About Us

27 July 2022

Sealladh ùr air Blàr Chùil Lodair

Tha rannsachadh ùr le Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) air fhoillseachadh a tha ag ùrachadh suidheachadh taobh chlì loidhne nan Seumasach aig àm a' bhlàir.

Part of a historic map showing troop formations at the Battle of Culloden

Is e seo aon de na blàran as iomraitiche ann an eachdraidh na h-Alba, agus tachartas aig a bheil àite air leth tiamhaidh ann a mhothachadh nàiseanta. A-nis, còrr air 275 bliadhna às deidh a bhlàr, tha Blàr Chùil Lodair fhathast a’ lìbhrigeadh fianaisean ùra.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) air fianais ùr a lorg mu shuidheachadh Pàircean Chùil Lodair agus an cruth-tìre dealbhaichte timcheall air Taigh Chùil Lodair, a bha na phàirt chudromach de chruth-tìre làrach Blàr Chùil Lodair ann an 1746 a bhathas an dùil a chaidh a chall. Tha prìomh àite aig Taigh Chùil Lodair sa chòmhstri mar phrìomh-ionad don Phrionnsa Teàrlach agus a cheannardan Seumasach anns na làithean ron bhlàr.

Chan e a-mhàin gu bheil an rannsachadh le ÀEA air fianais ùr a lorg a’ nochdadh gun robh Pàircean Chùil Lodair suidhichte nas fhaide chun iar air làrach a’ bhlàir na bha dùil roimhe, ach cuideachd gu bheil cuid mhath de bhallachan crìche nam Pàircean fhathast maireann.

Tha buaidh shònraichte aig an fhianais seo air tuigse làithreach air làrach a’ bhlàir agus am blàr fhèin. Chleachd na Seumasaich ceann a deas Pàircean Chùil Lodair mar an loidhne chlì aca nuair a chaidh iad a-steach chun a’ bhlàr. Tha seo a ciallachadh gum feumadh gun robh taobh chlì na Seumasaich cuideachd ann an suidheachadh nas fhaide an iar na bha air gabhail ris roimhe.

A historic map showing Culloden and the surrounding roads, rivers and settlements including Inverness. An alphabetical key denotes positions held by the "English" and "Highland" armies.

John Finlayson's map of the battle of Culloden and surrounding landscape. The Culloden Parks can be seen just to the north of the Jacobite army. (Maps are reproduced with the permission of the National Library of Scotland (Attribution 4.0 International (CC BY 4.0))

’S e Cùil Lodair aon de na blàran as cudromaiche ann an eachdraidh Bhreatainn. B’e seo am blàr mu dheireadh air tìr-mòr Bhreatainn agus na chall fuilteach dha na Seumasaich, a’ toirt crìoch air còrr air leth-cheud bliadhna de chòmhstri Seumasach. Tha làrach a bhlàir na aon de na làraich turasachd as fèillmhor sa Ghàidhealtachd, agus tha mòran ann an Alba, agus sliochd sinnsearan na h-Alba, aig a bheil ceangal làidir agus faireachail ris.

Thar an 275 bliadhna an dèidh a bhlàir, tha cruth-tìre Chùil Lodair air atharrachadh gu mòr tro àiteachas, leasachadh, agus gluasadan ann an dòigh cleachdadh fearainn. Bhathar a' creidsinn gun deach mòran eileamaidean den chruth-tìre a chaidh a chlàradh anns na 1740an a chall leis na h-atharrachaidhean sin, nam measg Pàircean Chùil Lodair. Ged a chaidh grunn eileamaidean a chomharrachadh no a dhearbhadh tro rannsachadh eachdraidheil agus arc-eòlais thar nam beagan dheicheadan a dh’ fhalbh, tha mòran de mhì-chìnnt ann fhathast mu làrach a bhlàir.

Chaidh suidheachadh Pàircean Chùil Lodair ann an cruth-tìre an latha an-diugh a lorg le bhith a’ tar-choimeas mapaichean co-aoiseach bhon 18mh linn ri mapaichean ùr-nòsach nas mionaidiche. Cuideachd, chleachd ÀEA teicneòlas nuadh/ ùr-nòsach ann an cruth sganadh leusair bhon adhar, ris an canar LIDAR, a bhios a’ clàradh cruth-tìre ann an 3D. Tha comas aig an dàta seo mion-fheartan cruth-tìre a nochdadh a tha nas fhollaisiche na na chithear air an talamh, agus anns a’ chùis seo a’ sealltainn gu bheil an t-sianal tùsail den Allt Dearg, feart eile de chruth-tìre làrach a bhlàr, cuideachd nas fhaide an iar na bha air gabhail ris cheana mu shuidheachadh nan arm. A thuilleadh air an sin, chaidh measadh làraich a dhèanamh gus fianais fhiosaigeach a lorg de na ballachan a bha air am fàgail air an talamh.

A moss-covered dry stone wall

Thuirt Caoimhin Rothach, Àrd Oifigear Designations aig ÀEA a rinn an rannsachadh: “Tha Blàr Chùil Lodair na aon de na còmhstrithean as motha a chaidh a chlàradh agus as motha a chaidh a sgrùdadh ann an eachdraidh na h-Alba, agus mar sin tha a’ bhith lorg fiosrachadh ùr, a chuireas ri ar tuigse air a’ bhlàr chudromach seo, na adhbhar gàirdeachas.”

“Mar phàirt den dleastanas a th’ againn ann a bhith a’ cumail Inventory of Historic Battlefields, bidh sinn ag ath-sgrùdadh agus a’ measadh diofar thùsan fiosrachaidh gu cunbhalach a dh’fhaodas cuir ri ar tuigse mu na pìosan cudromach seo de dh’àrainneachd eachdraidheil na h-Alba.”

“Tha an fhianais fhollaiseach seo, mu Phàircean Chùil Lodair, a’ sealltainn dhuinn gu bheil sgeulachd Blàr Chùil Lodair fhathast leantainneach mar a tha an tuigse a th’ againn air an cruth-tìre eachdraidheil. Cuiridh an rannsachadh seo ri ar n-eòlas air na tachartasan cudromach a thachair air 16 Giblean 1746.”

Cleachdaidh ÀEA an fhianais seo gus fiosrachadh a thoirt do ath-sgrùdadh san àm ri teachd air Inventory of Historic Battlefields agus clàr Blàr Chùil Lodair.

Faodar an aithisg rannsachaidh slàn fhaicinn aig Archaeology Reports Online.

About Historic Environment Scotland (HES) 

  • We are the lead public body charged with caring for, protecting and promoting the historic environment. We will lead on delivering Scotland’s first strategy for the historic environment, Our Place in Time.
  • Historic Scotland, Scran, Canmore, The National Collection of Aerial Photography (NCAP), The Engine Shed, Stirling Castle and Edinburgh Castle are sub-brands of HES.
  • View our press pack and keep up to date by registering for media release email alerts. If you wish to unsubscribe, please contact us.

Follow Historic Environment Scotland

Twitter: @HistEnvScot | @welovehistory

Facebook: @HistoricEnvScotland | @VisitHistoricScotland

Instagram: @HistEnvScot | @historicscotland

Blog
LinkedIn

For further information, please contact:

Claire Mullaney
Senior Communications Officer
Historic Environment Scotland
0131 668 8588
07881 512 379
claire.mullaney@hes.scot

Share