A’ Sgrìobhadh Sgeulachdan Gàidhlig

Faigh deagh mholaidhean agus brosnachadh gus do chuideachadh le bhith a’ sgrìobhadh do sgeulachd

View page in English

Tha iomadh seòrsa sgeulachd ann: sgeulachdan inntinneach, dìomhaireach, eagallach, romansach, draoidheil…agus tòrr a bharrachd air sin.  

Tha cumhachd aca a toirt oirnn a siubhal gu diofar àiteachan, amannan no saoghalan, a tarraing air iomadh seòrsa fhaireachdainnean, agus a’ leigeil leinn coiseachd ann am brògan mòran dhaoine eile. 

Is dòcha gu bheil an t-àite as fheàrr leat ann an Alba air nochdadh ann am mòran sgeulachdan eile, sean is ùr, ach seo an cothrom agadsa do sgeul a sgrìobhadh! 

Leugh sgeulachdan Archie agus Maddie gu h-ìosal airson beagan brosnachadh. Siuthad! 

Heading image © 2016 by Greg Macvean.

A tòiseachadh ur sgeulachd

A bheil thu airson do sgeulachd fhèin a sgrìobhadh ach chan eil fhios agad càite an tòisich thu? Leugh sgeulachdan Archie agus Maddie gu h-ìosal airson ur brosnachadh 

 

Partaidh Piotsa na Hobbits

Le Archie, aois 9.  

Bha sin ann roimhid ceithir hobbits òga air an robh Archie, Maddie, Scarlett agus Freja. Bha iad a’ fuireach ann an tuill hobbit, gu blàth agus comhfhurtail ann am Mavisbank. Bha tòrr fealla-dhà aig na hobbits òga an sin agus chuir iad seachad na làithean a’ ruith timcheall an fhearainn casruisgte, a’ sreap chraobhan agus ag ithe smeuran.

Ach aon latha, thachair mòr-thubaist. Às deidh tòrr de dh’uisge trom bha an talamh os cionn na tuill hobbit cho làn uisge is nach b’ urrainn don t-seann fhiodh, bog, a’ chleachd iad airson am mullach a thogail, an cuideam a ghabhail. Chuala iad fuaimean dìosgan agus sgròbadh, agus mar sin ruith iad a-mach, dìreach ann an tìde. Gu h-obann thuit na tuill hobbit le brag agus sgòth de dhust.

Bha na hobbitan òga gu math troimh-chèile, ach an uairsin thòisich iad a' smaoineachadh air dè a b' urrainn dhaibh a dhèanamh. Bha iad uile dèidheil air piotsa, agus leis gu robh iad fuar, fliuch agus acrach, dh’aontaich iad an sprùilleach a thionndaidh gu àmhainnean piotsa. San dòigh sin dh’ fhaodadh iad biadh math ithe agus fàs blàth is tioram aig an aon àm. Bha iad dèidheil air campachadh cuideachd, agus mar sin cheannaich iad teantaichean gus fuireach annta! An uairsin chur iad pàrtaidh piotsa mòr air dòigh le an caraidean gu lèir ann am Mavisbank.

Tha rudeigin amharasach a’ dol air adhart aig Abaid Maolros

Le Maddie, aois 8. 

Bha siud ann roimhe sìthiche olc air an robh Kit, a bha a fuireach aig Abaid Mhaoil ​​Rois. Bha i ag iarraidh na h-Abaid dhi fhèin is mar sin bhiodh i a’ cluich cleasan air luchd-tadhail gus an eagal a chur orra. B’ e a’ Chàisg an t-àm den bhliadhna a b’ fheàrr leatha àm is daoine a’ lorg uighean seoclaid mun cuairt na h-Abaid. Bhiodh Kit gan sgeadachadh fhèin mar treòraichear luchd-turais agus a’ stiùireadh an luchd-turais gu lèir san dòigh cheàrr mus glacadh i iad anns na tunailean-drèanaidh. An uairsin ghoid i na duilleagan freagairt aca agus thug i leatha iad chun bhùth thiodhlaicean gus na duaisean de uighean seoclaid fhaighinn dhi fhèin! 

Dh’obraich seo gu math gus aon Chàisg nuair a cho-dhùin nighean bheag air an robh Amy nach robh earbsa aice ann an Kit agus nach leanadh i an sìthiche olc. Liùg Amy air falbh bhon chòrr den bhuidheann turais agus chaidh i a falach san taigh-tasgaidh. Anns an t-seòmar mu dheireadh, chunnaic i an duais as motha, ugh seoclaid òir, a’ deàrrsadh san oisean. Ach nuair a thog i suas e thàinig Kit suas an staidhre a feadalaich port sona. Bha i dìreach air a’ bhuidheann turais mu dheireadh a ghlacadh agus bha i air a slighe a dh’iarraidh an ugh òir dhi fhèin. 

Bha smuain sgoinneil aig Amy. Chuimhnich i air an leabhar aice mu dheidhinn sìthichean, agus mar nach b’ urrainn dhaibh coimhead air sgàthanan. Thug i a-mach an bruis-fhuilt aice, air an robh sgathan,  agus thionndaigh i an sgathan ri Kit. Nuair a chaidh aire Kit a tharraing, lorg Amy ròpa agus cheangail i suas i! 

Thòisich Kit a’ rànaich nuair a thuig i gu robh i glacte, ach bha Amy coibhneil agus ghabh i truas rithe. Thug i cuid dhen ugh òir do Kit gus a shunnd thogail. B’ e seo a’ chiad uair a bha duine a-riamh coibhneil rithe agus thuig Kit gun robh i aonaranach. Thuirt i gun robh i duilich ri Amy, thàinig iad gu bhith nan caraidean agus chuidich iad le chèile a h-uile duine a-mach às na tunailean gus na h-uighean Càisge a cho-roinn. 

Cò tha ag innse sgeulachdan na h-Alba?

An robh fhios agad, a bharrachd air a bhith ag innse sgeulachdan mar chur-seachad, tha cuid de obraichean ann far a bheil e cudromach eòlas a bhith agad air mar a dh’ innseas tu sgeulachd!

Leugh grunnd mholaidhean bho sgeulaichean agus daoine a tha ag obair aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba an seo 

Gabh pàirt anns a’ cho-fharpais

Cuir thugainn do sgeulachd labhairte no sgrìobhte gus cothrom duaisean air leth a bhuannachadh.