Live /

Over 28 of our staffed sites have now reopened and we are delighted to welcome you back. Booking in advance is recommended to guarantee entry. Find out more and book now

x

Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

English Term Facal Gàidhlig English Note Nota Gàidhlig Audio
QUADRANT TOWER TÙR CEATHRAMHAIN Observation tower associated with WW2 bombing ranges. An enclosed structure, usually of brick or concrete and raised on four legs. Tùr coimhid a tha co-cheangailte ri rainsean bomadh an Dàrna Chogaidh Mhòir. Structar, mar is trice ann an slige bhreigean no concrait agus gu h-àrd air ceithir casan.
QUAKER MEETING HOUSE TAIGH-COINNEIMH NAN QUAKERS
QUARANTINE HOSPITAL OSPADAL TEARBAIDH
QUARRY CUARAIDH An excavation from which minerals are obtained by cutting, blasting, etc. Use more specific term where known. Àite far a bheilear a' dùsgadh mèinnearan le bhith a' gearradh, a' spreadhadh is msaa. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
QUARRY PIT SLOC CUARAIDH A pit from which materials are extracted for the construction of a ROMAN ROAD. For other quarry pits use QUARRY. Sloc san deach stuthan a dhùsgadh gus RATHAD RÒMANACH a thogail. Airson slocan cuaraidh eile, cleachd CUARAIDH.
QUARRY SCOOP LAGAN  CUARAIDH A shallow depression in the ground, caused by the small-scale quarrying of rock or other minerals. Lagan eu-domhain san talamh a nochd an cois dùsgadh beag de chlachan no mèinnearan ann.
QUARRY WORKINGS CUARAIDH
QUARTZ DOLERITE QUARRY CUARAIDH DOLARAIT ÈITEIGE A site where quartz dolerite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh dolairit èiteige.
QUARTZ SCATTER SGAPADH IARMADAN CLACH-EITEIG A spatially discrete, though sometimes extensive, scatter of quartz artefacts and knapping debris recovered from the surface, e.g. by fieldwalking, rather than from a particular archaeological context. Sgapadh (gu math mòr uaireannan) fuigheall èiteagan agus obair na h-èiteige a tha air leth o chèile 's a chaidh a thogail o uachdar na talmhainn, m.e. a' coiseachd na sgìre seach à co-theacsa àrc-eòlach àraidh.
QUAY CIDHE An artificial paved bank or solid landing place built parallel to, or projecting out from, a shoreline or riverbank to serve in the loading and unloading of vessels. Uchdan leacaichte no làimhrig chruaidh a chaidh a thogail co-sìnte ris a' chladach no bruach aibhne (no a' stobadh a-mach uaithe) gus luchdan a thoirt far shoithichean is luchdadh a chur orra.
QUAY CRANE CRANN-TOGAIL CIDHE A crane located on a quayside used for the loading and unloading of goods and materials to and from vessels. Crann-togail air làimhrig airson bathar is stuthan a thoirt far shoithichean no gus an luchdadh orra.
QUERN QUARRY CUARAIDH CHLACHAN-BRÀTHA A shallow scoop in the ground surface from which raw material used in the production of quern stones is obtained or an outcrop of rock which bears traces of disc-shaped hollows resulting from the removal of roughouts. Lagan eu-domhain ann an uachdar na talmhainn far a bheilear a' faighinn bun-stuth airson clachan-bhràthan a dhèanamh no loman creige air a bheil fiamh lagan diosg-chruthach a chaidh a dhèanamh ann nuair a bhathar a' toirt garbh-chruthan às.
QUILT FACTORY FACTARAIDH CHUILTEAN A factory where quilts are made. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh cuiltean.

Share