Gaelic Dictionary Faclair Gàidhlig
Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic dictionary to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.
Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.
Search results for A
| English Term | Faclan Gàidhlig | English note | Nòta Gàidhlig |
|---|---|---|---|
| ANIMAL WASH | IONAD-NIGHE BHEATHAICHEAN | A place or building where animals can be washed. Often in the form of a pool with a walled funnel-like structure enabling animals to be guided into the pool. | Àite no togalach far an gabh beathaichean a nighe. Gu math tric bidh seo na amar le balla a tha coltach ri fuineall a stiùireas na beathaichean dhan amar. |
| ANNEX | LEASACHAN | An additional building or extension attached to a main structure. | Togalach a bharrachd no leudachadh ceangailte ri prìomh thogalach. |
| ANNEXE ENCLOSURE | LEASLANN | A subsidiary enclosure externally attached to an enclosure of known or unknown date and function. The annexe is generally smaller than, and secondary to, the main enclosure. Use more specific site type where known. Do not use for Roman military sites. | Fo-lann a tha co-cheangailte ri taobh a-muigh lainn eile 's fios (no gun fhios) cuin a chaidh a thogail 's dè feum a bha ann. Bidh am for-ràth nas lugha agus chan esan am prìomh-rath mar is trice. Cleachd seòrsa nas mionaidiche de làrach ma tha fios cò tè. Na cleachd airson làraichean arm nan Ròmanach. |
| ANNULAR ENCLOSURE | LANN CEARCALLACH | ||
| ANTI AIRCRAFT BATTERY | BATARAIDH ANTI-PHLÈANAICHEAN | A defensive position containing one or more artillery pieces or rocket launchers. | Ionad dìonach sa bheil co-dhiù aon ghunna-mòr no lòinsear rocaidean. |
| ANTI AIRCRAFT DEFENCES | DÌON ANTI-PHLÈANAICHEAN | Specialist defences designed to protect against airborne attack. | Goireasan sònraichte a dhìonas an aghaidh ionnsaighean adhair. |
| ANTI GLIDER DITCH | DÌGEAN | ||
| ANTI GLIDER DITCHES | DÌGEAN ANTI-GHLAIGHDEARAN | A series of ditches designed to prevent enemy gliders from being able to land safely. | Sreath de dhìgean nach leigeadh le plèanaichean-seòlaidh nàmhad laighe gu sàbhailte. |
| ANTI GLIDER POSTS | PUIST ANTI-GHLAIGHDEARAN | Wooden or concrete posts usually laid in the inter-tidal zone or any flat area, now often cut off at high tide level. | Puist fiodha no concrait, mar is trice san t-seal-mhara no àite còmhnard sam bith, cha ruigear iad an-diugh gu math tric nuair a bhios an làn àrd. |
| ANTI SHIPPING BARRIER | BACADH LUINGEIS | A Line of concrete posts or tetrahedra laid between the shore and an island, often protected by a gun-battery. | Sreath de phuist no ceithir-shliosnaich concrait eadar an cladach is eilean, gu tric fo dhìon bataraidh ghunnaichean. |
| ANTI SUBMARINE NETTING | LÌON ANTIBHÀTAICHEAN-AIGEIL | ||
| ANTI TANK BLOCKS | BLOCAICHEAN ANTI THANCAICHEAN | Lines of concrete blocks, large and small placed on the ground to impede tanks. | Loidhnichean de bhlocaichean concrait mòra 's beaga air an talamh a chuireas bacadh air tancaichean. |
| ANTI TANK DEFENCES | DAINGNEACH ANTI THANCAICHEAN | ||
| ANTI TANK DITCH | DÌG ANTI- THANCAICHEAN | A specifically dug ditch for anti-tank defence, detected by much sharper cut line. | Dìg a chaidh a chladhach a dh'aona-ghnothach an aghaidh thancaichean 's a dh'aithnichear air an loidhne a tha fada nas gèire. |
| ANTI TANK WALL | BALLA ANTI- THANCAICHEAN | A wall, often concrete, usually an extension to existing stone walls, will often have a gun loop built into it | Balla, gu tric balla concrait, is e a' leudachadh ballachan cloiche làithreach a ghnàth agus gu tric le lùb gunna na bhroinn. |
| ANTIMONY MINE | MÈINN ANTAMOIN | A site with equipment and structures for the extraction of antimony, a metallic element added to alloys to increase strength and hardness. Antimony was once thought to have medicinal properties. | Làrach far a bheil acainnean is structaran airson dùsgadh antamon, eileamaid mheatailteach a chuirear co-mheatailtean airson 's gum bi iad nas treasa agus nas cruaidhe. Bhathar a' creidsinn roimhe gun robh buadhan slànachaidh aig antamon. |
| Antonine Wall | Balla Antonine | ||
| APIARY | BEACHLANN | A place where beehives are kept. | Àite far a bheilear a' cumail taighean-sheillean. |
| APSE | APS | A semicircular or polygonal end of a church, usually at the altar. | Ceann leth-chruinn no ioma-thaobhach eaglais, mar as trice far a bheil an t-altar. |
| AQUARIUM | AQUARIUM | A zoo building containing artificial ponds or tanks in which aquatic plants and animals are kept alive for purposes of observation and study. | Togalach sutha sa bheil linneachan no tancaichean fuadaich far a bheilear a' cumail lusan-uisge agus beathaichean airson rannsachadh. |