Comharraich bliadhna tèamaichte VisitScotland, Bliadhna nan Sgeul 2022 còmhla rinn, a tha a’ coimhead ri bhith a’ cur cudrom air sgeulachdan a chaidh a chruthachadh ann an – no air am brosnachadh le – Alba.
A’ gairm airson sgeulaichean òga aois 5-17!
An robh fios agad gun deach sgeulachdan Gàidhlig innse mu theintean, air muin eich, ann an caistealan, aig cèilidhean, agus ann an dachaighean air feadh an t-saoghail fad ceudan de bhliadhnaichean?
Tha na sgeulachdan sin a’ gabhail a-steach a h-uile càil bho faoinsgeulan traidiseanta gu sgeulachdan sìthe ionadail, beul-aithris inntinneach gu sgeulachdan eachdraidheil mu dhaoine agus àitichean bhon àm a dh’ fhalbh.
Tha an co-fharpais seo a-nis dùinte.
Gabh pàirt
Ma tha thu airson do sgeul a sgrìobhadh no innse, leig le do mhac-meanmna a’ ruith gus sgeulachd a chruthachadh ann an Gàidhlig mun àite as fheàrr leat ann an Alba.
Is dòcha gur e làrach eachdraidheil, cruth-tìre no àite sònraichte làn de chuimhneachain sona an t-àite as fheàrr leat. Is dòcha gum bi thu airson sgrìobhadh mu rùn-dìomhair a thachair an sin, sgeulachd-siubhail mìorbhaileach no sgeulachd sìthiche mun àite sin.
Cuir thugainn do sgeulachd sa Ghàidhlig ro Dihaoine, 18 Samhain. gus pàirt a ghabhail san fharpais againn agus gum bi cothrom agad duais air leth a bhuannachadh.
Taghaidh sinn cuideachd sgeulachdan a bhios mar phàirt de thaisbeanadh maireannach air-loidhne.
Tha sgrìobhadh is aithris air a thoirt thugad le Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Coilltearachd agus Fearann Alba.
A’ cur do sgeulachd a-steach
Faodaidh tu aon sgeulachd (labhairte no sgrìobhte) Ghàidhlig a chur a-steach don cho-fharpais seo. Feumaidh sgeulachdan a bhith mun àite as fheàrr leat ann an Alba. Faodar an t-àite a tha sa sgeulachd agad a shuidheachadh san àm a dh’ fhalbh, san latha an-diugh no san àm ri teachd.
Feumaidh na sgeulachdan a bhith air an sgrìobhadh le clann agus daoine òga (eadar 5 agus 17 bliadhna a dh’aois) a tha a’ fuireach ann an Alba, Sasainn no a’ Chuimrigh airson a bhith ceadaichte. Bu mhath leinn nan cuireadh a’ neach-inntrigidh dealbh den àite as fheàrr leotha ann an Alba a-steach, a bhiodh air a shealltainn còmhla ris an sgeulachd aca ma tha i air thaghadh airson a thaisbeanadh air-loidhne.
Bidh feum air cead bho phàrant no neach-glèidhidh airson gach innteart. Airson bhidiothan a tha air thaghadh airson an taisbeanaidh air-loidhne, bidh sinn a’ conaltradh ri pàrantan/luchd-glèidhidh tro phost-d ag iarraidh orra foirm cead a lìonadh.
Feuch an leugh thu ar làn Cumhachan is Cùmhnantan agus Brath Prìobhaideachas mus cuir thu a-steach don co-fharpais.
A’ cruthachadh do sgeulachd
Tha iomadh dòigh ann airson sgeulachd innse, agus mar sin faodaidh tu do sgeulachd fhèin a chuir a-steach ann an aon de thrì dòighean:
Innteartan sgrìobhte
Cha bu chòir do sgeulachd sgrìobhte a bhith nas fhaide na 1000 facal sa Ghàidhlig. Bu chòir an cur a-steach mar Sgrìobhainn Word no PDF.
Tha sinn gad bhrosnachadh gus dealbh no pioctair den àite as fheàrr leat a chuir a-steach. Thèid seo a thaisbeanadh còmhla ris an sgeulachd agad ma thèid a thaghadh airson an taisbeanaidh air-loidhne. Dèan cinnteach nach eil daoine sam bith anns na pioctairean a chuirear a-steach.
Ionnsaich mar a sgrìobhas tu sgeulachdan.
Innteartan labhairte (aithris)
Tha fàilte oirbh do sgeulachd a chlàradh mar bhidio anns nach cluinnear ach do ghuth. Bu chòir dealbh no pioctair a bhith anns a’ bhidio (seach sgrion dubh). Is dòcha gum bi thu airson sreath de dhealbhan a dheasachadh airson a dhol còmhla ris an sgeulachd agad no do chamara bhidio a chuir air uachdar agus fòcas a chuir air aon ìomhaigh (leithid dealbh) airson an sgeulachd gu lèir. Cha bu chòir daoine sam bith a bhith ann an dealbhan sam bith a thèid a chleachdadh.
Cha bu chòir don bhidio le aithris a bhith nas fhaide na 5 mionaidean de dh'fhaid agus bu chòir dha a bhith suas ri 1GB ann am meud. Bu choir an sgeulaiche a bhith air a chluinntinn gu soilleir.
Cluinn bho sgeulaiche traidiseanta agus mar as urrainn dhutsa sgeulachd innse.
Innteartan labhairte (sgeulachd don chamara)
Faodaidh tu bhidio dhìot fhèin a chuir a-steach ag innse do sgeulachd chun chamara, a bhios a’ ciallachadh gu bheil d’ aghaidh ri fhaicinn. Is dòcha gum bi thu airson do fhèin a sgeadachadh mar na diofar charactaran, a bhith nad chleasaiche airson diofar phàirtean den sgeulachd no dìreach an sgeulachd innse ris a’ chamara.
Cha bu chòir don bhidio a bhith nas fhaide na 5 mionaidean de dh'fhaid agus bu chòir dha a bhith suas ri 1GB ann am meud. Bu chòir an sgeulaiche a bhith air fhaicinn agus air a chluinntinn gu soilleir.
Na Duaisean
Gheibh luchd-buannachaidh na leanas:
- Pasgan dhuaisean Alba Aosmhor
- Tiogaidean teaghlaich airson an làrach Alba Aosmhor as fheàrr leotha
- Àirleasan le taic bho Comhairle nan Leabhraichean
- Luach £20 airson gach neach-buannachaidh ann an roinn aois 5-9
- Luach £40 airson gach neach-buannachaidh ann an roinn aois 10-12
- Luach £60 airson gach neach-buannachaidh ann an roinn aois 13-17
- Geama-bùird ‘Ciste Uladh na h-Alba’ airson sgoil gach neach-buannachaidh le taic bho Stòrlann
- Aon leth-bhreac dhan neach-buannachaidh agus dà leth-bhreac airson sgoil an neach-buannachaidh den leabhar ‘A Thogail Dùn’ le taic bho Coilltearachd agus Fearann Alba
Bidh an innteart as fheàrr anns gach roinn aoise; aoisean 5-9, aois 10-12, aois 13-17 cuideachd a’ buannachadh priont lìono ann am frèam de còmhdach den leabhar ‘A Thogail Dùn’ leis an neach-ealain Liz Myhill.
Gheibh an fheadhainn a tha san dàrna àite teisteanas com-pàirteachaidh.
Artwork images: © Liz Myhill
Mar a bheachdaicheas sinn air innteartan
Bu chòir an innteart agad a chur a-steach fo aon de thrì roinnean:
- An sgeulachd sgrìobhte as fheàrr
- An sgeulachd labhairte as fheàrr (aithris)
- An sgeulachd labhairte as fheàrr (sgeulachd don chamara)
Thèid innteartan a chuir a-steach fo roinnean aois stèidhichte gu fèin-obrachail:
- 5 gu 9 bliadhna a dh'aois
- 10 gu 12 bliadhna a dh'aois
- 13 gu 17 bliadhna a dh'aois
Bithear a’ breithneachadh luchd-inntrigidh air an sgeulachd aca. Cha tèid dealbhan agus pioctairean a chuirear a-steach an cois sgeulachdan air a mheasadh mar phàirt de na slatan-tomhais breithneachaidh.
Na gabh dragh mu bhith a’ feuchainn ri pìos sgrìobhaidh ‘foirfe’ a chruthachadh, leig le do mhac-meanmna a ruith! Tha sinn a’ coimhead airson daoine le rudeigin ri ràdh, tòrr a bharrachd air deagh litreachadh no gràmar!
Sgeulachd èibhinn, sgeulachd tarraingeach, sgeulachd neònach. Tha sinn airson tàlant le sgrìobhadh sgeulachdan a chomharrachadh tron Ghàidhlig, is sinn ag iarraidh sgeulachd mac-meanmnach a chluinntinn, no leughadh, a tha greamachadh oirnn agus gar tarraing chun àite as fheàrr leat ann an Alba.
Thèid sgeulachdan - a bhios mar phàirt de thaisbeanadh maireannach air-loidhne - a thaghadh a rèir mar a choilean iad ‘stiùireadh’ na farpais.
Ar com-pàirtichean
’S i Comhairle nan Leabhraichean am prìomh bhuidheann le dleastanas airson taic a chumail ri ùghdaran agus ri foillsichearan Gàidhlig na h-Alba, agus airson ìomhaigh is ruigsinneachd leabhraichean Gàidhlig a thogail ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
Is e Coilltearachd agus Fearann Alba, a’ bhuidheann aig Riaghaltas na h-Alba, a tha os cionn stiùireadh choilltean is fearann nàiseanta na h-Alba. Le cinn-uidhe air feadh Alba airson luchd-tadhail, chan eil gainnead de choilltean, is àiteachan inntinneach ann.
Tro phrògraman foillseachaidh Stòrlann tha goireasan gan deasachadh gach bliadhna do sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus foghlam fad-beatha. Tha prìomhachasan gan taghadh le tidsearan agus luchd-ionnsachaidh agus tha taic a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail agus bho bhuidhnean eile a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh.