Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

Facal Gàidhlig English Term English Note Nota Gàidhlig Audio
A MHUIR MARITIME
A' Choille an Iar Westerwood
ABAID ABBEY The buildings of a monastic community presided over by an abbot or abbess. Na togalaichean aig coimhearsnachd manachainn a tha aba no ban-aba os an cionn.
Abaid a' Chridhe Sweetheart Abbey
Abaid Chamas Choinnich Cambuskenneth Abbey
Abaid Chrois Reagail Crossraguel Abbey
Abaid Chuileann-Rois Culross Abbey
Abaid Dhùn Droighnean Dundrennan Abbey
Abaid Dryburgh Dryburgh Abbey
ABHAINN RIVER A natural stream of water, larger than a stream. Sruth uisge nàdarra, nas motha na allt.
ACADAMAIDH ACADEMY
ACAINN TOGAIL   WINDING GEAR A frame carrying pulleys and cables, attached to an associated winding engine, which conveys people, materials and minerals up and down a vertical shaft. Frèam aig a bheil ullagan is càballan a tha ceangailte ri einnsean toinneimh a ghiùlaineas daoine, stuthan is clachan-mèinneir suas is sìos sloc dìreach.
ACAINN UNNDAIS HEADGAR
ACARSAID ANCHORAGE
ACARSAID THIORAM  TIDAL BASIN A basin or harbour, which is accessible or navigable only at high tide. Amar no cala nach ruigear aig àirde an làin no nach gabh a sheòladh ach aig àirde an làin.
ACHADH FIELD
ACHADH CHÀRN CAIRNFIELD A group of cairns in close proximity to each other, the majority of which are clearance cairns. Buidheann de chàirn a tha faisg air a chèile 's a' chuid as motha dhiubh nan càirn cartaidh.
ACHADH STIALLACH STRIP FIELD
Achd Dìon Làraichean Armachail 1986 Protection of Military Remains Act 1986
Achd Dìon Luingeas bhriste 1973 Protection of Wrecks Act 1973
Achd na Cabhlaich Mharsantachd 1995 Merchant Shipping Act 1995
Achd na h-Àrainneachd Eachdraidheil (Leasachadh) (Alba) 2011 Historic Environment (Amendment) (Scotland) Act 2011
Achd na Mara (Alba) 2010 Marine (Scotland) Act 2010
Achd nan Carraighean Àrsaidh agus Sgìrean Arc-eòlais 1979 Ancient Monuments and Archaeological Areas Act 1979
ADIT ADIT A horizontal tunnel opening from the surface used for haulage, access to a mine, exploration or drainage. Tunail còmhnard air a ruigeas mèinn o uachdar na talmhainn 's a thathar a' cleachdadh airson stuthan a ghiùlan, rannsachadh no drèanadh.
AIG AN TAIGH DOMESTIC
AIRDS ARCH A structure over an opening, formed by a whalebone or wedge-shaped blocks of brick or stone held together by mutual pressure and supported at the sides. Use for free-standing structure only. Structar de chnàmhan muice-mhara no blocaichean cloiche no bhreigean gèinneach os cionn fosgladh 's a tha gan cumail nan àite an cois co-bhrùthadh is taic riutha aig an dà thaobh. Cleachd airson structaran dealaichte a-mhàin.
AIRDS-BHEALACH ARCHWAY An arched opening or passage in a structure. Use for structural component. Fosgladh no trannsa boghaichte ann an structar. Cleachd airson na co-phàirt structarail.
AITREABH PEATRO-CHEIMIGEACH PETROCHEMICAL COMPLEX An industrial complex, with buildings and structures used to produce compounds and products from petroleum or natural gas. Aitreabh gnìomhachais far a bheil togalaichean is structaran airson co-thàthaidhean agus bathar a chruthachadh de pheatrol no gas nàdarra.
Alba na Mara Marine Scotland
ALLT STREAM A natural flow or current of water issuing from a source. Sruth uisge nàdarra a sginneas à màthair-uisge.
ALTAIR ALTAR A table or podium, often raised and sometimes consecrated, upon which to place offerings or sacrifices to a deity. Bòrd no pòideam, fear togte gu tric agus uaireannan coisrigte, air an deach ofrail no ìobairt do dhia a chur.
Am Bàrr Bar Hill
AMAR-BAISTIDH FONT A vessel, usually made of stone, which contains the consecrated water for baptism. Use a broader monument type if possible. Soitheach, mar is trice fear cloiche, sa bheil an t-uisge coisrigte airson baisteadh. Cleachd seòrsa de chuimhneachan nach eil cho pongail ma tha gin.
AMAR-LÌN LINT POOL
AMAR-SNÀMH SWIMMING POOL A large artificial pool, usually lined with tiles, rubber or similar. Can be placed in the open air, or built as part of a covered swimming baths or sports centre. For a building with a swimming pool and associated buildings, double index with BATHS. Linn mhòr fhuadain, mar is trice air a lìnigeadh le leacagan, rubair no rud mar sin. Gheibhear seo air an taobh a-muigh no ann an togalach le mullach mar phàirt de thaigh-snàmh no ionad-spòrs. Mas e togalach sa bheil amar-snàmh agus togalaichean co-cheangailte ann, cuir TAIGH AMAIR-SHNÀIMH ris a' chlàr-amais cuideachd.
AMAR-SNÀMH BATHS A building containing a swimming pool and other structures and facilities associated with recreational swimming. Togalach sa bheil amar-snàmh agus structaran is goireasan eile a tha co-cheangailte ri snàmh mar chur-seachad.
AMAR-SNÀMH SWIMMING BATHS
AMAR-SNÀMH PUBLIC BATH HOUSE
AMAR-TOMHAIS FORSA-UISGE GAUGE BASIN A basin on a river, canal or reservoir in which the force of the water is measured and stilled before passing. Amar ann an abhainn, canail no stòr-uisge far a bheilear a' tomhas neart an uisge 's ga thàmhachadh mus tèid e air adhart.
AMAR-TOMHAIS-UISGE MEASURING POND A pond or basin on a river, canal or reservoir in which the level of the water passing through is measured. Amar no linn ann an abhainn, canail no stòr-uisge far a bheilear a' tomhas ìre an uisge a tha a' dol troimhe.
AMARAN MÈINNE PITHEAD BATHS A building containing colliery showers for miners, also often containing first-aid and mine-rescue facilities. Togalach sa bheil frasairean do mhèinnearan. Bidh goireasan ciad-fhuasglaidh agus teasairginn mèinne ann gu tric cuideachd.
AMBASAID EMBASSY The residence and office of an ambassador. Taigh-còmhnaidh agus oifis tosgaire.
AMHARCLANN SPEURA OBSERVATORY A building containing celestial telescopes in which astronomical or meteorological phenomena may be observed. Togalach sa bheil prosbaigean speura a bheir comas do dhaoine coimhead air rudan sna speuran no air an aimsir.
AMPHITÈATAR AMPHITHEATRE An oval or circular building with seats rising in tiers around a central open space. Used for religious ceremonies, entertainment, training and armed combat contests. Togalach ugh-chruthach no cearcallach sa bheil suidheachaidh ann an sreathan a tha a' dol an àirde mun cuairt air àite fosgailte sa mheadhan. Chaidh an cleachdadh airson deas-ghnàthan cràbhach, fèisteas, trèanadh is còmhrag armaichte.
An Caisteal Garbh Rough Castle
An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland
An Dùn Doon Hill
An Taigh Geal, Sruighlea Whitehouse Stirling
AONA-RÈILE MONORAIL A single track railway. Rathad-iarainn aig nach eil ach an aon traca.
Aonad nan Ulaidhean Treasure Trove
AONADH NAN OILEANACH STUDENTS UNION A building used, as a meeting place and administration block, by an organization run for the benefit of students at a school, college or university. Togalach a tha ga chleachdadh mar àite-coinneachaidh is ionad rianachd le buidheann a nì obair airson math nan oileanach aig sgoil, colaiste no oilthigh.
AQUARIUM AQUARIUM A zoo building containing artificial ponds or tanks in which aquatic plants and animals are kept alive for purposes of observation and study. Togalach sutha sa bheil linneachan no tancaichean fuadaich far a bheilear a' cumail lusan-uisge agus beathaichean airson rannsachadh.
AQUEDUCT AQUEDUCT An artificial channel, generally elevated and built of stone, and used to convey water. Cladhan a chaidh a thogail, mar is trice de chlach is togte gus uisge a ghluasad.
ARCÀID BHÙTHAN SHOPPING ARCADE A covered shopping street, sometimes with galleries, usually dating from the 19th century. Sràid seopadaireachd le mullach air, uaireannan le gailearaidhean, mar is tric on 19mh linn.
ARCÀID FHAOIN-CHLEASAN AMUSEMENT ARCADE A place for recreation with electronic game machines and gambling machines. Ionad dibhearsain sa bheil innealan le geamannan-dealain is innealan cearrachais.
ARMLANN ARMOURY A place where weapons are kept. Àite far a bheilear a' cumail buill-airm.
ARMLANN MAGAZINE A building in which a supply of arms, ammunition and provisions for armed forces is stored. Togalach far a bheilear a' stòradh buill-airm, connadh-gunna is biadh airson feachdan an airm.
AUDITORIUM AUDITORIUM A room or hall designed for an audience to listen and view, as in a theatre, concert hall, lecture hall etc. Seòmar no talla a chaidh a dhealbhadh airson luchd-èisteachd no luchd-coimhid, mar ann an taigh-cluiche, talla-consairt, talla-òraid is msaa.

Share