Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

English Term Facal Gàidhlig English Note Nota Gàidhlig Audio
CABINET WORKS FACTARAIDH CHAIBINEATAN A commercial premises where cabinets and other wooden items are manufactured. Ionad gnothachais far a bheilear a' dèanamh caibineatan agus bathar fiodha eile.
CABINETMAKERS FACTARAIDH CHAIBINEATAN
CABLE WORKS FACTARAIDH CHÀBALL A complex for the production of electrical and telegraph cables. Aitreabh airson saothrachadh càballan dealain is teileagraif.
Cadzow Castle Caisteal Cadzow
Caerlaverock Castle Caisteal Chair Labharaig
CAFE CAFAIDH An eating and drinking establishment usually serving snacks and non-alcoholic drinks. Àite far an gabhar biadh is deoch, mar is trice biadh beag agus deochan nach eil nan deochan-làidir.
CAIRN CÀRN A monument featuring a bank or mound constructed primarily of stone. Use specific term where known. Cuimhneachan a tha na thom no na uchdan cloiche. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CAIRN CEMETERY CLADH CHÀIRN A group of cairns in close proximity which are predominantly funerary or ritual in nature. Grunn chàrn a tha glè fhaisg air a chèile 's a chaidh a chleachdadh airson tìodhlacadh no deas-ghnàthan mar is trice.
CAIRN CIRCLE CEARCALL CHÀRN BARPA CRUINN TURSACH A circle of spaced upright boulders emerging from a low, hemispherical, stony mound. The boulders may lean outwards due to pressure from the cairn material. Cearcall de leacan a tha nan seasamh astar o chèile 's a tha a' stobadh à torr ìseal leth-chruinn creagach. Faodaidh gum bi na leacan ag aomadh a-mach air sgàth brùthadh an stutha sa chàrn.
Cairn Holy I and II Càrn Ghollaidh I agus II
Cairn of Get Cairn of Get
Cairn of Memsie Càrn Memsie
CAIRNFIELD ACHADH CHÀRN A group of cairns in close proximity to each other, the majority of which are clearance cairns. Buidheann de chàirn a tha faisg air a chèile 's a' chuid as motha dhiubh nan càirn cartaidh.
Cairnpapple Hill Càrn Papail
CALCINER CAILCEAR A kiln for roasting minerals. Àth sa bheilear a' ròstadh clachan-mèinnir.
CALENDER WORKS FACTARAIDH ROILIGEADH STUTHAN-AODAICH A factory where cloth, especially linen and jute, is finished by running it between heavy rollers. Factaraidh far a bheilear a' coileanadh aodach, mar is trice anart is aodach maloimh Iùdhaich, le bhith ga chur tro rolairean troma.
CALICO MILL MUILEANN-CAILLEAGO A textile mill producing calico, coarse cotton. Muileann-aodaich a nì cailleago, cotan garbh.
Cambuskenneth Abbey Abaid Chamas Choinnich
CAMERA OBSCURA CAMERA OBSCURA A building or room in which images of outside objects are projected on to a screen from a long-focus lens using natural light. Togalach no seòmar sa bheilear a' tilgeil dealbhan dhen taobh a-muigh air sgrìn slighe lionsa le fòcas fada agus solas nàdarra.
CANAL CANÀL A navigable artificial inland waterway used for transportation of goods and for recreation. Slighe-uisge fhuadain sho-seòlta air falbh on chladach a thathar a' ghluasad bathar air agus a thathar a' cleachdadh airson cur-seachadan.
CANAL BASIN DOCAICHEAN  CANÀIL An open area of water, usually artificial, and enclosed by dock gates or locks, lined with wharves and warehouses, where barges, narrow boats and other canal vessels can load and unload goods and supplies. Uisgeadan fosgailte, mar is trice fear fuadain, mun a bheil docannan-tioram no locan, cidheachan-tìreachaidh is taighean-bathair far an urrainn bathar is goireasan a thoirt far bhàrcannan, bhàtaichean caola 's shoithichean canail eile no an gluasad orra.
CANAL BOAT YARD GÀRRADH BHÀTAICHEAN- CANÀIL A place where canal boats are built and maintained. Àite far a bheilear a' togail 's a glèidheadh bàtaichean canail.
CANAL BRIDGE DROCHAID CANÀIL A bridge over a canal. Drochaid thairis air canal.
CANAL DOCK DOCA CANÀIL An artificial area of open water, situated on a canal, enclosed by masonry and fitted with dock gates in which ships can be repaired, loaded/unloaded or berthed. Linn fhosgailte fhuadain ann an canal mun a bheil breigearachd no clachaireachd agus aig a bheil geataichean doca. Tha seo na acarsaid agus airson 's gun urrainnear longan a chàradh ann, na luchdan a thoirt uapa no luchdan a chur orra.
CANAL DOCKYARD GÀRRADH DHOCAICHEAN CANÀIL An enclosure containing a dock, boat yard, warehouse, etc, in which canal vessels are built and repaired, and all sorts of stores and merchandise for transportation brought together. Lann sa bheil doca, bàta-lann, taigh-bathair is msaa far a bheilear a' togail 's a' càradh soithichean canail agus far a bheilear a' cruinneachadh diofar bathar a tha ri ghiùlan.
CANAL FEEDER CLADHAN CANÀIL A channel which feeds water from a reservoir into a canal when the water level gets low. Cladhan a stiùireas uisge o uisgeadan do chanal nuair a bhios ìre an uisge ìseal ann.
CANAL LIFT CRANN-TOGAIL CANÀIL A massive structure designed to transfer canal boats between different canal or river navigations, eg. Anderton boat lift. Structar mòr a chaidh a dhealbhadh gus bàtaichean canail a ghluasad eadar canalan no aibhnichean luingeis, m.e. crann-togail bhàtaichean Anderton.
CANAL TRANSPORT SITE LÀRACH CÒMHDHAIL CANÀIL Buildings and structures associated with canal transport. Togalaichean agus structaran a tha co-cheangailte le còmhdhail chanalan.
CANAL VIADUCT DROCHAID CHANÀIL
CANAL WAREHOUSE TAIGH-BATHAIR CANÀIL A large building, situated by or near a canal, used for the temporary storage of goods or merchandise awaiting transportation to or from the canal. Togalach mòr a tha ri taobh no faisg air canal 's a chleachdar mar stòras bathair sealach a tha ri ghiùlan air a' chanal no air falbh uaithe.
CANAL WHARF CIDHE CANÀIL A large wooden structure built alongside the edge of a canal where narrow boats may lie for the loading and unloading of goods. Structar mòr fiodha a chaidh a thogail ri taobh canail far a bheil acarsaid do bhàtaichean caola airson bathar a luchdadh orra no airson bathar a thoir far nam bàtaichean.
CANAL WORKERS COTTAGE TAIGH OBRAICHE CANÀIL The residence of a canal worker. Taigh-còmhnaidh neach-obrach canail.
CANDLE FACTORY FACTARAIDH CHOINNLEAN A building or buildings used for the manufacture of candles. Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear a' dèanamh coinnlean.
CANDLE WORKS FACTARAIDH CHOINNLEAN
CANTEEN CANTION A self-service dining room, especially for workers/employees; also in institutions, such as schools, hospitals, etc. Seòmar-bìdh far a bheil daoine gam frithealadh fhèin, gu h-àraid airson luchd-obrach/fastaichean; cuideachd ann an àitichean mar sgoiltean, ospadalan is msaa.
CANVAS WORKS FACTARAIDH CANABHAIS A site where canvas, coarse, unbleached cloth, made from cotton, hemp or flax, is manufactured. Àite far a bheilear a' dèanamh canabhas (aodach garbh nach deach a ghealachadh) de chotan, cainb no lìon.
CAPSTAN CEAPSAN An apparatus around which cables or hawsers are wound for hoisting anchors, lifting weights, mooring ships etc. Acainn mun a thoinnear càballan no taodan gus acairean no cuideaman a thogail no longan acrachadh is msaa.
CAR FACTORY FACTARAIDH CHÀRAICHEAN A factory where cars are manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh càraichean.
CAR PARK PÀIRC-CHÀRAICHEAN A place where cars and other road vehicles may be parked and left. Àite far am faodar càraichean is carbadan-rathaid eile a phàirceadh 's fhàgail ann.
CAR SHOWROOM SEÒMAR-TAISBEANAIDH CHÀRAICHEAN Non-preferred term. Use MOTOR VEHICLE SHOWROOM Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd SEÒMAR-TAISBEANAIDH CHÀRAICHEAN.
CAR SHOWROOM (1) SEÒMAR-TAISBEANAIDH CHÀRAICHEAN
CAR SHOWROOM (2) SEÒMAR-TAISBEANAIDH CHÀRAICHEAN Non-preferred term. Use MOTOR VEHICLE SHOWROOM Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd SEÒMAR-TAISBEANAIDH CHÀRAICHEAN.
CARAVAN PARK PÀIRC CHARABHANAICHEAN A camping place set aside for the use of caravans. Àite campachaidh a tha gu sònraichte do charabhanaichean.
CARDBOARD FACTORY FACTARAIDH CAIRT-BHÙIRD A factory where cardboard is made. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh cairt-bhòrd.
CARDBOARD WORKS FACTARAIDH CAIRT-BHÙIRD
CARDING MILL MUILEANN-CÀRDAIDH A workshop where hand-operated carding engines and hand jennies are used to spin yarn for handloom weavers. Ceàrdach far a bheilear a' snìomh snàth airson luchd-nam beart-bheag air einnseanan-làimhe càrdaidh is air Jenny làimhe.
Cardoness Castle Caisteal Cardoness
CARETAKERS HOUSE TAIGH NEACH-CÙRAIM Residence of a caretaker or janitor, often attached to, or adjacent to a place of work, e.g. a school. Àite-fuirich aig neach-cùraim, gu math tric co-cheangailte ri àite-obrach, no faisg air, m.e. sgoil.
CARGO CARGU Use for the remains of a cargo which has been accidentally lost at sea, or purposefully dumped, and which consists the only physical evidence of a vessel. Cleachd airson fuigheall carago a chaidh air chall aig muir no a chaidh a leigeil leis a' chliathach a dh'aona-ghnothach agus am fuigheall an aon lorg fiosaigeach a tha air an t-soitheach.
Carlisle Castle Caisteal Carlisle
Carlungie Earth House Taigh-talmhainn Chair Luinge
Carnasserie Castle Caisteal Chàrn-Asaraidh
CARPENTERS SHOP BÙTH-SHAOIRSNEACHD
CARPENTERS WORKSHOP BÙTH-SHAOIRSNEACHD A place where products are manufactured from wood. Àite far a bheilear a' dèanamh bathar de dh'fhiodh.
CARPET FACTORY FACTARAIDH BHRATAN-ÙRLAIR A factory where carpets are manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh brataichean-ùrlair.
CARPET MANUFACTURING SITE FACTARAIDH BHRATAN-ÙRLAIR Includes any textile floor covering. Tha seo a' gabhail a-steach còmhdach aodach ùrlair sam bith.
CARPET MILL MUILEANN BHRATAN-ÙRLAIR
CARPET WORKS FACTARAIDH BHRATAN-ÙRLAIR
CARRIAGE HOUSE TAIGH- CHARAIDSEAN EICH An outbuilding used for the storage and maintenance of horse-drawn carriages. Frith-thogalach airson carbadan-eich a stòradh 's a ghlèidheadh.
Carsluith Castle Caisteal Carsluith
CART SHED SEADA-CHAIRTEAN A building used for housing carts and implements, often open-fronted. Togalach airson cairtean is acainnean a chumail ann, gu math tric le beul fosgailte.
CARVED STONE CLACH SHNAIGHTE A stone decorated with carved designs or other artificial markings. Use more specific term where applicable. Use ROCK CARVING when designs are carved on outcrop or a cave wall. Clach a chaidh a sgeadachadh le dealbhaidhean snaidhte no comharran eile nach eil nàdarra. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios sin iomchaidh. Cleachd CLACH SHNAIDHTE ma chaidh dealbhaidhean a shnaidheadh air loman no balla uamha.
CARVING OBAIR-SNAIGHIDH A carved figure or design in stone. Use more specific term as appropriate. Cruth duine no dealbhadh a chaidh a shnaidheadh air clach. Cleachd briathar nas mionaidiche ma bhios gin iomchaidh.
CASCADE EAS An artificial fall of water often taking the form of a water staircase. Eas fuadain air a bheil coltas staidhir uisge gu math tric.
CASCADE (1) EAS An artificial fall of water often taking the form of a water staircase. Eas fuadain air a bheil coltas staidhir uisge gu math tric.
CASCADE (2) EAS An artificial fall of water often taking the form of a water staircase. Eas fuadain air a bheil coltas staidhir uisge gu math tric.
CASHEL CAISEAL A circular enclosure bounded by a thick dry stone wall. Use for ecclesiastical sites. Lann chearcallach mun a bheil gàrradh-cloiche tiugh. Cleachd seo air làraichean na h-eaglaise.
CASINO CASINO A public music or dancing establishment often with facilities for gambling. Ionad ciùil no dannsa poblach, gu math tric le goireasan cearrachais.
CASTLE CAISTEAL A medieval fortified building or range of buildings, serving as a royal, or baronial, residence, or administrative centre. Togalach dìonach no sreath thogalaichean nam meadhan-aoisean a bhiodh nan àitichean-fuirich aig rìgh no baran no nan aonad rianachd.
Castle Campbell Caisteal a  Chaimbeulaich
CASTLE GATEHOUSE TAIGH-GEATA CAISTEIL
Castle of Old Wick Caisteal Seanbhaile Inbhir Ùige
Castle Semple Collegiate Church Eaglais Cholaisteach Chaisteal Semple
Castle Sween Caisteal Suibhne
Castlecary Caisteal Chairidh
Castlelaw Fort Dùn Law
Caterthun - Brown Cathardan - Donn
Caterthun - White Cathardan - Bàn
CATHEDRAL CATHAIR-EAGLAIS The principal church of a diocese in which the cathedra or bishop's throne is to be found. Prìomh-eaglais ann an sgìre-easbaig far a bheil cathair an easbaig.
CATHOLIC COLLEGE COLAISTE CHAITLIGEACH
CATTLE GRID CLIATH-CHRUIDH A pit in a road or trackway covered with a grid, usually of metal poles (but can be of wood or stone) with sufficient space between the poles to prevent animals from crossing, without restricting access for vehicles and people. Sloc san rathad no ann an ceum air a bheil cliath, mar is trice tè meatailt (ach uaireannan feadhainn fiodha no cloiche) le beàrnan mòra eadar na slatan a chumas beathaichean o choiseachd thairis orra ach a leigeas le daoine no carbadan falbh thairis orra.
CATTLE MARKET FÈILL-SPRÈIDH
CATTLEFOLD CUITHE An enclosure for collecting, sorting and controlling cattle. Crò far a bheilear a' cruinneachadh, a' seòrsachadh is a' cumail rian air crodh.
CAUSEWAY CABHSAIR A road or pathway raised above surrounding low, wet or uneven ground. Rathad no slighe a chaidh a thogail os cionn talmhainn ìseal, fhliuch no gharbh.
CAUSEWAYED ENCLOSURE CUIMHNEACHAN CABHSAIREACH A Neolithic monument comprising a sub-circular enclosing ditch, interrupted by frequent causeways, and often accompanied by an internal bank, also causewayed. Cuimhneachan à linn ùr na cloiche; dìg a tha cha mhòr cearclach mun cuairt air, le iomadh cabhsair a' dol a-steach air agus gu tric le uchdan na bhroinn, le iomadh cabhsair aige-san cuideachd.
CAVE UAMH A subterranean feature entered from a hillside, cliff face, etc. A cave may have been used for occupation, storage, burial, refuse, or as a hide-away. Structar fon talamh a ruigear o bhruthach, aodann creige is msaa. Dh'fhaoidte gun deach an uamh a chleachdadh mar àite-fuirich, stòras, àite tìodhlacaidh, ionad sgudail no àite falaich.
CELL CILL A monastic enclave dependent on a mother house. Iadhtag mhanach a tha an eisimeil ri prìomh-mhanachainn.
CELLAR SEILEAR A room or group of rooms usually below the ground level and usually under a building, often used for storing fuel, provisions or wines. Seòmar no grunn sheòmraichean a tha fo ìre na talmhainn mar is trice agus fo thogalach agus thathar a' stòradh connadh, biadh no fìon ann gu tric.
CELLULAR BUILDING TOGALACH CEALLACH A circular or subcircular drystone building usually with a corbelled roof and thick walls, and sometimes clad and/or roofed in turf. Can have adjoining subsidiary cells. Togalach cobhaireachd cearcallach no cha mhòr cearcallach, mar is trice le mullach coirbealta agus ballachan tiugha agus uaireannan le còmhdachadh agus/no mullach sgratha. Faodaidh gum bi fo-cheallan ann a tha ri taobh a chèile.
CEMENT MANUFACTURING SITE FACTARAIDH SAIMEANT Buildings, sites and structures associated with the production of cement. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri saothrachadh saimeint.
CEMENT STORE STÒR SAIMEANT A building in which cement is stored, often in sacks or other containers. Togalach far a bheilear a' stòradh saimeant, gu math tric ann an pocannan no soithichean eile.
CEMENT WORKS FACTARAIDH SAIMEANT A site where cement is manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh saimeant.
CEMETERY CLADH An area of ground set apart for the burial of the dead. Pìos talmhainn a chaidh a shònrachadh airson tìodhlacadh nam marbh.
CENOTAPH FÀS-CHÀRN A sepulchral monument erected to commemorate a person or persons buried elsewhere. Carragh-chuimhne a chaidh a thogail ann an cuimhne duine no dhaoine a chaidh an tìodhlaiceadh am àiteigin eile.
CEREAL FACTORY FACTARAIDH GRÀIN A factory where grains are processed to make breakfast cereals and other products. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh gràinean-breacaist agus bathar eile de ghràinean.
CESS PIT TOLL-SALCHAIR A pit for the reception of human waste and refuse. Sloc dhan a bheilear a' tilgeil sgudal agus salachar dhaoine.
CHAIN BRIDGE DROCHAID SLABHRAIDH
CHAIN WORKS FACTARAIDH SHLABHRAIDHEAN A site where wrought iron or steel chains were manufactured. Làrach far an robhar a' dèanamh iarann toinnte no slabhraidhean stàilinn.
CHALET CHALET A Swiss-styled dwelling, built mainly of wood and usually with a steeply pitched and projecting roof. Àite-còmhnaidh air nòs na h-Eilbheise, gu ìre mhòr de dh'fhiodh agus le mullach cas is stobach air mar is trice.
CHAMBER OF COMMERCE SEÒMAR-MALAIRT A building housing a board organised to protect the interests of commerce. Togalach sa bheil bòrd a chaidh a stèidheachadh airson leas na malairt aca a dhìon.
CHAMBERED BARROW BARPA SEÒMARACH A Neolithic burial monument comprising a stone-built chamber within an earthen mound. Cuimhneachan tìodhlacaidh à Linn Ùr na Cloiche sa bheil seòmar cloiche am broinn torr ùir.
CHAMBERED CAIRN BARPA SEÒMARACH A Neolithic burial monument comprising a stone-built chamber within a mound of stones. Cuimhneachan tìodhlacaidh à Linn Ùr na Cloiche sa bheil seòmar cloiche am broinn torr chlachan.
CHAMBERED LONG CAIRN BARPA SEÒMARACH A Neolithic burial monument comprising a rectangular or trapezoidal stony mound which contains either a passage at one end with or without lateral chambers, or one or more smaller chambers entered from the side of the mound. Cuimhneachan tìodhlacaidh à Linn Ùr na Cloiche sa bheil torr creagach ceart-cheàrnach no trapasoideach sa bheil trannsa aig an dàrna cheann dheth le seòmraichean (no as an aonais) air a thaobh no co-dhiù aon seòmar nas lugha a ruigear o thaobh an torra.
CHAMBERED MOUND TOLMAN SEÒMARACH
CHAMBERED TOMB BARPA SEÒMARACH A Neolithic burial monument comprising a stone-built chamber within a mound of earth or stone. Use more specific term where known. Cuimhneachan tìodhlacaidh à Linn Ùr na Cloiche sa bheil seòmar cloiche am broinn torr ùir no cloiche. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CHANGING FACILITY SEÒMAR ÈIDIDH A building within a complex, such as a leisure centre, school, industrial site etc, often containing toilet and washing facilities, where individuals can change their clothes. Togalach air aitreabh, mar eisimpleir ionad chur-seachadan, sgoil no làrach gnìomhachais, le taigh-beag agus goireasan nighe gu tric, far an urrainn do dhaoine aodach eile a chur orra.
CHAPEL CAIBEAL A freestanding building, or a room or recess serving as a place of Christian worship in a church or other building. Togalach a sheasas leis fhèin no seòmar no cùlaist a tha na àite-adhraidh Crìostail ann an eaglais no togalach eile.
Chapel Finian Caibeal Fhinnein
CHAPLAINCY IONAD-CAIBEIL A freestanding building or a room serving as a place of worship, congregation or contemplation, often of no particular religious denomination. Togalach a sheasas leis fhèin no seòmar a tha na àite-adhraidh, àite-cruinneachaidh no meòrachaidh, gu tric chan ann do chreideimh fa leth a bhios iad seo.
CHAPTER HOUSE TAIGH-CAIBIDEIL The building attached to a cathedral or collegiate church where the dean, prebendaries or monks and canons met for the transaction of business. An togalach a tha co-cheangailte ri cathair-eaglais no eaglais cholaisteach far an cum an deadhain, sagartan-tuarastail no manaich agus cananaich coinneamhan obrach.
CHARCOAL BURNING PLATFORM LÀRACH DÈANAMH GUAL-FIODH An area of flattened or compacted ground used for charcoal burning. Àite a chaidh a dhèanamh rèidh no a chaidh a dhùmhlachadh gus gual-fiodha a dhèanamh ann.
CHARCOAL PIT SLOC GUAL-FIODH
CHARCOAL PRODUCTION SITE IONAD DÈANAMH GUAL-FIODH Buildings, sites and structures associated with the production of charcoal. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri saothrachadh guail-fhiodha.
CHARCOAL SHED SEADA GUAL-FIODHA
CHARCOAL STORE STÒR GUAL-FHIODHA A building where charcoal is stored. Togalach far an cumar gual-fiodha.
CHARNEL HOUSE ULAINN A building where the bones of the dead are stored. Togalach far a bheilear a' cumail cnàmhan nam marbh.
CHAUFFEURS HOUSE TAIGH-DRÀIBHEIR The residence of a chauffeur or driver Àite-còmhnaidh aig chauffeur no draibhear.
CHEESE MARKET MARGAID CÀISE A market for the sale of cheeses. Margaid far a bheilear a' reic càise.
CHEMICAL INDUSTRY SITE LÀRACH  GNÌOMHACHAS CEIMIGEACH Sites for the manufacture of chemical substances by controlled chemical reactions. Làraichean airson saothrachadh de stuthan ceimigeach slighe iom-obrachadh ceimigeach stiùirichte.
CHEMICAL PRODUCT SITE LÀRACH BATHAR CEIMIGEACH Sites where  chemical reactions are used in the manufacture of products. Làraichean far a bheilear a' dèanamh bathar slighe iom-obrachaidhean ceimigeach.
CHEMICAL PRODUCTION SITE FACTARAIDH CHEIMIGEAN Sites used for the manufacture of chemicals used as the basis for complex chemical processes or products. Làrach far a bheilear a' dèanamh stuthan ceimigeach a thèid iad fhèin a chleachdadh airson obrachaidhean no bathar ceimigeach iom-fhillte.
CHEMICAL WORKS FACTARAIDH BATHAR CEIMIGEACH An industrial complex where chemicals are produced for commercial use. Aitreabh gnìomhachais far a bheilear a' dèanamh stuthan ceimigeach airson malairt.
CHERT SCATTER SGAPADH  IARMADAN SILICA A spatially discrete, though sometimes extensive, scatter of chert artefacts and knapping debris recovered from the surface, e.g. by fieldwalking, rather than from a particular archaeological context. Sgapadh (gu math mòr uaireannan) fuigheall ailbhinnean-shligeach agus obair na h-ailbhinne-shligeach a tha air leth o chèile 's a chaidh a thogail o uachdar na talmhainn, m.e. a' coiseachd na sgìre seach à co-theacsa àrc-eòlach àraidh.
Chesters Hill Fort     Dùn Chesters
CHILDRENS HOME DACHAIGH CLOINNE A place where either orphaned children or children from 'broken homes' are cared for. Àite far a bheilear a' gabhail cùram dhìlleachdan no clann o "dhachaighean briste".
CHILDRENS HOSPITAL OSPADAL CLOINNE A specialist hospital for the medical and surgical treatment of children. Ospadal sònraichte a bheir seachad leigheas is obair-lannsa dhan chlann.
CHIMNEY SIMILEAR The flue or channel that funnels smoke and gases from a fire. An luidhear no slighe air an tèid ceò 's gas o theine a-mach.
CHIMNEY CAN GOC SIMILEIR A cylindrical, polygonal, or square element fixed on top of a chimney stack to extend the flue and improve the extraction of smoke and gases. Often of red or yellow fireclay. Rud siolandrach, ioma-cheàrnach no ceàrnagach a chaidh a shocrachadh air ceann staca simileir gus an luidhear a dhèanamh nas fhaide airson 's gum falbhadh ceò 's gas às nas fhearr. Gu tric de chriadh-theine dearg no buidhe.
CHIMNEY POT GOC SIMILEIR
CHIMNEY STACK CEANN-SIMILEIR A masonry or brickwork structure projecting above a roof and containing several flues. Structar chlachan no bhreigean a tha a' stobadh a-mach à mullach agus sa bheil grunn luidhearan.
CHIMNEY STALK CEANN-SIMILEIR A tall, usually tapering, structure built of brick, concrete or steel, used to carry smoke and gases to an altitude where they can be exhausted into the atmosphere. Structar àrd barr-chaol de bhreigean, concrait no stàilinn a bheir an àirde ceò 's gas cho àrd 's gun gabh an leigeil a-mach san adhar.
CHINESE BRIDGE DROCHAID SHÌONACH
CHIROPRACTIC SURGERY IONAD- CAIDHREOPRACTAS
CHOCOLATE FACTORY FACTARAIDH TEÒCLAID A factory where chocolate and chocolate products are manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh seòclaid is bathar seòclaid.
CHOCOLATE WORKS FACTARAIDH TEÒCLAID
CHOLERA HOSPITAL OSPADAL NA BUINNICHE-MÒIRE
CHROMATE QUARRY CUARAIDH CHRÒMATAN A place where chromates are extracted from the ground. Chromates are metal salts, usually used in coating processes for metals. Àite far a bheilear a' dùsgadh chromates às an talamh. Tha chromates nan salainn meatailte a chleachdar, mar is trice, ann an còmhdachadh mheatailtean.
CHROME TANNERY TAIGH CARTADH- LEATHAIR CRÒM
CHURCH EAGLAIS A building used for public Christian worship. Togalach a thathar a' cleachdadh airson adhradh Crìostail poblach.
CHURCH HALL TALLA EAGLAISE A hall associated with a church, used for holding functions and meetings and for conducting parish business. Talla a tha co-cheangailte ri eaglais far an cumar coinneamhan is tachartasan agus gnothaichean na paraiste.
CHURCHYARD CILL An area of ground belonging to a church, often used as a burial ground. Pìos talmhainn a tha aig eaglais 's a chleachdadh airson tìodhlacadh dhaoine gu tric.
CHUTE SPÙTAN An inclined channel or vertical passage down which water, coal, etc. may be conveyed. Seanail no slighe dhìreach air a bheilear a' gluasad uisge, gual is rudan msaa o àite gu àite.
CINEMA TAIGH-DHEALBH A building containing one, or more, auditorium with a screen on which films are shown to paying customers. Togalach sa bheil co-dhiù aon ionad-èisteachd le sgrìn air an tèid filmichean a shealltainn do chustamairean a phàigh airgead.
CIRCULAR ENCLOSURE GEÀRRAIDH CHRUINN A circular shaped area of land enclosed by a boundary ditch, bank, wall, palisade or similar barrier. Pìos talmhainn cruinn mun a bheil dìg, uchdan, balla, sonnach no crìoch eile mar sin.
CIST LEAC-CHISTEAN Generally rectangular structure normally used for burial purposes; formed from stone slabs set on edge and covered by one or more horizontal slabs or capstones. Cists may be built on the surface or sunk into the ground. Structar a bhios ceart-cheàrnach a ghnàth 's a chaidh a chleachdadh airson tìodhlacadh mar is trice; leacan a chaidh a sheasamh air oir agus co-dhiù aon leac chòmhnard no clach-mhullaich os an cionn. Dh'fhaoidte gun deach na cisteanan a thogail air an uachdar no san talamh.
CISTERN TANCA-UISGE A covered tank in which rainwater is stored for use when required. Tanca còmhdaichte sa bheilear a' glèidheadh uisge nan neul gus am bi feum air.
CISTERN HOUSE TAIGH-STÒRAIDH UISGE A building housing a cistern. Togalach sa bheil sisteal.
CITY HALL TALLA-BAILE
CIVIL CATHARRA
CIVIL DEFENCE SITE LÀRACH DÌON CATHARRA Sites and buildings used in the coordination of the defence of the civilian population during times of war. Could also be used during times of national emergency. Làraichean is togalaichean a chuirear gu feum gus dìon a' phobaill a stiùireadh rè cogaidh. Gabhaidh an cleachdadh cuideachd ma bhios èiginn nàiseanta ann.
CIVIL SETTLEMENT TUINEACHADH DHAOINE CUMANTA
CLACHAN CLACHAN
Clackmannan Tower* Tùr Chlach Mhanann
CLAMP KILN ÀTH-MHEASGACH A temporary kiln, in which the fuel is interspersed with the material to be fired. Àth shealach sa bheil an connadh am measg nan rudan a tha ri an losgadh.
CLAPPER BRIDGE DROCHAID-LEACAN A simple form of stone slab bridge. Drochaid shimplidh de leacan.
CLASS 1 HENGE HEINNSE  CLAS 1
CLASS 2 HENGE HEINNSE CLAS 2
CLASSROOM SEÒMAR-TEAGAISG A room where a class of pupils is taught. Seòmar far a bheilear a' teagasg clas sgoilearan.
Clava Cairns Càrn Chlàbhalaig
CLAY EXTRACTION SITE LÀRACH CLADHACH CRÈADHA Buildings, sites and structures associated with the extraction of clay. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri buain criadha.
CLAY MINE MÈINN-CHRÈADHA A site where clay is mined from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh criadh às an talamh.
CLAY PIPE FACTORY FACTARAIDH PHÌOBAN CRÈADHA
CLAY PIT POLL-CRÈADHA A place from which clay is extracted. Làrach far a bheilear a' buain crèadha.
CLAY TOBACCO PIPE FACTORY FACTARAIDH PHÌOBAN-TOMBACA CRÈADHA A factory where tobacco pipes made of clay are manufactured. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh pìoban tombaca de chriadh.
CLAY WORKINGS LÀRACH OBAIR CRÈADHA A site where clay is extracted from the surface of the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh crèadh à uachdar na talmhainn.
Claypotts Castle Caisteal Claypotts
CLEARANCE CAIRN CÀRN CHLACHAN-ACHAIDH An irregularly constructed, generally unstructured, mound of stones. Often, but not necessarily, circular. Normally a byproduct of field clearance for agricultural purposes. Tòrr chlachan a chaidh a thogail gun rian agus mar is trice gun structar. Bidh iad seo cruinn gu math tric ach cha bhi an-còmhnaidh. Mar is trice, gheibhear seo ri linn glanadh achaidhean airson àiteachas.
CLEIT CLEIT A drystone building used for storage. Use only for sites on the St Kilda archipeligo. Togalach cloiche air a  chleachdadh mar stòr. Cleachd airson làraich air eileanan Hiort a-mhàin.
CLERGY HOUSE TAIGH-CLÈIRICH A residence for all clergy having the sole or subordinate charge of a living Taigh-còmhnaidh dhan chlèir air a bheil làn-chùram no fo-chùram beathachaidh-eaglaise.
CLERICAL DWELLING TAIGH-CÒMHNAIDH CHLÈIREACH Residences of religious people and members of the clergy. Àitichean-còmhnaidh aig daoine diadhach is clèirich.
Clerk of the chapel Clèireach a' Chaibeil
Clerk of the Writing Office Clèireach an Oifis-sgrìobhaidh
CLICK MILL MUILEANN-GLIOGAIN
CLINIC CLIONAIG
CLOCK TOWER CLOC-THÙR A tower built to display a clock face. Tùr a chaidh a thogail gus aodann uaireadair a shealltainn.
CLOGMAKERS SHOP BÙTH BHRÒGAN-FIODHA
CLOGMAKERS WORKSHOP BUTH-OBRACH BHRÒGAN-FIODHA A workshop where wooden clogs are manufactured. Ceàrdach far a bheilear a' dèanamh brògan-fiodha.
CLOISTER CLABHSTAIR A covered walk, walled on one side and usually arcaded on the other, surrounding or partly surrounding an open area in a monastery or similar complex of Christian buildings. Ceum le mullach air, balla air an dàrna taobh is arcàid air an taobh eile 's e a' dol mun cuairt, no cha mhòr mun cuairt, air talamh fosgailte ann am manachainn no aitreabh de thogalaichean Crìostail coltach riutha.
CLOOTIE WELL TOBAR CHLÙDAIDH
CLOTHING FACTORY FACTARAIDH AODAICH A factory or series of workshops for the manufacture of clothing. Factaraidh no àireamh de cheàrdaichean-obrach airson saothrachadh aodaich.
CLOTHING INDUSTRY SITE LÀRACH GNÌOMHACHAS AODAICH Buildings and sites associated with the manufacture of clothing. Togalaichean agus làraichean a tha co-cheangailte ri saothrachadh aodaich.
CLOTHING WORKSHOP BÙTH-OBRACH AODAICH A workshop for the manufacture of clothing, e.g. tailor's workshop. Ceàrdach far a bheilear a' dèanamh aodach, m.e. ceàrdach tàilleir.
CLOUGHTIE WELL TOBAR CHLÙDAIDH
CLOUTIE WELL TOBAR CHLÙDAIDH
CLUB CLUBA A building used by an association of persons for social and recreational purposes or for the promotion of some common object. Togalach a tha buidheann dhaoine a chleachdadh airson tachartasan sòisealta no cur-seachadan no airson brosnachadh co-iomairt air choireigin.
CLUBHOUSE TAIGH-CLUBA A building occupied by a club or commonly used for club activities. Togalach sa bheil cluba no a chleachdar airson tachartasan cluba gu tric.
Cnoc Freiceadain Long Cairns Cùirn Fada Cnoc Freacadain
COACH HOUSE TAIGH-COIDSE An outbuilding where a horse-drawn carriage is kept. Frith-thogalach far a bheilear a' cumail carbad-eich.
COACH WORKS FACTARAIDH CHOIDSEACHAN Traditionally a building or site where stage coaches were built. Nowadays the term is applied to buildings used for the manufacturing of the body work and furnishings of motor vehicles and railway carriages. Gu tradaiseanta tha seo na thogalach far an robhar a' togail carbadan-stèidse. Thathar a' cleachdadh an fhacail seo an-diugh airson saothrachadh bodhaig is fùirneiseachd carbadan motair is carbadan rèile.
COACHBUILDING WORKS FACTARAIDH TOGAIL CHOIDSEACHAN
COACHING INN TAIGH-ÒSTA COIDSEARACHD A public house offering lodgings to the passengers, and stabling for the horses of stage coaches. Taigh poblach a sholaireas cuid-oidhche dhan luchd-siubhail agus stàballan dha na h-eich aig carbadan-stèidse.
COACHMANS COTTAGE TAIGH-COIDSEIR The residence of a coachman. Taigh-còmhnaidh aig coistear.
COACHWORKS FACTARAIDH TOGAIL CHOIDSEACHAN
COAL BING DÙN-SGUDAIL MÈINNE A heap of waste material derived from coal mining. Torr de sgudal a chaidh a dh'èirich à mèinnearachd guail.
COAL DEPOT GÀRRADH GUAIL A depot used for the unloading of coal. Làrach far a bheilear a' toirt gual far thrèanaichean.
COAL GAS STRUCTURE IONAD GAS-GUAIL Buildings and structures associated with the production, processing and storage of coal gas. Togalaichean is structaran a tha co-cheangailte ri saothrachadh, giullachd is stòradh ceò-guail.
COAL MINE MÈINN GUAIL
COAL MINERS COTTAGE COTAIDS MHÈINNEARAN GUAIL
COAL MINERS VILLAGE BAILE MHÈINNEARAN GUAIL
COAL MINING SITE MÈINNEADH GUAIL A site with buildings and structures used for the extraction of coal. Làrach far a bheil togalaichean is structaran co-cheangailte ri dùsgadh guail.
COAL PREPARATION PLANT IONAD ULLACHADH GUAIL A building or range of buildings used for the cleaning, crushing and loading of freshly mined coal. Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear a' glanadh, a' brùthadh agus a' luchdadh gual a tha air ùr-dhùsgadh.
COAL SHAFT TOLL MÈINNE A vertical shaft providing access to the lower tunnels in a coal mine. Sloc dìreach air a ruigear na tunailean ìochdarach ann am mèinn guail.
COAL SHED SEADA GUAIL
COAL STORE STÒR-GUAIL
COAL TIPPLER TULGAIR GUAIL Loading machinery tipping coal into railway wagons usually at a pithead. Innealan luchdaidh a dhòirteas gual air carbadan rèile, mar is trice aig ceann-mèinne.
COAL TUB TUBA GUAIL A metal container on wheels used for the transportation of coal on a track within a mine. Soitheach meatailt air cuibhlichean a thathar a' cleachdadh gus gual a ghiùlan air traca ann am mèinn.
COAL WASHING PLANT IONAD-NIGHE GUAIL A complex of buildings where coal is washed, graded and sized before being sold. Aitreabh thogalaichean far a bheilear a' nighe, a' rangachadh 's a' tomhas gual mus tèid a reic.
COAL WORKS IONAD-GIULLACHD GUAIL A site where coal is processed. Factaraidh far a bheilear a' giullachd gual.
COAST BATTERY BATARAIDH CLADAICH
COASTAL BATTERY BATARAIDH CLADAICH A defensive gun battery positioned on the coast and facing out to sea. Bataraidh ghunnaichean dìon air a' chladach 's mu choinneamh na mara.
COASTAL DEFENCE SITE LÀRACH DÌON-CLADAICH Sites, buildings and structures for the defence of the coastline from sea and air invasion. Làraichean, togalaichean is structaran a dhìonas an cladach o ionnsaigh mara no adhair.
COASTGUARD STATION STÈISEAN MHAOR-CLADAICH A building or group of buildings situated close to the sea, used by coastguards to enable them to monitor the coastline. Togalach no badan de thogalaichean faisg air a' mhuir. Bidh na maoir-chladaich gan cleachdadh gus sùil a chumail air a' chladach.
COASTGUARD TOWER TÙR MHAOR-CHLADAICH A tower used as a watch tower by the coastguard. Often, though not always, built as part of a Coastguard Station. Tùr a tha na maoir-chladaich a' cur gu feum mar thuraid-faire. Gu tric ach chan ann an-còmhnaidh chaidh an togail mar phàirt de stèisean nam maor-chladaich.
COBALT MINE MÈINN CÒBALT A site where cobalt is mined. Factaraidh far a bheilear a' dùsgadh còbalt.
COBBLED ROAD RATHAD DÒIRNEAGACH A road or street covered with small, rounded cobble stones. Rathad no sràid a tha còmhdaichte le clachan beaga cruinne.
COBBLED STREET SRÀID DHÒIRNEAGACH
COBBLERS BÙTH GREUSAICHE
COBBLERS WORKSHOP BÙTH GREUSAICHE A place where shoes and boots are mended. Àite far a bheilear a' càradh brògan is bòtannan.
COFFEE ROASTING AND GRINDING WORKS FACTARAIDH RÒSTADH IS BLEITH COFAIDH
COFFEE WORKS FACTARAIDH COFAIDH A factory where coffee beans are processed, usually by roasting and grinding. Factaraidh far a bheilear a' giullachd pònairean cofaidh, mar is trice le bhith gan ròstadh 's gam bleith.
COFFIN CISTE-LAIGHE A stone, wood, or lead box in which a dead body is placed for interment or cremation. Bogsa cloiche, fiodha no luaidhe anns an cuirear corp marbh airson tìodhlacadh no losgadh.
COFFIN CAIRN CÀRN CISTE-LAIGHE A cairn on which a coffin could be laid whilst being carried on its way to a burial, to allow the bearers to rest. Càrn far am b' urrainnear ciste-laighe a chur 's e ga ghiùlan gu àite-tìodhlacaidh 's an luchd-giùlain a' gabhail anail.
COKE OVEN ÀMHAINN CÒC Oven for roasting coal to drive off chemical constituents and reduce it to almost pure carbon, i.e. coke. Àmhainn anns a bheilear a' ròstadh gual gus co-adhbharan ceimigeach fhuadachadh gus nach bi air fhàgail ach cha mhòr carbon glan, i.e. còc.
COLBY CAMP CAMPA COLBY A temporary camp, often at altitude, where the Ordnance Survey were based when carrying out mapping programmes. Named after Major General Thomas Colby, Director of the Ordnance Survey, 1820 - 1846. Campa sealach, gu math tric air talamh àrd, far an robh an t-Suirbhidh Òrdanais stèidhichte 's iad air falbh air na h-iomairtean mapachaidh aca. Ainmichte air Màidsear-seanalair Thomas Colby, stiùirich na Suirbhidhe Òrdanais, 1820 - 1846.
COLD ROLLED STEEL MILL MUILEANN-STÀILINN FUAR-ROILIGTE
COLD ROLLED STEEL WORKS FACTARAIDH STÀILINN FUAR-ROILIGTE A site where cold strip steel is rolled into coils. Làrach far a bheilear a' roiligeadh stàilinn a chaidh fhuar-roiligeadh ann an lùban.
COLD STORE STÒR FUAR A room or small building kept at low temperatures for the storage of perishable items, particularly food. Seòmar no togalach beag a thathar a' cumail gu math fionnar ach an gabh rud a mhilleas gu luath a chumail ann, gu h-àraid biadh.
COLLEGE COLAISTE An institution of higher learning, often providing specialised tuition, e.g. college of art; college of music. Ionad àrd-fhoghlaim, gu math tric bheirear seachad oideachadh sònraichte an-seo, m.e. colaiste nan ealan; colaiste ciùil.
COLLEGIATE CHURCH EAGLAIS CHOLAISTEACH A church attached to or founded by a college. Eaglais a tha co-cheangailte ri colaiste no a chaidh a chur air bhonn leatha.
COLLIERY IONAD-GUAIL A site with buildings and structures for the extraction of coal. Làrach far a bheil togalaichean is structaran airson dùsgadh guail.
COLLIERY INSTITUTE INSTITIÙD NAM MÈINNEARAN A building where miners could improve their knowledge by attending lectures and using the reading room facilities. Àite far am b' urrainn do mhèinnearan foghlam fhaighinn dhaibh fhèin ann an òraidean agus san t-seòmar-leughaidh.
COLONIAL OFFICE OIFIS NAN COLOINIDHEAN
COLONY HOUSING TAIGHEADAS COLOINIDH Two-storied terraces of upper and lower flats, each with access to its own front door and garden. Built in cities from the mid-19th century. Barraid dhà-ùrlarach de dh'fhlataichean uachdarach is ìochdarach, gach aon dhiubh le doras is gàrradh aige fhèin. Chaidh an togail a-mach o mheadhan na 19mh linn.
COLOUR WORKS FACTARAIDH DHATHAN
COLOURING WORKS FACTARAIDH DATH A factory where dyes, pigments and other colouring agents are produced. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh dathan, stuthan-datha agus àidseantan dathachaidh eile.
COLUMN COLBH Use for free standing column. Cleachd airson colbh a sheasas leis fhèin.
COMB WORKS FACTARAIDH CHÌREAN A building or site used for the manufacture of combs. Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh cìrean.
COMMAND POST POST-STIÙIRIDH A military building from which the guns of a battery were directed. Togalach an airm a stiùirear gunnaichean bataraidh uaithe.
COMMEMORATIVE CUIMHNEACHADH
COMMEMORATIVE CAIRN CÀRN-CUIMHNE A cairn erected to commemorate an event or person. Càrn a chaidh a thogail mar chuimhneachan air tachartas no duine.
COMMEMORATIVE MONUMENT CARRAGH-CUIMHNE A building or structure erected to commemorate a person or event. Togalach no structar a chaidh a thogail mar chuimhneachan air duine no tachartas.
COMMEMORATIVE ROCK CREAG CUIMHNEACHAIDH A rock outcrop or cave wall which commemorates a person or event. Loman creagach no balla uamha a chomharraicheas duine no tachartais.
COMMEMORATIVE STONE CLACH-CHUIMHNE A stone, either freestanding or part of a structure, which commemorates a person or event. Clach no leac a tha na seasamh na h-aonar no a tha na pàirt de structar a chaidh a thogail mar chuimhneachan air duine no tachartas.
COMMERCIAL COIMEARSALTA
COMMERCIAL OFFICE OIFIS CHOIMEARSALTA The administrative office of a commercial concern. Oifis rianachd aig gnothach.
COMMERCIAL PREMISES IONAD-COIMEARSALTA A building and associated land which are used as a place of business. Togalach agus talamh co-cheangailte ris a tha ga chleachdadh airson mar ionad gnìomhachais.
COMMON TALAMH COIMHEARSNACHD
COMMON LAND TALAMH COIMHEARSNACHD Unenclosed wasteland, forest and pasture used in common by the community. Talamh fàs, coille agus ionaltradh a tha a' choimhearsnachd air fad a' cleachdadh còmhla.
COMMUNICATIONS CONALTRADH
COMMUNICATIONS INTERCEPT STATION STÈISEAN FARCLUAIS CONALTRAIDH Radio station used to intercept military and related communications traffic of other nations for intelligence purposes. Stèidsean-rèidio a chleachdar gus conaltradh airm dhùthchannan eile is conaltradh co-cheangailte riutha a ghlacadh airson fiosrachadh.
COMMUNICATIONS STATION STÈISEAN CONALTRAIDH Communications and relay stations, gathering all messages for transfer forward to other military bases, units and ships etc.  They also gather together all intercepted messages from the enemy. Stèiseanan conaltraidh is ath-sheachadain a chruinnicheas gach teachdaireachd a tha ri shìneadh air adhart gu bunaitean, aonadan is longan eile an airm is msaa. Cruinnichidh iad na teachdaireachdan uile a chaidh a ghlacadh air nàimhdean cuideachd.
COMMUNITY CENTRE IONAD-COIMHEARSNACHD A place providing social, recreational, and educational facilities for a neighbourhood. Àite a sholaireas goireasan sòisealta 's foghlaim agus cur-seachdadan dhan choimhearsnachd sa bheil e.
CONCERT HALL TALLA-CONSAIRT An establishment where musical performances take place. Ionad far an cluichear ceòl.
CONCERT ROOMS SEÒMRAICHEAN CONSAIRT
CONCRETE BLOCK BLOCA CONCRAIT A square or rectangular concrete block with bolt holes, slots or fitments, associated with military installations or establishments. Some bear inscriptions. Do not use for ANTI TANK BLOCKS. Bloca concrait ceàrnagach no ceart-cheàrnach sa bheil tuill bholtaichean, slotaichean no fiotaidhean a tha co-cheangailte ris ionadan no structaran an airm. Tha sgrìobhadh air cuid dhiubh. Na cleachd airson BLOCAICHEAN ANTI-THANCAICHEAN.
CONCRETE BLOCK (NON MILITARY) BLOCA CONCRAIT (NACH BOIN DHAN ARM) A square or rectangular concrete block, often with bolt holes, slots or fitments. Bloca concrait ceàrnagach no ceart-cheàrnach, gu math tric le tuill bholtaichean, slotaichean no fiotaidhean.
CONCRETE BLOCK FACTORY FACTARAIDH BHLOCAICHEAN CONCRAIT A factory producing concrete blocks for use in building. Factaraidh a tha a' dèanamh blocaichean concrait a thèid an cleachdadh ann an togalach.
CONCRETE PLATFORM ÙRLAR CONCRAIT A square or rectangular concrete platform, often the base for a Nissen or other type of temporary hut, but sometimes for a searchlight, light anti-aircraft gun, fixed rocket projectile launcher or heavy machine-gun. Ùrlar concrait ceàrnagach no ceart-cheàrnach a tha gu tric na bhun-stèidh bothan Nissen no bothain shealaich eile ach uaireannan airson solas-luirg, gunna aotrom an aghaidh phlèanaichean, lòinsear socraichte airson rocaidean no beairt-ghunna trom.
CONCRETE STRUCTURE STRUCTAR CONCRAIT A construction of indeterminate military function made largely from concrete. Structar an airm a tha cha mhòr gu tur de choncrait ach gun chinnt dè feum a bha ann.
CONCRETE TILE PRESS INNEAL-BRUTHAIDH LEACAN CONCRAIT A building or facility where pressed concrete tiles are produced. Togalach no ionad far a bheilear a' dèanamh leacagan de choncrait bhrùthte.
CONCRETE WORKS FACTARAIDH CONCRAIT A site where concrete and concrete products are manufactured from a mixture of cement and aggregate. Làrach far a bheilear a' dèanamh concrait is bathar concrait de mheasgachadh de shaimeant is agragaid.
CONDUIT PÌOB-GIÙLAIN A pipe or channel for conveying water or other liquids. Pìob no cladhan a bheir uisge no lionntan eile o àite gu àite.
CONDUIT HOUSE TAIGH-FUARAIN A small building over the end of a water conduit or spring. Togalach beag os cionn ceann seòl-phìoba no fuarain.
CONFECTIONERY WORKS FACTARAIDH MÌLSEANACHD A site where products containing sugar or honey, such as cakes, sweets and crystallized fruits, were manufactured. Làrach far a bheilear a' dèanamh bathar sa bheil siùcar no mil, can cèicichean, siùcaran agus measan criostalaichte.
CONFERENCE CENTRE IONAD-CHO-LABHAIRTEAN A purpose-built, or modified, building where organisations and associations meet for presentations and consultation. Togalaich a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach no a chaidh a chur air dòigh mar àite far an tig buidhnean is comainn còmhla a thoirt seachad taisbeanaidhean 's a dheasbad chuspairean.
CONGLOMERATE QUARRY CUARAIDH CONGLOMARAIT A site where conglomerate is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh conglomarait.
CONGREGATIONAL COLLEGE COLAISTE CHO-THIONALACH
CONSERVATORY GRIANAN-GLAINNE A glasshouse, either adjoining a building or freestanding, used to grow and display plants. Taigh-glaine, co-dhiù ri togalach eile no na sheasamh leis fhèin far a bheilear a' toirt fàs air lusan 's gan sealltainn.
CONSULATE CONSALACHD The residence or official premises of a consul, the official appointed by a state to protect its citizens and commercial interests in a foreign state. Àite-còmhnaidh no oifis oifigeach aig consal, an t-oifigear a chaidh ainmeachadh le stàit gus an cuid saoranaich is gnìomhachdan malairteach thall thairis a dhìon.
CONSUMPTION CAIRN TOM CHLACHAN-ACHAIDH A cairn built to consume stone cleared from the land as part of the agricultural improvements of the 18th and 19th centuries. Càrn de chlachan a chaidh a ghlanadh à fearann ri linn leasachadh nam fearann san 18mh agus san 19mh linn.
CONSUMPTION DYKE BALLA CHLACHAN-ACHAIDH A dyke, often of great thickness, built to consume stone cleared from the land as part of the agricultural improvements of the 18th and 19th centuries. Dìg, gu math tric gu math tiugh, de chlachan a chaidh a ghlanadh à fearann ri linn leasachadh nam fearann san 18mh agus san 19mh linn.
CONTAINER TERMINAL TEIRMINEAL BHOGSAICHEAN-STÒRAIDH An area of a port, dock or harbour where cargo vessels can load and unload large storage containers. May include a rail terminal for containers which have been transported to the port by rail. Àite ann am port, doca no cala far a bheilear a' toirt bogsaichean-stòraidh mòra far bhàtaichean-carago agus far a bheilear a' cur feadhainn ùra orra. Dh'fhaoidte gun gabh seo a-steach tèirmineal rèile airson bogsaichean-stòraidh a chaidh an giùlan gun phort air trèan.
CONTINUOUS KILN ÀTH SREATHACH A kiln for firing ceramics, usually bricks, in which the heat source moves continually between a series of firing chambers. Àth sa bheilear a' losgadh criadhadaireachd, mar is trice breigean, far a bheil tùs an teasa a' ghluasad tro shreath de sheòmraichean losgaidh fad na h-ùine.
CONTROL TOWER TÙR-STIÙIRIDH A high building at an airport from which air traffic is controlled by radio. Togalach àrd air port-adhair a thèid an trafaig adhair a stiùireadh uaithe le rèidio.
CONVALESCENT HOME TAIGH ATH-SHLÀINTEACHAIDH An establishment where patients can rest and recover after an operation or illness. Ionad far am faigh euslaintich fois agus cothrom slànachaidh an dèidh obrach-lannsa no tinneis.
CONVENT CLOCHAR
COOPERAGE TAIGH-CÙBAIREACHD A barrel-making workshop or factory, found in conjunction with a number of industries. Ceàrdach no factaraidh a nì baraillean 's a gheibhear an cois diofar gnìomhachasan.
COPPER MINE MÈINN COPAIR A site where copper is mined. Factaraidh far a bheilear a' dùsgadh copar.
COPPER WORKS FACTARAIDH COPAIR A site or establishment for the casting and refining of metallic copper. Làrach no buidheann a mhòlltaicheas no a dh'fhìnicheas copar meatailteach.
COPPICE PREASARLACH A managed small wood or thicket of underwood grown to be periodically cut to encourage new growth providing smaller timber. Coille bheag stiùirichte no badan preasnaich a thathar a' toirt fàs air gus a ghearradh o àm gu àm gus fàs ùr a bhrosnachadh gus fiodh beag fhaighinn ann.
COPSE FRITH-CHOILLE
CORD RIG IOMAIR CHUMHANG Narrow ridges representing the surviving surface traces of later prehistoric cultivation. The rigs measure up to 1.30m in breadth. Iomairean caola agus an aon sgeul air àiteachas a rinneadh ann aig deireadh na linne ro-eachdraidheil. Bidh na h-iomairean suas ri 1.3m a leud.
Corgarff Castle Caisteal Chorr Gairbh
CORN DRYING KILN ÀTH-THÌORAIDH A kiln used for drying cereals. Use for freestanding structures only. For corn drying kilns incorporated into barns use KILN BARN. Àth airson sìol a thiormachadh. Cleachd airson structaran dealaichte a-mhàin. Airson àth-thiormachaidh ann an sabhal, cleachd SABHAL ÀTHA.
CORN EXCHANGE TAIGH-MALAIRT ARBHAIR A building where samples of corn were sold or auctioned during the early to mid 19th century. When not in use, between market days, the buildings were used as public halls. Togalach far an robh buill-shampaill de dh'arbhar ga reic gu dìreach no air reic-tairgse eadar toiseach is meadhan na 19mh linn. Bhathar a' cleachdadh nan togalaichean seo mar thallachan poblach eadar làithean margaid nuair nach robh feum orra airson reic an arbhair.
CORN MILL MUILEANN-ARBHAIR
CORPSE REST IONAD-STAD GIÙLAIN A place, where a corpse could be laid whilst being carried on its way to burial, to allow the bearers to rest. Àite far am b' urrainnear corp a chur 's e ga ghiùlan gu àite-tìodhlacaidh 's an luchd-giùlain a' gabhail anail.
CORPSE ROAD RATHAD NAM MARBH A road, used traditionally for the transportation of a corpse to a place of burial. Rathad a tha ga chleachdadh gu tradaiseanta gus corp a ghiùlan gu àite-tìodhlacaidh.
Corrimony Chambered Cairn Càrn Seòmarach Choire Mhonaidh
Corstorphine Dovecot Tucaid Chros Thoirphin
COTTAGE COTAIDS A small dwelling, usually of only one storey, and generally located in the country. Use more specific type where known. Àite-còmhnaidh beag, mar is trice aon-ùrlarach agus a-muigh air an dùthaich. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
COTTON MANUFACTURING SITE LÀRACH DÈANAMH BATHAR COTAIN Buildings and sites associated with the manufacture of cotton. Togalaichean agus làraichean a tha co-cheangailte ri saothrachadh cotain.
COTTON MILL MUILEANN-COTAIN Usually a cotton spinning factory, although some mills have weaving sheds attached, in which case the end product is completed cloth, not yarn only. Mar is trice factaraidh snìomha ged a tha cuid a mhuileannan ann ris a bheil taighean-beairt ri cuid dhiubh agus mas ann mar sin a tha e, 's e aodach ullamh am bathar deireannach 's chan e snàth a-mhàin.
Coulter Motte Coulter Motte
Council Archaeology Services   Seirbhisean Arc-eòlais nan comhairlean
COUNCIL HOUSE TAIGH-COMHAIRLE A house originally built by a local authority. Some are now owned privately. Taigh a chaidh a thogail le ùghdarras ionadail o thùs. Tha cuid dhiubh ann an seilbh phrìobhaideach a-nis.
COUNCIL OFFICE OIFIS COMHAIRLE
COUNTERMINE FRITH-MHÈINN A tunnel dug in response to tunnelling by an attacking force. Tunail a chaidh a chladhach mar fhreagairt air tunail eile a bha nàmhaid a' cladhach.
COUNTING HOUSE TAIGH-CUNNTAIS An accounts office, especially within an industrial or commercial complex. Oifis cunntasair, gu h-àraid am broinn aitreabh gnìomhachais no gnothachais.
COUNTRY HOUSE TAIGH-DÙTHCHA A rural residence or mansion. Àite-còmhnaidh no mansa air an dùthaich.
COUNTY BUILDING TOGALACH SIORRACHD A building containing the local administrative, judicial and political authorities. Taigh sa bheil an rianachd ionadail agus na h-ùghdarrasan laghail 's poileataigeach.
COURT HILL TOM A' MHÒID An artificial or natural mound where a court was held and justice administered. Tom nàdarra no fear a chaidh a thogail far an robhar a' cumail cùirt agus far an robhar a' cur ceartas an gnìomh.
COURT HOUSE TAIGH-CÙIRTE A public building in which a judicial court is held. Togalach poblach far a bheilear a' cumail cùirt an lagha.
COURTYARD CÙIRT-LIOS An uncovered area, surrounded or partially surrounded by buildings. Àite a tha fosgailte ris na speuran, mun a bheil togalaichean ceithir timcheall air no gu ìre.
COURTYARD HOUSE TAIGH CÙIRT-LIOS A building or buildings ranged around a courtyard on at least three sides. They occur in the Iron Age, as well as being an influential plan type of house from the 15th century onwards. Index with appropriate period. Togalach no togalaichean a tha mun cuairt air cùirt-lios, air co-dhiù trì taobhan dheth. Nochd iad ann an Linn an Iarainn ach bha buaidh mhòr aig taighean dhen t-seòrsa seo air planaichean thaighean a-mach on 15mh linn. Cuir an linn iomchaidh air a' chlàr-amais.
COVENANTERS CAVE UAMH NAN CÙMHNANTACH A cave used by Covenanters as a place of worship or concealment. Uamh a chaidh a chleachdadh leis na Cùmhnantaichean mar àite-adhraidh no àite-falaich.
COVENANTERS GRAVE UAIGH CÙMHNANTAICHE A burial place of a Covenanter. Àite far an deach Cùmhnantaiche a thìodhlacaidh.
COVENANTERS MEETING PLACE ÀITE-CRUINNEACHAIDH CHÙMHNANTACH An area where Covenanters assembled for prayer and worship, generally a natural hollow. Àite far am biodh na Cùmhnantaichean a' cruinneachadh airson ùrnaigh 's adhradh, gu math tric ann an lagan nàdarra.
COVENANTERS STONE CLACH NAN CÙMHNANTACH A stone erected to mark a site associated with Covenanters. For sites of coventicles use COVENANTERS MEETING PLACE. Clach a chaidh a thogail gus làrach a chomharradh aig a bheil co-cheangal ris na Cùmhnantaichean. Airson làraichean adhraidh-rùin, cleachd ÀITE-CRUINNEACHAIDH NAN CÙMHNANTAICHEAN.
CRAFT INDUSTRY SITE LÀRACH GNIOMHACHAS CIÙIRD Site of small scale industrial production, often involving hand work and craft skills. Làrach gnìomhachas a nì beagan bathair, gu math tric de làimh agus a' cleachdadh sgilean ceàrdach.
CRAFT SHOP BÙTH CIÙIRD A building or room where handmade goods and products, often made locally, are displayed and sold. Togalach no seòmar far a bheilear a' taisbeanadh 's a' reic bathar a chaidh a dhèanamh de làimh, gu tric gu h-ionadail.
Craigmillar Castle Caisteal Craigmillar
Craignethan Castle Caisteal Craignethen
Craignethan Castle & Shop Creag Neithein
CRANE CRANN-TOGAIL A large, metal or wooden structure, used for raising, lowering and moving heavy objects. Use more specific term where known. Structar mòr meatailt no fiodha a chleachdar gus rudan troma ìsleachadh no a ghluasad. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CRANE WORKS FACTARAIDH CHRANN-TOGAIL A building or site used for the manufacture and erection of cranes. Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh 's a' togail crainn-thogail.
CRANNOG CRANNAG An island, partly or wholly artificial, often formed by dumping timber, earth and stones and revetted with timber piles or a palisade. Built in a loch, wetland or estuary and dating from prehistory to medieval. Eilean a tha gu tur no gu ìre na eilean fuadain 's a chaidh a thogail, mar is trice, le bhith a' tilgeil fiodh, ùir agus clachan ann 's gan ath-dhaingneachadh le puist fhiodha no sonnach. Chaidh an togail ann an lochan, air talamh fliuch no ann an inbhirean eadar na linntean ro-eachdraidheil 's na meadhan-aoisean.
CREAMERY TAIGH-UACHDAIR A site where milk is processed to produce secondary products such as cream, cheese and yogurt. Làrach far a bheilear a' dèanamh rudan eile de bhainne, can barr, càise 's iogart.
CREMATION IARMAD LUATHA-CUIRP The fragmentary, burnt remains of a human body. Usually found buried, occasionally in a container associated with grave goods. Iarsmaidhean loisgte corp duine. Gheibhear iad air an tìodhlacadh mar is trice, uaireannan ann an soitheach le earrasan-uaige còmhla riutha.
CREMATION CEMETERY CLADH LUATH-CHORP A cemetery comprising exclusively cremated human remains, some or all of which may be contained within pottery vessels. Cladh anns nach eil ach iarsmaidhean loisgte dhaoine le co-dhiù cuid dhiubh ann an soithichean criadha.
CREMATION PIT SLOC LOSGADH-CUIRP A site where a corpse has been burnt on a pyre over a pit, which acts as a receptacle for the remains. Occasionally accompanied by burnt grave goods, placed with the body on the pyre. Làrach far an deach corp a losgadh air breò-chual os cionn sluic anns an do thuit na h-iarsmaidhean an dèidh na cùise. Bidh earrasan-uaighe loisgte a chaidh a chur ri taobh a' chuirp air a' bhreò-chual na chois uaireannan.
CREMATORIUM IONAD LOSGADH-CHORP A building or site where bodies are burnt, and the ashes collected for burial or dispersal. Togalach no làrach far a bheilear a' losgadh cuirp; thèid an luaithre a chruinneachadh airson tìodhlacadh no sgapadh.
Crichton Castle Caisteal Crichton
CROFT CROIT A small farm or holding. Tuathanas no gabhaltas beag.
CROFTING TOWNSHIP BAILE CROITEARACHD Settlement identifiable by the regularity of the layout. Characteristically the crofters' houses are arranged in a linear fashion, each house within its own croft. The crofts are usually laid out as adjacent rectangular plots. Tuineachadh a dh'aithnichear air a phàtran cunbhalach. Bidh taighean nan croitearan ann an sreath a ghnàth 's croit ri gach taigh. Tha na croitean nan lotaichean ceart-cheàrnach ri taobh a chèile mar is trice.
CROMWELLIAN FORT GEARASTAN CROMBAILEACH
Crookston Castle Caisteal Crookston
CROPMARK COMHARRA-BÀRR A buried feature revealed by the uneven growth of a crop. Use specific term where possible. Rud a tha fon talamh 's a dh'aithnichear air fàs mì-chòmhnard barra. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CROPMARK COMPLEX BADAN CHOMHARRAN-BÀRR
CROSS CROIS A free-standing structure in the form of a cross. Use specific term where known. Structar a tha na sheasamh leis fhèin agus air cruth croise. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CROSS BASE STÈIDH CROISE The base for a freestanding cross. A' bhunait aig cros a sheasas leatha fhèin.
CROSS DYKE GÀRRADH TARSAINN
CROSS INCISED ROCK CREAG-CROISE Natural rock outcrop incised with a cross-shaped symbol. Loman creagach nàdarra a chaidh comharra croise a shnaidheadh air.
CROSS INCISED STONE CLACH LE  CROIS SHNAIGHTE A stone bearing a cross-shaped symbol incised on its face. Clach a chaidh cruth croise a gràbhaladh air a h-aodann.
CROSS RIDGE DYKE GÀRRADH TAR-DROMA A linear earthwork, usually a bank accompanied by a ditch, which runs across rather than along an area or ridge of higher ground. Uchdan-ùir loidhneach, mar is trice uchdan le dìg, a tha a' dol thairis air talamh àrd no druim, seach ri thaobh.
CROSS SHAFT CAS CROISE
CROSS SLAB LEAC CROISE A slab of stone, either standing or recumbent, inscribed with a cross. Usually found in association with burials. If Pictish symbols are included, index as PICTISH SYMBOL STONE as well. Leac cloiche, na seasamh no na laighe, air an deach crois a sgrìobadh. Gheibhear seo ann an co-cheangal ri tìodhlacadh mar is trice. Ma tha comharran Cruithneach ann cuideachd, cuir LEAC SHNAIDHTE CHRUITHNEACH air a' chlàr-amais cuideachd.
CROSS SOCKET STÈIDH CROISE
Crosskirk, Peebles Crosskirk, Peebles
Crossraguel Abbey Abaid Chrois Reagail
CROWN ROOM SEÒMAR A' CHRÙIN
Croy Hill Cnoc Chrothaidh
CRUCK BARN SABHAL GOBHAL-CHEANGALACH
CRUCK FRAMED BARN SABHAL GOBHAL-CHEANGALACH A barn in which a pair of curved timbers form a bowed A-frame which supports the roof independently of the walls. Sabhal le paidhear mhaidean an cruth A agus iad lùbte gus am mullach a chumail suas gun taic o na ballachan.
CRUCK FRAMED BUILDING TOGALACH GOBHAL-CHEANGALACH A building in which pairs of curved timbers form a bowed A-frame to support the roof independently of the walls. Use specific term where known. Togalach aig a bheil paidhrichean de chrainn an cruth A lùbte 's a chumas an àirde am mullach as aonais taic o na ballachan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CRUCK FRAMED BYRE BÀTHACH GOBHAL-CHEANGALACH A byre in which pairs of curved timbers form a bowed A-frame to support the roof independently of the walls. Sabhal aig a bheil paidhrichean de chrainn an cruth A lùbte 's a chumas an àirde am mullach as aonais taic o na ballachan.
CRUCK FRAMED COTTAGE BOTHAN GOBHAL-CHEANGALACH A house in which pairs of curved timbers form a bowed A-frame to support the roof independently of the walls. Taigh aig a bheil paidhrichean de chrainn an cruth A lùbte 's a chumas an àirde am mullach as aonais taic o na ballachan.
CRUCK FRAMED MILL MUILEANN GOBHAL-CHEANGALACH A mill in which pairs of curved timbers form a bowed A-frame to support the roof independently of the walls. Muileann aig a bheil paidhrichean de chrainn an cruth A lùbte 's a chumas an àirde am mullach as aonais taic o na ballachan.
CRUIVE CAISEAL
CRUSHING MILL MUILEANN-BRUTHAIDH A building containing mechanically powered crushers or rollers. Togalach sa bheil brùthadairean no rolairean a tha aig obair air cumhachd meacanaigeach.
CRUSHING PLANT FACTARAIDH PRONNAIDH
Cubbie Rows Castle Caisteal Cubby Row
Cullerlie Stone Circle Tursachan Chùl Fheàrnalaidh
Culross Abbey Abaid Chuileann-Rois
Culross Palace Lùchairt Chuileann-Rois
Culsh Earthhouse Taigh-talmhainn na Cùilt
CULTIVATION REMAINS COMHARRAN ÀITEACHAIS Traces left by past cultivation, in the form of upstanding features, subsoil marks or cropmarks. Use more specific term where possible. Làraich a dh'fhàg obair-àiteachais o shean, rudan mar structaran dìreach, comharran fon ùir no comharran air bàrr. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
CULTIVATION TERRACE BARRAID ÀITEACHAIS A strip of land on a slope, which has built up to provide a flat surface for the cultivation of crops. Pìos de thalamh air leathad 's a chaidh a thogail ach am bi talamh rèidh ann far an urrainnear fàs a thoirt air bàrr.
CULVERT SÀIBHEAR A drainage structure that extends across and beneath roadways, canals or embankments. Structar traoghaidh a tha a' dol thairis air rathaidean, canalan no uchdanan no fodhpa.
CUMBRIA CUMBRIA
CUP AND RING MARKED ROCK CREAG CUPA IS CEARCALL One or more small, roughly hemispherical depressions surrounded by a concentric arrangement of annular or penannular grooves carved on natural rock outcrop. More complex designs may also occur. Co-dhiù aon lagan beag is cha mhòr leth-chearcallach mun a bheil pàtran co-chearcallach de ghròban fàinneach no beàrn-fhàinneach a chaidh a shnaidheadh air loman creagach nàdarra. Chithear pàtranan nas toinnte cuideachd.
CUP AND RING MARKED STONE CLACH CUPA IS CEARCALL A stone bearing one or more small, roughly hemispherical depressions surrounded by a concentric arrangement of annular or penannular grooves. More complex designs may also occur. Clach air a bheil co-dhiù aon lagan a tha caran leth-chruinn is mun a bheil gròban fàinneach no beàrn-fhàinneach is co-mheadhanach. Chithear pàtranan nas toinnte cuideachd.
CUP AND RING MARKINGS COMHARRAN CHUPAN IS CHEARCALL A stone or rock outcrop bearing roughly hemispherical depressions and/or concentric annular or penannular grooves. Complex designs also occur. Use more specific term. Differentiate between designs on stones/boulders and rock outcrop. Clach no loman creagach air a bheil lagan a tha cha mhòr leth-chruinn agus/no gròban fàinneach no beàrn-fhàinneach co-mheadhanach. Chithear pàtranan toinnte cuideachd. Cleachd briathar nas mionaidiche. Dèan diofar eadar dealbhaidhean air clachan/ulpagan agus lomain chreagach.
CUP MARKED ROCK CREAG CHUPAN Natural rock outcropping bearing one or more small, roughly hemispherical depressions, generally created by chipping or pecking. Loman creagach nàdarra air a bheil co-dhiù aon lagan beag a tha cha mhòr leth-chruinn; mar is trice le bhith ga sgealbadh no ga piocadh.
CUP MARKED STONE CLACH CUPA A stone bearing one or more small, roughly hemispherical depressions, generally created by chipping or pecking. Clach air a bheil co-dhiù aon lagan beag a tha cha mhòr leth-chruinn; mar is trice le bhith ga sgealbadh no ga piocadh.
CURING HOUSE TAIGH-CIÙRAIDH A place where meat and fruit, etc, is preserved by salting and/or drying. Àite far a bheilear a' glèidheadh feòil, measan is rudan mar sin le bhith gan sailleadh agus/no gan tiormachadh.
CURING YARD GÀRRADH CIÙRAIDH A yard containing buildings and structures for curing fish and other foodstuffs. Lann sa bheil togalaichean is structaran airson ciùradh èisg is bìdh eile.
CURLING POND LÒN CROLAIDH A purpose-built pond, used when frozen for the game of curling. Linn a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach 's a chleachdar air crolaidh nuair a bhios e reòthte.
CURRIERY TAIGH-GIULLACHD BHIAN A place where tanned leather is dressed and coloured. Àite far an tèid leathar cairte a ghiullachd 's a dhathachadh.
CURRYING HOUSE TAIGH-BIANADAIREACHD
CURSUS CURSUS A rectangular enclosure of Neolithic date, presumed to be of ceremonial function. Lann ceart-cheàrnach à linn ùr na cloiche a thathar dhen bheachd gur ann airson deas-ghnàthan a bha e.
CURVILINEAR ENCLOSURE LANN CRÌOCH-LÙBACH A monument consisting of an area of land enclosed by a ditch, bank, wall, palisade or similar barrier, where the boundary follows an irregular curving course. Cuimhneachan sa bheil pìos talmhainn mun a bheil dìg, uchdan, balla, sonnach no bacadh eile mar sin 's a crìoch a' leantainn cùrsa mì-riaghailteach.
CUSTOM HOUSE TAIGH-CUSBAINN A government office or building, especially at a seaport, at which customs are collected and ships are cleared for entry. Taigh no togalach an riaghaltais, mar is trice ann am port-mara, far a bheilear a' togail na cusbainn 's a' toirt cead do longan a thighinn a-steach dhan dùthaich.
CUSTOMS AND EXCISE OFFICE OIFIS CHUSBAINN IS CHÌSEAN
CUSTOMS HOUSE TAIGH-CUSBAINN

Share