Gaelic Dictionary Faclair Gàidhlig
Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic dictionary to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.
Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.
Search results for A
| English Term | Faclan Gàidhlig | English note | Nòta Gàidhlig |
|---|---|---|---|
| AIRPORT | PORT-ADHAIR | An airfield for civilian aircraft, usually including a customs house and ancillary structures and buildings and passenger facilities. | Raon-adhair airson phlèanaichean catharra, mar is trice le taigh-cìse agus togalaichean is structaran co-cheangailte is goireasan dhan luchd-siubhail. |
| AIRSHIP HANGAR | HANGAR LONGAN-ADHAIR | A large shed where airships were housed and maintained. | Seada mòr far an robhar a' cumail 's a' càradh longan-adhair. |
| AIRSHIP SHED | SEADA LONG-ADHAIR | Non-preferred term. Use AIRSHIP HANGAR. | Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd HANGAR LONG-ADHAIR. |
| AIRSHIP STATION | STÈISEAN LONG-ADHAIR | An area of land containing Airship sheds, anchorage points and ancillary structures. | Pìos talmhainn air a bheil seadaichean longan-adhair, acarsaidean is structaran taice. |
| AISLE | TRANNSA | A side passage in a church, running parallel to the nave. | Slighe-taobh ann an eaglais, a’ ruith co-shìnte ris an àrd-ùrlar. |
| AISLED BUILDING | TOGALACH TRANNSACH | A subrectangular dry-stone building with upright pillar stones set vertically around its inner wall-face, forming an 'aisle'. The pillar stones are single monoliths, and are often capped by a lintel which rests on the wall-head. | Togalach cobhaireachd ceart-cheàrnach le oirean cruinnte agus carraighean cloiche a tha a' seasamh cruinn a-rèir a' bhalla a-staigh 's iad a' cruthachadh "trannsa". Tha na carraighean cloiche seo nan tursachan singilte agus bidh àrd-doras os an cionn gu tric a tha na laighe air an anainn. |
| AISLED HOUSE | TAIGH TRANNSACH | ||
| AISLED ROUNDHOUSE | TAIGH-CRUINN TRANNSACH | A circular or sub-circular dry-stone building with a series of upright single pillar stones set vertically around its inner wall-face, often capped by a lintel which rests on the wall-head. Use for WHEELHOUSE if these features are present. | Togalach-cobhaireachd a tha cruinn no cha mhòr cruinn agus aig a bheil sreath de charraighean-cloiche dìreach mu choinneamh a bhalla a-staigh, gu tric le leacan os an cionn a tha an taobh eile dhiubh air an anainn. Cleachd an àite TAIGH-ROTHAICH ma tha a leithid a rudan ann. |
| ALCOVE | ALCÒBH | A small recessed space or niche within a room or wall. | Àite beag air a chur a-steach do bhalla no seòmar mar nead no cùil. |
| ALEWIFE | BANA-GHRÙDAIR | ||
| ALGINATE WORKS | FACTARAIDH FEAMAD | A factory where ammonia and alkali metal salts of alginic acid (alginates) are extracted from brown seaweeds. Alginates are used in the textile, medical, printing and food industries. | Factaraidh far a bheilear a' tarraing amòinia agus salainn mheatailteach alcalaidh de shearbhag fheamainneach à feamainn-donn. Tha searbhagan feamainneach gan cleachdadh ann an gnìomhachas an aodaich, nan leigheasan, a' chlò-bhualaidh 's a bhìdh. |
| ALLOTMENT | LOT | A share or portion of land, allotted to a person, often used for growing, vegetables, fruit, etc. | Roinn no pìos talmhainn a chaidh a shònrachadh do chuideigin, gu tric airson lusan, measan is rudan mar sin a chur ann. |
| ALMSHOUSE | TAIGH-BOCHDAINN | A charitable dwelling provided for poor or elderly people. | Taigh carthannais air a thoirt do dhaoine bochda no seann daoine. |
| ALTAR | ALTAR | A table or flat structure used for religious worship in a church. | Bòrd no structar còmhnard a thathar a’ cleachdadh airson adhradh ann an eaglais. |
| ALTAR SLAB | LEAC ALTARACH | A stone slab forming the horizontal surface of an altar. | Leac cloiche a tha na sìneadh rèidh air altair. |
| ALTARPIECE | PÌOS-ALTAR | A decorated structure or artwork placed behind or above an altar. | Structar no obair-ealain sgeadaichte air cùl no os cionn an altair. |
| ALUM WORKS | TAIGH-ALUM | A building or group of buildings where the evaporation and crystallisation of sodium aluminium sulphate solution is carried out. | Togalach no grunn thogalaichean far a bheilear ri deatachadh agus criostaladh de eadar-sgaoileadh sulfaid-almain sòidium. |
| ALUMINA WORKS | IONAD-DÈANAIMH ALUMINA | A factory or complex which produces alumina (aluminium oxide) from Bauxite. Alumina is used to produce aluminium by smelting, and is also used in the abrasive, ceramics and refractory industries, | Factaraidh no aitreabh a nì alumina (ogsaid almain) de bauxite. Nithear alman de alumina le bhith ga leaghadh agus thathar cuideachd ga chleachdadh ann an gnìomhachas bathair sgrìobaich, criadhadaireachd is bathair theas-fhulangaich. |
| ALUMINIUM FOUNDRY | TAIGH-FÙIRNEIS ALUIMINIUM | A workshop or factory where objects are made by casting aluminium. | Ceàrdach no factaraidh far a bheilear a' dèanamh rudan le bhith a' mòlltachadh alman. |
| ALUMINIUM ROLLING MILL | MUILEANN ROILIGEADH ALUIMINIUM | A factory where aluminium is thinned by rolling to produce aluminium foil, sheet or plate. | Factaraidh far a bheilear a' dèanamh alman tana le bhith ga roiligeadh gus foidhle, siotaichean no pleataichean almain a dhèanamh. |