Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

English Term Facal Gàidhlig English Note Nota Gàidhlig Audio
HA HA HA HA A dry ditch or sunken fence which divided the formal garden from the landscaped park without interrupting the view. Dìg thioram no dubh-fheansa a tha a' sgaradh an gàrradh foirmeil on phàirc dhealbhaichte gun a bhith a' briseadh a-steach air an t-sealladh.
HACKLING HOUSE TAIGH-SGUIDSIDH
Hackness Battery and Martello Tower, Orkney Hackness Battery agus Tùr Martello, Arcaibh
HAEMATITE MINE MÈINN HAEMATAIT An site where iron ore, in the form of haematite, is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh clach-iarainn, ann an cruth air a bheil haematite.
Hailes Castle Caisteal Hailes
HAIR WORKS FACTARAIDH GAOISID
HAIRDRESSERS GRUAGAIRE
HAIRDRESSERS SALON GRUAGAIRE An establishment where people get their hair dressed and cut. Àite far an gearrar is far an sgeadaichear falt dhaoine.
HALL TALLA A large building or room used for a specific function. If not domestic, use specific term, e.g. VILLAGE HALL. Togalach no seòmar mòr a chleachdar airson adhbhar sònraichte. Mur e cleachdadh dachaigheil a tha ann, cleachd briathar pongail, m.e. TALLA  BAILE.
HALL HOUSE TAIGH-TALLA A house consisting of a public hall with private living accommodation attached. Built from the medieval period onwards. Taigh sa bheil talla poblach agus le àite-fuirich prìobhaideach ris. Chaidh an togail a-mach o na meadhan-aoisean.
HALL OF RESIDENCE TALLA-CÒMHNAIDH A university or college building set apart for residence or instruction of students. Togalach oilthigh no colaiste a chaidh a shònrachadh mar àite-còmhnaidh no àite-teagaisg oileanach.
HAND CRANE CRANN-TOGAIL LÀIMHE A mechanism used for lifting and lowering weights, operated by hand. Inneal-làimh a chleachdar gus cuideaman a thogail 's ìsleachadh.
HAND PUMP PUMPA-LÀIMHE A hand operated mechanism used to raise and move water, liquids, compressed gases etc. Inneal a tha ga obrachadh de làimh gus uisge, lionntan, gasaichean dùmhlaichte is msaa a thogail 's a ghluasad.
HAND WINCH UNNDAIS-LÀIMHE A mechanism used for lifting and lowering weights, operated by hand. Inneal-làimh a chleachdar gus cuideaman a thogail 's ìsleachadh.
HANDLOOM WEAVING MILL MUILEANN BHEARTAN LÀIMHE A mill where textiles are woven using a handloom. Muileann far a' bheilear a' fighe aodach air beart-bheag.
HANGAR HANGAR A large shed for the housing of aircraft, etc. Seada mòr airson carbadan-adhair a chumail ann is msaa.
HANOVERIAN FORT GEARASTAN HANOBHAR
HARBOUR CALA A sheltered port for ships. Acarsaid fhasgach do longan.
HARBOUR MASTERS OFFICE OIFIS MAIGHSTIR-CALA
HARBOUR WALL BALLA CALA
HARDWARE SHOP BÙTH BATHAR-CRUAIDH A shop selling ironmonger's goods, household tools and utensils. Bùth a tha a' reic bathar iarnair, innealan is acainnean taighe.
HAY BARN SABHAL-FEÒIR A special type of barn, lacking a threshing floor, usually with open walls, intended for the storage of hay only. Nàdar sònraichte de shabhal aig nach eil ùrlar-bualaidh, mar is trice le ballachan fosgailte agus airson stòradh feòir thioraim a-mhàin.
HAY REE STÒR FODAIR
HAYLOFT LOBHTA-FHEÒIR A loft used to store hay, usually situated over a stable or barn. Lobht far an cumar feur tioram, mar is trice os cionn stàball no sabhal.
HEAD DYKE GÀRRADH CÙL-CHINN A dyke used to separate the agricultural land of a township from rough grazing. Dìg a tha na chrìoch eadar talamh àiteachais aig baile agus an t-ionaltradh bochd.
HEADGAR ACAINN UNNDAIS
HEALTH AND WELFARE SLÀINTE IS SUNND
HEALTH CENTRE IONAD-SLÀINTE An institution, sometimes attached to a hospital, where patients may receive treatment or health checks. Institiud, uaireannan co-cheangailte ri ospadal far am faigh euslaintich cùram-slàinte no sgrùdaidhean slàinte.
HEALTH WORKERS HOUSE TAIGH NEACH-OBRACH-SLÀINTE Self-contained house for health workers, usually part of, or adjacent to a healthcare site. Thaigh a tha na aonad dha fhèin airson luchd-obrach slàinte, mar is trice na phàirt de (no faisg air) làrach cùraim-shlàinte.
HEARSE HOUSE TAIGH CARBAD NAM MARBH A type of carriage house, usually in a churchyard, for storing a hearse. Nàdar de thaigh-charbadan, mar is trice ann an cill, far an cumar an crò-charbad.
HEARTH LEAC TEINTEIN A slab, structure or place on which fires are made. Leac, structar no àite a nithear teine orra.
HEAVY ENGINEERING WORKS FACTARAIDH EINNSEANAIREACHD THROM An industrial complex devoted to large-scale manufacturing, maintenance and/or repair work.  Activities can include founding, forging, machining and assembling/erecting materials, especially metals, and can be general or specialised in nature. Aitreabh gnìomhachais a nì mòran saothrachaidh, obrach-càraidh agus/no obrach-glèidhidh.  Faodaidh seo a ghabhail a-steach stuthan fùirneis, innealachaidh, co-chuir/togail, gu h-àraid meatailtean, agus faodaidh e a bhith àraid no coitcheann na nàdar.
HEAVY GOODS VEHICLE TESTING STATION STÈISEAN DEUCHAINN CHARBADAN-BATHAIR TROMA A site where lorries and other heavy goods vehicles are tested for safety. Làrach far a bheilear a' cur làraidhean is carbadan eile a ghiùlaineas luchdan troma fo dheuchainnean tèarainteachd.
HEDGE CALLAID Usually a row of bushes or small trees planted closely together to form a boundary between pieces of land or at the sides of a road. Mar is trice bidh seo na shreath de phreasan no craobhan beaga a chaidh an cur dlùth air a chèile airson 's gum bi iad nan crìoch eadar pìosan de thalamh no aig taobh rathaid.
HEEL CAIRN BARPA SEÒMARACH
HELICOPTER HEILEACOPTAIR A helicopter, either whole or in part. Heileacoptair, an rud slàn no pàirt dheth.
HELICOPTER LANDING PLATFORM LÀRACH-LAIGHE HEILEACOPTAIR An artificial, sometimes temporary, platform on which helicopters can take off and land. Ùrlar fuadain (nach bi ann ach greis uaireannan) far an urrainn dha heileacoptairean laighe 's èirigh.
HEMMEL BÀTHACH AIRDSEACH
HEMP MILL MUILEANN-CAINB A factory where hemp, the woody stalk of the hemp plant, used for the making of coarse cloth and cordage, was processed. Factaraidh far an robhar a' giullachd cainb, cuiseag fhiodhach lus na cainbe, gus aodach is ròpannan garbh a dhèanamh.
HEN HOUSE TAIGH-CHEARC Togalach sa bheil cearcan a' fuireach.
HENGE HEINNSE A circular or sub-circular enclosure of middle to late Neolithic date, defined by a ditch and external bank, usually with one or more entrances. May contain a variety of internal features, including stone and timber settings and hearths. Lann chearcallach no cha mhòr cearcallach à meadhan no deireadh Linn Ùr na Cloiche a dh'aithnichear air dìg agus uchdan air a taobh a-muigh, mar is trice le co-dhiù aon slighe a-steach. Faodaidh gu bheil grunn structaran na broinn, a' gabhail a-steach clachan no fiodh a chaidh a shocrachadh ann agus teallaichean.
HERBARIUM HERBARIUM A building or room containing a collection of preserved plants (usually pressed and dried specimens). Togalach no seòmar sa bheil cruinneachadh de lusan taisgte (mar is trice feadhainn a chaidh a bhrùthadh 's a thiormachadh).
HERMITAGE TAIGH-DHÌTHREABHACH A built or natural feature in a secluded location, used as a retreat or resting place. Ionad nàdarra no rud a chaidh a thogail ann an àite aonaranach mar dhìseart no àite tàimh.
HERMITAGE (1) TAIGH-AONARAN A built or natural feature in a secluded location, used as a retreat or resting place. Ionad nàdarra no rud a chaidh a thogail ann an àite aonaranach mar dhìseart no àite tàimh.
Hermitage Castle Caisteal na Dithreibh
HERRING CURING STATION STÈISEAN CIÙRADH SGADAIN A purpose-built site with buildings and structures used to cure herring and other oily fish. Làrach far an deach togalaichean is structaran an togail gu sònraichte airson ciùradh an sgadain is èisg olach eile.
HIDE TOGALACH-LIÙGAIDH A shelter, sometimes camouflaged, for the observation of birds and animals at close quarters. Fasgadh, uaireannan ann am breug-riochd, airson coimhead air eòin is beathaichean air astar goirid.
HILL FIGURE ÌOMHAIGH CNUIC A giant figure of a person, animal or design, either carved into a hillside of chalk or similar light-coloured stone, or made from pieces of quartz or other stone. Cruth no cruth duine no beathaich air leth mòr a chaidh a shnaidheadh ann an leathad cailce no cloiche gheal eile mar sin no a chaidh a dhèanamh de phìosan èiteige no cloiche eile.
Hill O'Many Stanes Cnoc nan Clach
HILLFORT NULL
Hilton of Cadboll Baile a' Chnuic Chadaboil
Historic Environment (Amendment) (Scotland) Act 2011 Achd na h-Àrainneachd Eachdraidheil (Leasachadh) (Alba) 2011
Historic Environment Scotland Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba
Historic Land-Use Assessment data Measadh air Cleachdadh-fearainn Eachdraidheil
Historic Marine Protected Area Raon Mara Tèarainte Eachdraidheil
Historic Marine Protected Areas Raoin Mara Tèarainte Eachdraidheil
HOFFMAN KILN ÀTH HOFFMAN A kiln principally used in brick making which gives a continuous operation. Àth a thathar a' cleachdadh gus breigean a dhèanamh mar is trice agus a tha ag obrachadh fad na h-ùine.
HOGBACK STONE CLACH DRUIM-TORCA A block of stone carved to represent a gabled house, with a convex curve to the ridge of its roof, dating to the 10th century AD. May be abstract or naturalistic, and have additional decoration in the form of bears or snakes. Clach a chaidh a shnaidheadh air dòigh 's gu bheil coltas taighe thulchainneach air le lùbadh os-chearclach air druim a' mhullaich 's e a' dol air ais dhan 10mh linn AD. Faodaidh seo a bhith eas-chruthach no nàdarrachail agus faodaidh gum bi sgeadachadh mhathan no nathraichean air a bharrachd air sin.
HOLIDAY CAMP CAMPA SHAOR-LÀITHEAN Purposely built camp with recreational facilities and individual chalets for accommodation. Campa a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach 's aig a bheil goireasan chur-seachadan is chalets fa leth mar àitichean-fuirich.
HOLIDAY CENTRE IONAD SHAOR-LÀITHEAN A place with organized amusements for people on holiday. Àite far a bheilear a' cur air chois dibhearsan do dhaoine a tha air làithean-saora.
HOLLOW LAG A concave area of ground, which may be of natural or artificial origin. Toll san talamh a tha ann gu nàdarra no ri linn gnìomhachd mac an duine.
HOLLOW WAY SLIGHE BEALAICH A way, path or road through a cutting. Slighe, ceum no rathad tro eag.
HOLY WELL TOBAR NAOMH A well or spring which is reputed to possess miraculous healing properties. Tobar no fuaran a thathar ag ràdh gu bheil buadhan slànachaidh draoidheil aige.
Holyrood Palace Lùchairt Taigh an Ròid
HOMESTEAD TUATHANAIS
HOMESTEAD (1) BAILE
HOMESTEAD MOAT DÌG TAIGH TUATHANAICH
HORIZONTAL MILL MUILEANN TÒN RI LÀR A water mill in which the mill wheel is set horizontally within the water channel, and turns a mill stone directly without the use of  gears. Muileann-uisge aig a bheil roth-muilinn a tha na laighe air a chòmhnard san uisge 's a' tionndadh clach-mhuilinn as aonais gèaraichean eatarra.
HORNFELS QUARRY CUARAIDH HORNFELS A site where hornfels is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh hornfels.
HORSE BAZAAR BAZAAR EACH
HORSE ENGINE EINNSEAN EICH A wheel which is turned by a horse in order to provide power. Used in mines, manufacturing and farming. Cuibhle a tha ga thionndadh le each. Gheibhear seo ann am mèinnearachd, saothrachadh is àiteachas.
HORSE ENGINE HOUSE TAIGH EINNSEAN-EICH A round, square or polygonal building that contains a horse engine. Commonly found on farms next to the threshing barn, where it is used to power the machinery. Togalach cruinn, ceàrnagach no ioma-cheàrnach sa bheil einnsean eich. Gheibhear seo air tuathanasan mar is trice, ri taobh an t-sabhail-bhualaidh far a bheil e a' gintinn cumhachd dhan innealra.
HORSE ENGINE PLATFORM ÙRLAR EINNSEAN-EICH A circular platform, on which a horse harnessed to a central gear-wheel moves in order to drive machinery. Often sited adjacent to the shaft of a coal mine. Ùrlar cruinn air a bheil each (fo acainn aig cuibhle-ghèar mheadhanach) a' gluasad gus innealan obrachadh. Gu math tric faisg air sloc mèinn guail.
HORSE EXERCISE RING CRÒ EACARSAICH EACH An area of ground in which horses can be exercised. Pìos talmhainn far am faigh eich eacarsaich.
HORSE GIN EINNSEAN EICH
HORSEHAIR FACTORY FACTARAIDH GAOISID EICH A factory where horse hair is processed for use in furniture manufacture and other industries. Factaraidh far a bheilear a' giullachd falt each airson a chleachdadh ann an saothrachadh àirneis is gnìomhachasan eile.
HOSIERY FACTORY FACTARAIDH OSANACHD A factory or works housing machinery used to produce stockings and socks, using mechanized knitting processes. Factaraidh no FACTARAIDH sa bheil acainnean air an dèanar stocainnean, a' cleachdadh dòighean fighe meacanaigeach.
HOSIERY MILL MUILEANN-OSANACHD
HOSIERY WORKS FACTARAIDH OSANACHD
HOSPICE OSPAS An establishment providing care for the terminally ill. Ionad a ghabhas cùram dhaoine aig a bheil tinneas-bàis.
HOSPITAL OSPADAL A building or complex where care and treatment are provided to the sick, aged, infirm and poor. Use narrower term where possible. Togalach no aitreabh far am faigh daoine a tha tinn, seann-daoine 's na bochd cùram is leigheasadh. Cleachd briathar nas mionaidiche ma ghabhas sin a dhèanamh.
HOSPITAL BLOCK OSPADAL A specialist unit within a hospital complex. It may be a separate building or sometimes linked by a corridor or covered walkway to a main building. Aonad sònraichte am broinn aitreabh ospadail. Dh'fhaoidte gum bi seo na thogalach fa leth no gu bheil trannsa no slighe le mullach a' dol ann on phrìomh-thogalach.
HOSPITAL BUILDING TOGALACH OSPADAIL A hospital building of uncertain function. Use more specific type if known. Ospadal 's gun fhios cinnteach dè feum a bha ann. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
HOSPITAL WARD UÀRD OSPADAIL A large room, similar to a dormitory, within a hospital, and used for the temporary or permanent accommodation of patients, either waiting for or recovering from operations or undergoing long term treatment. Seòmar mòr, coltach ri suain-lann, am broinn ospadail a chleachdar mar àite-fuirich sealach no buan do dh'euslaintich a tha a' feitheamh ri obair-lannsa no aig an robh obair-lannsa 's a tha ag ath-shlànachadh no daoine a tha a' faighinn leigheasadh fada.
HOSTEL OSTAIL A building, usually containing several dormitories, used as a cheap, short term residence. Togalach, mar is trice le grunn shuain-lannan, a tha na àite-fuirich saor far nach bithear a' fuireach ach greiseag bheag.
HOSTELRY TAIGH-ÒSTA
HOTEL TAIGH-ÒSTA A large building with separate bedrooms, providing accommodation, meals and facilities for paying guests. Togalach mòr sa bheil iomadh seòmar-cadail fa leth. Tha cuid-oidhche, biadh agus goireasan ann gan solar do chustamairean air airgead.
HOUSE TAIGH A building designed for human habitation, usually as a permanent dwelling. Use specific term where known. Togalach a chaidh a dhealbhadh mar àite-fuirich mac an duine, mar is trice mar àite-còmhnaidh buan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
HOUSE PLATFORM BAC TAIGHE A levelled area cut into a slope, on which a house was built. Often the only visible evidence of the presence of a house. Àite air leathad a chaidh a dhèanamh rèidh agus air an deach taigh a thogail. Gu math tric seo an aon fhianais a tha air fhàgail a dh'innseas gun robh taigh ann.
HOUSING ESTATE IONAD-TAIGHEADAIS A residential district planned as a unit. Sgìre còmhnaidh a chaidh a dhealbhadh mar aonad.
HUMAN REMAINS IARMAD DAONNA The remains of the body of a human being. If articulated use INHUMATION. If burnt use CREMATION. Iarsmaidhean corp mac an duine. Ma tha na cnàmhan ann an òrdugh daonna fhathast, cleachd TÌODHLACADH. Ma tha iad loisgte, cleachd LOSGADH-CUIRP.
Hunter's Crag or Eagle Rock Creag na h-Iolaire
HUNTING LODGE LOIDSE-SEILG A building set on an estate or in a royal forest, used as short-term accommodation for hunting parties or to view a hunt in progress. Togalach air oighreachd no ann an coill rìoghail a bhios buidhnean seilg ga chleachdadh gu goirid mar àite-fuirich no airson coimhead air daoine a tha ri sealg.
HUNTING PARK FRÌTH
HUNTING SITE IONAD-SEILG Buildings, sites and structures associated with the hunting of animals. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri sealg bheathaichean.
Huntingtower Huntingtower
Huntly Castle Caisteal Hunndaidh
HUSH GIL MÈINNIDH A ravine formed by using water to reveal or exploit a vein. Mòr-ghil a dh'èirich an cois cleachdadh uisge gus cuisle a nochdadh no a dhùsgadh.
HUT BOTHAN A building of basic construction, usually smaller in size than a house and constructed from a variety of materials such as clay, turf, branches, wood, brick, concrete or metal. Use more specific type where known. Togalach gu math bunasach, mar is trice nas lugha na taigh agus air a thogail de dhiofar rudan, a' gabhail a-steach criadha, sgrath, geugan, fiodh, bricean, concrait no meatailt. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
HUT CIRCLE CEARCALL BHOTHAN A low, circular or oval bank of turf, earth or stone, which represents the remains of a roundhouse of later prehistoric date. Uchdan sgratha, ùir no cloiche ìseal is cearcallach. 'S e seo iarsmadh taighe-chruinn à deireadh na linne ro-eachdraidheil.
HUT PLATFORM BAC BOTHAIN
HYDRANT HAIDREANT
HYDRAULIC ACCUMULATOR CRUINNEACHADAIR CUMHACHD HAIDREOLAIG
HYDRAULIC ACCUMULATOR TOWER TÙR CRUINNEACHADH CUMHACHD HAIDREOLAIG A structure used for the storage of hydraulic energy. A head of water holds a counterweight at the top of the tower by means of pumps. Used for powering machinery, and often connected to an urban or port infrastructure by a network of hydraulic mains. Structar far a bheilear a' stòradh cumhachd haidreolaig. Tha ceann uisge a' cumail frith-chudrom aig barr an tùir slighe phumpaichean. Thathar gan cleachdadh gus innealan obrachadh agus tha iad gu tric ceangailte ri bun-structar baile no cala slighe lìonra de phrìomh-loidhnichean haidreolaig.
HYDRAULIC ENGINE EINNSEAN HAIDREOLAIG An engine powered by high pressure water, originally used in mine drainage. Einnsean a tha ag obair air uisge fìor-dhùmhlaichte 's a chaidh a chleachdadh o thùs gus mèinnean a thraoghadh.
HYDRAULIC POWER SITE IONAD CUMHACHD HAIDREOLAIG Sites and structures associated with the generation of hydraulic power. Làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri gintinn cumhachd haidreolaig.
HYDRAULIC POWER STATION STÈISEAN-CUMHACHD HAIDREOLAIG A complex of buildings and structures where hydraulic power is generated and stored. Aitreabh thogalaichean is structaran far a bheilear a' gintinn is a' stòradh cumhachd haidreolaig.
HYDRAULIC PUMPING ENGINE EINNSEAN PUMPAIDH HAIDREOLAIG A pumping engine driven by water power. Einnsean-pumpaidh a tha ag obair air cumhachd-uisge.
HYDRAULIC PUMPING STATION STÈISEAN PUMPAIDH HAIDREOLAIG A pumping station used in the production of hydraulic power, eg. in warehouse complexes, goods depots on railways, etc. Stèisean pumpaidh a chleachdar ann an gintinn cumhachd hiodrolach, m.e. air aitreabhan thaighean-bathair, taighean-stòir aig rathadan-iarainn is msaa.
HYDRAULIC RAM RAMA HAIDREOLAIG Large piston used to operate lifting bridges, lock gates, etc. Loinid mhòr a chleachdar gus drochaidean-togail, tuil-dhorsan is rudan mar sin obrachadh.
HYDROELECTRIC POWER STATION STÈISEAN DEALAN-UISGE Power generation by releasing stored water through a turbine driving a generator. Gintinn cumhachd le bhith a' sgaoileadh uisge a chaidh a stòradh tro thurbain a tha ag obrachadh gineadair.
HYDROPATHIC INSTITUTE INSTITIÙD HAIDREAPATAIG A 19th century spa building, usually consisting of a hotel with baths used for water treatment. Spa a chaidh a thogail san 19mh linn, mar is trice bidh seo na thaigh-òsta le amaran-snàmh airson leigheas uisge.
HYPOCAUST HYPOCAUST An under-floor heating system found in Roman buildings. Hot air from a furnace was directed along passages beneath the floor created by raising it on vertical pillars, or by cutting channels into a concrete sub-floor. Siostam teasachaidh an ùrlair a gheibhear ann an togalaichean Ròmanach. Bhite a' sèideadh adhar teth o fhùirneis air feadh trannsachan fon ùrlar a bha na laighe air colbhan no a chaidh an snaigheadh ann an t-ùrlar concrait foidhe.

Share