Select languageTagh cànan
Select letterTagh litir

Search results for A

English Term Faclan Gàidhlig English note Nòta Gàidhlig
AFFLECK CASTLE CAISTEAL ACHADH NAN LEAC
AGRICULTURAL BOUNDARY CRÌOCH ÀITEACHAIS A field boundary, whether it be bank, dyke, fence, hedge, ditch, etc. Crìoch achaidh, ge b e uchdan, dìg, feansa, callaid, clais no rud eile mar sin a tha ann.
AGRICULTURAL BUILDING TOGALACH ÀITEACHAIS A building used for an agricultural and/or subsistence purpose. Use more specific term where known. Togalach a tha ga chleachdadh airson adhbhar àiteachais agus/no bith-beò. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
AGRICULTURAL CHEMICAL SITE LÀRACH CHEIMIGEAN ÀITEACHAIS Buildings, sites and structures used for the production of chemicals used in agriculture, such as fertilizers and pesticides. Togalaichean, làraichean is structaran a tha gan cleachdadh gus stuthan ceimigeach a dhèanamh a thèid an cleachdadh ann an àiteachas, mar thodhar ceimigeach is puinnsean bhiastagan.
AGRICULTURAL CROPMARK COMHARRA-BÀRR ÀITEACHAIS Visible differences in growth of vegetation (cereal or grass and more rarely, root crops) caused by agricultural practices such as ploughing, spraying and manuring. Diofar follaiseach ann am fàs nan lusan (gràn-bharr no feur agus, nas ainneimhe, freumh-bharr) a tha ga adhbharachadh le gnàthasan àiteachais mar threabhadh, stealladh is todhar.
AGRICULTURAL DWELLING TAIGH-CÒMHNAIDH ÀITEACHAIS Buildings and structures inhabited by agricultural workers. Togalaichean is structaran sa bheil luchd-obrach àiteachais a' fuireach.
AGRICULTURAL ENGINEERING WORKS FACTARAIDH EINNSEANAIREACHD ÀITEACHAIS An engineering works that makes products used in agriculture. FACTARAIDH einnseanaireachd a nì bathar a chleachdar ann an àiteachas.
AGRICULTURAL LANDSCAPE SEALLADH-TÌRE ÀITEACHAIL A landscape containing primarily agricultural development and buildings. Tìr anns a bheil cuid mhath dhe na togalaichean is dhen obair leasachaidh co-cheangailte ri àiteachas.
AGRICULTURAL MACHINERY WORKS FACTARAIDH INNEALAN ÀITEACHAIS
AGRICULTURE AND SUBSISTENCE ÀITEACHAS IS BITH-BEÒ
AIR RAID SHELTER FASGADH IONNSAIGH-ADHAIR A fortified structure used to protect people from the effects of enemy bombing. Structar daingnichte a chleachdar gus daoine a dhìon o bhomadh nàmhad.
AIR SHAFT TOLL-ÈADHRACHAIDH An artificial ventilation shaft. Sloc gaothrachaidh fuadain.
AIR TERMINAL PORT-ADHAIR A building at an airport from where passengers embark and disembark from an aircraft. Togalach air port-adhair on a thèid luchd-siubhail air bòrd plèana no dhan a thèid iad nuair a thig iad far a' phlèana.
AIR TRANSPORT SITE IONAD CÒMHDHAIL-ADHAIR Buildings, sites and structures associated with the control, accommodation, service and testing of aircraft. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri stiùireadh, stòradh, seirbheiseadh is deuchainnean de charbadan-adhair.
AIRCRAFT CARBAD-ADHAIR An aircraft, either whole or in part. Aircraft often survive as commemorative monuments, gate guardians or crash sites. Carbad-adhair, an rud slàn no pàirt dheth. Mairidh carbadan-adhair beò gu tric mar chuimhneachain, freiceadan geata no air làrach far an do bhuail e ris an talamh.
AIRCRAFT ENGINEERING SITE IONAD EINNSEANAIREACHD PHLÈANAICHEAN Sites used for the manufacture of aircraft. Làraichean far a bheilear a' dèanamh plèanaichean.
AIRCRAFT FACTORY FACTARAIDH PHLÈANAICHEAN A factory where aircraft are assembled. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh plèanaichean.
AIRCRAFT HANGAR HANGAR PHLÈANAICHEAN A structure or shed used to house and to service aircraft. Structar no seada sa bheilear a' chumail 's a' seirbheiseadh carbadan-adhair.
AIRCRAFT WORKS FACTARAIDH PHLÈANAICHEAN
AIRFIELD RAON-ADHAIR An area used for the taking off and landing of aircraft. The site will often include associated buildings, equipment and other installations. Àite far a bheil plèanaichean a' laighe 's ag èirigh. Bidh togalaichean, acainnean is rudan co-cheangailte eile ann gu math tric.