About Us

Faigh a-mach mu Dhreuchdan Àrainneachd Eachraidheil

Is urrainn don àrainneachd eachdraidheil mothachadh de fhèin-aithne agus àite a thoirt dhuinn, nar teaghlaichean, ar coimhearsnachdan agus ar dùthchannan.

Dè th’ anns an Àrainneachd Eachdraidheil? 

Faodaidh e a bhith doirbh an àrainneachd eachdraidheil a mhìneachadh, faodaidh e diofar nithean a chiallachadh do dhiofar dhaoine. San fharsaingeachd, is e na nithean a fhuair sinn mar dhìleab bhon àm a dh’fhalbh às an urrainn dhuinn tlachd a ghabhail san àm làithreach, agus coimhead às a dhèidh do na ginealaichean ri teachd. Faodaidh an àrainneachd eachdraidheil mothachadh de fhèin-aithne agus àite a thoirt dhuinn, nar teaghlaichean, nar coimhearsnachdan agus nar dùthchannan. Faodaidh sin sìneadh bho nithean fiosaigeach mar chaistealan agus buill-ealain thaighean-tasgaidh, gu sgilean ciùirde no sgeulachdan bhon àm a dh’fhalbh. Tha iadsan a tha ag obair anns an roinn àrainneachd eachdraidheil a’ gabhail cùram do na nithean sin uile, agus a’ cuideachadh a’ phobaill gu a rannsachadh, tlachd a ghabhail às agus ceangal leis ge ’r bith dè an cruth sam faod e a bhith.

Ag obair anns an Àrainneachd Eachdraidheil

Tha raon àibheiseach de theaghlaichean obrach tarsainn na h-àrainneachd eachdraidheil, bho thurasachd gu togail traidiseanta, agus tha mòran dòighean san urrainn dhut do sgilean agus ùidhean a thionndadh gu bhith nan dreuchd bhrosnachail anns an roinn àrainneachd eachdraidheil. Eadar-mheasgte agus mòr, tha roinn na h-àrainneachd eachdraidheil a’ tabhann còrr air 68,000 obair tarsainn mòran chuspairean leithid gàrraidhean is cruthan-tìre, taighean-tasgaidh, arc-eòlas, no ailtireachd. Tha còrr air leth nan obraichean sin san roinn turasachd far a bheil barrachd na 35,000 proifeiseantach ag obair gus muinntir na coimhearsnachd agus luchd-turais a chom-pàirteachadh le nithean tarraingeach ann an dualchas na h-Alba. Is e togail, an dàrna roinn as motha do phroifeiseantaich na h-àrainneachd eachdraidheil, le còrr air 17,000 obair a tha ga dhèanamh comasach do ar togalaichean is bun-structar eachdraidheil a bhith air a chàradh agus ath-ùrachadh. Tha 2,700 eile air an cruthachadh le buidhnean dualchais, mar Àrainneachd Eachdraidheil Alba, far a bheil cothroman air obair ann an raon farsaing de chuspairean, a’ gabhail a-steach margaideachd, poileasaidh, ailtireachd, stiùireadh chruinneachaidhean, for-ruigheachd, agus fiù dreuchdan a’ cuimseachadh air cùram don àrainneachd.

Tha nì ann dha-rìribh do gach neach!

Tha fo-thiotalan Gàidhlig ri fhaighinn air a’ bhidio gu h-ìosal

Update your third party preferences to view content

Share