Sgeulachdan nan Òg

Coimhead air na sgeulachdan iongantach a fhuair sinn à sgeulaichean òga anns ar taisbeanadh air loidhne.

Comharraich Bliadhna nan Sgeul còmhla rinn le bhith air an toirt gu àitichean air feadh Alba aig a bheil àite shònraichte ann an cridheachan ar sgeulaichean. Dèan deiseil gus coinneachadh ri creùtairean de iomadh seòrsa agus a bhith air do sguabadh air falbh air turasan-dùraigidh ann an stòiridhean ar sgeulaichean òga.

Briog air na dealbhan gu h-ìosal gus na sgeulachdan iongantach seo a’ leughadh.

View this page in English

Luchd-buannachaidh

Meal ur naidheachd do na luchd-buannachaidh a chur sàr sgeulachdan thugainn mun àite as fheàrr leotha ann an Alba.

Sgeulachd Sgrìobhte: 5 gu 9 bliadhna a dh'aois

An Club Dìomhair le Vida

Caibideil 1

Haidh, is mise Ealasaid agus seo Màiri, mo charaid as fheàrr, agus tha sinne nar phàirt den Club Dìomhair aig a’ Bhurrel Collection. Seo na daoine anns a’ chlub: Emma, Fraser, George, Mia agus Oscar. Bidh sinne a’ dol ann airson dèanamh cinnteach nach eil rud sam bith air chall agus bu bheil h-uile rud air a chumail ann an òrdugh. Tha obair sònraichte aig Mia gus a h-uile duine a chumail ceart is innse dhaibh far am bu chòir dhaibh seasamh. Uaireannan tha i ceart gu leòr ach uaireannan eile chan eil. Bidh Oscar air an CCTV dà uairean dheug a’ faighinn a-mach ma tha duine sam bith eile ann.

A bheil an sgeulachd seo a’ còrdadh riut? Briog air an dealbh gus an sgeulachd air fad a’ leughadh.

Sgeulachd Sgrìobhte: 10 gu 12 bliadhna a dh'aois

Uilebheist Loch Nis le Iain

Gach latha tha rudan neònach a’ tachairt ann an Loch Nis. Dh’fhàg 28 daoine air bàta ach thàinig am bàta air ais falamh, a measg ceò gun chàil ach glainne briste. Thòisich dhaoine eile a’ dol fon uisge gus faicinn de bha a’ tachairt agus gus na daoine air chall a lorg, ach bha camarathan na daibhearan a’ briseadh.

Ach aon latha chunnaic daoine cruth uabhasach neònach, pìos beag a-mach as an uisge. An uair sin bha stuadh mòr a’ shlaod càraichean agus daoine a bha a’ coiseachd a-steach dhan locha.  Bha tòrr daoine a’ smaoineachadh gur e uibheist Loch Nis a bh’ann...

A bheil thu airson faighinn a-mach mar a thig an sgeulachd seo gu crìoch? Briog air ìomhaigheag an dealbh (oisean gu h-àrd air an làimh dheis) gus an sgeulachd a leughadh.  

Sgeulachd Labhairte: 10 gu 12 bliadhna a dh'aois

Caisteal Dùn Thuilm le Jonathan  

Thig air turas tro tìm de an àite as fheàrr le Jonathan ann an Alba, Caisteal Dùn Thuilm. Cluinn iomadh sgeulachd mun làrach san àm a dh’fhlabh mar dùn Chruithneach, daingneach Lochlannach agus dachaigh na Dòmhnallaich agus coinnich ri caractaran eachdraidheil inntinneach air an slighe.

Tha an sgeulachd air innse ann an Gàidhlig agus faodaidh tu fo-thiotalan a chleachdadh (briog air an ìomhaigheag 'CC' gu h-ìosal air an làimh dheis). Tha na fo-thiotalan ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus Beurla. Air no, faodaidh tu an sgeulachd a leantainn sa Bheurla le bhith a’ luchdachadh sìos an eadar-theangachadh [PDF, 133 KB).

Luchd san dàrna àite

Leugh sgeulachdan iongantach luchd san dàrna àite.

Sgeulachd Sgrìobhte: 10 gu 12 bliadhna a dh'aois

Càrdanros le Anna

Leum ràmh a’ bhàta dhan uisge dhubh, a’ tionndaidh ann an cearcal beag. Cha do ghluais am bàta ach pìos beag.

“Mo chreach sa thàinig, Eilidh!” thuirt Luna le osna mar chàmhal. “Cait’ an deach a’ bhliadhna a’ togail chuideaman! Tha sinn air a bhith air Loch Fìn 2 uair a thide, agus tha mi fhathast a’ faicinn bonn an locha mar gu bheil e a dannsa ri mo thaobh!”

Chuir Avi a làmh dhan uisge agus fhuair e Luna anns an aodann. “Chan eil ach Eilidh ach a’ feuchainn, gobag!”

Briog air an dealbh gus an sgeulachd air fad a’ leughadh.

Sgeulachd Sgrìobhte: 10 gu 12 bliadhna a dh'aois

Làmh an Locha le Anna Rose

Leum ràmh a’ bhàta dhan uisge dhubh, a’ tionndaidh ann an cearcal beag. Cha do ghluais am bàta ach pìos beag.

“Mo chreach sa thàinig, Eilidh!” thuirt Luna le osna mar chàmhal. “Cait’ an deach a’ bhliadhna a’ togail chuideaman! Tha sinn air a bhith air Loch Fìn 2 uair a thide, agus tha mi fhathast a’ faicinn bonn an locha mar gu bheil e a dannsa ri mo thaobh!”

A bheil ùidh agad barrachd fhaighinn a-mach? Briog air ìomhaigheag an dealbh (oisean gu h-àrd air an làimh dheis) gus an sgeulachd slàn a leughadh.

Gabh sùil air ar goireasan Gàidhlig

Bidh sinn a’ toirt taic do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheasgachadh de phròiseactan agus diofar ghoireasan air-loidhne a’ gabhail a-steach pasganan fiosrachaidh a ghabhas luchdachadh a-nuas mu làraichean eachdraidheil a tha fo ar cùram.

Coimhead air cuid de na filmichean a rinn ar Luchd-iùil Òg do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus cleachd teasaras Gàidhlig-Beurla gus cuideachadh le eadar-theangachadh de bhriathran a chì thu air an làrach-lìn againn.