Buidheann dualchais a’ mìneachadh lèirsinn gus togail air com-pàirteachas is obair coimhearsnachd le Plana Gàidhlig ùr
Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) a’ foillseachadh Plana Gàidhlig 2023-26, a’ mìneachadh dealas do choimhearsnachdan agus glèidhteachas air dualchas cultarach do-bheantainneach.
Buidheann dualchais a’ mìneachadh lèirsinn gus togail air com-pàirteachas is obair coimhearsnachd le Plana Gàidhlig ùr
Tha lèirsinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) a thaobh cuideachadh le cànan is cultar na Gàidhlig a dhìon agus adhartachadh, air a mhìneachadh sa Phlana Ghàidhlig 2023-2026 aca, a tha air ùr-fhoillseachadh.
Tha obair coimhearsnachd is com-pàirteachais nan suidhe aig teis-meadhan a’ phlana ùir agus togaidh iad air an obair a tha an sgioba Gàidhlig air a ghabhail os làimh gu ruige seo. Chruthaich am plana mu dheireadh dreuchd Oifigear Adhartachaidh na Gàidhlig (Gaelic Outreach Officer), a tha air a bhith gnìomhach ann an togail cheanglaichean, ag èisteachd ri agus ag obair le coimhearsnachdan, buidhnean, gnothachasan, agus ùghdarrasan poblach. Leanaidh an obair seo air adhart agus HES a’ coimhead ri taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an dualchas cultarach na Gàidhlig gus ceangal ri, agus comharrachadh is tlachd a ghabhail às an àrainneachd eachdraidheil.
Bidh am Plana Gàidhlig ùr a’ ruith chun na Samhna 2026 agus a’ togail air soirbheachadh plana 2018-2023. Tha an obair thar nan còig bliadhna a chaidh seachad air a’ chiad fharpais Ghàidhlig nàiseanta aig a’ bhuidheann, Sgrìobh is Aithris, fhoillseachadh do chlann agus do dhaoine òga aois 5 gu 17, còmhla ri rannsachadh a ghabhail os làimh air na ceanglaichean eadar cànan is cultar na Gàidhlig agus a h-aon deug de làraichean HES, air tairgse reic Ghàidhlig do Àrainneachd Eachdraidheil Alba a leudachadh agus air conaltradh ri coimhearsnachdan mu dhualchas cultarach do-bheantainneach Gàidhlig (ICH). Chaidh Plana Gàidhlig 2023-2026 a chruthachadh às dèidh pròiseas co-chomhairleachaidh, a’ gabhail a-steach fiosrachadh air ais bhon phoball.
Thar nan trì bliadhna ri teachd, tha am Plana Gàidhlig a’ coimhead ri foghlam ruigsinneach a leudachadh agus cothroman a leasachadh airson barrachd ionnsachadh mu chuspairean làthaireach leithid atharrachadh gnàth-shìde, bith-iomadachd agus cruth-tìre tron Ghàidhlig. Tha e cuideachd a’ mìneachadh phlanaichean air Gàidhlig a ghabhail a-steach do ghnìomhachd thabhartasan is maoineachaidh a’ bhuidhinn agus mothachadh a thogail do mhaoineachadh agus do chothroman a tha buntainneach do sgìrean agus do coimhearsnachdan Gàidhlig, no iadsan a tha ag adhartachadh a’ chànain ’s a’ chultair.
Thuirt Caitrìona Nic ’IlleMhoire, Manaidsear Poileasaidh Gàidhlig aig HES, “Tha Gàidhlig air pàirt dheatamach a choileanadh ann am mìneachadh agus ann an cumadh dualchas agus eachdraidh gun choimeas na h-Alba. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri leantainn air adhart ag obair le coimhearsnachdan, buidhnean agus càch, gus cothroman ionnsachaidh is cleachdaidh air a’ Ghàidhlig a mheudachadh agus cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh, gus an gabh i a roinneadh le luchd-amais ùr agus le luchd-amais a tha an làthair. Tha am Plana Gàidhlig ùr a’ togail air ar dealais a thaobh dèanamh cinnteach gun lean sinn oirnn a’ coileanadh ar dleastanais ann an toirt taic don Ghàidhlig, a dh’ionnsaigh soirbheachadh do na ginealaichean ri teachd.”
Leugh ar Plana Gàidhlig 2023-2026 air ar làrach-lìn.
About Historic Environment Scotland (HES)
We're the lead body for Scotland’s historic environment, a charity dedicated to the advancement of heritage, culture, education and environmental protection. We are at the forefront of researching and understanding the historic environment and addressing the impacts of climate change on its future. Across Scotland, we investigate and record architectural and archaeological sites and landscapes and care for more than 300 properties of national importance. HES is also working with sector partners to deliver Scotland's strategy for the historic environment, Our Past, Our Future.
Historic Scotland, trove.scot, The National Collection of Aerial Photography (NCAP), The Engine Shed, Stirling Castle, Edinburgh Castle and Stòr are sub-brands of HES.
Contact
For further information, please contact:
Historic Environment Scotland Communications Office
07721 959 962
communications@hes.scot