Gàidhlig
Tha raon-dleastanais an Sgioba Gàidhlig a’ gabhail a-steach ag obair le diofar coimhearsnachdan, buidhnean, sgoiltean is oilthighean gus a’ Ghàidhlig adhartachadh.
Tha cànan agus dualchas Gàidhlig na h-Alba air rannsachadh, air dhìon, air chomharrachadh agus air thoirt seachad do na ginealaichean ri teachd
Mu ar deidhinn
Tha raon-dleastanais an Sgioba Gàidhlig a’ gabhail a-steach ag obair le diofar coimhearsnachdan, buidhnean, sgoiltean is oilthighean gus a’ Ghàidhlig adhartachadh. Tha an Sgioba Gàidhlig air leth toilichte a’ coimhead ri cuairt no gnìomhan a chur air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig, no airson luchd-ionnsachaidh, aig na làraichean againn no ann an coimhearsnachdan, saor an-asgaidh! ’S urrainn sgoiltean cuideachd iarraidh air maoineachadh airson cosgaisean siubhal airson tursan-sgoile.
Tha an Sgioba Gàidhlig cuideachd deònach taic a chur ri pròiseactan coimhearsnachd agus a dhol gu coimhearsnachdan no sgoiltean, ann am pearsa no air loidhne, gus gnìomhan ionnsachaidh agus bùthan-obrach a’ ruith.
Cuir fios thugainn
Cuir fios thugainn aig gaidhlig@hes.scot.
Faclair Gàidhlig
’S urrainn dhut an teasaras a chleachdadh gus faclan a chì thu air ar làrach-lìn eadar-theangachadh à Gàidhlig gu Beurla is an dòigh eile mun cuairt.