A’ cleachdadh measgachadh de mhodhan dèanadach agus saidheansail, bho chladhach gu comharrachadh rèidio-càrboin, bidh arc-eòlaichean a’ rannsachadh an ama a dh’fhalbh tron fhianais a tha daoine air fhàgail às an dèidh – gach nì bho shampallan poilein maicreosgopach agus grìogagan beaga glainne gu cnàimhean, togalaichean agus fiù cruthan-tìre. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil arc-eòlaichean a’ leasachadh sreath fharsaing de sgilean eadar-chuspaireil, eadar-ghluasadach agus dèanadach bho latha gu latha. San fharsaingeachd, bidh cuideigin ag obair ann an arc-eòlas gu cunbhalach a’ cleachdadh fuasgladh cheistean, cnuasachadh breithneachail agus sgilean cruthachail, obair-sgioba, conaltradh, IT agus fiù sgilean stiùiridh pròiseict.
Eisimpleirean de dhreuchdan:
- Arc-eòlaichean Obair-làraich (m.e. trèanaiche, neach-stiùiridh, oifigear pròiseict, is eile)
- Mion-sgrùdaire Siostam Fiosrachaidh Cruinn-eòlasach
- Arc-eòlaiche Coimhearsnachd
- Glèidheadair Taigh-tasgaidh
- Glèidhtiche Arc-eòlach
- Co-chomhairliche Arc-eòlach
- Oifigear Iar-chladhach
Speisealaiche (m.e. arc-eòlaiche chnàmhan, eòlaiche ruith-eachdraidh chraobhan, arc-eòlaiche talmhainn, arc-eòlaiche foireansach, is eile)
Dè a-nis?
Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn nan sgilean a tha a dhìth, fiosrachadh mu thrèanadh, tòiseachadh nad dhreuchd, agus eisimpleirean de dhiofar dhreuchdan, dèan sgrùdadh air goireas Chartered Institute for Archaeologists
A’ coimhead airson dhreuchdan bàna? Tòisich an seo:
- Dreuchdan Chartered Institute for Archaeologists (CIfA)
- Goireasan agus dreuchdan British Archaeological (BAJR)
Cothroman Heritage Research Hub
Soillse air Dreuchdan
Carson nach leugh thu mu fhèin-eòlas dhaoine ann an dreuchdan arc-eòlais agus saidheans dualchais?
Oifigear Margaideachd & Chonaltraidhean agus Cuidiche Ionnsachaidh Dualchais aig Arc-eòlas Alba (Archaeology Scotland)
Tha mi nam Oifigear Margaideachd & Chonaltraidhean agus Cuidiche Ionnsachaidh Dualchais aig Arc-eòlas Alba. Thar na bliadhna a dh’fhalbh, tha mi cuideachd air a thighinn gu bhith nam phàirt de sgioba Mìos Arc-eòlais na h-Alba, a tha air cùlaibh eagrachadh is lìbhrigeadh air an fheill arc-eòlais, eachdraidh is dualchais nàiseanta, adhartachadh air mothachadh do agus cothrom air arc-eòlas Alba tron t-Sultain. Bho latha gu latha, tha mi an sàs ann am mòran diofar ghnìomhachdan, bho bhith a’ stiùireadh mheadhanan sòisealta Arc-eòlas Alba, sgrìobhadh bhrathan naidheachd, cruthachadh litrichean naidheachd, leantainn anailis air meadhanan sòisealta agus làrach-lìn, togail dhealbhan aig tachartasan, conaltradh ri daoine aig cladhachaidhean, agus cuideachadh na sgioba ionnsachaidh le bùithtean-obrach a lìbhrigeadh do sgoiltean. Thàinig mi gu Arc-eòlas Alba tro m’ ùine trèanaidh, far an robh mi ag ionnsachadh bhon sgioba, agus far an d’ fhuair mi cothrom air mo sgilean fhìn a chur an cèill agus an leasachadh nas motha.
Tha arc-eòlas na roinn a tha air leth cruthachail agus innsgineach far am faigh thu cothrom air mòran nithean a dhèanamh, a’ cleachdadh measgachadh de sgilean, agus a’ coinneachadh ri daoine glè inntinneach. Tha a leithid de dhiofar dhreuchdan ann an arc-eòlas san urrainn dhut a bhith com-pàirteach agus tha nì ann do gach neach!
Trèanaiche Ùr-ghnàthachaidh Didseatach aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Mar Thrèanaiche Ùr-ghnàthachaidh Didseatach, tha mi ag obair agus ag ionnsachadh bhon Sgioba Sgrìobhainnean is Ùr-ghnàthachaidh Didseatach. Bho latha gu latha, tha mi an sàs ann an obair air measgachadh de phròiseactan agus a’ togail mo sgilean tromhpa. Gu làithreach, tha mi ag obair air clàradh dàta a tha air a sganadh (a’ cur gach sgan san àite cheart) do dh’eaglais den 15mh linn.
Thàinig mi chun na dreuchd seo an dèidh mo sgilean a leasachadh tro obair shaor-thoileach. An dèidh dhomh ceumnachadh, bha mi dìoghrasach mu obair fhaotainn anns an roinn dualchais. Rinn mi tagradh airson mòran dreuchdan aig ìre inntrigidh ach cha d’ fhuair mi ach glè bheag de fhreagairtean oir cha robh eòlas obrach agam ann an roinn an dualchais san RA. Cho-dhùin mi tagradh airson tuilleadh dhreuchdan taobh a-staigh raon nas fharsainge, gus na sgilean air a bheil feum agam san roinn dualchais a neartachadh. Gu fortanach, fhuair mi cothrom aig Dynamic Earth, far an do dh’ionnsaich mi mòran mu leasachadh cothruim don phoball agus rannsachadh air luchd-tadhail a choileanadh. Gabhaidh an t-eòlas agus na sgilean seo an eadar-ghluasad gu mòran dreuchdan taobh a-staigh nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach!
Ag obair mar thrèanaiche, faodaidh mi seilbh a ghabhail air mo thrèanadh agus planaichean ionnsachaidh a dhèanamh, a tha a’ ceadachadh dhomh cuimseachadh air na sgilean a chuidicheas le adhartachadh mo dhreuchd-beatha. Is toigh leam na h-amasan ionnsachaidh fad-amail a bhriseadh sìos nan obraichean nas lugha, leithid leantainn leasanan air bathar-bog, dèanamh leughadh taic mu phròiseact, no cur eòlas air acainn ùr. Tha an sgioba sa bheil mi ag obair an-còmhnaidh a’ sireadh dhòighean ùra air an obair a leasachadh, agus buannachd a thoirt do bharrachd dhaoine bhuaithe, agus leis an dòigh smaoineachaidh seo (a thuilleadh air planaichean ionnsachaidh reusanta) is urrainn dhut sgil sam bith a thogail!