Live /

Over 28 of our staffed sites have now reopened and we are delighted to welcome you back. Booking in advance is recommended to guarantee entry. Find out more and book now

x

Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

Facal Gàidhlig English Term English Note Nota Gàidhlig Audio
CABHLACH ADMIRALTY
CABHSAIR CAUSEWAY A road or pathway raised above surrounding low, wet or uneven ground. Rathad no slighe a chaidh a thogail os cionn talmhainn ìseal, fhliuch no gharbh.
CABHSAIR  RÈILE RAILWAY PLATFORM A raised floor along the side of a line at a railway station, for convenience in entering and alighting from a train. Ùrlar togte ri taobh rathaid-iarainn aig stèisean-rèile airson 's gun urrainn dhan luchd-siubhail tighinn far nan trèanaichean no a dhol orra gun duilgheadas.
CABHSAIR AIRM MILITARY CAUSEWAY A road or pathway raised above surrounding low, wet or uneven ground, and constructed and used for a primarily military purpose. Rathad no ceum os cionn talmhainn ìseal, fliuch no garbh mun cuairt air a chaidh a thogail gu sònraichte airson adhbharan armailteach.
CACHAILEITH GATEWAY A substantial structure supporting or surrounding a gate. May be ornate or monumental, and have associated structures such as lodges, tollbooths, guard houses etc. Structar mòr a tha a' cumail taic ri geata no a tha mun cuairt air geata. Faodaidh seo a bhith na rud sgeadachail no na chuimhneachan agus dh'fhaoidte gu bheil structaran eile co-cheangailte ris mar loidsichean, tuill-bhùtha, taighean-freiceadain is msaa.
CADHA   DEER TRAP A funnel shaped structure into which deer are driven in order to trap them. Structar a tha coltach ri fuineall a ruaigear fèidh ga ionnsaigh gus an glacadh.
CAFAIDH CAFE An eating and drinking establishment usually serving snacks and non-alcoholic drinks. Àite far an gabhar biadh is deoch, mar is trice biadh beag agus deochan nach eil nan deochan-làidir.
CAIBEAL CHAPEL A freestanding building, or a room or recess serving as a place of Christian worship in a church or other building. Togalach a sheasas leis fhèin no seòmar no cùlaist a tha na àite-adhraidh Crìostail ann an eaglais no togalach eile.
Caibeal & Clachan an Eilein Mhòir Eilean Mor Chapel and Stones
Caibeal & Crois Chill MoCharmaig Keills Chapel and Cross
Caibeal Chille Mhoire Kilmory Chapel
Caibeal Fhinnein Chapel Finian
Caibeal Inbhir Pheafraidh Innerpeffray Chapel
Caibeal Mhoire, Crosskirk St Mary's Chapel, Crosskirk
Caibeal nam Manach Dubh, Cill Rìbhinn Blackfriar's Chapel, St Andrews
Caibeal Ninian St Ninian's Chapel
CAIBEAL PRÌOBHAIDEACH PRIVATE CHAPEL A small private chapel in a church or house, either attached or in a separate building. Seipeal beag prìobhaideach ann an eaglais no taigh, ceangailte ris no na thogalach fa leth.
CAIBEAL TAIGH-GHEATA GATEHOUSE CHAPEL
Caibeal Thulaich Bhàrdainn Tullibardine Chapel
Caibeal Trolla St. Triduana's Chapel
CAILCEAR CALCINER A kiln for roasting minerals. Àth sa bheilear a' ròstadh clachan-mèinnir.
Cairn of Get Cairn of Get
CAISEAL CASHEL A circular enclosure bounded by a thick dry stone wall. Use for ecclesiastical sites. Lann chearcallach mun a bheil gàrradh-cloiche tiugh. Cleachd seo air làraichean na h-eaglaise.
CAISEAL CRUIVE
CAISTEAL CASTLE A medieval fortified building or range of buildings, serving as a royal, or baronial, residence, or administrative centre. Togalach dìonach no sreath thogalaichean nam meadhan-aoisean a bhiodh nan àitichean-fuirich aig rìgh no baran no nan aonad rianachd.
CAISTEAL  BHALLACHAN ÙIR EARTHWORK CASTLE
Caisteal a  Chaimbeulaich Castle Campbell
Caisteal Achadh an Dùin Auchindoun Castle
CAISTEAL ACHADH NAN LEAC AFFLECK CASTLE
Caisteal Ailchich Elcho Castle
Caisteal an Dùin Doune Castle
Caisteal Bamburgh Bamburgh Castle
Caisteal Bhaile a' Bhàird Balvaird Castle
Caisteal Bhaile Bhòid Rothesay Castle
Caisteal Bhaile Mhaine Balvenie Castle
Caisteal Blackness Blackness Castle
Caisteal Bothwell Bothwell Castle
Caisteal Broughty Broughty Castle
Caisteal Burleigh Burleigh Castle
Caisteal Cadzow Cadzow Castle
Caisteal Cardoness Cardoness Castle
Caisteal Carlisle Carlisle Castle
Caisteal Carsluith Carsluith Castle
Caisteal Chair Labharaig Caerlaverock Castle
Caisteal Chairidh Castlecary
Caisteal Chaol a Chùirn Kilchurn Castle
Caisteal Chàrn-Asaraidh Carnasserie Castle
Caisteal Cheann Àrd Kinnaird Head Castle
Caisteal Cheann Droma Kildrummy Castle
Caisteal Chill Rìmhinn St Andrews Castle
Caisteal Chill Rìmhinn St Andrew's Castle
Caisteal Chiosamuil Kisimul Castle
Caisteal Chorr Gairbh Corgarff Castle
Caisteal Chreag an Fhithich Ravenscraig Castle
Caisteal Claypotts Claypotts Castle
Caisteal Cnoc Knock Castle
Caisteal Craigmillar Craigmillar Castle
Caisteal Craignethen Craignethan Castle
Caisteal Crichton Crichton Castle
Caisteal Crookston Crookston Castle
Caisteal Cubby Row Cubbie Rows Castle
Caisteal Dhubhais Duffus Castle
Caisteal Dhùn Bàrr Dunbar Castle
Caisteal Dhùn Breatann Dumbarton Castle
Caisteal Dhùn Dòmhnaill Dundonald Castle
Caisteal Dhùn Èideann Edinburgh Castle
Caisteal Dhùn Staidhinis Dunstaffnage Castle
Caisteal Dirleton Dirleton Castle
Caisteal Eigil Edzell Castle
Caisteal Eilean Donnain Eilean Donan Castle
Caisteal Ghleann Buichead Glenbuchat
Caisteal Hailes Hailes Castle
Caisteal Hunndaidh Huntly Castle
Caisteal Inbhir Lòchaidh Inverlochy Castle
CAISTEAL LE DÙN IS GÀRRADH MOTTE AND BAILEY CASTLE
Caisteal Loch Dùin Loch Doon Castle
Caisteal Loch Lìobhann Lochleven Castle
Caisteal Loch Mhabain Lochmaben Castle
Caisteal MhicIllFhinnein  MacLellan's Castle
Caisteal Morton Morton Castle
Caisteal Muness Muness Castle
Caisteal na Dithreibh Hermitage Castle
Caisteal Newark Newark Castle
Caisteal Noltland Noltland Castle
CAISTEAL OBAR DOBHAIR ABERDOUR CASTLE
Caisteal Orchardton Orchardton Castle
Caisteal Ros Fhìobh Rosyth Castle
Caisteal Ros Fhìobh, Tucaid Rosyth Castle, Dovecot
Caisteal Rudha Ailean Rowallan Castle
Caisteal Scalloway Scalloway Castle
Caisteal Seanbhaile Inbhir Ùige Castle of Old Wick
Caisteal Sgibnis Skipness Castle
Caisteal Shruighlea Stirling Castle
Caisteal Suibhne Castle Sween
Caisteal Tantallon Tantallon Castle
Caisteal Threibh Threave Castle
Caisteal Tolquhon Tolquhon Castle
Caisteal Urchadain Urquhart Castle
CALA HARBOUR A sheltered port for ships. Acarsaid fhasgach do longan.
CALA FLEÒDRAIDH FLOATING HARBOUR A harbour constructed from floating pontoons or caissons connected end to end. Cala a chaidh a thogail de dh'aonadan no caissons air fleòdradh 's a chaidh an ceangal ri chèile.
CALA MULBERRY MULBERRY HARBOUR
CALLAID HEDGE Usually a row of bushes or small trees planted closely together to form a boundary between pieces of land or at the sides of a road. Mar is trice bidh seo na shreath de phreasan no craobhan beaga a chaidh an cur dlùth air a chèile airson 's gum bi iad nan crìoch eadar pìosan de thalamh no aig taobh rathaid.
CAMERA OBSCURA CAMERA OBSCURA A building or room in which images of outside objects are projected on to a screen from a long-focus lens using natural light. Togalach no seòmar sa bheilear a' tilgeil dealbhan dhen taobh a-muigh air sgrìn slighe lionsa le fòcas fada agus solas nàdarra.
CAMPA ENCAMPMENT A temporary military camp. If Roman use TEMPORARY CAMP. Campa sealach an airm. Mas e fear leis na Ròmanaich a tha ann, cleachd CAMPA SEALACH.
CAMPA AIRM MILITARY CAMP A site where a body of troops is temporarily or permanently lodged, with or without entrenchments and fortifications. Làrach far a bheil àite-còmhnaidh aig feachd, gu buan no rè seal, le no as aonais dìgean is daingneachadh.
Campa Àrdaich Ardoch Camp
CAMPA COLBY COLBY CAMP A temporary camp, often at altitude, where the Ordnance Survey were based when carrying out mapping programmes. Named after Major General Thomas Colby, Director of the Ordnance Survey, 1820 - 1846. Campa sealach, gu math tric air talamh àrd, far an robh an t-Suirbhidh Òrdanais stèidhichte 's iad air falbh air na h-iomairtean mapachaidh aca. Ainmichte air Màidsear-seanalair Thomas Colby, stiùirich na Suirbhidhe Òrdanais, 1820 - 1846.
CAMPA LUCHD-BUANA DHEARCAN BERRY PICKERS CAMP A purpose-built site providing accommodation for seasonal soft fruit workers, typically comprising separate dormitory, kitchen and dining wings. Làrach a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach mar àite-fuirich do luchd-obrach a tha an sàs obair ràitheil togail nam measan boga. Mar is trice, bidh sgiathan-cadail, còcaireachd is ithe fa leth ann.
CAMPA LUCHD-OBRACH WORKERS CAMP A temporary site providing accommodation for construction workers. Làrach shealach far am faigh luchd-obrach togalach àite-fuirich.
CAMPA LUCHD-OBRACH COILLTEARACHD FORESTRY WORKERS CAMP A group of buildings or structures used as temporary accommodation for forestry workers. Grunn thogalaichean no structaran sealach a bha nan àite-còmhnaidh do luchd-obrach na coilltearachd.
CAMPA LUCHD-SIUBHAIL TRAVELLERS CAMP An area of land used as a temporary camp by travellers. Pìos talmhainn a chleachdas luchd-siubhail mar champa sealach.
CAMPA MHÈINNEARAN MINERS CAMP A group of buildings or structures used as temporary accommodation for miners. Grunn thogalaichean no structaran sealach a bha nan àite-còmhnaidh do mhèinnearan.
CAMPA PHRÌOSANACH COGAIDH PRISONER OF WAR CAMP A prison site for the containment of servicemen captured in war. Làrach prìosain far an cumar buill-sheirbheise a chaidh an glacadh ann an cogadh.
Campa Rispain Rispain Camp
CAMPA SEALACH TEMPORARY CAMP A fortified overnight camp enclosed within a shallow ditch, bank and palisade, constructed by Roman troops on campaigns or manoeuvres. Campa oidhche daingnichte am broinn dìge eu-domhain, uchdan agus sonnaich, air a thogail le feachd Ròmanach air iomairt no eacarsaich.
CAMPA SHAOR-LÀITHEAN HOLIDAY CAMP Purposely built camp with recreational facilities and individual chalets for accommodation. Campa a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach 's aig a bheil goireasan chur-seachadan is chalets fa leth mar àitichean-fuirich.
CAMPA SUIRBHIDH ÒRDANAiS ORDNANCE SURVEY CAMP
CANÀL CANAL A navigable artificial inland waterway used for transportation of goods and for recreation. Slighe-uisge fhuadain sho-seòlta air falbh on chladach a thathar a' ghluasad bathar air agus a thathar a' cleachdadh airson cur-seachadan.
CANTION CANTEEN A self-service dining room, especially for workers/employees; also in institutions, such as schools, hospitals, etc. Seòmar-bìdh far a bheil daoine gam frithealadh fhèin, gu h-àraid airson luchd-obrach/fastaichean; cuideachd ann an àitichean mar sgoiltean, ospadalan is msaa.
CAOCHLADAIR DEALAIN NULL (10)
CARAIDH FISH TRAP A device for catching fish, sometimes a fence or enclosure of stakes made in a river, harbour, etc. Acainn airson iasg a ghlacadh, uaireannan bidh seo na fheansa no crò de phuist ann an abhainn, cala 's àitichean mar sin.
CARAIDH WEIR A dam constructed on a canal or river or stream, designed to retain the water and regulate its flow. Dama a chaidh a thogail thairis air canal, abhainn no allt gus uisge a chumail air ais agus smachd a chumail air sruthadh an uisge.
CARAIDH YAIR
CARAIDHEAN FISH TRAPS
CARAIDS-RÈILE RAILWAY CARRIAGE Use for stationary railway carriage being used for a purpose it wasn't originally intended for - office, shelter, etc. Cleachd airson carbad-rèile a tha na sheasamh 's ga chleachdadh airson adhbharan eile seach an fheadhainn a chaidh a dhealbhadh air an son - mar oifis, àite-fuirich is msaa.
CARBAD ARMAICHTE ARMOURED VEHICLE An armoured fighting vehicle. Often survive as commemorative monuments,targets and coastal wrecks. Carbad cogaidh armach. Chithear fhathast iad mar chuimhneachain, targaidean no longan-briste air a' chladach.
CARBAD-ADHAIR AIRCRAFT An aircraft, either whole or in part. Aircraft often survive as commemorative monuments, gate guardians or crash sites. Carbad-adhair, an rud slàn no pàirt dheth. Mairidh carbadan-adhair beò gu tric mar chuimhneachain, freiceadan geata no air làrach far an do bhuail e ris an talamh.
CARGU CARGO Use for the remains of a cargo which has been accidentally lost at sea, or purposefully dumped, and which consists the only physical evidence of a vessel. Cleachd airson fuigheall carago a chaidh air chall aig muir no a chaidh a leigeil leis a' chliathach a dh'aona-ghnothach agus am fuigheall an aon lorg fiosaigeach a tha air an t-soitheach.
CÀRN CAIRN A monument featuring a bank or mound constructed primarily of stone. Use specific term where known. Cuimhneachan a tha na thom no na uchdan cloiche. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
Càrn an Ruighe Chruinn Ri-Cruin Cairn
CÀRN CEARCALLACH RING CAIRN A circular cairn with a central court. Càrn cearcallach le cùirt na mheadhan.
CÀRN CEART-CHEÀRNACH RECTANGULAR CAIRN
Càrn Chlàbhalaig Clava Cairns
CÀRN CHLACHAN ACHAIDH FIELD CLEARANCE CAIRN
CÀRN CHLACHAN-ACHAIDH CLEARANCE CAIRN An irregularly constructed, generally unstructured, mound of stones. Often, but not necessarily, circular. Normally a byproduct of field clearance for agricultural purposes. Tòrr chlachan a chaidh a thogail gun rian agus mar is trice gun structar. Bidh iad seo cruinn gu math tric ach cha bhi an-còmhnaidh. Mar is trice, gheibhear seo ri linn glanadh achaidhean airson àiteachas.
CÀRN CÌOBAIR SHEPHERDS CAIRN
CÀRN CISTE-LAIGHE COFFIN CAIRN A cairn on which a coffin could be laid whilst being carried on its way to a burial, to allow the bearers to rest. Càrn far am b' urrainnear ciste-laighe a chur 's e ga ghiùlan gu àite-tìodhlacaidh 's an luchd-giùlain a' gabhail anail.
Càrn Dhùn Chreagaig, Cill Mhàrtainn Dunchraigaig Cairn, Kilmartin
Càrn Ghollaidh I agus II Cairn Holy I and II
Càrn Memsie Cairn of Memsie
CÀRN OIREACH KERB CAIRN A prehistoric monument comprising a low mound or stone cairn ringed by a prominent kerb of stones, which is usually taller than the mound or cairn itself. Cuimhneachan ro-eachdraidheil a tha na thom ìseal no càrn chlachan mun a bheil oir chlachan agus a tha, mar is trice, nas àirde na an tom no an càrn e fhèin.
Càrn Papail Cairnpapple Hill
Càrn Seòmarach Choire Mhonaidh Corrimony Chambered Cairn
CÀRN-COMHARRACHAIDH MARKER CAIRN A cairn of no great antiquity, erected to mark a particular spot in the landscape, often used as a marker or directional aid in upland areas. Càrn nach eil glè àrsaidh a chaidh a thogail gus àite a chomharradh san tìr, gu math tric mar chomharra no gleus-stiùiridh air aonadh no bràigh.
CÀRN-CRÌCHE BOUNDARY CAIRN A cairn used to indicate the limit of an area or a piece of land. Càrn a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
CÀRN-CUIMHNE COMMEMORATIVE CAIRN A cairn erected to commemorate an event or person. Càrn a chaidh a thogail mar chuimhneachan air tachartas no duine.
CARRAGH MONUMENT
Carragh Clàraichte Scheduled Monument
CARRAGH TRIANTANACHAIDH TRIANGULATION PILLAR A purpose-built triangulation pillar used for the metrical survey of Britain carried out by the Ordnance Survey. Carragh triantanachaidh a chaidh thogail a dh'aona-ghnothach 's a chleachdadh ann an suirbhidh mheadrachail Bhreatainn leis an t-Suirbhidh Òrdanais.
CARRAGH-CLÀIR SHEALLAIDHEAN VIEW FINDER A monumental pillar with a flat top that has directions and distances to landmarks incised on a metal plate. Carragh air a bheil mullach rèidh agus pleat meatailt a tha a' sealltainn comhair is astar de dh'àitichean inntinneach.
CARRAGH-CUIMHNE COMMEMORATIVE MONUMENT A building or structure erected to commemorate a person or event. Togalach no structar a chaidh a thogail mar chuimhneachan air duine no tachartas.
Carraighean Clàraichte Scheduled Monuments
CAS CROISE CROSS SHAFT
CASAN-TOGAIL SHEER LEGS A structure comprising two upright spars, joined at the top to form a triangle, with a hoisting tackle suspended from the apex. Used to lift cargo or other weights. Structar sa bheil dà rongas dìreach a tha ceangailte aig a' bharr, a' dèanamh triantan, le acainn togail a' crochadh on bharr. Thathar ga chleachdadh gus carago is cudroman eile a thogail.
CAS-CHEUM TRACKWAY
CASINO CASINO A public music or dancing establishment often with facilities for gambling. Ionad ciùil no dannsa poblach, gu math tric le goireasan cearrachais.
CÀTHADAIR WINNOWER A device for separating grain from chaff by means of a wind or current of air. Uidheam a dhealaicheas an sìol on mholl leis a' ghaoth no sèideadh adhair.
CATHAIR-EAGLAIS CATHEDRAL The principal church of a diocese in which the cathedra or bishop's throne is to be found. Prìomh-eaglais ann an sgìre-easbaig far a bheil cathair an easbaig.
Cathair-eaglais Mhachair St Machar's Cathedral
Cathardan - Bàn Caterthun - White
Cathardan - Donn Caterthun - Brown
CATHARRA CIVIL
Cead Charraighean Clàraichte Scheduled Monuments Consent
Cead Thogalaichean Clàraichte Listed Buildings Consent
CEANN-LOC STOP LOCK A lock at the end of one company's canal where it joins another company's canal. Loc aig ceann canail a tha aig an dàrna chompanaidh far a bheil e a' coinneachadh ris a' chanal aig a' chompanaidh eile.
CEANN-SIMILEIR CHIMNEY STACK A masonry or brickwork structure projecting above a roof and containing several flues. Structar chlachan no bhreigean a tha a' stobadh a-mach à mullach agus sa bheil grunn luidhearan.
CEANN-SIMILEIR CHIMNEY STALK A tall, usually tapering, structure built of brick, concrete or steel, used to carry smoke and gases to an altitude where they can be exhausted into the atmosphere. Structar àrd barr-chaol de bhreigean, concrait no stàilinn a bheir an àirde ceò 's gas cho àrd 's gun gabh an leigeil a-mach san adhar.
CEANN-TOBAIR WELL HEAD The structure at the top of a draw well. An structar aig barr tobair-thàirne.
CEAP STOCKS An instrument of punishment in which the offender was placed in a sitting position in a timber frame, with holes to confine the ankles and wrists between two planks. Uidheam peanasachaidh, le eucoireach na s(h)uidhe ann am frèam fiodha san robh tuill a bha a' glacadh an dà adhbrann 's dà chaol an dùirn aige no aice.
CEAPADH-IASGAICH FISHERMENS FASTENER An unidentified feature on the seabed recorded by fishermen as an obstruction to trawling.   Rud neo-aithnichte air grunnd na mara a chaidh a chlàradh le iasgairean 's e na bhacadh iasgaich.  
CEAPSAN CAPSTAN An apparatus around which cables or hawsers are wound for hoisting anchors, lifting weights, mooring ships etc. Acainn mun a thoinnear càballan no taodan gus acairean no cuideaman a thogail no longan acrachadh is msaa.
CEARCALL BHOTHAN HUT CIRCLE A low, circular or oval bank of turf, earth or stone, which represents the remains of a roundhouse of later prehistoric date. Uchdan sgratha, ùir no cloiche ìseal is cearcallach. 'S e seo iarsmadh taighe-chruinn à deireadh na linne ro-eachdraidheil.
CEARCALL CHÀRN BARPA CRUINN TURSACH CAIRN CIRCLE A circle of spaced upright boulders emerging from a low, hemispherical, stony mound. The boulders may lean outwards due to pressure from the cairn material. Cearcall de leacan a tha nan seasamh astar o chèile 's a tha a' stobadh à torr ìseal leth-chruinn creagach. Faodaidh gum bi na leacan ag aomadh a-mach air sgàth brùthadh an stutha sa chàrn.
CEARCALL SHLOC PIT CIRCLE A circular or sub-circular arrangement of pits thought to have held timber posts. Pàtran cearcallach no cha mhòr cearcallach de shlocan s thathar dhen bheachd gun robh puist fiodha annta.
CEARCALL THURSACHAN STONE CIRCLE A circular or oval setting of spaced, usually freestanding, upright stones. More than one circle may be present, arranged concentrically. Pàtran cruinn no ugh-chruthach de chlachan dìreach, mar is trice nan seasamh leotha fhèin. Dh'fhaoidte gum bi barrachd air aon chearcall ann air pàtran co-mheadhanach.
CEARCALL TURSA SÌNTE RECUMBENT STONE CIRCLE A stone circle which includes a prostrate stone flanked by two uprights, which are usually the tallest stones in the circle. Cearcall chlachan le aonan na laighe 's dà thursachan ri thaobh, mar is tric 's iadsan an fheadhainn as àirde sa chearcall.
CEARCALL  CEITHIR-THURSACHAN FOUR POSTER STONE CIRCLE A setting of four upright stones standing at the corners of an irregular quadrilateral. May feature more than four stones, but those at the corners are always the most prominent. Ceithir tursachan a tha nan seasamh aig ceithir oiseanan de cheithir-cheàrnachan neo-riaghailteach. Faodaidh gu bheil barrachd air ceithir clachan ann ach 's iad an fheadhainn aig na h-oiseanan an fheadhainn as fhollaisiche.
CEARCALL-RATHAID ROUNDABOUT A circular construction at the intersection of two or more roads to aid the passage of vehicles from one road to another. Structar cruinn far a bheil co-dhiù dà rathad a' coinneachadh ri chèile a bheir comas do charbadan gluasad on dàrna rathad gun rathad eile.
CEÀRDACH SMITHY A workshop used by a blacksmith. Often part of a FACTORY or WORKS. Ceàrdach a tha ga chleachdadh le gobha-dubh. Gu math tric na phàirt de FACTARAIDH no FACTARAIDH.
CEÀRDACH FORGE A building or site where wrought iron is forged. Togalach no làrach far a bheilear ri fùirneiseachd iarainn thoinnte.
CEÀRDACH BLACKSMITHS WORKSHOP
CEÀRDACH SMIDDY
CEÀRDACH CRUIDHIDH SHOEING FORGE
CEÀRDACH SHLUASAIDEAN SHOVEL FORGE A forge used to produce shovels and spades. Fùirneis far a bheilear a' dèanamh sluasaidean is spaidean.
CEITHIR-PHOSTACH FOUR POSTER
CEUM PATH A way made for pedestrians, especially one merely made by walking (often not specially constructed). Slighe do luchd-coiseachd, gu h-àraid tè a nochd an cois daoine a' coiseachd am badeigin ('s nach deach a thogail a dh'aona-ghnothach).
CEUM BHRADAN SALMON LADDER
CEUM FO-SHLIGHE SUBWAY An underground tunnel which enables pedestrians to pass below a road, railway, etc., to reach a destination. Tunail fon talamh air an ruig luchd-coiseachd an taobh thall 's iad a' dol fon rathad, rathad-iarainn is msaa.
CHALET CHALET A Swiss-styled dwelling, built mainly of wood and usually with a steeply pitched and projecting roof. Àite-còmhnaidh air nòs na h-Eilbheise, gu ìre mhòr de dh'fhiodh agus le mullach cas is stobach air mar is trice.
CIDHE LANDING POINT A place where vessels can land passengers and goods. Àite far an gabh luchd-siubhail is bathar a thìreachadh.
CIDHE JETTY A mole or pier-like structure situated at the entrance of a harbour, or running out into a lake of the sea, so as to defend the harbour or coast. Structar a tha coltach ri ceidhe no làimhrig aig beul calaidh no a tha a' stobadh a-mach air loch-mara gus an cala no an costa a dhìon.
CIDHE LANDING STAGE A platform, sometimes floating, for the landing of passengers and goods from vessels. Ùrlar, uaireannan fear air fleòd, airson tìreachadh luchd-siubhail is bathair o shoithichean.
CIDHE PIER A structure, often of iron or wood, open below, running out into the sea and used as a promenade and landing stage. Structar, gu math tric de dh'iarann no fiodh, a tha fosgailte foidhe, a' stobadh a-mach air a' mhuir 's ga chleachdadh mar àite-spaistireachd is làimhrig.
CIDHE QUAY An artificial paved bank or solid landing place built parallel to, or projecting out from, a shoreline or riverbank to serve in the loading and unloading of vessels. Uchdan leacaichte no làimhrig chruaidh a chaidh a thogail co-sìnte ris a' chladach no bruach aibhne (no a' stobadh a-mach uaithe) gus luchdan a thoirt far shoithichean is luchdadh a chur orra.
CIDHE CANÀIL CANAL WHARF A large wooden structure built alongside the edge of a canal where narrow boats may lie for the loading and unloading of goods. Structar mòr fiodha a chaidh a thogail ri taobh canail far a bheil acarsaid do bhàtaichean caola airson bathar a luchdadh orra no airson bathar a thoir far nam bàtaichean.
CIDHE-BATHAIR WHARF A large wooden structure built alongside the water's edge, where ships may lie for unloading. Structar mòr fiodha a chaidh a thogail ri taobh an uisge far am bi longan air acarsaid gus na luchdan thoirt uapa.
CIDSIN KITCHEN A building or room where food is prepared and cooked. Togalach no seòmar far a bheilear ag ullachadh no a' bruich biadh.
CILL CHURCHYARD An area of ground belonging to a church, often used as a burial ground. Pìos talmhainn a tha aig eaglais 's a chleachdadh airson tìodhlacadh dhaoine gu tric.
CILL CELL A monastic enclave dependent on a mother house. Iadhtag mhanach a tha an eisimeil ri prìomh-mhanachainn.
Cill Sheirbh, Dùnainn St Serf's, Dunning
CISTE-LAIGHE COFFIN A stone, wood, or lead box in which a dead body is placed for interment or cremation. Bogsa cloiche, fiodha no luaidhe anns an cuirear corp marbh airson tìodhlacadh no losgadh.
CLABHSTAIR CLOISTER A covered walk, walled on one side and usually arcaded on the other, surrounding or partly surrounding an open area in a monastery or similar complex of Christian buildings. Ceum le mullach air, balla air an dàrna taobh is arcàid air an taobh eile 's e a' dol mun cuairt, no cha mhòr mun cuairt, air talamh fosgailte ann am manachainn no aitreabh de thogalaichean Crìostail coltach riutha.
CLACH STONE Use only where stone is natural or where there is no indication of function. Na cleachd ach mas e clach nàdarra a tha ann no mur eil for no fios dè feum a bha innte.
CLACH AN TURTAIR ROCKING STONE A natural feature, comprising a stone, often of great size and weight, resting upon another stone in such a way that it may be rocked, or moved slightly, with little effort. Feart nàdarra  tha na chlach, mar is trice tè mhòr agus trom, a tha na laighe air clach eile air alt 's gun gabh a ghluasad gu furasta no air alt 's gum bi e air thurraban.
Clach Arlain St Orlands Stone
Clach Brandsbutt Brandsbutt Stone
CLACH BUN-SGIUBHA SKEWPUTT A block of stone set at the top of a brick or stone wall to finish the eaves of a parapet or coping. Sgonn cloiche a tha os cionn balla bhreigean no cloiche, a' cur ceann air sgibheal barr-bhalla no barrain.
CLACH CHEARCALL RING MARKED STONE A stone with one or more concentric circles cut into the surface. Clach a chaidh co-dhiù aon bhad a chearcallan co-mheadhanach a shnaidheadh air a h-uachdar.
Clach Chnoc nan Giall Knocknagael Boar Stone
CLACH CUPA CUP MARKED STONE A stone bearing one or more small, roughly hemispherical depressions, generally created by chipping or pecking. Clach air a bheil co-dhiù aon lagan beag a tha cha mhòr leth-chruinn; mar is trice le bhith ga sgealbadh no ga piocadh.
CLACH CUPA IS CEARCALL CUP AND RING MARKED STONE A stone bearing one or more small, roughly hemispherical depressions surrounded by a concentric arrangement of annular or penannular grooves. More complex designs may also occur. Clach air a bheil co-dhiù aon lagan a tha caran leth-chruinn is mun a bheil gròban fàinneach no beàrn-fhàinneach is co-mheadhanach. Chithear pàtranan nas toinnte cuideachd.
Clach Dhùn Fallandaidh Dunfallandy Stone
Clach Dogton Dogton Stone
CLACH DRUIM-TORCA HOGBACK STONE A block of stone carved to represent a gabled house, with a convex curve to the ridge of its roof, dating to the 10th century AD. May be abstract or naturalistic, and have additional decoration in the form of bears or snakes. Clach a chaidh a shnaidheadh air dòigh 's gu bheil coltas taighe thulchainneach air le lùbadh os-chearclach air druim a' mhullaich 's e a' dol air ais dhan 10mh linn AD. Faodaidh seo a bhith eas-chruthach no nàdarrachail agus faodaidh gum bi sgeadachadh mhathan no nathraichean air a bharrachd air sin.
Clach Fhoghlais Fowlis Wester Stone
Clach Gràbhalta Mhìgeil Meigle Sculptured Stones
CLACH LE  CROIS SHNAIGHTE CROSS INCISED STONE A stone bearing a cross-shaped symbol incised on its face. Clach a chaidh cruth croise a gràbhaladh air a h-aodann.
CLACH LE LORG COISE FOOT MARKED STONE
CLACH LE RÙN-SGRÌOBHADH RUNE INSCRIBED STONE A stone on which runes have been inscribed. Clach air an deach rùn-sgrìobhadh a shnaidheadh.
CLACH LUATH-CHORP CUAIRTICHTE ENCLOSED CREMATION CEMETERY A burial site of Bronze Age date comprising a circular enclosed area containing cremations, some of which may be in urns. Àite-tìodhlacaidh à Linn an Umha sa bheil àite iadhta cearcallach far an deach cuirp a losgadh agus faodaidh gu bheil cuid dhiubh ann am poitean-tasgaidh.
Clach na Maighdinn Maiden Stone
Clach nam Piocaradach Picardy Stone
CLACH NAN CÙMHNANTACH COVENANTERS STONE A stone erected to mark a site associated with Covenanters. For sites of coventicles use COVENANTERS MEETING PLACE. Clach a chaidh a thogail gus làrach a chomharradh aig a bheil co-cheangal ris na Cùmhnantaichean. Airson làraichean adhraidh-rùin, cleachd ÀITE-CRUINNEACHAIDH NAN CÙMHNANTAICHEAN.
CLACH OGHAM OGHAM INSCRIBED STONE A stone bearing an inscription in the Ogham alphabet, in which letters are represented by lines or notches along an edge or angle. Clach air a bheil rudeigin sgrìobhte ann an Ogham, aibidil aig a bheil litrichean a tha nan loidhnichean no eagan a-rèir oir no ceàrn.
CLACH OGHAM OGHAM INSCRIBED ROCK A rock outcrop bearing an inscription in the Ogham alphabet, in which letters are represented by lines or notches along an edge or angle. Loman creagach air a bheil rudeigin sgrìobhte ann an Ogham, aibidil aig a bheil litrichean a tha nan loidhnichean no eagan a-rèir oir no ceàrn.
CLACH RÌOGHALACHD ROYALTY STONE
CLACH SHNAIGHTE CARVED STONE A stone decorated with carved designs or other artificial markings. Use more specific term where applicable. Use ROCK CARVING when designs are carved on outcrop or a cave wall. Clach a chaidh a sgeadachadh le dealbhaidhean snaidhte no comharran eile nach eil nàdarra. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios sin iomchaidh. Cleachd CLACH SHNAIDHTE ma chaidh dealbhaidhean a shnaidheadh air loman no balla uamha.
CLACH SHNAIGHTE SCULPTED ROCK
CLACH SHNAIGHTE SCULPTURED STONE
CLACH SHNAIGHTE CHRUITHNEACH PICTISH SYMBOL STONE A stone bearing Pictish symbols such as carved animals, figures and abstract designs. If a cross is included, index as CROSS SLAB as well. Clach air an deach comharran Cruithneach, mar bheathaichean, cruthan is pàtranan eas-chruthach, a shnaidheadh. Ma tha crois air cuideachd, cuir LEAC CROISE air a' chlàr-amais cuideachd.
CLACH STÀTHAIL STADDLE STONE A mushroom-shaped stone used to raise the floor of a barn, granary etc. above ground level, to prevent vermin from gaining access to stored grain and fodder. Now often used as a garden ornament. Clach a tha coltach ri balgan-buachair na chruth a thathar a' cleachdadh gus ùrlar sabhail, sìol-lainn is msaa a chumail an àirde os cionn uachdar na talmhainn airson 's nach fhaigh biastan greim air sìol is fodar a chaidh a stòradh. Thathar gan cleachdadh mar sgeadachadh gàrraidh gu math tric an-diugh.
CLACHAN CLACHAN
Clachan Chill Bhearaidh Kilberry Sculptured Stones
Clachan Chill Fhèichin St Vigeans Stones
Clachan Chill MoDhraighne Kirkmadrine Stones
Clachan Chille Chonbhaill Kirkconnel Stones
Clachan Chille Mhaodain Kilmodan Stones
Clachan Dhruim Trodain Drumtrodden Stones
CLACHAN FÀS DESERTED VILLAGE
Clachan Snaidhte Dheis Dyce Symbol Stones
CLACH-CHINN GRAVESTONE A stone or slab used to mark, identify and commemorate a burial. Usually placed at the head or foot of a grave, or at the entrance to a tomb. Clach no leac a chomharraicheas tìodhlacadh, air an aithnichear an t-àite agus a tha na chuimhneachan dha. Mar is trice aig ceann no bonn uaighe no aig doras tuama.
CLACH-CHOMHARRACHAIDH MARKER STONE A post made of stone erected to mark a particular spot in the landscape, but the purpose of which is unknown. Post cloiche a chaidh a thogail gus àite sònraichte san tìr a chomharradh ach gun fhios dè an rud a tha e a' comharradh.
CLACH-CHRÌCHE BOUNDARY STONE A stone that indicates the limit of an area or piece of land. Clach a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
CLACH-CHUIMHNE COMMEMORATIVE STONE A stone, either freestanding or part of a structure, which commemorates a person or event. Clach no leac a tha na seasamh na h-aonar no a tha na pàirt de structar a chaidh a thogail mar chuimhneachan air duine no tachartas.
CLACH-CHUIMHNE MEMORIAL STONE
CLACH-CHUIMHNEACHAIDH INSCRIBED STONE A commemorative stone inscribed with words. Use more specific term where appropriate. Clach-chuimhne air an deach faclan a sgrìobhadh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios sin iomchaidh.
CLACH-DEIT DATE STONE A stone commemorating the date of a specific event. Clach a chomharraicheas ceann-là tachartais shònraichte.
CLACH-LOISGTE VITRIFIED STONE Stone with a glassy, fused character caused by extreme heat. Clach a tha glaineach, co-leaghta ri linn teas anabarrach mòr.
CLACH-MHÌLE MILESTONE A stone, often erected at one mile intervals, on which are marked the distances to specified locations in miles. Clach, gu math tric mìle an dèidh mìle, a chomharraicheas an t-astar a dh'ionnsaidh àitichean sònraichte ann am mìltean.
CLACH-MHÌLE MILE PLATE A plate, usually of wood or metal, set up on a road, canal or railway to mark the miles from or to a place. Pleata, mar is trice fear fiodha no meatailt, a chaidh a shuidheachadh aig rathad, canal no rathad-iarainn gus na mìltean o àite no a dh'ionnsaigh àite a chomharradh.
CLACH-PHÒSAIDH MARRIAGE STONE A stone inscribed with the initials of a bride and groom, usually accompanied by a date, and found on a lintel or set into a wall. Clach anns an deach na ciad litrichean nan ainmean aig bean is fear bainnse a sgrìobadh, mar is trice le ceann-là. Bhiodh a' chlach fhèin na h-àrd-doras mar is trice no am broinn balla.
CLACH-SOCAID SOCKETED STONE A stone which has a socket for an unknown function. Use specific term where known. Clach sa bheil socaid ach gun fhios cò air a shon a bha e. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CLACH-STIÙIRIDH GUIDE STONE A freestanding stone indicating the direction, but not the distance, to specified locations. Clach a sheasas leis fhèin a tha a' comharradh taobh diofar àitichean ach chan ann an t-astar air a bheil iad.
CLACH-THACHAIS RUBBING STONE A large stone used by cattle to rub up against and so scratch themselves. Clach mhòr as urrainn dhan chrodh suathadh ris agus iad fhèin a sgròbadh mar sin.
CLADH BURIAL GROUND An area of land used for burials, generally used from the medieval period up to the 19th century. It may also be detached from the church. Pìos talmhainn a chaidh a chleachdadh airson tìodhlacaidhean, mar is trice a-mach o na meadhan-aoisean suas gun 19mh linn. Dh'fhaoidte gum bi seo dealaichte on eaglais.
CLADH CEMETERY An area of ground set apart for the burial of the dead. Pìos talmhainn a chaidh a shònrachadh airson tìodhlacadh nam marbh.
CLADH GRAVEYARD
CLADH BHARPANNAN BARROW CEMETERY A cluster of closely-spaced barrows and related monuments, e.g. ring ditches. Badan de bharpannan agus cuimhneachain cho-cheangailte a tha glè fhaisg air a chèile, m.e. cuairt-dìgean.
CLADH CHÀIRN CAIRN CEMETERY A group of cairns in close proximity which are predominantly funerary or ritual in nature. Grunn chàrn a tha glè fhaisg air a chèile 's a chaidh a chleachdadh airson tìodhlacadh no deas-ghnàthan mar is trice.
CLADH LEAC-CHISTEAN FADA LONG CIST CEMETERY An early Christian site with a number of long cists containing extended inhumation burials. Burials are usually oriented E-W. Làrach thràth Chrìostail sa bheil grunn chisteachan fada sa bheil tìodhlacaidhean dhaoine nan sìneadh. Chaidh an tìodhlacadh a' dol siar on ear.
CLADH LUATH-CHORP CREMATION CEMETERY A cemetery comprising exclusively cremated human remains, some or all of which may be contained within pottery vessels. Cladh anns nach eil ach iarsmaidhean loisgte dhaoine le co-dhiù cuid dhiubh ann an soithichean criadha.
CLADH PLÀIGHE PLAGUE BURIAL A burial place for the victims of plague, in either single or mass graves, often isolated from other burials. Àite-tìodhlacaidh do dhaoine a bhàsaich leis a' phlàigh dhubh, nan aonar no ann am mòr-uaigh, gu math tric air falbh o àitichean-tìodhlacaidh eile.
CLADHAN  UILLT BURN COVER Constructed channel for carrying burns over the top of a subterranean aqueduct preventing erosion of aqueduct structure and intrusion of unwanted water into the water supply. Either cast-iron 'U'-shaped channels or stone or concrete linings. Cladhan a chaidh a thogail os cionn duct-uisge airson allt a tha a' dol seachad air airson 's nach bleith e structar an duct-uisge agus air eagal 's gun sileadh uisge nach eilear ag iarraidh dhan duct-uisge. Cladhan de dh'iarann mòlltaichte an cruth U no feadhainn a chaidh a lìnigeach le clachan no concrait.
CLADHAN CANÀIL CANAL FEEDER A channel which feeds water from a reservoir into a canal when the water level gets low. Cladhan a stiùireas uisge o uisgeadan do chanal nuair a bhios ìre an uisge ìseal ann.
CLAG-THÙR BELL TOWER A tower or turret in which bells are hung. Tùr no turaid sa bheil clagan crochte.
CLAIS-UISGE WATER CHANNEL An artificial watercourse for the conveyance of water. Slighe-uisge fhuadain a bheir uisge o àite gu àite.
Clàr nam Blàran Eachdraidheil Inventory of Historic Battlefields
Clàr nan Gàrraidhean is nan Dealbhan-tìre Inventory of Gardens and Designed Landscapes
Clàradh Scheduling
Clàradh Listing
Clàradh Designating
CLÀR-STIÙIRIDH GUIDE PLATE A cast iron direction marker plate, usually fastened to a stone support with clips or bolts. Clàr-comharraidh stiùiridh, air a dhèanamh de dh'iarann mòlltaichte agus mar is trice ceangailte ri clach le clipichean no boltaichean.
CLÀR-TIONNDAIDH RÈILE RAILWAY TURNTABLE A piece of machinery on which a railway engine, carriage or wagon can be rotated at a railway terminal. Inneal air an gabh einnsean-rèile no carbad a thionndaidh ann an tèirmineal rèile.
Clèireach a' Chaibeil Clerk of the chapel
Clèireach an Oifis-sgrìobhaidh Clerk of the Writing Office
CLEIT CLEIT A drystone building used for storage. Use only for sites on the St Kilda archipeligo. Togalach cloiche air a  chleachdadh mar stòr. Cleachd airson làraich air eileanan Hiort a-mhàin.
CLEITH PARK PALE A wooden stake fence, often associated with deer hunting. Feansa de chleithean fiodha, gu math tric co-cheangailte ri sealg nam fiadh.
CLIATH CEILPE KELP GRID Settings of stones on the foreshore, often arranged to form a rectangular grid, used to grow kelp for harvesting. Pàtran de chlachan air an t-seal-mhara, gu math tric air griod ceart-cheàrnach, gus fàs a thoirt air ceilp a thèid a bhuain.
CLIATH-CHRUIDH CATTLE GRID A pit in a road or trackway covered with a grid, usually of metal poles (but can be of wood or stone) with sufficient space between the poles to prevent animals from crossing, without restricting access for vehicles and people. Sloc san rathad no ann an ceum air a bheil cliath, mar is trice tè meatailt (ach uaireannan feadhainn fiodha no cloiche) le beàrnan mòra eadar na slatan a chumas beathaichean o choiseachd thairis orra ach a leigeas le daoine no carbadan falbh thairis orra.
CLIATH-TÌORAIDH SÌL GRAIN DRYING RACK A wooden rack used for drying grain. Racais airson sìol a thiormachadh.
CLIONAIG CLINIC
CLOBHSA FARMYARD A yard or enclosure attached to a farmhouse, usually surrounded by other farm buildings. Cuidh no buaileag co-cheangailte ri taigh-tuathanais, mar is trice le togalaichean tuathanais eile mun cuairt air.
CLOCHAR CONVENT
CLOC-THÙR CLOCK TOWER A tower built to display a clock face. Tùr a chaidh a thogail gus aodann uaireadair a shealltainn.
CLUBA CLUB A building used by an association of persons for social and recreational purposes or for the promotion of some common object. Togalach a tha buidheann dhaoine a chleachdadh airson tachartasan sòisealta no cur-seachadan no airson brosnachadh co-iomairt air choireigin.
CLUBA GOLF GOLF CLUB A golf course, clubhouse and ancillary buildings. Cùrsa goilf, taigh-cluba agus togalaichean co-cheangailte.
CLUB-OIDHCHE NIGHTCLUB An establishment open at night for refreshment and entertainment. Ionad a tha fosgailte air feadh na h-oidhche airson biadh, deochannan is fèisteas.
CLUB-ÒIGRIDH YOUTH CLUB A place provided for leisure-time activities of young people. Àite a chaidh a chur air chois airson cur-seachadan dhaoine òga.
CNOC A CHROCHADAIR GALLOWS MOUND A natural or man-made earth mound on which a gallows was erected. Torr ùir nàdarra no fear a chaidh a dhèanamh le daoine 's air an deach croich a thogail.
Cnoc Chrothaidh Croy Hill
CNOC IONAD NITROGLYCERINE NITROGLYCERINE HILL A facility for producing nitroglycerine, usually part of a NITROGLYCERINE WORKS.  Nitroglycerine and waste liquids flow down hill through a sequence of separators and storage houses under gravity, because pumping nitroglycerine can cause detonation. Ionad far a bheilear a' dèanamh naidhtreo-gliosarain, mar is trice na phàirt ann an FACTARAIDH nitroglycerine.  Tha nitroglycerine agus salachar uisge a' dol leis a' chnoc tro ghrunn sgaradairean agus taighean-stòraidh a' cleachdadh comas-tarraing na talmhainn a chionn 's gun spreadh naidhtreo-gliosarain ma thèid a phumpadh.
Cnoc nan Clach Hill O'Many Stanes
CNOC-DHÙN NULL
CNOC-SEALLAIDH PROSPECT MOUND An artificial mound, generally conical, placed within a garden or park to provide a viewing point to overlook the garden or park. It may also serve as a visual focus in the garden or park layout. Torr fuadain, cruachan mar is trice, a tha ann an gàrradh no pàirc mar ionad seallaidh thairis air a' ghàrradh no air a' phàirc. Faodaidh gum bi seo na fhòcas lèirsinn sa ghàrradh no sa phàirc.
COILEACH-GAOITHE WEATHER VANE A vane usually combined with crossed rods to show the four compass points. Used to indicate the direction of the wind. Bidh dà shlat a thèid thairis air a chèile aig coileach-gaoithe mar is trice 's iad a' sealltainn na ceithir àirdean. Cleachdar seo airson 's gum bi fios dè an taobh às a bheil a' ghaoth a' tighinn.
COILLE WOOD A tract of land with trees, sometimes acting as a boundary or barrier, usually smaller and less wild than a forest. Fearann air a bheil craobhan a tha uaireannan na chrìoch no na bhacadh, mar is trice nas lugha agus chan ann cho fiadhaich ri frìth.
COILLE RÌOGHAIL ROYAL FOREST A forested area of land, set aside for the royal hunt. Talamh coille far am b' urrainn do rìghrean a-mhàin sealg a dhèanamh.
COILLTEACH WOODLAND
COILLTEACH AIR A MANAIDSEADH MANAGED WOODLAND An area of cultivated, managed woodland producing wood which is used for a variety of purposes. Fearann coillteach fo stiùireadh far a bheilear a' fàs fiodh a thèid a chleachdadh ann an diofar dòighean.
COIMEARSALTA COMMERCIAL
COINICEAR RABBIT WARREN An area used for the breeding and rearing of rabbits. Àite far a bheilear a' briodadh 's ag àrach coineanan.
COLAISTE COLLEGE An institution of higher learning, often providing specialised tuition, e.g. college of art; college of music. Ionad àrd-fhoghlaim, gu math tric bheirear seachad oideachadh sònraichte an-seo, m.e. colaiste nan ealan; colaiste ciùil.
COLAISTE CAITLIGICH NA RÒIMHE ROMAN CATHOLIC COLLEGE
COLAISTE CHAITLIGEACH CATHOLIC COLLEGE
COLAISTE CHO-THIONALACH CONGREGATIONAL COLLEGE
COLAISTE DIADHACHD THEOLOGICAL COLLEGE An establishment dedicated to the study of theology and religious training. Ionad far a bheil daoine ag ionnsachadh diadhachd agus a' faighinn trèanadh cràbhach.
Colaiste Lincluden Lincluden College
COLAISTE NAM BAISTEACH BAPTIST COLLEGE
COLAISTE NAM MEATODACH METHODIST COLLEGE
COLAISTE NAM MISEANARAIDHEAN MISSIONARY COLLEGE
COLAISTE NAN ANGLAGANACH ANGLICAN COLLEGE
COLAISTE NAN ÌOSAID JESUIT COLLEGE
COLAISTE TRÈANAIDH TRAINING COLLEGE A college where specialist skills, relating to a particular subject, are taught. Use specific type where known. Colaiste far a bheilear a' teagasg sgilean sònraichte, mar is trice feadhainn co-cheangailte ri cuspair àraidh. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
COLBH COLUMN Use for free standing column. Cleachd airson colbh a sheasas leis fhèin.
COLBH PILLAR A vertical member standing without support. Ball dìreach a sheasas as aonais taic sam bith.
Comann Arc-eòlas na Mara Nautical Archaeological Society
COMANN THOGALACH BUILDING SOCIETY
COMHARRA COMRAICH SANCTUARY MARKER A marker, usually in the shape of a cross, indicating the extent of an area of sanctuary. Comharra, mar is trice ann an cruth croise, a chomharraicheas crìochan tèarmainn.
COMHARRA MÌLE TOMHAISTE MEASURED MILE MARKER A pair of landmark posts intended to be viewed in transit to define one end of an accurately measured mile (on a known bearing) used to verify the performance of ships following construction or refit. Paidhir de phuist a tha nan comharran-stiùiridh 's air a bheilear a' coimhead orra rè seòlaidh gus aon cheann de mhìle thomhaiste cheart a shocrachadh (air cùrsa aithnichte) gus dèanadas longan a dhearbhadh an dèidh obair-thogail no obair-chàraidh.
COMHARRA RAINNSE BOMAIDH BOMBING RANGE MARKER A marker on the ground, showing the direction of flight, allowing bombers to locate the bombing range. Comharra air an talamh a nochdas comhair an iteil airson 's gum bi fios aig bomadairean càit a bheil an rainse bomaidh.
COMHARRA UAIGHE GRAVE MARKER A stone, slate, iron or wooden structure used to mark the site of a grave. Use more specific type. Structar cloiche, sglèata, iarainn no fiodha a chomharraicheas an t-àite far a bheil uaigh. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
COMHARRA-BÀRR CROPMARK A buried feature revealed by the uneven growth of a crop. Use specific term where possible. Rud a tha fon talamh 's a dh'aithnichear air fàs mì-chòmhnard barra. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
COMHARRA-BÀRR ÀITEACHAIS AGRICULTURAL CROPMARK Visible differences in growth of vegetation (cereal or grass and more rarely, root crops) caused by agricultural practices such as ploughing, spraying and manuring. Diofar follaiseach ann am fàs nan lusan (gràn-bharr no feur agus, nas ainneimhe, freumh-bharr) a tha ga adhbharachadh le gnàthasan àiteachais mar threabhadh, stealladh is todhar.
COMHARRA-BÀRR DÌREACH LINEAR CROPMARK
COMHARRA-BÀRR GEÒLAIS GEOLOGICAL CROPMARK Visible differences in growth of vegetation (cereal or grass and more rarely, root crops) caused by geological features. Diofar follaiseach ann am fàs nan lusan (gràn-bharr no feur agus, nas ainneimhe, freumh-bharr) a tha ga adhbharachadh le feartan geòlasach.
COMHARRA-BEINNSE BENCH MARK A reference mark, usually inscribed on stone, or some other fixed point in the landscape, and used as a control point by the Ordnance Survey. Comharra reifreans, mar is trice air clach no rud a tha na sheasamh daingeann am badeigin, a chleachdar mar phuing-smachd leis an t-Suirbhidh Òrdanais.
COMHARRA-CRÌCHE BOUNDARY MARKER A marker used to indicate the limit of an area or a piece of land. Rud a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
COMHARRAN ÀITEACHAIS CULTIVATION REMAINS Traces left by past cultivation, in the form of upstanding features, subsoil marks or cropmarks. Use more specific term where possible. Làraich a dh'fhàg obair-àiteachais o shean, rudan mar structaran dìreach, comharran fon ùir no comharran air bàrr. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
COMHARRAN CHUPAN IS CHEARCALL CUP AND RING MARKINGS A stone or rock outcrop bearing roughly hemispherical depressions and/or concentric annular or penannular grooves. Complex designs also occur. Use more specific term. Differentiate between designs on stones/boulders and rock outcrop. Clach no loman creagach air a bheil lagan a tha cha mhòr leth-chruinn agus/no gròban fàinneach no beàrn-fhàinneach co-mheadhanach. Chithear pàtranan toinnte cuideachd. Cleachd briathar nas mionaidiche. Dèan diofar eadar dealbhaidhean air clachan/ulpagan agus lomain chreagach.
COMHARRAN TREABHAIDH ARD MARKS
COMHARRAN TREABHAIDH PLOUGH MARKS Marks left in subsoil by past cultivation, where a plough was used to till the soil. Comharran fon ùir a nochd an cois àiteachais o chionn fhada nuair a bhite a' treabhadh an fhearainn le crann-treabhaidh.
COMHARRAN TREABHAIDH ARD MARKINGS
COMHARRAN-TÌRE SEÒLAIDH NAVIGATION AID Buildings, sites and structures used by mariners for purposes of navigation. Togalaichean, làraichean is structaran a tha maraichean a' cleachdadh airson seòladaireachd.
COMHARRAN-ÙIR DÌREACH LINEAR SOILMARKS
COMHARRA-PLANNTRAIS VEGETATION MARK Features thought to be of anthropogenic origin visible as vegetation marks on aerial photographs. Rudan a thathar dhen bheachd gur e mac an duine a chruthaich iad agus a chithear mar comharran-planntais air dealbhan-adhair.
COMHARRA-SEÒLAIDH SEA MARK A conspicuous object, such as a cairn or beacon, used by mariners as a navigation aid. Rud follaiseach mar chàrn no leus-mara a chleachdas maraichean mar thaic seòladaireachd.
CÒMHDHAIL TRANSPORT This is the top term for the class. See TRANSPORT Class List for narrow terms. Seo am briathar as àirde sa chlas. Faic liosta a' chlas "CÒMHDHAIL" airson briathran nas mionaidiche.
CÒMHDHAIL-CHOISICHEAN NULL (12)
CÒMHDHAIL-RATHAID NULL (7)
CÒMHDHAIL-UISGE NULL (8)
CÒMHNARD CLAON INCLINED PLANE A prepared slope on which rails are laid to enable early tramroads and railways to negotiate a steep gradient. Leathad ullaichte air an deach rathad-iarainn a chur airson 's gum b' urrainn do seann-tramaichean is trèanaichean a dhol le agus ri leathad cas.
CÒMHNARD CLAON INCLINE PLANE
CÒMHNARD LEACAN PAVING A level surface, usually for pedestrian or animal use, composed of flat slabs of stone, concrete or other hard material. Uachdar rèidh, mar is trice airson coisichean no beathaichean, a tha nan leacan cloiche, concrait no stuth cruaidh rèidh eile.
COMRAICH SANCTUARY A sacred or consecrated place, or a place of refuge. Àite naomh no naomhaichte no tèarmann.
CÒN GLAINNE GLASS CONE A conical brick structure, housing furnaces in which glass and glass objects were made. Structar bhreigean cònach sa bheil fùirneisean far a bheilear a' dèanamh glainne no bathar glainne.
CONALTRADH COMMUNICATIONS
CONSALACHD CONSULATE The residence or official premises of a consul, the official appointed by a state to protect its citizens and commercial interests in a foreign state. Àite-còmhnaidh no oifis oifigeach aig consal, an t-oifigear a chaidh ainmeachadh le stàit gus an cuid saoranaich is gnìomhachdan malairteach thall thairis a dhìon.
CORP BOGLAICH BOG BODY
CORP-EAGLAISE NAVE The central division of a church, extending from the west end to the chancel or transepts. Prìomh-earrann eaglaise a tha a' dol o cheann an iar suas gun t-seansal no na cruistean.
COT CHLAGAN BELLCOTE A housing for one or more bells, usually gabled or roofed. Ionad airson co-dhiù aon chlag, mar is trice le tulchainn no mullach.
COTAIDS COTTAGE A small dwelling, usually of only one storey, and generally located in the country. Use more specific type where known. Àite-còmhnaidh beag, mar is trice aon-ùrlarach agus a-muigh air an dùthaich. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
COTAIDS MHÈINNEARAN GUAIL COAL MINERS COTTAGE
COTAIDS RÈILE RAILWAY COTTAGE A cottage or small house constructed for the use of railway staff, and convenient to their place of work. Bothan no taigh beag a chaidh a thogail airson luchd-obrach an rathaid-iarainn agus a tha ann an àite goireasach dhaibh.
COTAIDS SGALAGAN TUATHANAIS FARM LABOURERS COTTAGE The dwelling place of a farm worker. Àite-còmhnaidh aig neach-obrach tuathanais.
Coulter Motte Coulter Motte
CRANN- CRAOLAIDH BROADCASTING TRANSMITTER A structure, building or site housing equipment for transmitting radio or television signals. Structar, togalach no taigh sa bheil acainnean airson craoladh rèidio no siognailean telebhisein.
CRANN RÈIDEAR RADAR MAST A mast of metal girders (or wood) in a lattice construction for use by a Radar Station.  Usually stands on four concrete plinths and is often supported by additional wires. Crann de theannadairean meatailte (no fiodha) ann an cruth laitise 's a chleachdar ann an stèisean rèideir.  Tha seo na sheasamh air ceithir stèidhean concrait agus taic uèirichean a bharrachd ris gu tric.
CRANN RÈIDIO RADIO MAST A structure for broadcasting and receiving radio signals. Structar airson craoladh is glacadh siognailean rèidio.
CRANN TELEBHISEIN TELEVISION MAST
CRANNAG CRANNOG An island, partly or wholly artificial, often formed by dumping timber, earth and stones and revetted with timber piles or a palisade. Built in a loch, wetland or estuary and dating from prehistory to medieval. Eilean a tha gu tur no gu ìre na eilean fuadain 's a chaidh a thogail, mar is trice, le bhith a' tilgeil fiodh, ùir agus clachan ann 's gan ath-dhaingneachadh le puist fhiodha no sonnach. Chaidh an togail ann an lochan, air talamh fliuch no ann an inbhirean eadar na linntean ro-eachdraidheil 's na meadhan-aoisean.
CRANN-OLA OIL DRILLING PLATFORM A large platform with drilling equipment and ancillary structures and buildings, used in exploration for oil. Ùrlar mòr le acainnean drilidh agus co-structaran is togalaichean a chleachdar nuair a thathar a' sireadh ola.
CRANN-OLA OIL RIG A supporting structure for drilling machinery used in the extraction of or prospecting for mineral oils. Structar a chumas taic ri innealan drilidh a chleachdar gus olaichean mèinnireach a lorg no a tharraing às an talmhainn.
CRANN-TOGAIL CRANE A large, metal or wooden structure, used for raising, lowering and moving heavy objects. Use more specific term where known. Structar mòr meatailt no fiodha a chleachdar gus rudan troma ìsleachadh no a ghluasad. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CRANN-TOGAIL DERRICK A structure consisting of a vertical mast and a horizontal boom operated by cables on a separate engine or motor. Used for hoisting and moving heavy loads or objects. Structar sa bheil crann dìreach agus crann rèidh a thathar ag obrachadh air càballan 's a gheibh cumhachd o einnsean fa leth. Cleachdar seo gus luchdan no rudan troma a thogail 's a ghluasad.
CRANN-TOGAIL BALLA WALL CRANE A small crane fixed to the wall of a warehouse or similar building. Crann-togail beag a chaidh a sparradh ri balla taigh-bathair no togalach mar sin.
CRANN-TOGAIL BHÀTAICHEAN BOAT LIFT A structure used for the lifting of boats and other water craft. Structar airson bàtaichean is soithichean uisge eile a thogail.
CRANN-TOGAIL CANÀIL CANAL LIFT A massive structure designed to transfer canal boats between different canal or river navigations, eg. Anderton boat lift. Structar mòr a chaidh a dhealbhadh gus bàtaichean canail a ghluasad eadar canalan no aibhnichean luingeis, m.e. crann-togail bhàtaichean Anderton.
CRANN-TOGAIL CIDHE QUAY CRANE A crane located on a quayside used for the loading and unloading of goods and materials to and from vessels. Crann-togail air làimhrig airson bathar is stuthan a thoirt far shoithichean no gus an luchdadh orra.
CRANN-TOGAIL FLEÒDRAIDH FLOATING CRANE A dockyard crane permanently mounted on a lighter. Crann-togail air doca a chaidh a thogail gu buan air gàbart.
CRANN-TOGAIL LÀIMHE HAND CRANE A mechanism used for lifting and lowering weights, operated by hand. Inneal-làimh a chleachdar gus cuideaman a thogail 's ìsleachadh.
CRAOBH TREE A natural feature. Use only where a tree has archaeological, historical or social significance. Feart nàdarra. Na cleachd ach airson craobhan aig a bheil cudromachd àrc-eòlach, eachdraidheil no shòisealta.
CRAOBH-SHLIGHE AVENUE A site consisting of parallel banks, ditches, stones, post alignments or trees, which delineates the approach to another site or monument. Làrach air a bheil uchdain, dìgean, clachan, puist no craobhan ann am pàtran a tha a' comharradh an t-slighe a dh'ionnsaidh làrach no carragh-cuimhne.
CRAOBH-SHLIGHE TREE AVENUE A road or street lined with trees along either side. Rathad no sràid le craobhan air a dhà thaobh ann an sreath.
CREAG CHEARCALL RING MARKED ROCK One or more concentric circles cut into the surface of a natural rock outcrop. Usually found with CUP MARKS. Co-dhiù aon bhad a chearcallan co-mheadhanach a chaidh a shnaidheadh air uachdar lomain chreagaich nàdarra. Gheibhear seo an cois CLOICHE CHUACHACH mar is trice.
CREAG CHUPAN CUP MARKED ROCK Natural rock outcropping bearing one or more small, roughly hemispherical depressions, generally created by chipping or pecking. Loman creagach nàdarra air a bheil co-dhiù aon lagan beag a tha cha mhòr leth-chruinn; mar is trice le bhith ga sgealbadh no ga piocadh.
CREAG CUIMHNEACHAIDH COMMEMORATIVE ROCK A rock outcrop or cave wall which commemorates a person or event. Loman creagach no balla uamha a chomharraicheas duine no tachartais.
CREAG CUPA IS CEARCALL CUP AND RING MARKED ROCK One or more small, roughly hemispherical depressions surrounded by a concentric arrangement of annular or penannular grooves carved on natural rock outcrop. More complex designs may also occur. Co-dhiù aon lagan beag is cha mhòr leth-chearcallach mun a bheil pàtran co-chearcallach de ghròban fàinneach no beàrn-fhàinneach a chaidh a shnaidheadh air loman creagach nàdarra. Chithear pàtranan nas toinnte cuideachd.
CREAG LE  SGRÌOBHADH INSCRIBED ROCK A rock outcrop or cave wall bearing an inscription. Use more specific term where appropriate. Loman creagach no balla uamha air a bheil sgrìobhadh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios sin iomchaidh.
CREAG LE RÙN-SGRÌOBHADH RUNE INSCRIBED ROCK A rock outcrop on which runes have been inscribed. Loman creagach air an deach rùn-sgrìobhadh a shnaidheadh.
Creag na h-Iolaire Hunter's Crag or Eagle Rock
Creag Neithein Craignethan Castle & Shop
CREAG SHNAIGHTE CHRUITHNEACH PICTISH SYMBOL ROCK CARVING A rock outcrop or cave wall bearing Pictish symbols such as carved animals, figures and abstract designs. Loman creagach no balla uamha air an deach comharran Cruithneach, mar bheathaichean, cruthan is pàtranan eas-chruthach, a shnaidheadh.
CREAGADAN ROCKERY A pile of rough stones and soil used for the growing of ferns and other plants. Torr de chlachan garbha 's ùir far a bheilear a' toirt fàs air raineach is lusan eile.
CREAG-CROISE CROSS INCISED ROCK Natural rock outcrop incised with a cross-shaped symbol. Loman creagach nàdarra a chaidh comharra croise a shnaidheadh air.
CREATHALL-THOGAIL SYNCHROLIFT A structure used in a dry dock to raise vessels by means of a cradle. Structar a chleachdar ann an doca-tioram gus soithichean a thogail le creathall.
CRÌOCH BOUNDARY The limit to an area as defined on a map or by a marker of some form e.g. BOUNDARY WALL. Use specific term where known. Na crìochan aig raon a tha air an comharradh air mapa no air an talamh air dòigh air choireigin, m.e. le BALLA-CRÌCHE. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CRÌOCH ACHAIDH FIELD BOUNDARY A fence, wall or other boundary enclosing a field. Use only for fragmentary remains; otherwise use FIELD SYSTEM. Feansa, balla no crìoch eile a tha mun cuairt air achadh. Na cleachd seo ach mas e iarsmadh bloigheach a tha ann; mur eil, cleachd SIOSTAM ACHAIDHEAN na àite.
CRÌOCH ÀITEACHAIS AGRICULTURAL BOUNDARY A field boundary, whether it be bank, dyke, fence, hedge, ditch, etc. Crìoch achaidh, ge b e uchdan, dìg, feansa, callaid, clais no rud eile mar sin a tha ann.
CRÒ PEN A small, open enclosure used for animals. Use more specific term where possible. Lann bheag fhosgailte far an cumar beathaichean cruinn. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CRÒ REE
CRÒ EACARSAICH EACH HORSE EXERCISE RING An area of ground in which horses can be exercised. Pìos talmhainn far am faigh eich eacarsaich.
CRÒ NAM MARBH MORTUARY ENCLOSURE A rectangular or sub-rectangular enclosure of Neolithic date, assumed to have been used for the exposure of human remains prior to secondary burial. Lann cheart-cheàrnach no cha mhòr cheart-cheàrnach à Linn Ùr na Cloiche 's beachd gun deach a chleachdadh gus iarsmaidhean daonna a nochdadh ris na speuran mus deach an tìodhlacadh an dàrna turas.
CRÒ UAN LAMBING PEN A small enclosure where ewes are kept at lambing time. Lann bheag far an cumar na caoraich-uain aig àm breith nan uan.
CRÒ-CHAORACH TURF STELL
CRÒ-CHAORACH SHEEPFOLD An enclosure for collecting, sorting and controlling sheep. Crò far a bheilear a' cruinneachadh, a' seòrsachadh is a' cumail rian air caoraich.
CRÒ-CHAORACH STELL Non-preferred term. Use SHEEPFOLD. Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CRÒ-CHAORACH
CRÒ-CHAORACH STELL ENCLOSURE Non-preferred term. Use SHEEPFOLD. Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CRÒ-CHAORACH
CRÒ-CHAORACH SHEEP CREEP
CRÒ-CHAORACH SHEEP FOLD
CRÒ-CHAORACH BUCHT
CROICH GALLOWS A structure used for execution by hanging. Usually two uprights and a cross-piece, from which the offender is suspended by the neck. Structar a bhathar a' cleachdadh airson daoine a chur gu bàs le bhith gan crochadh. Mar is trice dà chrann dìreach agus pìos tarsainn orra a bhite a' crochadh an eucoirich air a' mhuineal aige no aice.
CROIS CROSS A free-standing structure in the form of a cross. Use specific term where known. Structar a tha na sheasamh leis fhèin agus air cruth croise. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
Crois Bharrachain Barochan Cross
Crois Chill Daltain Kildalton Cross
CROIS COMRAICH SANCTUARY CROSS
CROIS MARGAID MARKET CROSS A cross found in a market place. Crois a tha air àite-margaid.
Crois Margaid Ormiston Ormiston Market Cross
Crois Margaid Preston Preston Market Cross
Crois na Mairg, Taigh-fhiodh Merkland Cross, Woodhouse
Crois Ruthwell Ruthwell Cross
CROIS-CHRÌCHE BOUNDARY CROSS A cross, sculpted or incised, delimiting the extent of a parish or an area of sanctuary. Crois shnaidhte a chomharraicheas crìoch paraiste no tèarmainn.
CROIS-RÈILE FHOSGAILTE LEVEL CROSSING A controlled point with warning lights and gates or barriers where a road crosses a railway line. Àite stiùirichte le solais rabhaidh, geataichean no crann-bacaidh far a bheil rathad a' dol thairis air rathad-iarainn.
CROIT CROFT A small farm or holding. Tuathanas no gabhaltas beag.
CRÒ-PHLANNTRAIS PLANTICRUB A small square, circular or rectangular enclosure used for growing root crops, usually without an entrance. Lann bheag cheàrnagach, chruinn no cheart-cheàrnach far an toirear fàs air barr, mar is trice gun doras.
CRÒ-PHLANNTRAIS PLANTICRUE
Crosskirk, Peebles Crosskirk, Peebles
CROTAG KNOCKING STONE A simple form of mortar, taking the form of a hollow or bowl cut into a large stone or boulder, used mainly for pounding grain. Pronnadair simplidh a tha na chuach no tholl ann an clach mhòr no creag far an robhar a' pronnadh sìol.
CRUACH MHÒNACH PEAT STORE A place for the storage of peat. Àite far a bheilear a' stòradh mòine.
CRUINN-CUMHACHD THRAMAICHEAN TRAMWAY POWER STANDARDS Metal posts erected to support tramway overhead power lines, typically set in pairs across the street or tram reservation. Puist meatailt a chaidh a thogail gus càballan dealain aig trama a chumail an àirde, mar is trice ann am paidhrichean thairis air an rathad no tèarmann-meadhain an trama.
CRUINNEACHADAIR CUMHACHD HAIDREOLAIG HYDRAULIC ACCUMULATOR
CRÙISLE VAULT An underground room or building with an arched roof, often used as a burial chamber. Use wider site type where known. Seòmar fon talamh no togalach aig a bheil mullach boghaichte, tha seo na sheòmar tìodhlacaidh gu math tric. Cleachd seòrsa de làrach nas fharsainge ma tha fhios dè.
CRÙISLE TÒRRAIDH BURIAL VAULT An underground room designed to accommodate the internment of several coffins. Seòmar fon talamh a chaidh a dhealbhadh airson tìodhlacadh grunn chisteachan-laighe.
CUACH SHNAIGHTE ANN AN CREAG ROCK CUT BASIN
CUACH-CREIGE ROCK CUT BOWL A bowl or basin shaped hollow cut into stone or rock outcrop. Lagan ann an cruth bobhla no amair a chaidh a shnaidheadh ann an clach no loman creagach.
CUAIRT RÈISEADH CHÀRAICHEAN MOTOR RACING CIRCUIT
CUAIRT-DHÌG RING DITCH An unbroken circular or sub-circular ditch, usually seen as a cropmark. May be the remains of a ploughed-out barrow, roundhouse or modern feature. Use the term where function is unknown. Dìg shlàn no cha mhòr cearcallach a chithear, mar is trice, mar chomharra-barra. Dh'fhaoidte gur e seo iarsmadh de bharpa, taigh-cruinn no feart ùr a chaidh a sgriosadh leis an treabhadh. Cleachd am briathar seo mur eil fios dè am feum a bha ann.
CUAIRT-RÈISIDH RACING CIRCUIT A piece of ground used for motor racing. Pìos talmhainn far a bheilear a' rèiseadh chàraichean.
Cuantach marine
CUARAIDH QUARRY An excavation from which minerals are obtained by cutting, blasting, etc. Use more specific term where known. Àite far a bheilear a' dùsgadh mèinnearan le bhith a' gearradh, a' spreadhadh is msaa. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CUARAIDH QUARRY WORKINGS
CUARAIDH ANDASAIT ANDESITE QUARRY A site where andasite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh andasait.
CUARAIDH BASALT BASALT QUARRY A site where basalt is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh basalt.
CUARAIDH CHLACH STONE QUARRY An excavation from which stone for building is obtained by cutting, blasting etc. Cladhach far a bheilear a' dùsgadh clachan airson obair-thogail le bhith ga gearradh no ga spreadhadh is msaa.
CUARAIDH CHLACHAN-BRÀTHA QUERN QUARRY A shallow scoop in the ground surface from which raw material used in the production of quern stones is obtained or an outcrop of rock which bears traces of disc-shaped hollows resulting from the removal of roughouts. Lagan eu-domhain ann an uachdar na talmhainn far a bheilear a' faighinn bun-stuth airson clachan-bhràthan a dhèanamh no loman creige air a bheil fiamh lagan diosg-chruthach a chaidh a dhèanamh ann nuair a bhathar a' toirt garbh-chruthan às.
CUARAIDH CHLACHAN-MUILINN MILLSTONE QUARRY A site where millstones have been quarried. Circular depressions may be visible, along with unfinished or broken millstones. Làrach far an robhar a' dùsgadh clachan-muilinn. Dh'fhaoidte gu bheil lagan cruinne ri fhaicinn ann agus clachan-muilinn nach eil buileach deiseil no briste.
CUARAIDH CHRÒMATAN CHROMATE QUARRY A place where chromates are extracted from the ground. Chromates are metal salts, usually used in coating processes for metals. Àite far a bheilear a' dùsgadh chromates às an talamh. Tha chromates nan salainn meatailte a chleachdar, mar is trice, ann an còmhdachadh mheatailtean.
CUARAIDH CLACH-AOIL LIMESTONE QUARRY A site where limestone is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh clach-aoil.
CUARAIDH CLACH-GHAINMHICH SANDSTONE QUARRY A place where sandstone is excavated. Àite far a bheilear a' dùsgadh clach-ghainmhich.
CUARAIDH CLACH-GHAIREIL FREESTONE QUARRY
CUARAIDH CLACH-GHRÀIN GRANITE QUARRY A site where granite is extracted from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh goireil às an talamh.
CUARAIDH CLACH-SIABAINN STEATITE QUARRY A site where steatite is extracted from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh clach-shiabainn às an talamh.
CUARAIDH CONGLOMARAIT CONGLOMERATE QUARRY A site where conglomerate is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh conglomarait.
CUARAIDH CRÈADH AN FHÙCADAIR FULLERS EARTH QUARRY A site where Fullers Earth (a hydrous silicate of alumina) is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh criadh an fhùcadair (hydrous silicate de alumina).
CUARAIDH CUIN-CHLACH WHINSTONE QUARRY A site where whinstone (basalt and other hard, dark-coloured igneous rocks) is extracted from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh cuin-chlach (basalt no clach chruaidh theinnteach dhorch eile) às an talamh.
CUARAIDH DÌORAIT DIORITE QUARRY A site where diorite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh dìorait.
CUARAIDH DOLARAIT DOLERITE QUARRY A site where dolerite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh dolarait.
CUARAIDH DOLARAIT ÈITEIGE QUARTZ DOLERITE QUARRY A site where quartz dolerite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh dolairit èiteige.
CUARAIDH FEALSAIT FELSITE QUARRY A site where felsite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh fealsait.
CUARAIDH FELDSPAR FELDSPAR QUARRY A site where feldspar is extracted.  Feldspar is commonly used in the production of ceramics. Làrach far a bheilear a' dùsgadh feldspar.  Cleachdar feldspar gu tric ann an saothrachadh criadhadaireachd.
CUARAIDH FELDSPAR FELSPAR QUARRY Non preferred term. Use FELDSPAR QUARRY. Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CUARAIDH FELDSPAR.
CUARAIDH GABBRO GABBRO QUARRY A site where gabbro is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh gabbro.
CUARAIDH HORNFELS HORNFELS QUARRY A site where hornfels is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh hornfels.
CUARAIDH LEACAN FLAGSTONE QUARRY
CUARAIDH MANGAINEIS MANGANESE QUARRY An open-air site where manganese is extracted from the ground. Làrach a tha fosgailte dha na speuran far a bheilear a' dùsgadh mangaineis.
CUARAIDH MARMOIR MARBLE QUARRY A place where marble is extracted from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh marmor às an talamh.
CUARAIDH SGLÈAT SLATE QUARRY A site where slate is extracted from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh sglèat às an talamh.
CUARAIDH SIOSTA SCHIST QUARRY A site where schist is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh siosta.
CUIBHLE ASAIL DONKEY WHEEL A treadwheel using a donkey as motive power. Usually found in association with wells. Cuibhle-choise a tha ga thionndadh le asal. Gheibhear seo còmhla ri tobraichean ma is trice.
CUIBHLEACHAN-TARSAINN TRAVERSER A platform which moves laterally on wheels, by which boats, railway carriages and engines may be moved from one place to another, eg. from one slipway to another parallel to it. Ùrlar a tha a' dol o thaobh gu taobh air cuibhlichean agus leis an urrainnear bàtaichean, carbadan-rèile 's einnseanan a ghluasad o àite gu àite, m.e. o leathad-luinge gu fear eile a tha co-shìnte ris.
CUIBHREACHADH A BHARRACHD ADDITIONAL RESTRICTIONS
CUILCEACH REED BED A place where reeds are grown for roof thatching and habitat management. Àite far a bheilear a' toirt fàs air cuilc airson tughadh agus stiùireadh na h-àrainneachd.
CUIMHNEACHADH COMMEMORATIVE
CUIMHNEACHAN MEMORIAL
CUIMHNEACHAN CABHSAIREACH CAUSEWAYED ENCLOSURE A Neolithic monument comprising a sub-circular enclosing ditch, interrupted by frequent causeways, and often accompanied by an internal bank, also causewayed. Cuimhneachan à linn ùr na cloiche; dìg a tha cha mhòr cearclach mun cuairt air, le iomadh cabhsair a' dol a-steach air agus gu tric le uchdan na bhroinn, le iomadh cabhsair aige-san cuideachd.
CUIMHNEACHAN-COGAIDH WAR MEMORIAL A structure, building or site commemorating members of the armed forces and civilians killed in war. Structar, togalach no làrach a tha na chuimhneachan air buill an airm agus sìobhaltaich a chaidh a mharbhadh ann an cogadh.
CUING-PEANAIS JOUGS
Cùirn Fada Cnoc Freacadain Cnoc Freiceadain Long Cairns
Cùirn Liatha Chamstair Gray Cairns of Camster
CÙIRT AN t-SIORRAIM SHERIFF COURTHOUSE A court presided over by a sheriff. Cùirt far a bheil siorram sa chathair.
CÙIRT BADMANTAN BADMINTON COURT An indoor play area for the game of badminton. Raon-cluiche air an taobh a-staigh far a bheilear a' cluich badmantan.
CÙIRT FÌOR-THEANAS REAL TENNIS COURT An indoor court where the ancient and complex sport of real tennis is played. Cùirt air an taobh a-staigh far a bheilear a' cluich an spòrs àrsaidh is iom-fhillte, fìor-theanas.
CÙIRT RACAID RACQUETS COURT A plain four walled court used to play the game of racquets on. Cùirt shimplidh cheithir-bhallach far a bheilear a' cluich geamannan racaid air.
CÙIRT SGUAIS SQUASH COURT A place where the game of squash is played. Àite far a bheilear a' cluich geamannan sguais.
CÙIRT TEANAS TENNIS COURT A prepared area, traditionally grass, where tennis is played. Raon, mar is trice feur, a chaidh ullachadh airson teanas a chluich ann.
CÙIRT TEANAS-LÀIMHE FIVES COURT A place for playing Fives, a game resembling tennis involving a ball and a wall. Cùirt far an cluichear teanas-làimhe, geama a tha coltach ri teanas anns a bheil feum air ball agus balla.
CÙIRT-LAGHA LAW COURT A place, hall or chamber in which justice is administered. Àite, talla no seòmraichean far a chuirear ceartas an gnìomh.
CÙIRT-LIOS COURTYARD An uncovered area, surrounded or partially surrounded by buildings. Àite a tha fosgailte ris na speuran, mun a bheil togalaichean ceithir timcheall air no gu ìre.
CUITHE CATTLEFOLD An enclosure for collecting, sorting and controlling cattle. Crò far a bheilear a' cruinneachadh, a' seòrsachadh is a' cumail rian air crodh.
CÙL-TEALLAICH INGLENOOK An area within a large fireplace where it is possible to sit. Àite ann an teinntean mòr far an urrainn do dhaoine suidhe.
CÙL-THALAMH BACKLANDS An area of open ground associated with a medieval urban dwelling. Pìos talmhainn fosgailte a tha co-cheangailte ri taigh-còmhnaidh nam meadhan-aoisean.
CUMBRIA CUMBRIA
CÙRSA-RÈIS RACECOURSE A piece of ground on which horse races are run. Talamh far an cumar rèisean each.
CÙRSA-RÈISIDH RACE COURSE
CÙRSA-UISGE WATERCOURSE A channel used for or formed by the conveyance of water. Can be natural, e.g. a river or artificial e.g. an aqueduct. Use more specific type where known. Cladhan a tha ga chleachdadh gus uisge a ghiùlan o àite gu àite no fear a chaidh a chruthachadh ri linn giùlan uisge. Faodaidh seo a bhith na rud nàdarra, m.e. abhainn, no na rud fuadain, m.e. duct-uisge. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CÙRSA-UISGE WATER COURSE
CUR-SEACHADAN RECREATIONAL
CURSUS CURSUS A rectangular enclosure of Neolithic date, presumed to be of ceremonial function. Lann ceart-cheàrnach à linn ùr na cloiche a thathar dhen bheachd gur ann airson deas-ghnàthan a bha e.
CURSUS CUAIRTICHTE LE DÌG DITCH DEFINED CURSUS A long narrow rectilinear enclosure of Neolithic date defined by a ditch, sometimes with a central bank. Lann fhada chaol lìneach à Linn Ùr na Cloiche 's a dh'aithnichear air dìg, uaireannan le uchdan sa mheadhan.
CURSUS CUAIRTICHTE LE SLUIC E PIT DEFINED CURSUS A long, rectangular enclosure defined by pits or post-holes, often with one or more internal divisions. Presumed to be ritual in function and of Neolithic date. Lann ceart-cheàrnach fhada a tha ga chomharradh le slocan no tuill puist, gu tric le co-dhiù aon tallan na bhroinn. Thathar dhen bheachd gur ann airson deas-ghnàthan a bha e ann an linn ùr na cloiche.

Share