specific term. | Slighe dhìreach suas no sìos a bheir inntrigeadh no adhar gu cladhach no seòmar fon talamh. Na cleachd seo ach mur eil fios cò air a shon a bha e 's cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SHALE BING | DÙN-SGUDAIL CLACH-OLA | A spoil heap located adjacent to a shale-oil mine and oil works, consisting of waste produced from the retorts in which mined shale was roasted to produce a range of oil products, such as paraffin and wax. | Torr cartaidh, faisg air mèinn ola cloiche-guail agus FACTARAIDH ola, sa bheil an sgudal a thig às na soithichean san robhar a' ròstadh na cloiche-ghuail gus diofar bathar ola a dhèanamh mar phaireafain is cèir. | |
SHALE OIL MINE | MÈINN CLACH-OLA | An excavation made in order to locate or extract oil-shale. Oil-shale was mined in Scotland, especially in West Lothian, from the mid-19th century to the early 1960s. | Àite far an robhar a' cladhach gus ola cloiche-guail a lorg no a tharraing às. Bhathar a' dùsgadh ola cloiche-guail ann an Alba, gu h-àraid ann an Lodainn an Iar, o mheadhan na 19mh linn gu toiseach ann 1960an. | |
SHALE OIL WORKS | FACTARAIDH CLACH-OLA | A site where oil is produced from shale. | Làrach far a bheilear a' tarraing ola à clach-ghuail. | |
SHALE PIT | MÈINN CLACH-OLA | |||
SHEARING MACHINE | INNEAL BEARRAIDH | A machine used for shearing and punching metal strips e.g. shipbuilding. | Inneal airson putadh is bearradh stiallan meatailt, m.e. ann an togail bhàtaichean. | |
SHEARING SHED | SEADA RÙSGAIDH | A building where sheep are shorn of their wool. | Togalach far an rùisgear na caoraich. | |
SHED | SEADA | A small building or lean-to of light construction, used for storage, temporary shelter etc. | Togalach no sgailpean beag aotrom a chleachdar mar stòras, fasgadh fad greis is msaa. | |
SHEELA NA GIG | SÌLE NAN CÌOCH | A carved stone female figure often found on castles and churches. | Cruth cloiche shnaidhte boireann a gheibhear gu tric air caistealan is eaglaisean. | |
SHEEP CREEP | CRÒ-CHAORACH | |||
SHEEP DIP | DIOPAIR | A place where sheep are washed to clean their wool and combat diseases and parasites. | Àite far an nighear na caoraich ach am bi a' chlòimh aca glan agus mar dhìon o thinneasan is parasaitean. | |
SHEEP DIPPING COMPLEX | FANG DIOPAIDH | |||
SHEEP FOLD | CRÒ-CHAORACH | |||
SHEEP HOUSE | TAIGH-CHAORACH | A building for sheltering sheep. | Togalach far am faigh caoraich fasgadh. | |
SHEEP PUND | PUNND CHAORACH | |||
SHEEP SHELTER | FASGADH CHAORACH | A structure or enclosure, usually in a remote or upland location, which provides shelter for sheep in severe weather conditions. | Dìon-àite no lann, mar is trice ann an àite iomallach no air bràigh, a bheir dìon do chaoraich ann an droch-aimsir. | |
SHEEP WASH | FANG DIOPAIDH | |||
SHEEPFOLD | CRÒ-CHAORACH | An enclosure for collecting, sorting and controlling sheep. | Crò far a bheilear a' cruinneachadh, a' seòrsachadh is a' cumail rian air caoraich. | |
SHEER LEGS | CASAN-TOGAIL | A structure comprising two upright spars, joined at the top to form a triangle, with a hoisting tackle suspended from the apex. Used to lift cargo or other weights. | Structar sa bheil dà rongas dìreach a tha ceangailte aig a' bharr, a' dèanamh triantan, le acainn togail a' crochadh on bharr. Thathar ga chleachdadh gus carago is cudroman eile a thogail. | |
SHEET METAL WORKS | FACTARAIDH SIOTAICHEAN MEATAILT | A site where products are fabricated from thin sheets of metal. | Làrach far a bheilear a' dèanamh bathar de shiotaichean meatailte tana. | |
SHELL MIDDEN | SITIG SHLIGEAN | A refuse heap of discarded shells. | Dùnan de shligean a chaidh a thilgeil air falbh. | |
SHELL MOUND | DÙN SHLIGEAN | |||
SHELTER | FASGADH | A structure or natural formation which serves as protection from the elements. | Structar no àite nàdarra far am faighear dìon o na sìontan. | |
SHELTERED HOUSING | TAIGHEADAS LE NEACH-CÙRAIM | Accommodation designed for the elderly, disabled, etc., as individual units. | Àitichean-còmhnaidh a chaidh a dhealbhadh do sheann-daoine, daoine air a bheil ciorram is msaa mar aonadan fa leth. | |
SHEPHERDS CAIRN | CÀRN CÌOBAIR | |||
SHERIFF COURTHOUSE | CÙIRT AN t-SIORRAIM | A court presided over by a sheriff. | Cùirt far a bheil siorram sa chathair. | |
SHIELING | ÀIRIGH | Upland pasture to which animals were driven on a seasonal basis. For structures associated with shielings use SHIELING HUT. | Ionaltradh bràighe a chaidh crodh iomain ann a-rèir na ràithe. Cleachd BOTHAN ÀIRIGH airson structaran a tha co-cheangailte ri àirigh. | |
SHIELING HUT | BOTHAN ÀIRIGH | A small dwelling of stone or turf, occupied on a seasonal basis by people tending animals on upland pastures. | Taigh-còmhnaidh cloiche no sgratha beag far am biodh daoine a' fuireach aig amannan sònraichte 's iad a' coimhead às dèidh bheathaichean ag ionaltradh air na bràigheachan. | |
SHIELING MOUND | TOM ÀIRIGH | A mound created by successive shieling huts. | Torr a nochd an cois iomadh bothan-àirigh a chaidh a thogail an dèidh a chèile san aon àite. | |
SHIP BREAKING YARD | GÀRRADH BRISEADH BHÀTAICHEAN | A shipyard where old or damaged vessels are broken up for parts and scrap. | Gàrradh-shoithichean far a bheilear a' toirt seann-soithichean no feadhainn a chaidh a dhochainn às a chèile airson co-phàirtean no fuigheall meatailt. | |
SHIP BURIAL | TÒRRADH LUINGE | A burial in which the body is placed in or covered by a ship or boat, or within a setting of stones in the shape of a ship. | Tìodhlacadh san deach an corp a chur ann an long no bàta, a chur fo long no bàta no am broinn clachan air cruth luinge. | |
SHIPPING CONTROL CENTRE | IONAD-STIÙIRIDH BHÀTAICHEAN | A specialised building constructed and/or used for the control of marine traffic within estuaries and harbour areas. Such building are typically of considerable height, and incorporate sophisticated radar, plotting and communications equipment. | Togalach sònraichte a chaidh a thogail agus/no a tha ga chleachdadh airson smachd a chumail air trafaig mara am broinn inbhirean is calaidhean. Mar is trice, 's e togalaichean gu math àrd a tha annta agus le acainnean rèideir, plotachaidh is conaltraidh adhartach ann. | |
SHIPYARD | GÀRRADH-IARAINN | A place where boats or ships are built or repaired. | Àite far a bheilear a' togail no a' càradh longan no bàtaichean. | |
SHOE FACTORY | FACTARAIDH BHRÒG | A factory where boots and shoes are manufactured. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh bòtannan agus brògan. | |
SHOEING FORGE | CEÀRDACH CRUIDHIDH | |||
SHOOTING BOTHY | TAIGH-EUNAICH | A small building used by huntsmen to store equipment and as temporary lodgings. | Togalach beag far an cùm sealgairean acainn agus a chleachdar mar thaigh-còmhnaidh sealach. | |
SHOOTING BUTT | PUNND LOSGAIDH | |||
SHOOTING LODGE | BOTHAN-SEILG | |||
SHOOTING STAND | STANNA LOSGAIDH | Position often screened by earth, stone or wood from which game is shot. | Àite a tha ga fhalach le ùire, clachan no fiodh on a thathar a' tilgeil urchraichean air beathaichean fiadhaich. | |
SHOP | BÙTH | A house or building where goods are made or prepared and displayed for sale and sold. Use more specific term where known. | Taigh no togalach far a bheilear a' dèanamh no ag ullachadh bathar, ga thaisbeanadh gus a reic agus ga reic. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SHOPPING ARCADE | ARCÀID BHÙTHAN | A covered shopping street, sometimes with galleries, usually dating from the 19th century. | Sràid seopadaireachd le mullach air, uaireannan le gailearaidhean, mar is tric on 19mh linn. | |
SHOPPING CENTRE | IONAD-BHÙTHAN | A shopping complex, usually indoors, comprised of a number of separate retail outlets surrounding an open space. Often on more than one level. | Aitreabh seopadaireachd, mar is trice am broinn togalaich, sa bheil diofar aonadan gnothachais mun cuairt air raon fosgailte. Gu math tric air barrachd air aon làr. | |
SHORT CIST | LEAC-CHISTE GHOIRID | A short rectangular or square cist. May contain a crouched inhumation burial or a cremation. | Ciste ghoirid ceart-cheàrnach no ceàrnagach. Dh'fhaoidte gum bi tìodhlacadh crùbanach na bhroinn no tìodhlacadh losgaidh. | |
SHOT TOWER | TÙR PHEILEARAN | A tower in which shot is made from molten lead poured through sieves at top and falling into water at bottom. | Tùr far a bheilear a' dèanamh peilearan le bhith a' cur luaithe leaghte tro shìolachan aig barr an tùir 's e a' tuiteam dhan uisge aig a' bhonn. | |
SHOVEL FORGE | CEÀRDACH SHLUASAIDEAN | A forge used to produce shovels and spades. | Fùirneis far a bheilear a' dèanamh sluasaidean is spaidean. | |
SHOWROOM | SEÒMAR-TAISBEANAIDH | A room used for the display of merchandise for sale. | Seòmar far a bheilear a' taisbeanadh bathar a tha ri reic. | |
SHRINE | SGRÌN | A place of worship associated with a sacred person or object. | Àite-adhraidh a tha co-cheangailte ri neach no rud naomh. | |
SHRINKING WORKS | FACTARAIDH TEANNACHADH STUTHAN- AODAICH | |||
SIGN | SOIGHNE | A board, wall painting or other structure displaying advice, giving information or directions | Bòrd, dealbh-balla no structar eile a thaisbeanas comhairle, fiosrachadh no stiùireadh. | |
SIGNAL BOX | BOGSA SIOGNALAIDH | A building on a railway system housing levers used to regulate trains on the tracks using signals and to change the points to enable a train to transfer from one track to another. | Togalach ann an siostam rèile sa bheil luamhain a stiùireas trèanaichean air an rathad-iarainn le siognailean agus airson atharrachadh nam puingean-rèile a leigeas le trèan gluasad o rathad gu rathad eile. | |
SIGNAL PLATFORM | ÙRLAR SIOGNALAIDH | A turf platform attached to a Roman military installation, and thought to be a beacon stance. | Ùrlar sgratha a tha ri ionad arm nan Ròmanach 's eòlaichean dhen bheachd gur e bunait leòis-rabhaidh a bha ann. | |
SIGNAL STATION | STÈISEAN SIOGNALAIDH | A turf and stone platform attached to a FRONTIER DEFENCE, and thought to be a beacon stance. | Ùrlar sgratha 's cloiche a tha ri DÌON CRÌCHE 's eòlaichean dhen bheachd gur e bunait leòis-rabhaidh a bha ann. | |
SIGNAL TOWER | TÙR SIOGNALAIDH | A tower which forms part of a semaphore communication system, often a three-storey building set on a hill in line-of-sight. Signal towers usually provided accommodation for two crewmen and their families. | Tùr a tha na phàirt de shiostam siognaileadh shaimeaforan, gu math tric na thogalach trì-ùrlarach air cnuic agus air loidhne-amhairc. Bhiodh àite-fuirich do sgioba dithis agus an cuid theaghlaichean ann an tùr siognailidh. | |
SIGNALLING STRUCTURE | STRUCTAR SIOGNALAIDH | Buildings and structures associated with signal communication. | Togalaichean is structaran air a bheil feum ann an conaltradh le siognailean. | |
SIGNPOST | SOIGHNE | A direction post. | Post stiùiridh. | |
SILAGE TOWER | TÙR SAIDHLEIDS | A structure for the production and storage of silage. | Structar far an dèanar 's far an cumar saidhleids. | |
SILK FACTORY | FACTARAIDH SÌODA | A factory used for the mechanized processing of silk. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh sìoda air dòighean meacanaigeach. | |
SILK MANUFACTURING SITE | LÀRACH DÈANAMH SÌODA | Buildings, sites and structures associated with the manufacture of silk. | Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri saothrachadh sìoda. | |
SILK THROWING FACTORY | FACTARAIDH SÌODA | |||
SILO | SILO | A building or structure for the storage of processed minerals, chemicals or agricultural products, etc. | Togalach no structar airson stòradh mhèinnearan, stuthan ceimigeach no bathar àiteachais giullaichte. | |
SILVER MINE | MÈINN CLACH-AIRGID | A site with equipment and structures for the extraction of silver ores. | Làrach far a bheil acainnean is structaran airson clach-airgid a dhùsgadh. | |
SITE | LÀRACH | Unclassifiable archaeological remains with minimal information. Specify site type wherever possible. | Iarsmaidhean àrc-eòlach nach gabh a chur ann an roinn agus air a bheil glè bheag a dh'fhiosrachadh. Sònraich seòrsa na làraich ma ghabhas sin a dhèanamh. | |
SKATING RINK | RINC SPÈILIDH | A piece of ice or a floor, often within a building, used for skating. | Pìos no ùrlar deighe, gu math tric am broinn togalaich, airson spèileadaireachd. | |
Skelmorlie Aisle | Trannsa Skelmorlie | |||
SKEWPUTT | CLACH BUN-SGIUBHA | A block of stone set at the top of a brick or stone wall to finish the eaves of a parapet or coping. | Sgonn cloiche a tha os cionn balla bhreigean no cloiche, a' cur ceann air sgibheal barr-bhalla no barrain. | |
SKIN WORKS | LÀRACH OBAIR BHIAN | |||
Skipness Castle | Caisteal Sgibnis | |||
SLAB BLOCK | BLOCA FHLATAICHEAN CUMHANG | Multi-storey block of flats of long, thin plan. | Bloca fhlataichean ioma-ùrlarach air plana fada tana. | |
SLAB LINED PIT | SLOC LEACTE | A square or rectangular pit lined with stone slabs, often sealed with clay. Usually found set into the floors of later prehistoric houses, and presumed to be used for storage and/or cooking. | Sloc ceàrnagach no ceart-cheàrnach a chaidh a lìnigeadh le leacan cloiche 's gu math tric air a dhùnadh le criadh. Mar is trice gheibhear iad seo ann an ùrlaran anmoch san ro-eachdraidh agus thathar dhen bheachd gur ann airson stòradh agus/no còcaireachd a bha iad. | |
SLAG HEAP | DÙN-SGUDAIL LEAGHADAIREAN | A spoil heap consisting mainly of slag, pieces of refuse material separated from a metal during the smelting process. | Torr cartaidh sa bheil, gu sònraichte, treamsgal agus pìosan de sgudal a dh'èirich an cois leaghadh meatailte à clach-mhèinnir. | |
SLAG HILL | DÙN SGUDAL MÈINNIDH | |||
SLATE QUARRY | CUARAIDH SGLÈAT | A site where slate is extracted from the ground. | Làrach far a bheilear a' dùsgadh sglèat às an talamh. | |
SLATERS WORKSHOP | BÙTH-OBRACH SGLÈATAIR | A workshop where slates are split and worked by hand, usually to produce roofing tiles. | Buth-obrach far a bheilear a' sgoltadh sglèatan 's ag obair orra de làimh, mar is trice airson sglèatan mullaich a dhèanamh. | |
SLAUGHTERHOUSE | TAIGH-SPADAIDH | |||
SLIPWAY | LAIMRIG FLEÒDRAIDH | An inclined platform down which a ship or other vessel may be lowered into the water. | Ùrlar claon airson long no soitheach eile a chur air bhog. | |
SLIT TRENCH | TRAINNSE CHUMHANG | A short trench used to protect troops or to provide defensive fire from, often dug for practice purposes. | Trainnse ghoirid a tha a' dìon feachdan no a thilgear urchraichean uaithe mar dhìon do chompanaich, air an cladhach mar eacarsaich gu tric. | |
SLITTING MILL | MUILEANN-GEARRAIDH MHEATAILTEAN | A mill with machinery used to cut slabs of metal into rods, or thin sections, for use in nail making or wire drawing. | Muileann aig a bheil innealan a ghearras pìosan mòra meatailte ann an slatan tana no sliseagan tana a thèid an cleachdadh airson tarragan no uèir a dhèanamh. | |
SLUICE | LIGEADH | An artificial passage for water, fitted with a valve or gate for stopping or regulating the flow. | Slighe fhuadain do dh'uisge le doras no geata leis an gabh sruthadh an uisge a stad no rian a chumail air. | |
SLUICE GATE | TUIL-DHORAS | The gate of a sluice which can be opened or shut to let out or retain the water. | An geata aig tuil-dhoras a ghabhas fhosgladh no dhùnadh gus uisge a leigeil às no a chumail a-staigh. | |
Smailholm Castle | Tùr Smailholm | |||
Smailholm Tower | Tùr Smailholm | |||
SMALL CAIRN | TOM CHLACH | |||
SMALL CAIRNS | TUIM CHLACH | |||
SMALLHOLDING | TAC BHEAG | A holding on a smaller scale than a farm. | Tac a tha nas lugha na tuathanas. | |
SMALLPOX HOSPITAL | OSPADAL A' GHALAIR BHRIC | |||
SMIDDY | CEÀRDACH | |||
SMITHY | CEÀRDACH | A workshop used by a blacksmith. Often part of a FACTORY or WORKS. | Ceàrdach a tha ga chleachdadh le gobha-dubh. Gu math tric na phàirt de FACTARAIDH no FACTARAIDH. | |
SMOKEHOUSE | TAIGH-RÈISTIDH | A building where fish and meat are cured by smoking. | Togalach far a bheilear a' ciùradh iasg is feòil le toit. | |
SNOOKER HALL | TALLA SNUCAIR | A building with facilities for playing snooker. | Togalach far an urrainnear snùcair a chluich. | |
SNOW FENCE | FEANSA SNEACHDA | A fence or other barrier designed to keep snow off a railway track or road. | Feansa no bacadh eile a chaidh a dhealbhadh gus sneachd a chumail air falbh o rathad no rathad-iarainn. | |
SNUFF MILL | MUILEANN-SNAOISEIN | A factory where tobacco is ground to form snuff. | Factaraidh far a bheilear a' bleith tombaca na snaoisean. | |
SOAP FACTORY | FACTARAIDH SIABAINN | A building or buildings where soap is manufactured. | Togalach no togalaichean far a bheilear a' dèanamh siabann. | |
SOAP WORKS | FACTARAIDH SIABAINN | |||
SOCIETY OF FRIENDS MEETING HOUSE | TAIGH-COINNEIMH COMANN NAN CARAIDEAN | |||
SOCKETED STONE | CLACH-SOCAID | A stone which has a socket for an unknown function. Use specific term where known. | Clach sa bheil socaid ach gun fhios cò air a shon a bha e. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SOLICITORS OFFICE | OIFIS NEACH-LAGHA | |||
SOUTERRAIN | TAIGH FO-THALAMH | A subterranean or partly subterranean chamber or passage. Often associated with an above ground structure. | Seòmar no trannsa a tha gu tur no gu ìre fon talamh. Gu tric co-cheangailte ri structar air uachdar na talmhainn. | |
SPA PAVILION | PÀILLEAN SPÀ | A light, ornamental building or structure built to incorporate or enclose a mineral spring. | Togalach no structar aotrom sgeadachail a chaidh a thogail mun cuairt air fuaran uisge-iarainn. | |
SPECIALIST HOSPITAL | OSPADAL LIGHICHEAN SPÈISEALTA | A hospital providing medical, surgical or psychiatric testing and treatment for patients with specific illnesses or injuries. | Ospadal a nì obair-lannsa no deuchainnean tinneis-inntinn no meadaigeach 's a bheir seachad leigheas do dh'euslaintich air a bheil tinneasan no leòntan sònraichte. | |
SPIGOT MORTAR MOUNTING | SEASTAN | A concrete pedestal, or 'thimble', which was used to mount a spigot mortar. Deployed by the Home Guard during WWII as an anti-invasion measure. | An sorch concrait air an deach moirtear-spiocaide a mhunntachadh. Chaidh seo a chleachdadh le Freiceadan na Dùthcha rè an Dàrna Chogaidh Mhòir mar ghleus an aghaidh ionnsaigh. | |
SPIGOT MORTAR RANGE | RAINNSE MORTAIR-SPIOCAID | A practice range used for spigot mortar firing. | Rainse eacarsaich airson losgadh mhoirtearan-spiocaide. | |
SPILLWAY | TUIL-CHLADHAN | A channel carrying overflow water past a dam. Early 19th century onwards. | Cladhan a bheir anabarr uisge seachad air dama. A-mach o thoiseach na 19mh linn. | |
SPINNING MILL | MUILEANN-SNÌOMHA | A factory in which raw fibres are spun into yarn or thread. Many separate processes are required to achieve this. | Factaraidh far a bheilear a' snìomh teudagan amha na shnàth. Tha iomadh ceum an lùib seo. | |
SPOIL HEAP | DÙN SGUDAIL | A mound of waste material derived from industrial activity. | Torr de sgudal a chaidh a chruthachadh le gnìomhachasan. | |
SPOIL TIP | DÙN SGUDAIL | |||
SPORTS BUILDING | TOGALACH SPÒRS | A building in which a sport is played. Use more specific type where known. | Togalach sa bheilear a' cluich spòrs. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SPORTS CENTRE | IONAD-SPÒRS | A specially built building where facilities exist for the playing of a variety of sports. | Togalach a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach agus sa bheil goireasan gus iomadh seòrsa de spòrs a chluich ann. | |
SPORTS FIELD | RAON SPÒRS | |||
SPORTS GROUND | RAON SPÒRS | An area of prepared ground on which a sport is played. Use more specific type where known. | Talamh a chaidh ullachadh airson 's gun gabh spòrs a chluich air. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SPORTS PAVILION | PÀILLEAN SPÒRS | A building, usually at a sports ground, with facilities for players and spectators. | Togalach, mar is trice air raon spòrs, aig a bheil goireasan airson nan cluicheadairean 's an luchd-èisteachd. | |
SPORTS SITE | LÀRACH SPÒRS | Buildings, sites and structures associated with sporting activities. | Togalaichean, làraichean agus structaran a tha co-cheangailte le spòrs. | |
SPRING | FUARAN | A point where water issues naturally from the rock or soil onto the ground or into a body of surface water. | An t-àite far an tig uisge à creag no às an talamh gu nàdarra 's e a' falbh dhan talamh no do dh'uisgeadan air uachdar na talmhainn. | |
SPRING WORKS | FACTARAIDH SPRIONGAN | A site where metal springs are manufactured. | Làrach far a bheilear a' dèanamh spriongan meatailt. | |
Spynie Palace | Lùchairt Spiathanaidh | |||
SQUARE BARROW | BARPA CEÀRNAGACH | A burial monument comprising a small square ditched enclosure surrounding a central interment, which may be covered by a mound. Often visible as a cropmark. | Cuimhneachan tìodhlacaidh sa bheil lann bheag cheàrnagach le dìg 's a tha mun cuairt air an àite-tìodhlacaidh sa mheadhan agus faodaidh gum bi torr os a chionn. Chithear seo mar chomharra-barra gu tric. | |
SQUARE CAIRN | BARPA CEÀRNAGACH | A square mound of stones, often bounded by a kerb, raised over a burial. | Torr ceàrnagach de chlachan, gu tric le oir mun cuairt air, a chaidh a thogail os cionn tìodhlacaidh. | |
SQUARE ENCLOSURE | PÀIRC CHEÀRNAGACH | A square shaped area of land enclosed by a boundary ditch, bank, wall, palisade or similar barrier. Small square enclosures (with sides of less than c.20m) have been interpreted as the remains of square barrows of Iron Age date. | Pìos talmhainn ceàrnagach mun a bheil dìg, uchdan, balla, sonnach no crìoch eile mar sin. Tha lannan beaga ceàrnagach ann (aig a bheil taobhan a tha nas lugha na 20m mu thuaiream) a thathar dhen bheachd gur iadsan iarsmaidhean bharpannan ceàrnagach a tha a' dol air ais gu Linn an Iarainn. | |
SQUASH COURT | CÙIRT SGUAIS | A place where the game of squash is played. | Àite far a bheilear a' cluich geamannan sguais. | |
St Andrew's Castle | Caisteal Chill Rìmhinn | |||
St Andrew's West Port | Geata an Ear Chill Rìmhinn | |||
St Blane's Church, Bute | Eaglais Bhlàthain, Bòid | |||
St Bridget's Kirk, Dalgety | Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh | |||
St Machar's Cathedral | Cathair-eaglais Mhachair | |||
St Martin's Kirk, Haddington | Eaglais Mhàrtainn, Haddington | |||
St Mary's Chapel, Crosskirk | Caibeal Mhoire, Crosskirk | |||
St Mary's Church, Grandtully | Eaglais Mhoire, Garantulaich | |||
St Mary's Church, Kirkhaugh | Eaglais Mhoire, Kirkhaugh | |||
St Mary's Kirk, Auchindoir | Eaglais Mhoire, Achadh an Tòrr | |||
St Ninian's Cave | Uamh Ninian | |||
St Ninian's Chapel | Caibeal Ninian | |||
St Orlands Stone | Clach Arlain | |||
St Peter's Church and Cross, Duffus | Eaglais is Crois Pheadair, Dubhais | |||
St Serf's Priory, Loch Leven | Priòrad Naomh Sheirbh, Loch Lìobhann | |||
St Serf's, Dunning | Cill Sheirbh, Dùnainn | |||
St Vigeans Stones | Clachan Chill Fhèichin | |||
St. Triduana's Chapel | Caibeal Trolla | |||
STABLE | STÀBALL | A building in which horses are accommodated. | Togalach far an cumar eich. | |
STABLE BLOCK | STÀBAILL | |||
STABLE RANGE | STÀBAILL | |||
STABLEYARD | GÀRRADH NAN STÀBALL | |||
STACK SITE | LÀRACH-TUINEACHAIDH STACA | A site with evidence of human use or occupation located on a sea stack. Use with specific term where known. | Làrach far a bheil fianais gun deach a chleachdadh le daoine no gun robh daoine a' fuireach air stac-mara. Cleachd le briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
STACK STAND | SEASTAN-MÒNA | A structure or platform upon which a stack is built. | Structar no ùrlar air an stèidhear mòine. | |
STACK YARD | IODHLANN | A farmyard or enclosure containing regularly built stacks of hay, corn, peas etc. | Clobhsa no lann sa bheil cruachan dòigheil feòir, arbhair, pheasraichean is msaa. | |
STADDLE STONE | CLACH STÀTHAIL | A mushroom-shaped stone used to raise the floor of a barn, granary etc. above ground level, to prevent vermin from gaining access to stored grain and fodder. Now often used as a garden ornament. | Clach a tha coltach ri balgan-buachair na chruth a thathar a' cleachdadh gus ùrlar sabhail, sìol-lainn is msaa a chumail an àirde os cionn uachdar na talmhainn airson 's nach fhaigh biastan greim air sìol is fodar a chaidh a stòradh. Thathar gan cleachdadh mar sgeadachadh gàrraidh gu math tric an-diugh. | |
STADIUM | STÈIDIAM | A large, usually unroofed building with tiers of seats for spectators, enclosing a field used for sports events. | Togalach a bhios mòr agus gun mhullach mar is trice, le sreathan de shuidheachain suas is sìos le raon sa mheadhan far an cluichear spòrsachan. | |
STAIRCASE | STAIDHRE | A flight of steps leading from one level to another. | Staidhre a tha a' dol on dàrna ìre gu ìre eile. | |
STAITH | DOCA-CIDHE | A waterside depot for coals brought from the collieries for shipment, furnished with staging and chutes for loading vessels. | Taigh-stòir ri taobh an uisge airson gual a thàinig o na h-ionadan guaillearachd airson a sheòladh gu àite eile, le làimhrigean is spùtain airson luchd a chur air soitheach. | |
STAKE ALIGNMENT | SREATH PHOST | One or more rows of stakes or stake holes set at regular or irregular intervals along a common axis. | Co-dhiù aon sreath de chipeanan no tuill chipeanan ann an eadaramhan cunbhalach no neo-chunbhalach agus a-rèir aiseil choitchinn. | |
STAKE HOLE | TOLL PUIST | A hole which has been created by driving or hammering an upright stake into the ground. | Toll a nochd ri linn cipein dìreach a chaidh a phutadh no a bhualadh san talamh. | |
STALLED CAIRN | BARPA SEÒMARACH | |||
STALLION HOUSE | STÀBALL-ÀIGICH | A building where a stallion is kept. | Togalach far a bheilear a' cumail àigeach. | |
STAMP OFFICE | OIFIS-STAMPA | |||
STAMPING MILL | MUILEANN STAMPAIDH | Building or structure housing a form of ore crushing device associated with tin mines. | Togalach no structar sa bheil inneal air choireigin a sginneas clach-mheatailte agus a tha co-cheangailte ri mèinnean tiona. | |
STAND | STANNA | |||
STANDING STONE | TURSA | A stone that has been deliberately set upright in the ground. Use only for isolated stones. Otherwise use specific term where known. | Clach a chaidh a sheasamh san talamh a dh'aona-ghnothach. Na cleachd ach airson clachan leotha fhèin. Air neo cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
STARCH FACTORY | FACTARAIDH STAILC | A factory where starch is extracted and processed. | Factaraidh far a bheilear a' tarraing starrsa à rudan 's ga ghiullachd an uairsin. | |
STARCH MILL | MUILEANN-STAILC | A mill used for the extraction and processing of starch. | Muileann far a bheilear a' tarraing starrsa à rudan 's ga ghiullachd. | |
STATION MASTERS HOUSE | TAIGH MAIGHSTIR-STÈISEIN | The residence of a station master. | Taigh-còmhnaidh aig maighstir-stèisean. | |
STATIONERY WORKS | FACTARAIDH PÀIPEARACHD | A factory where items of stationery are produced. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh pàipearachd. | |
STATUE | ÌOMHAIGH-EALAIN | A representation in the round of a living being, allegorical personage, eminent person or animal, etc., sculptured, moulded or cast in marble, metal, plaster, etc. | Riochd, air a cheithir thimcheall, de chreutair beò, pearsa samhlachail, duine no beathach ainmeil is msaa, air a shnaidheadh no a mhòlltachadh ann am marmor, meatailt, plàst is msaa. | |
STEAM ENGINE | EINNSEAN-SMÙIDE | An engine in which the mechanical force of steam is made available as a motive power for driving machinery. | Einnsean a tha ag obrachadh innealan is e a' solar cumhachd gluasaid dhaibh, stèidhichte air a' chumhachd mheacanaigeach a tha ann an smùid. | |
STEAM ENGINE HOUSE | TAIGH EINNSEAN-SMÙIDE | A building housing a steam engine. | Togalach sa bheil einnsean-smùide. | |
STEAM MILL | MUILEANN-SMÙIDE | A steam-powered factory. | Factaraidh a tha ag obair air cumhachd-smùide. | |
STEAM POWER PRODUCTION SITE | IONAD CRUTHACHADH CUMHACHD-SMÙIDE | Buildings, sites and structures associated with the production and use of steam power. | Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri gintinn is cleachdadh cumhachd smùide. | |
STEAM ROLLER | ROILEAR-SMÙIDE | A road roller powered by steam and used to level surfaces. | Còmhnardaiche rathaid a' thathar a' cleachdadh gus uachdar na talmhainn a dhèanamh rèidh 's e ag obair air cumhachd-smùide. | |
STEATITE QUARRY | CUARAIDH CLACH-SIABAINN | A site where steatite is extracted from the ground. | Làrach far a bheilear a' dùsgadh clach-shiabainn às an talamh. | |
STEATITE WORKINGS | FACTARAIDH STEATAIT | A site where vessels and other objects are made from steatite. | Làrach far a bheilear dèanamh soithichean is rudan eile de chlach-shiabainn. | |
STEEL FOUNDRY | TAIGH-FÙIRNEIS STÀILINN | |||
STEEL SUPPLY YARD | STÒR STÀILINN | A facility where steel is kept prior to its use for construction purposes. | Ionad far a bheilear a' cumail stàillinn mus tèid a chleachdadh ann an obair-thogail. | |
STEEL WORKS | FACTARAIDH STÀILINN | A site containing plant and machinery for the manufacture of steel. | Làrach far a bheil factaraidh is innealan gus stàilinn a dhèanamh. | |
STEEPLE | STÌOPALL | A tall, ornamental tower, which usually forms part of a church, temple or other building. | Tùr àrd sgeadachail, mar is trice mar phàirt de dh'eaglais, teampall no togalach eile. | |
STELL | CRÒ-CHAORACH | Non-preferred term. Use SHEEPFOLD. | Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CRÒ-CHAORACH | |
STELL (1) | FASGAN CHAORACH | |||
STELL ENCLOSURE | CRÒ-CHAORACH | Non-preferred term. Use SHEEPFOLD. | Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CRÒ-CHAORACH | |
STELL ENCLOSURE (1) | PÀIRC FASGAN CHAORACH | |||
STEPPING STONES | SRÒM | A line of stones placed in the bed of a river or stream, or on wet ground, to enable pedestrians to cross. | Sreath de chlachan a chaidh a chur ann an abhainn no allt no air talamh fhliuch ach am faigh luchd-coiseachd thairis orra. | |
STEPS | STAIDHRE | A series of flat-topped structures, usually made of stone or wood, used to facilitate a person's movement from one level to another. | Sreath de structaran air a bheil ceann rèidh, mar is trice de chlach no fiodh, air am falbh duine o làr gu làr. | |
STILE | STEAPAICHEAN | A set of steps or a framework of bars and steps for crossing over a fence or wall. | Grunn staidhrichean no beart de bhàraichean is staidhrichean air an ruigear taobh thall feansa no balla. | |
STILL | POIT-DHUBH | An apparatus for distilling alcohol, often illegally. | Acainn airson stailigeadh dighe-làidir, gu math tric gu mì-laghail. | |
STILL HOUSE | TAIGH-STAILE | A building housing equipment for the process of distillation. | Togalach sa bheil acainnean airson grùdadh. | |
Stirling Castle | Caisteal Shruighlea | |||
STOCK ENCLOSURE | BUAILE CRUIDH | An enclosure used to hold livestock. | Crò far an cumar crodh. | |
STOCK HOUSE | SEADA BHEATHAICHEAN | |||
STOCK SHED | SEADA BHEATHAICHEAN | |||
STOCKS | CEAP | An instrument of punishment in which the offender was placed in a sitting position in a timber frame, with holes to confine the ankles and wrists between two planks. | Uidheam peanasachaidh, le eucoireach na s(h)uidhe ann am frèam fiodha san robh tuill a bha a' glacadh an dà adhbrann 's dà chaol an dùirn aige no aice. | |
STONE | CLACH | Use only where stone is natural or where there is no indication of function. | Na cleachd ach mas e clach nàdarra a tha ann no mur eil for no fios dè feum a bha innte. | |
STONE ALIGNMENT | SREATH CHLACHAN | |||
STONE BREAKING SITE | LÀRACH BRISEADH CHLACHAN | A stone, boulder or rock outcrop that has produced evidence of breaking, either for clearance or quarrying,indicated by drill holes, jumper holes or wedges. | Clach, creag no loman far a bheil fianais brisidh airson dùsgadh cloiche no airson a thoirt air falbh 's aithnichear e air tuill drilidh, tuill-sgàinidh no gèinnean. | |
STONE CIRCLE | CEARCALL THURSACHAN | A circular or oval setting of spaced, usually freestanding, upright stones. More than one circle may be present, arranged concentrically. | Pàtran cruinn no ugh-chruthach de chlachan dìreach, mar is trice nan seasamh leotha fhèin. Dh'fhaoidte gum bi barrachd air aon chearcall ann air pàtran co-mheadhanach. | |
STONE CRUSHER | PRONNADAIR CLOICHE | |||
STONE DEPOSIT | RAON CLACH-CIÙIRDE | A natural deposit of stone recorded for its suitability for tool manufacture. | Tional nàdarra de chlachan a chaidh a chlàradh a chionn 's gu bheil e freagarrach airson saothrachadh innealan. | |
STONE EXTRACTION SITE | IONAD CLADHACH CHLACH | Buildings, sites and structures associated with the extraction of stone. Includes preparation processes. | Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri dùsgadh cloiche. Tha seo a' gabhail a-steach a h-ullachadh. | |
STONE HEAP | TOM CHLACHAN-ACHAIDH | A pile of stones of doubtful antiquity, sometimes dumped in preparation for building or drainage, but more often of unknown purpose or origin. For piles of stone cleared for agricultural purposes use CLEARANCE CAIRN. | Torr chlachan nach eil àrsaidh gu cinnteach; uaireannan chaidh fhàgail ann ach am bi iad ullamh airson obair togalaich no drèanaidh ach nas trice, chan eil cinnt cò às a thàinig iad agus dè feum a bha annta. Airson torran de chlachan a chaidh a ghlanadh air falbh air sgàth àiteachais, cleachd CÀRN CARTAIDH. | |
STONE IMPLEMENT FACTORY | FACTARAIDH INNEALAN- CLOICHE | |||
STONE QUARRY | CUARAIDH CHLACH | An excavation from which stone for building is obtained by cutting, blasting etc. | Cladhach far a bheilear a' dùsgadh clachan airson obair-thogail le bhith ga gearradh no ga spreadhadh is msaa. | |
STONE ROW | SREATH THURSACHAN | A single line, or two or more roughly parallel lines, of standing stones set at intervals along a common axis or series of axes. | Aon sreath no co-dhiù dà shreath co-shìnte de thursachan an dèidh a chèile a-rèir an aon aiseil no sreath de dh'aisealan. | |
STONE SETTING | LÀRACH THURSACHAN | An arrangement of two or more standing stones. Use specific term where known. | Pàtran aig a bheil co-dhiù dà thursa. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
STONE WORKING SITE | LÀRACH OBAIR CLOICHE | A site where rough stone is processed, shaped worked or formed into finished products. | Làrach far a bheilear a' giullachd, a' dealbhadh, ag obrachadh no a' cruthachadh na cloiche gharbh na bhathar ullamh. | |
STONECUTTERS YARD | GÀRRADH GEARRADH-CHLACH | |||
STONEMASONS WORKS | IONAD-OBRACH CHLACHAIREAN | |||
STONEMASONS YARD | GÀRRADH CHLACHAIREAN | A complex, comprising a workshop and a storage yard, used by a stonemason. | Aitreabh far a bheil ceàrdach is stòr-lann a tha clachair a' cleachdadh. | |
STOP LOCK | CEANN-LOC | A lock at the end of one company's canal where it joins another company's canal. | Loc aig ceann canail a tha aig an dàrna chompanaidh far a bheil e a' coinneachadh ris a' chanal aig a' chompanaidh eile. | |
STORAGE CLAMP | DAIS | |||
STORAGE PIT | SLOC STÒRAIDH | A pit in which meat, grain and other foodstuffs are stored. | Sloc san deach feòil, sìol no biadh eile a stòradh. | |
STORAGE TANK | TANCA-STÒRAIDH | Container for the storage of unspecified materials. | Soitheach sa bheilear a' stòradh rudan 's gun fhios dè tha annta. | |
STORE | STÒR | |||
STOREHOUSE | STÒR | A building in which goods or items are stored. Use specific term where known. | Togalach far a bheilear a' stòradh bathar. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
STRAINING WELL | TOBAR SÌOLAIDH | A sunken structure with inlet pipes and copper screens into which water from from a reservoir for filtration. | Structar fon uisge aig a bheil pìoban a-steach agus sgrìnichean copair tron a thèid uisge on uisgeadan a chur gus a shìolachadh. | |
STREAM | ALLT | A natural flow or current of water issuing from a source. | Sruth uisge nàdarra a sginneas à màthair-uisge. | |
STREET | SRÀID | A thoroughfare in a city, town or village flanked by buildings on one or both sides. | Tro-rathad ann an cathair, baile no clachan le togalaichean air a dhà thaobh. | |
STREET FURNITURE | ÀIRNEIS SRÀIDE | Structures erected on or near a public highway. | Structaran a chaidh a thogail air rathad-mòr poblach no faisg air. | |
STRIP FIELD | ACHADH STIALLACH | |||
STRUCTURE | STRUCTAR | A construction of indeterminate function, either extant or implied by archaeological evidence. Use specific term where known. | Rud a chaidh a thogail ach aig nach eil feum soilleir, co-dhiù an-diugh no a-rèir fianais àrc-eòlaich. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
STUDENTS UNION | AONADH NAN OILEANACH | A building used, as a meeting place and administration block, by an organization run for the benefit of students at a school, college or university. | Togalach a tha ga chleachdadh mar àite-coinneachaidh is ionad rianachd le buidheann a nì obair airson math nan oileanach aig sgoil, colaiste no oilthigh. | |
STUDIO | STIÙIDIO | A workroom of an artist, usually a sculptor or painter. | Seòmar-obrach aig neach-ealain, mar is trice cruth-ealantair no peantair. | |
SUBMARINE MINING STATION | STÈISEAN MÈINNEARACHD-MARA | A site with buildings and structures associated with the laying of sea mines. | Làrach far a bheil togalaichean is structaran co-cheangailte ri sìoladh mèinnean-mara. | |
SUBSIDENCE PIT | SLOC FO-THUITEAM | A pit or hollow representing ground subsidence caused by mine workings. | Sloc no lagan a dh'èirich ri linn tuiteam na talmhainn an cois obair mèinnearachd. | |
SUBTERRANEAN STRUCTURE | STRUCTAR FO THALAMH | An artificial feature located beneath ground level. Use specific term where known. | Feart fuadain a tha fo uachdar na talmhainn. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air. | |
SUBWAY | CEUM FO-SHLIGHE | An underground tunnel which enables pedestrians to pass below a road, railway, etc., to reach a destination. | Tunail fon talamh air an ruig luchd-coiseachd an taobh thall 's iad a' dol fon rathad, rathad-iarainn is msaa. | |
SUBWAY POWER STATION | STÈISEAN-CUMHACHD THRÈANAICHEAN FO THALAMH | A power station which provides power for an underground railway. | Stèisean-cumhachd a tha a' gintinn cumhachd airson rèile fon talamh. | |
SUBWAY WORKSHOPS | FACTARAIDH THRÈANAICHEAN FO THALAMH | A workshop where subway trains are maintained and repaired. | Factaraidh far a bheilear ri càradh is obair-ghlèidhidh thrèanaichean fon talamh. | |
SUGAR HOUSE | FACTARAIDH SÙCAIR | A sugar factory. | Factaraidh siùcair. | |
SUGAR REFINERY | LÀRACH FÌNEADAIR SIÙCAIR | A site where sugar cane and/or sugar beet is processed before being washed and dried to form sugar products including granulated, caster and icing sugars, syrups and treacles. | Làrach far a bheilear ag ullachadh cuilc an t-siùcair agus/no biatas-siùcair mus tèid a nighe agus a thiormachadh gus bathar siùcair a dhèanamh dheth, mar siùcar gràinneach, siùcar castoir agus siùcar còmhdachaidh, siorap agus trèicil. | |
SUGAR WAREHOUSE | TAIGH-BATHAIR SIÙCAIR | A building where sugar is stored. | Togalach far an cumar siùcar. | |
SULPHUR STORE | STÒR SULFAIR | A building used for storing Sulphur, a chemical element used in the manufacture of matches, gunpowder and sulphuric acid. It is also used in bleaching, for vulcanizing rubber and as a disinfectant. | Togalach far a bheilear a' stòradh pronnasg, eileamaid cheimigeach air a bheil feum airson maidsichean, fùdar-gunna agus searbhag phronnasgach a dhèanamh. Thathar ga chleachdadh ann an gealachadh cuideachd, airson rubair a vulcanadh agus mar dhì-ghalarach. | |
SULPHURIC ACID PLANT | FACTARAIDH SEARBHAG SHULFURACH | A factory where sulphuric acid is produced. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh searbhag phronnasgach. | |
SUMMERHOUSE | TAIGH-SAMHRAIDH | A building in a garden or park designed to provide a shady retreat from the heat of the sun. | Togalach ann an gàrradh no pàirc a chaidh a dhealbhadh gus daoine a sgàileadh o theas na grèine. | |
SUNDAY SCHOOL | SGOIL-SHÀBAID | A school in which instruction is given on a Sunday, especially such a school for children connected with a parish or congregation. | Sgoil far a bheilear a' teagasg DiDòmhnaich, gu h-àraidh sgoil do chlann a tha a' fuireach ann an sgìre-eaglaise no nam buill dhen choithional. | |
SUNDIAL | UAIREADAIR-GRÈINE | A structure used to show the time of day by means of the sun shining on a 'gnomon', the shadow of which falls on the surface of the dial which is marked with a diagram showing the hours. Can be freestanding, usually on a pillar, or fixed to a building. | Structar a sheallas àm an latha, 's a' ghrian a' tilgeil sgàil a-rèir faileasaiche air uachdar an daitheal air a bheil pàtran a tha a' sealltainn uairean an latha. Faodaidh seo seasamh leis fhèin, mar is trice air carragh, no a bhith ri togalach. | |
SUNKEN FLOORED BUILDING | TOGALACH LE ÙRLAR ÌSLICHTE | A building defined by a sunken hollow, usually identified as a solid square or rectangular cropmark. | Togalach aig an robh ùrlar nas ìsle na an talamh 's a dh'aithnichear air comharra-barra a tha ceàrnagach/ceart-cheàrnach is soladach. | |
Sunnybrae Cottage, Pitlochry | Sunnybrae Cottage, Baile Chloichridh | |||
SUPERMARKET | MÒR-MHARGAID | A large self-service store selling foods and some household goods. | Bùth mòr far a tha a' reic biadh is cuid a bhathar taigheadais agus far am bi daoine gam frithealadh fhèin. | |
SURGE TOWER | TÙR-SÙMAID | A hollow tower located at lower end of the descending pipelines of a hydroelectric power station that regulates air and water pressure. | Tùr caoch a chumas rian air brùthadh adhair 's uisge a tha aig ceann ìosal nam pìob-loidhnichean teàrnaidh aig stèisean-cumhachd uisge. | |
SURGERY | IONAD-DOTAIR | A room or office at a general practitioners' or veterinary practice, where patients or animals are seen and medicine dispensed. | Seòmar no oifis aig dotair teaghlaich no lighiche-sprèidh far a bheilear a' coimhead air euslaintich no beathaichean 's a' toirt leigheas dhaibh. | |
SURVEYORS OFFICE | OIFIS NEACH-TOMHAIS | A business providing a range of land and building surveys. | Gnothachas a sholaireas diofar shuirbhidhean talmhainn is thogalaichean. | |
SUSPENSION BRIDGE | DROCHAID-CHROCHTE | A bridge whose deck is hung from above by large cables, chains or pinned iron or steel bars suspended from towers. | Drochaid a tha an deic aice crochte ri càballan, slabhraidhean no bàraichean iarainn no stàilinn phrìnichte a tha iad fhèin a' crochadh ri tùir. | |
SUSPENSION FOOTBRIDGE | DROCHAID-CHOISE CHROCHTE | A footbridge whose deck is hung from above by large cables, chains or pinned iron or steel bars hanging from towers. | Drochaid-choise a tha an deic aice crochte ri càballan, slabhraidhean no bàraichean iarainn no stàilinn phrìnichte a tha iad fhèin a' crochadh ri tùir. | |
Sweetheart Abbey | Abaid a' Chridhe | |||
Sweetheart Abbey Precinct Walls | Balla-àrainn Abaid a' Chridhe | |||
SWIMMING BATHS | AMAR-SNÀMH | |||
SWIMMING POOL | AMAR-SNÀMH | A large artificial pool, usually lined with tiles, rubber or similar. Can be placed in the open air, or built as part of a covered swimming baths or sports centre. For a building with a swimming pool and associated buildings, double index with BATHS. | Linn mhòr fhuadain, mar is trice air a lìnigeadh le leacagan, rubair no rud mar sin. Gheibhear seo air an taobh a-muigh no ann an togalach le mullach mar phàirt de thaigh-snàmh no ionad-spòrs. Mas e togalach sa bheil amar-snàmh agus togalaichean co-cheangailte ann, cuir TAIGH AMAIR-SHNÀIMH ris a' chlàr-amais cuideachd. | |
SWING BRIDGE | DROCHAID-THIONNDAIN | A movable bridge that swings or rotates around a central pier to provide a passageway for navigation. | Drochaid ghluasadach a thionndaidheas no a chuairticheas mu cheidhe mheadhanach airson 's gum faigh luingeas seachad air. | |
SYMPHONY HALL | TALLA-SIOMFANAIDH | |||
SYNAGOGUE | SIONAGOG | A building for worship and religious instruction in the Jewish faith. | Togalach airson adhradh is teagasg a' chreideimh Iùdhaich. | |
SYNCHROLIFT | CREATHALL-THOGAIL | A structure used in a dry dock to raise vessels by means of a cradle. | Structar a chleachdar ann an doca-tioram gus soithichean a thogail le creathall. |