Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

English Term Facal Gàidhlig English Note Nota Gàidhlig Audio
BACKLANDS CÙL-THALAMH An area of open ground associated with a medieval urban dwelling. Pìos talmhainn fosgailte a tha co-cheangailte ri taigh-còmhnaidh nam meadhan-aoisean.
BADMINTON COURT CÙIRT BADMANTAN An indoor play area for the game of badminton. Raon-cluiche air an taobh a-staigh far a bheilear a' cluich badmantan.
BAILEY GÀRRADH The courtyard of a castle, i.e. the area enclosed by the rampart or curtain wall. Use with wider site type where known. Cùirt-lios caisteil, 's e sin an t-àite mun a tha an rampair no aghaidh-thogalaich chùirtearach. Cleachd seòrsa de làrach nas fharsainge ma tha fhios dè.
Bailey (1) Gàrradh
BAIT HOLE LAG SOLL A small rock-cut hole used to store bait whilst fishing. Toll beag ann an creag far an cumar biathadh fhad 's a thathar ag iasgach.
BAKEHOUSE TAIGH-FUINE A service building to a country house, farm, etc, used for baking. If commercial premises use BAKERY. Togalach seirbheise aig taigh-dùthcha, tuathanas is msaa a chleachdar airson fuineadh. Mas e ionad coimeirsealta a tha ann, cleachd TAIGH-FUINE.
BAKERY TAIGH-FUINE A commercial bakery or bread factory. Taigh-fuine no factaraidh arain coimeirsealta.
BALCONY ACCESS BLOCK BLOCA FHLATAICHEAN LE GAILEARAIDH INNTRIGIDH Block of flats within which the individual dwellings are accessed by narrow external balconies. Bloca fhlataichean sa bheil àitichean-còmhnaidh fa leth a ruigear air gailearaidhean tana air an taobh a-muigh.
BALK YARD GÀRRADH FIODHRAICH
BALLAST MOUND DÙN BALAIST A spoil tip of dumped ballast, deposited from merchant vessels prior to loading cargo, and usually found in estuarine contexts near harbours. Torr air an deach balaist a thilgeil o shoithichean mharsantan mus deach carago a luchdadh orra. Gheibhear iad seo ann an inbhirean faisg air calaidhean mar is trice.
BALLROOM SEÒMAR-DANNSAIDH A room or building suitable for music and dancing. Seòmar no togalach a tha freagarrach do cheòl is dannsa.
BALUSTRADE BALASTRAID A row of balusters, usually made of stone, surmounted by a rail or coping. Sreath de charraighean beaga, mar is trice de chlach, le rèile os an cionn no barran air.
Balvaird Castle Caisteal Bhaile a' Bhàird
Balvenie Castle Caisteal Bhaile Mhaine
Bamburgh Castle Caisteal Bamburgh
BANDSTAND PÀILLEAN CHÒMHLAN A covered platform for use by musicians and commonly found in public parks or gardens. Ùrlar còmhdaichte a tha ga chleachdadh le luchd-ciùil agus a gheibhear gu tric ann am pàircean no gàrraidhean poblach.
BANJO ENCLOSURE TUINEACHADH (FRIOCHDANACH ) CUAIRTICHTE
BANK (EARTHWORK) STRUCTAR-ÙIR Linear or curvilinear construction of earth, turf and stone, often, but not always accompanied by a ditch. Use specific type where known. Structar ùir, sgratha 's cloiche loidhneach no lùb-loidhneach gu tric ach chan ann an-còmhnaidh le dìg. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
BANK (FINANCIAL) BANCA An establishment used for the custody of money received from, or on behalf, of its customers. Eagrachas a tha a' stòradh airgead a fhuair e bho na custamairean aige no as an leth.
BANK BARROW BARPA UCHDAIN A Neolithic monument comprising a long, narrow earthen mound. May be of single-phase construction, or represent the addition of a linear extension to an existing mound or long barrow. Cuimhneachan à Linn Ùr na Cloiche a tha na thorr fhada chaol ùir. Faodaidh gun deach a thogail aig an aon àm no gur e torr no barpa fada a bha ann mu thràth 's a chaidh a leudachadh a tha ann.
BANQUETING HALL TALLA NAM FLEADH A large room or apartment intended for festive or state functions. Seòmar no àras mòr a tha airson fèilltean no tachartasan stàite.
BAPTIST COLLEGE COLAISTE NAM BAISTEACH
BAPTISTERY IONAD-BAISTIDH An area of a church, often a free-standing building, in which baptism is administered Àite ann an eaglais, gu math tric na thogalach a sheasas leis fhèin, far a bheilear a' baisteadh daoine.
BAPTISTRY IONAD-BAISTIDH
Bar Hill Am Bàrr
BARBERS SHOP BÙTH-BORBAIR A hairdressing establishment for men. Ionad gruagaireachd do dh'fhireannaich.
BARBICAN BARBACAN Any earthworks, walling, bastion or fortified outwork, or combination of these, generally with ditch or moat. Balla, balla-ùir, baisteon no fo-dhìdean no measgachadh dhiubh, mar is trice le dìg no staing.
BARK MILL MUILEANN RÙSGADH-CHRAOBHAN A mill used for stripping the bark from cut tree trunks. Muileann a bheir an rùsg far craobhan gearrte.
BARKER POIT-CHARTACHAIDH
BARKING HOUSE TAIGH-CARTACHAIDH A building used for the treatment of fishing nets. Togalach far a bheilear a' càradh lìontan-èisg.
BARKING POT POIT-CHARTACHAIDH A pot used for 'barking' or preserving fishing nets. Poit a chleachdar airson cartachadh, obair-ghlèidhidh lìontan-èisg.
BARMKIN BÀBHAN A medieval  defensive enclosure, usually attached to a tower house. Lann dhìonach às na meadhan-aoisean, mar is trice co-cheangailte ri taigh-tùir.
BARN SABHAL A building used primarily for the storage of hay, grain and farm equipment, or as a shelter for livestock. Use more specific type where known. Togalach far an cumar fodar, sìol agus acainn an tuathanais, no a bhios na fhasgadh dhan chrodh. Cleachd briathar nas mionaidichemionaidiche ma tha fios air.
Barochan Cross Crois Bharrachain
BARRACKS TAIGHEAN-FEACHD A building used to house troops or military personnel. Togalach far a bheilear a' toirt còmhnaidh dha feachdan no luchd-obrach an airm.
BARRAGE BALLA-BACAIDH A manmade barrier built across a river in order to increase the depth of water. Bacadh a chaidh a thogail thairis air abhainn airson 's gum bi an t-uisge nas doimhne.
BARRAGE BALLOON CENTRE IONAD BHAILIÙNAICHEAN-BACAIDH An RAF Base, used specifically for the storage and maintenance of barrage balloons. Bunait an RAF a tha gu sònraichte airson stòradh 's glèidheadh nam bailiùnaichean-casg.
BARRAGE BALLOON SITE LÀRACH BHAILIÙNAICHEAN-BACAIDH A site where a single large balloon was attached by wire cables to the ground to form an aerial obstruction to attacking enemy aircraft. Làrach far an robh bailiùn mòr ceangailte ris an talamh le càballan mar bhacadh san adhar an aghaidh carbadan-adhair an nàmhad.
BARRIER BACADH A structure used to prevent the passage of people, animals or vehicles. Structar a thathar a' cleachdadh airson 's nach falbh daoine, beathaichean no carbadan ann.
BARROW BARPA An artificial mound of earth and/or turf and stone raised over one or more burials, sometimes surrounded by a ditch. Tom ùir agus/no mòna 's cloiche fuadain a chaidh a thogail os cionn co-dhiù aon tìodhlacaidh, uaireannan le dìg mun cuairt air.
BARROW CEMETERY CLADH BHARPANNAN A cluster of closely-spaced barrows and related monuments, e.g. ring ditches. Badan de bharpannan agus cuimhneachain cho-cheangailte a tha glè fhaisg air a chèile, m.e. cuairt-dìgean.
Barsalloch Fort Dùn a' Bharra Shalaich
BARYTES MINE MÈINN BARAIT A site where barytes (barium sulphate) is mined. Làrach far a bheilear a' dùsgadh barytes (barium sulfate).
BASALT QUARRY CUARAIDH BASALT A site where basalt is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh basalt.
BASCULE BRIDGE DROCHAID-BHOGADAIN A bridge that incorporates one or two spans that tilt at the abutments, to move up and out of the way of shipping. Drochaid aig a bheil ruigheachd no dhà a chlaoineas aig na fàrlarasan ach an gabh a gluasad suas, às an rathad de luingeas.
BASTION SGIATH-BHALLA A flanking tower or projection from the main walls of a defensive work, from which a garrison can defend the ground in front or on the flank. Tùr cliathaich no sròn cliathaich a stobas a-mach o phrìomh bhalla-dìon. Bhiodh gearastan a' dìon na talmhainn air a bheulaibh no air a chliathaich uaithe seo.
BASTLE BAISTEAL A fortified house of two or three storeys, the lower floor being used for storage and/or to house animals and the upper floors for domestic use. Taigh daingnichte dà no trì-ùrlarach leis an ùrlar ìochdarach na stòras no/agus airson nam beathaichean agus na h-ùrlaran uachdarach airson fuireach ann.
BASTLE HOUSE TAIGH-BAISTEIL
BATH HOUSE TAIGH-AMARAN A building equipped with facilities for bathing. Togalach sa bheil goireasan airson failceadh.
BATHS AMAR-SNÀMH A building containing a swimming pool and other structures and facilities associated with recreational swimming. Togalach sa bheil amar-snàmh agus structaran is goireasan eile a tha co-cheangailte ri snàmh mar chur-seachad.
BATTERY BATARAIDH A site where guns, mortars or searchlights are mounted. Use specific term where known. Làrach far a bheil gunnachan, moirtearan no solais-shiridh air am munntachadh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BATTLE SITE LÀRACH BLÀIR The area where a battle or skirmish is thought to have taken place. Àite far an robh blàr no streup ann am beachd nan eòlaichean.
BATTLEFIELD RAON BLÀIR The field or area of ground on which a battle was fought. Achadh no talamh far an robhar ri blàr.
BAUXITE MINE MÈINN BOGSAIT A site with equipment and structures for the extraction of bauxite (aluminium ore). Làrach far a bheil acainnean is structaran airson bauxite (clach-almain) a tharraing à clach-mhèinnir.
BEACON IONAD AINGEAL-RABHAIDH  An elevated site or structure upon which a signal, especially a fire, could be placed as a means of communication or as a warning. Ionad no structar gu h-àrd far an gabhadh comharra, gu h-àraidh teine (AINGEAL), a chruthachadh mar dhòigh conaltraidh no mar rabhadh.
BEACON STANCE BUNAIT AINGEAL-RABHAIDH The structure upon which a beacon was mounted. An structar air an robh aingeal-rabhaidh.
BEAM ENGINE EINNSEAN BOGADAIN A steam engine with a horizontal beam connecting the piston and crank. Einnsean-smùide aig a bheil crann rèidh a tha a' ceangal an loinid ris a' chrangaid.
BEAM ENGINE HOUSE TAIGH EINNSEAN-DÈILE A structure which houses a beam engine. Structar sa bheil einnsean sparra.
Bearsden Bath House Taigh-ionnlaid Bearsden
BEAUTY PARLOUR SALON MAISE
BEAUTY SALON SALON MAISE An establishment where beauty treatments and associated therapies are provided by professional practitioners. Ionad far a bheil proifeiseantaich a' solar cùram maise agus leasachadh maise eile.
BED AND BREAKFAST ESTABLISHMENT IONAD LEABAIDH IS BRACAIST A private residence, such as a farmhouse, cottage or house, providing sleeping accommodation for the night and breakfast the following morning for one inclusive price. Taigh-còmhnaidh prìobhaideach mar thaigh-tuathanais, bothan no taigh far am faighear cuid-oidhche agus bracaist an làrna mhàireach air aon phrìs còmhla.
BEDEHOUSE TAIGH NAN DÈIRCEAN
BEDSTEAD FACTORY FACTARAIDH LEAPANNAN IARAINN A factory where iron bedsteads are produced. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh stoca-leapa iarainn.
BEDSTEAD WORKS FACTARAIDH STOCAN-LEAPA
BEE BOLE BÒL-SHEILLEAN A recess in a wall, in which a bee skep is placed. Cùlaist ann am balla far a bheil sgeap.
BEEHIVE BEACHLANN A receptacle used as a home for bees, traditionally made of thick straw-work in the shape of a dome, but sometimes made of wood. Àite a tha na dhachaigh do sheillein. 's e coirceagan a bhiodh annta o thùs, cuach-mhullach de shùgan tiugh ach uaireannan 's e soithichean fiodha a bhiodh annta cuideachd.
BEEHIVE HUT BOTHAN BEACHLANN
BELL BARROW BARPA CLAG-CHUMACH
BELL DISC BARROW BARPA DIOSGA CLAG-CHUMACH
BELL PIT TOLL CLAGACH A bell-shaped shaft used in early coal mining. Use with functional type if known, eg. COAL WORKS. Sloc clag-chumhach a chaidh a chleachdadh tràth ann am mèinnearachd guail. Cleachd seo leis an fhoincsean ma tha fhios cò fear, m.e. FACTARAIDH GUAIL.
BELL TOWER CLAG-THÙR A tower or turret in which bells are hung. Tùr no turaid sa bheil clagan crochte.
BELLCOTE COT CHLAGAN A housing for one or more bells, usually gabled or roofed. Ionad airson co-dhiù aon chlag, mar is trice le tulchainn no mullach.
BELVEDERE BELVEDERE A turret, tower or look out occupying a prominent position to provide a view, either a separate building, or part of a villa. Turaid, tùr no ionad-faire ann an àite stòite a chithear an sealladh uaithe, togalach fa leth no na phàirt de villa.
BENCH MARK COMHARRA-BEINNSE A reference mark, usually inscribed on stone, or some other fixed point in the landscape, and used as a control point by the Ordnance Survey. Comharra reifreans, mar is trice air clach no rud a tha na sheasamh daingeann am badeigin, a chleachdar mar phuing-smachd leis an t-Suirbhidh Òrdanais.
BERRY PICKERS CAMP CAMPA LUCHD-BUANA DHEARCAN A purpose-built site providing accommodation for seasonal soft fruit workers, typically comprising separate dormitory, kitchen and dining wings. Làrach a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach mar àite-fuirich do luchd-obrach a tha an sàs obair ràitheil togail nam measan boga. Mar is trice, bidh sgiathan-cadail, còcaireachd is ithe fa leth ann.
Bessie Bar, Culross Palace Bessie Bar, Lùchairt Chuileann-Rois
BETTING OFFICE OIFIS IOMAIRT-GHEALL An establishment where wagering and the placing of bets takes place. Ionad far a bheilear a' airgead air geall.
Big Balcraig and Clachan Baile na Creige Mòr agus an Clachan
Biggar Gas Works Factaraidh Gas Biggar
BILLIARD HALL TALLA BILLIARD A building in which billiards is played. Togalach sa bheilear a' cluich billiard.
BINDING WORKS IONAD CEANGAL-LEABHRAICHEAN A factory or workshop where books are bound. Factaraidh no ceàrdach far a bheilear a' nasgadh leabhraichean.
BING DÙN-SGUDAIL GUAIL A spoil heap, often very large, consisting of waste products produced by mining. Torr treamsgail, gu math tric glè mhòr, de sgudal a dh'èirich à obair mèinnearachd.
BINGO HALL TALLA BINGO A place where the popular gambling game of bingo is played. Àite far a bheilear a' cluich geama cearrachais air a bheil bingo.
BIRD HOUSE TAIGH-EUN
BISCUIT FACTORY FACTARAIDH BHRIOSGAIDEAN A factory where biscuits are manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh briosgaidean.
Bishop's Palace, Kirkwall Bishop's Palace, Kirkwall
BISHOPS PALACE LÙCHAIRT EASBAIG The ecclesiastical residence of the governor of diocese. Àite-còmhnaidh oifigeach aig riaghlair na sgìre-easbaig.
BLACK POWDER WORKS FACTARAIDH FÙDAR DUBH A factory or complex that produces black powder, an explosive that contains potassium nitrate, sulphur and charcoal. Factaraidh no aitreabh a tha a' dèanamh fùdar dubh, stuth-spreadhaidh sa bheil naidhtreat potaiseim, pronnasg agus gual-fhiodha.
Blackfriar's Chapel, St Andrews Caibeal nam Manach Dubh, Cill Rìbhinn
Blackhills Roman Fort Gearastan Ròmanach a' Chnuic Dhuibh
BLACKHOUSE TAIGH-TUGHAIDH A dwelling comprising byre, barn and living quarters, with walls consisting of inner and outer dry stone facings with an insulating turf core. Àite-fuirich san robh bàthach, sabhal agus àite-còmhnaidh. Bhiodh ballachan cloiche gun aol-tàthaidh aca agus glut-lìonadh sgratha a chumadh a-mach am fuachd.
BLACKHOUSE (1) TAIGH-DUBH A dwelling comprising byre, barn and living quarters, with walls consisting of inner and outer dry stone facings with an insulating turf core. Àite-fuirich san robh bàthach, sabhal agus àite-còmhnaidh. Bhiodh ballachan cloiche gun aol-tàthaidh aca agus glut-lìonadh sgratha a chumadh a-mach am fuachd.
BLACKING FACTORY FACTARAIDH LÌOMHADH-BHRÒG A building or buildings used for the manufacture of shoe and leather polish, etc. Togalach no togalaichean far a bheilear a' dèanamh lìomh bhrògan is leathair is msaa.
Blackness Castle Caisteal Blackness
BLACKSMITHS WORKSHOP CEÀRDACH
BLAST FURNACE FÙIRNEIS IARAINN A smelting furnace into which compressed hot air is driven. Fùirneis leaghaidh a thathar a' sèideadh adhar teth dùmhlaichte innte.
BLEACH WORKS FACTARAIDH STUTH-GEALACHAIDH A works where bleach is made. FACTARAIDH far a bheilear a' dèanamh stuthan-gealachaidh.
BLEACHFIELD GLASACH-TODHAIR A large field or yard used to lay out fabrics for bleaching by the sun. Achadh mòr no clobhsa far a bheilear a' cur aodach ris a' ghrian gus a ghealachadh.
BLEACHING GREEN BLÀR-GEALACHAIDH
BLEACHWORKS FACTARAIDH STUTH-GEALACHAIDH
BLOCKHOUSE TAIGH-FAIRE A detached fort covering a strategic point. Gearastan dealaichte a tha a' dìon puing ro-innleachdach.
BLOODSTONE SCATTER SGAPADH IARMADAN CLACH-FALA A spatially discrete, though sometimes extensive, scatter of bloodstone artefacts and knapping debris recovered from the surface,e.g. by fieldwalking, rather than from a particular archaeological context. Sgapadh (gu math mòr uaireannan) fuigheall chlachan-fhala agus obair na cloiche-fhala a tha air leth o chèile 's a chaidh a thogail o uachdar na talmhainn, m.e. a' coiseachd na sgìre seach à co-theacsa àrc-eòlach àraidh.
BLOOMERY IONAD-BLUMAIREACHD A simple iron-smelting furnace used to produce blooms of iron from bog iron ore. Fùirneis shimplidh airson meatailt a leaghadh gus blùmairean iarainn a dhèanamh de chlach-iarainn.
BLOOMERY MOUND DÙN-SGUDAIL  BLUMAIREACHD A mound of waste material produced by simple iron smelting. Torr mòr de sgudal a dh'èirich ri linn leaghadh simplidh de dh'iarann.
BLOOMERY SCATTER SGAPADH-SGUDAIL BLUMAIREACHD A waste scatter of the byproduct of iron smelting. Sgapadh de sgudal a gheibhear an cois leaghadh iarainn.
BLOWING ENGINE HOUSE TAIGH EINNSEIN SÈIDIDH Steam engine, usually, driving a centrifugal fan to provide an air blast for a blast furnace. Einnsean-smùide, mar is trice fear a dh'obraicheas gaotharan meadhan-sheachnach a shèideas fùirneis-iarainn.
BOAT BURIAL TÒRRADH LUINGE
BOAT LIFT CRANN-TOGAIL BHÀTAICHEAN A structure used for the lifting of boats and other water craft. Structar airson bàtaichean is soithichean uisge eile a thogail.
BOAT NAUST NÒS
BOAT YARD GÀRRADH TOGAIL-BHÀTAICHEAN A place where boats are built, repaired and stored. Àite far a bheilear a' togail, a' càradh is a' stòradh bàtaichean.
BOATHOUSE TAIGH-BÀTA A house or shelter for the storage and/or launching of boats. Taigh no fasgnadh far an cumar bàtaichean agus/no far an cuirear air bhog iad.
BOBBIN FACTORY FACTARAIDH BHOBAN A factory producing bobbins for use in the textile industry. Factaraidh a nì bobain airson gnìomhachas a' chlò.
BOBBIN MILL MUILEANN-BHOBAN
BOD BOTHAN-IASGAICH
BOG BODY CORP BOGLAICH
BOG BURIAL TÒRRADH BOGLAICH A body which has been interred in boggy or waterlogged ground. Interment may have been deliberate or accidental. Corp a chaidh a thìodhlacadh ann am boglach no talamh fliuch. Dh'fhaoidte gun deach a thìodhlacadh a dh'aona-ghnothach no gu tubaisteach.
BOILER GOILEADAIR A metal vessel in which water is heated and circulated, either as hot water or as steam, for heating or power. Soitheach meatailt a thathar a' teasachadh 's a' cuairteachadh uisge ann, mar uisge teth no mar smùid, airson teasachadh no gintinn cumhachd.
BOILER HOUSE TAIGH-GOILEADAIR A building housing a boiler, often connected to a steam engine house. Togalach sa bheil goileadair, gu math tric co-cheangailte ri taigh-einnsein smùide.
BOILER WORKS FACTARAIDH GHOILEADAIREAN Engineering works dedicated primarily to the manufacture and repair of boilers. FACTARAIDH einnseanaireachd a tha gu sònraichte a' dèanamh 's a' càradh goileadairean.
BOILHOUSE TAIGH GOIL-ÈISG A building used for the washing, cooking and packing of fish. Togalach far a bheilear a' nighe, a' còcaireachd 's a' pacaideadh iasg.
BOLLARD POST-CEANGAIL A wooden, stone or iron post for securing things to or for preventing vehicular access to pedestrianised areas. Post fiodha, cloiche no iarainn ris an ceanglar rudan no gus carbadan a chasgadh à raointean coiseachd.
BOMB CRATER SLOC BOMA A depression in the ground caused by the explosion of a mine or bombshell. Lagan san talamh a nochd ri linn spreadhadh mèinne no boma.
BOMB SHELTER FASGADH BHOMAICHEAN
BOMB STORE STÒR BHOMAICHEAN A complex of buildings, often with accompanying blast walls, designed for the storage of bombs. Aitreabh thogalaichean, gu tric le ballachan-onfhaidh, a chaidh a dhealbhadh mar stòradh bhomaichean.
BOMBING DECOY SITE LÀRACH CULAIDHEAN-TÀLAIDH BOMAIDH
BOMBING RANGE RAINNSE BOMAIDH A designated area of land, incorporating targets, used for bombing practice. Usually located on an island or on the shore below the high water mark. Pìos talmhainn, le targaidean air, a tha ga chleachdadh airson eacarsaichean bomaidh. Bidh seo air eilean no air a' chladach fon tiùrr mar is trice.
BOMBING RANGE MARKER COMHARRA RAINNSE BOMAIDH A marker on the ground, showing the direction of flight, allowing bombers to locate the bombing range. Comharra air an talamh a nochdas comhair an iteil airson 's gum bi fios aig bomadairean càit a bheil an rainse bomaidh.
BOMBING TARGET TARGAID BOMAIDH A building or structure built for bombing practice. Togalach no structar a chaidh a thogail airson eacarsaichean bomaidh.
BOND TAIGH BATHAR BANNAICHTE
BONDED STORE STÒR BANNAICHTE
BONDED WAREHOUSE TAIGH-BATHAIR BANNAICHTE A warehouse in which goods are stored before the duty has been paid. Often found at ports and airports. Taigh-bathair far a bheilear a' stòradh bathar mus deach na cìsean a phàigheadh. Gheibhear seo gu tric aig puirt is puirt-adhair.
BONE MILL MUILEANN-CHNÀMHAN A mill for grinding or crushing bones, in the process of making bone china, for example. Muileann a bhleitheas no a bhrùthas cnàmhan, mar eisimpleir nuair a nithear pòrsalan cnàmha.
BOOKING OFFICE OIFIS THIOGAIDEAN An establishment where tickets/reservations for events, journeys or entrance to a site can be purchased. Ionad far an urrainnear tiocaidean a cheannach no a ghlèidheadh airson tachartasan, tursan no cead a-steach do làrach.
BOOM DEFENCE BACADH ACARSAID A barrier, usually of wood, chain or netting, stretched across the entrance to a harbour, port or anchorage, to control entry and/or limit the effect of the weather on wave action. Bacadh, mar is trice bacadh fiodha, slabhraidh no lìn, tarsainn air beul cala, puirt no acarsaid gus smachd a chumail air cò thig a-steach 's cò dh'fhalbhas a-mach agus air buaidh na h-aimsire air na tuinn.
BOOT AND SHOE FACTORY FACTARAIDH BHRÒGAN IS BHÒTANN
BOOTH BOTHAN A small, often enclosed compartment, usually accommodating only one person. Use specific term where known. Àite beag, mun a bheil structar air choireigin gu tric, airson aonan mar is trice. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BORSTAL BORSTAL An institution for the imprisonment and training of 16-21 year olds first established officially in 1908. Replaced by Youth Custody Centres in 1982. Institiuid airson prìosanachadh agus trèanadh dhaoine òga eadar aois 16-21 agus a chaidh a stèidheachadh gu h-oifigeil ann an 1908. Chaidh Aonadan Glacas na h-Òigridh a chur nan àite ann an 1982.
BOTANIC GARDEN GÀRRADH BOTANAIG An area of land designed to provide living material for the study of botany and horticulture. May include public glasshouses and gardens. Pìos talmhainn a chaidh a dhealbhadh mar mhàthair stuthan beò airson rannsachadh luibh-eòlais agus tuathanas gàrraidh. Dh'fhaoidte gun gabh seo a-steach taighean-glaine is gàrraidhean poblach.
BOTANICAL GARDENS GÀRRADH BOTANAIG
Bothwell Castle Caisteal Bothwell
BOTHY BOTHAN A small building used as temporary lodgings or shelter for farm labourers, shepherds, walkers or mountaineers. Often in an isolated location. Togalach beag a tha na àite-fuirich no fasgadh sealach airson luchd-obrach tuathanais, cìobairean, coisichean no beanntairean. Gu math tric ann an àite iomallach.
BOTTLE WORKS FACTARAIDH BHOTAL A site where glass bottles are manufactured. Làrach far a bheilear a' dèanamh botalan GLAINNE.
BOTTLING PLANT FACTARAIDH LÌONADH BHOTAL A plant for bottling manufactured goods, as opposed to a BOTTLE WORKS where bottles were made. Factaraidh far a bheilear a' cur bathar ann am botailean, seach FACTARAIDH BHOTALAN far a bheilear a' dèanamh nam botalan iad fhèin.
BOTTLING STORE STÒR BHOTAL A building where bottled liquids, usually beer, are stored after bottling. Usually associated with a BREWERY. Togalach far a bheilear a' stòradh lionntan ann am botalan, mar is trice leann, an dhèidh botalaidh. Mar is trice co-cheangailte ri TAIGH-GRÙIDE.
BOUNDARY CRÌOCH The limit to an area as defined on a map or by a marker of some form e.g. BOUNDARY WALL. Use specific term where known. Na crìochan aig raon a tha air an comharradh air mapa no air an talamh air dòigh air choireigin, m.e. le BALLA-CRÌCHE. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BOUNDARY BANK UCHDAN-CRÌCHE An earthen bank that indicates the limit of an area or a piece of land. Uchdan ùir a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY CAIRN CÀRN-CRÌCHE A cairn used to indicate the limit of an area or a piece of land. Càrn a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY CROSS CROIS-CHRÌCHE A cross, sculpted or incised, delimiting the extent of a parish or an area of sanctuary. Crois shnaidhte a chomharraicheas crìoch paraiste no tèarmainn.
BOUNDARY DITCH DÌG-CHRÌCHE A ditch that indicates the limit of an area or a piece of land. Dìg a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY DYKE GÀRRADH-CRÌCHE A dyke that indicates the limit of an area or a piece of land. Gàrradh a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY EARTHWORK BALLA-ÙIR CRÌCHE An earthwork that indicates the limit of an area or a piece of land. Balla-ùir a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY MARKER COMHARRA-CRÌCHE A marker used to indicate the limit of an area or a piece of land. Rud a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY MOUND UCHDAN CRÌCHE A pile of turves used as boundary marker. Torr sgrathan a thathar a' cleachdadh mar chomharra-crìche.
BOUNDARY STONE CLACH-CHRÌCHE A stone that indicates the limit of an area or piece of land. Clach a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
BOUNDARY WALL BALLA-CRÌCHE Any wall enclosing a building or complex of buildings, eg. prisons, dockyards, factories, etc. Balla sam bith a tha mun cuairt togalaich no aitreabh thogalaichean, m.e. prìosanan, docannan, factaraidhean is msaa.
BOW BUTTS PUNNDAICHEAN BOGHADAIREACHD
BOWL BARROW BARPA BÒBHLACH
BOWLING ALLEY IONAD-BOBHLAIDH An indoor alley for playing bowls or skittles. Ionad anns a bheilear a' cluich bobhladh no leagail-shaighdear.
BOWLING GREEN RÈIDHLEAN-BOBHLAIDH An area of closely mown lawn used for the game of bowls. Raon air a bheil feur goirid agus far a bheilear ri bobhladh.
BOX FACTORY FACTARAIDH BHOGSAICHEAN A factory which manufactures boxes. Factaraidh a nì bogsaichean.
BOX WORKS FACTARAIDH BHOGSAICHEAN
BRAILLE PRINTING WORKS FACTARAIDH CLÒ-BHUALAIDH BRAILLE A printing works which specialises in printing books and other materials in Braille. FACTARAIDH clò-bhualaidh a tha gu sònraichte ri clò-bhualadh leabhraichean is rudan eile ann am Braille.
Brandsbutt Stone Clach Brandsbutt
BRASS FOUNDRY TAIGH-FÙIRNEIS PRÀISE A workshop or factory where brass articles are made by casting molten material into a mould. Ceàrdach no factaraidh far a bheilear a' dèanamh bathar pràise le bhith a' taomadh stuth air a leaghadh ann am mòlltairean.
BREAKWATER BALLA-BRISIDH A structure which protects a beach or harbour by breaking the force of the waves. Structar a dhìonas tràigh no cala 's e a' briseadh neart nan tonn.
Brechin Maison Dieu Taigh Dhè Bhreichin
Brechin Round Tower Tùr Cruinn Bhreichin
BRETHREN MEETING HOUSE TAIGH-COINNEIMH NAM BRÀITHREAN A place of meeting and worship for Brethren, a fundamentalist puritan sect founded in Ireland in the late 1820s and established in England in Plymouth in the 1830s. Àite-coinneachaidh is adhraidh aig na Bràithrean, seict phiùratanach bhun-chreidmheach a chaidh a chur air chois ann an Èirinn aig deireadh nan 1820an agus ann an Sasainn ann am Plymouth sna 1830an.
BREWERS HOUSE TAIGH A GHRÙDAIR A dwelling occupied by a person engaged in the brewing industry, associated with a BREWERY. Àite-còmhnaidh aig cuideigin a tha ri grùdaireachd, co-cheangailte ri TAIGH-GRÙIDE.
BREWERY TAIGH-GRÙIDE A large commercial complex of buildings for the brewing of beer. Aitreabh thogalaichean malairt mòr airson grùdaireachd beòir.
BREWING AND MALTING SITE LÀRACH GRÙDAIREACHD IS BRACHA Buildings and structures associated with the process of brewing and malting. Làraichean agus structaran a tha co-cheangailte ri grùdaireachd is brachadh.
BRICK AND TILE WORKS IONAD-DÈANAIMH BHREIGEACHAN IS TAIDHLEARACHD A site and associated structures used in the manufacture of bricks and tiles. Làrach agus structaran co-cheangailte a chleachdar airson breigean is leacagan a dhèanamh.
BRICK AND TILEMAKING SITE IONAD-DÈANAIMH BHREIGEACHAN  IS LEACAN Sites and structures associated with the manufacture of bricks and tiles. Includes sites associated with earth extraction and preparation. Làraichean agus structaran a tha co-cheangailte ri saothrachadh bhreigean is leacagan. Tha seo a' gabhail a-steach làraichean a tha co-cheangailte ri às-tharraing is ullachadh ùir.
BRICK FACTORY FACTARAIDH BHREIGEACHAN
BRICK KILN ÀTH BHREIGEACHAN A kiln for firing bricks and tiles. Àth sa bheilear a' losgadh breigean is leacagan.
BRICKFIELD LÀRACH BHREIGEACHAN A site where clay is both extracted and fired to produce bricks. Làrach far a bheilear a' tarraing criadh às an talamh agus ga losgadh nam breigean.
BRICKWORKS FACTARAIDH BHREIGEACHAN An industrial manufacturing complex producing bricks. Aitreabh saothrachadh gnìomhachais far a bheilear a' dèanamh breigean.
BRIDGE DROCHAID A structure which spans and provides passage across an obstacle, such as a river, road, ravine or railway. Use specific term where known. Structar a tha a' dol thairis cnap-starra 's a bheir cothrom siubhail thairis air, can abhainn, rathad, mòr-ghil no rathad-iarainn. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BRIDGE ABUTMENT FÀRLARAS DROCHAIDE A construction that supports the end of a bridge. Structar a chuireas taic ri ceann drochaide.
BRIDGE KEEPERS COTTAGE TAIGH-DROCHAID The residence of a bridge keeper. Taigh-còmhnaidh neach na drochaid.
BRIQUETTE WORKS FACTARAIDH BHRIQUETTES A factory where briquettes are made by compressing fuel, usually coal, charcoal or peat. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh briquettes le bhith a' dhùmhlachadh connadh, mar is trice gual, gual-fiodha no mòine.
BRITISH LEGION HALL TALLA LÈIGIAN BHREATAINN A place where members of the British Legion meet. Àite far an coinnich buill Lèigiun Bhreatainn.
BROADCASTING STUDIO STIÙIDIO CRAOLAIDH A building or suite of rooms from which radio or television broadcasts are disseminated. Togalach no grunn sheòmraichean às an tèid rèidio no telebhisean a chraoladh.
BROADCASTING TRANSMITTER CRANN- CRAOLAIDH A structure, building or site housing equipment for transmitting radio or television signals. Structar, togalach no taigh sa bheil acainnean airson craoladh rèidio no siognailean telebhisein.
BROCH DÙN An Iron Age round defended house, found mainly in the north and west of Scotland. Brochs have a tapering profile and thick, usually hollow dry stone walls which contain galleries, cells and a stairway, with guard cells at the entrance. Taigh-dìon cruinn à linn an iarainn a gheibhear mar is trice san iar agus gu tuath ann an Alba. Tha ceann-caol air brugh agus ballachan cobhaireachd (mar is trice) tiugha sa bheil gailearaidhean, ceallan agus staidhir le ceallan freiceadain aig an doras mhòr.
BROCH (1) BORGH An Iron Age round defended house, found mainly in the north and west of Scotland. Brochs have a tapering profile and thick, usually hollow dry stone walls which contain galleries, cells and a stairway, with guard cells at the entrance. Taigh-dìon cruinn à linn an iarainn a gheibhear mar is trice san iar agus gu tuath ann an Alba. Tha ceann-caol air brugh agus ballachan cobhaireachd (mar is trice) tiugha sa bheil gailearaidhean, ceallan agus staidhir le ceallan freiceadain aig an doras mhòr.
Broch of Durness Dùn Dornaigil
Broch of Gurness Broch of Gurness
BRONZE WORKING SITE LÀRACH OBAIR-UMHA A site which has produced evidence of in situ working of bronze for the manufacture of tools, weapons, jewellery or other objects. Such sites will usually, but not always, be of prehistoric date. Làrach far an deach fianais a lorg gun robhar ag obair umha ann gus innealan, buill-airm, seudraidh no rudan eile a dhèanamh. Buinidh làraichean mar seo ris na linntean ro-eachdraidheil mar is trice ach chan ann an-còmhnaidh.
Broughty Castle Caisteal Broughty
BUCHANITE MEETING HOUSE TAIGH-COINNEIMH NAM BUCHANACH A place of worship for members of the Buchanite sect (1784-1846). Àite-adhraidh aig seict nam Buchanach (1784-1846).
BUCHT CRÒ-CHAORACH
BUILDERS STORE STÒR LUCHD-TOGAIL A building used to store building materials. Togalach sa bheilear a' stòradh goireasan togalaich.
BUILDING TOGALACH A structure with a roof to provide shelter from the weather for occupants or contents. Use specific type where known. Structar aig a bheil mullach a bheir fasgadh on aimsir do dhaoine no rudan. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
BUILDING COMPONENT PÀIRT THOGALAICH A structure which can be an area within a building, a separate building within a complex or a detached architectural component of a building. Structar a dh'fhaodadh a bhith am broinn togalaich no thogalach fa leth air aitreabh no co-phàirt ailtireachd fa leth aig togalach.
BUILDING FOOTINGS STÈIDH TOGALAICH The lower part of the foundations of a building. Use with specific term where possible. An earrann ìochdarach aig bunachar togalaich. Cleachd le briathar pongail ma tha fios air.
BUILDING FOUNDATIONS STÈIDH TOGALAICH Non-preferred term. Use BUILDING. Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd TOGALACH.
BUILDING PLATFORM BAC TOGALAICH A levelled area cut into a slope, generally regular in shape, upon which a building was constructed. Use more specific term where known. Àite rèidh a chaidh a ghearradh à leathad, mar is trice air pàtran riaghailteach, agus air a chaidh togalach a thogail. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BUILDING SOCIETY COMANN THOGALACH
BULL HOUSE TAIGH-TAIRBH A building where a bull is kept. Togalach far a bheilear a' cumail tarbh.
BUNGALOW BUNGALO A one-storey house. Taigh aon-ùrlarach.
BUNKER BUNCAIR A structure, often built underground, used for defence and co-ordination of military activity. Structar a chaidh a thogail (fon talamh gu tric) airson àite a dhìon agus mar ionad co-òrdanachadh an airm.
BUOY BUTA A floating, fixed marker used to indicate to a navigator a sea area to approach or avoid. Comharra socraichte air fleòd a bheir rabhadh do sheòladair gum bu chòir dhaibh an t-àite seo a sheachnadh.
BURGH BORG A civil and administrative area incorporating a town of medieval origin. Raon catharra 's rianachd a tha a' gabhail a-steach baile às na meadhan-aoisean.
BURGH CHAMBERS SEÒMRAICHEAN A' BHAILE A building, suite of rooms or hall, within a larger building such as a tollbooth or a town-house, in which meetings of the burgh were held. Togalach, sreath de sheòmraichean no talla am broinn togalach nas motha mar tholl-bùtha no taigh-baile far an robhar a' cumail coinneamhan a' bhaile.
Burghead Well Tobar Burghead
BURIAL TÒRRADH An interment of human or animal remains. Use specific term where known. Tìodhlacadh iarsmaidhean duine no beathaich. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BURIAL AISLE TRANNSA TÒRRAIDH A projecting wing or chapel within a church, or a freestanding building, used privately by a family for burial. Sgiath a tha a' stobadh a-mach no seipeal am broinn eaglaise no togalach a sheasas leis fhèin a tha teaghlach ga chleachdadh airson tìodhlacaidhean prìobhaidean.
BURIAL CAIRN BARPA   TÒRRAIDH A stony mound containing or concealing deliberately deposited human remains. Use specific term where known. Torr creagach sa bheil iarsmaidhean daonna no a tha gam falach. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
BURIAL CHAMBER SEÒMAR TÒRRAIDH
BURIAL ENCLOSURE RÈILIG A burial ground, often within a graveyard, enclosed by a wall, fence or hedge. Àite-tìodhlacaidh, gu math tric am broinn cille, mun a bheil balla, feansa no callaid.
BURIAL GROUND CLADH An area of land used for burials, generally used from the medieval period up to the 19th century. It may also be detached from the church. Pìos talmhainn a chaidh a chleachdadh airson tìodhlacaidhean, mar is trice a-mach o na meadhan-aoisean suas gun 19mh linn. Dh'fhaoidte gum bi seo dealaichte on eaglais.
BURIAL MOUND TOLMAN TÒRRAIDH
BURIAL VAULT CRÙISLE TÒRRAIDH An underground room designed to accommodate the internment of several coffins. Seòmar fon talamh a chaidh a dhealbhadh airson tìodhlacadh grunn chisteachan-laighe.
BURIED GROUND SURFACE UACHDAR TALMHAINN FO-THALAMH
BURIED LAND SURFACE UACHDAR TALMHAINN FO-THALAMH A former ground surface buried beneath an earthwork or other sequence of deposits. (includes palaeosoils, turf lines). Seann-uachdar talmhainn a tha a-nis fo uchdan-ùir no breathan eile de stuth a chaidh fhàgail os a chionn (tha seo a' gabhail a-steach pailleo-ùir, loidhnichean sgratha).
Burleigh Castle Caisteal Burleigh
BURN COVER CLADHAN  UILLT Constructed channel for carrying burns over the top of a subterranean aqueduct preventing erosion of aqueduct structure and intrusion of unwanted water into the water supply. Either cast-iron 'U'-shaped channels or stone or concrete linings. Cladhan a chaidh a thogail os cionn duct-uisge airson allt a tha a' dol seachad air airson 's nach bleith e structar an duct-uisge agus air eagal 's gun sileadh uisge nach eilear ag iarraidh dhan duct-uisge. Cladhan de dh'iarann mòlltaichte an cruth U no feadhainn a chaidh a lìnigeach le clachan no concrait.
BURNT MOUND DÙN CHLACHAN LOISGTE A mound of fire-cracked stone, often set beside a stream and including a trough or pit which may have been lined with clay, wood or stone. Assumed to be a location where heated stones were used to boil water for cooking purposes. Càrn chlachan a chaidh an sgàineadh le teine, gu math tric ri taobh uillt agus le amar no sloc a bha uaireannan air a lìnigeadh le criadh, fiodh no clachan. Thathar dhen bheachd gun robh daoine a' cleachdadh clachan teasaichte an-seo gus uisge a thoirt gu goil airson còcaireachd.
BUS DEPOT DEPOT BHUSAICHEAN A building, with adjacent open areas, in which buses are maintained, usually having an extensive area free from upright columns or stanchions to permit overnight storage, repair bays, stores and an office. Togalach le raointean fosgailte faisg air far a bheilear a' dèanamh obair-ghlèidhidh air busaichean, mar is trice le àite mòr far nach eil colbhan no stàinseanan gus am pàirceadh ann tron oidhche, airson cùiltean càraidh, stòrasan is oifis.
BUS SHELTER FASGADH BHUSAICHEAN A structure providing protection against the weather at bus stops. Structar a bheir fasgadh do dhaoine on aimsir aig àitichean-stad bhusaichean.
BUS STATION STÈISEAN BHUSAICHEAN A complex of stances and associated buildings providing transport by bus and travel information. Aitreabh stanndaichean agus togalaichean co-cheangailte airson còmhdhail bhusaichean.
BUTCHERS BÙIDSEAR
BUTCHERS SHOP BÙTH BÙIDSEIR A shop specifically for butchering and selling of meat products. Bùth a tha gu sònraichte airson bùidsearachd is reic bathar feòla.
BUTCHERY FACTORY FACTARAIDH BÙIDSEARACHD
BUTTS PUNNDAICHEAN A mound or structure on which an archery, musketry or artillery target is erected. Use specific type where known. Tom no structar air an deach targaid boghadaireachd, musgadaireachd no gunnaireachd a thogail. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
BYRE BÀTHACH A cow shed. Seada cruidh.
BYRE DWELLING SABHAL-CÒMHNAIDH A rectangular building of late- to post-medieval date, comprising a dwelling for people and accommodation for animals under one roof. Only use where there is evidence for both functions. Togalach ceart-cheàrnach bho dheireadh nam meadhan-aoisean no an dèidh nam meadhan-aoisean sa bheil àite-còmhnaidh do na daoine agus do na beathaichean fon aon mhullach. Na cleachd ach ma tha fianais air an dà rud.

Share