About Us

8 March 2023

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ sireadh beachdan air cànan agus cultar na Gàidhlig

Coimhearsnachdan, saor-thoilich, ùr-ghnàthachadh didseatach agus gnothaichean uaine aig cridhe a’ Phlana Gàidhlig ùr

General view of the Arnol Blackhouse which is a low, stone built dwelling with a thatched roof. In front is a sign for the building in Gaelic.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) a’ sireadh beachdan air a’ Phlana Gàidhlig 2023-2026 mar phàirt de co-chomhairleachadh poblach sia-sheachdainail a tha a’ fosgladh an-diugh (Diciadain 8 Màrt).

Mìnichidh am plana mar a tha ÀEA an dùil cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig a mheudachadh agus togaidh e air soirbheachas Plana Gàidhilg 2018-2023, a’ chiad Phlana Gàidhlig aig a’ bhuidheann.

Mar phàirt den phlana, cumaidh ÀEA a’ dol le bhith a toirt taic do choimhearsnachdan ionadail, gu sònraichte na coimhearsnachdan le àireamhan mòra de luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, gus ceangal a dhèanamh ris an àrainneachd eachdraidheil aca, a chomharrachadh agus a mhealtainn. Thèid barrachd chothroman a chruthachadh do choimhearsnachdan gus Gàidhlig a chleachdadh agus ionnsachadh bho phròiseactan a leithid cladhach coimhearsnachd agus conaltradh le òigridh gu sgeamaichean maoineachaidh.

Leanaidh ÀEA le bhith a’ rannsachadh agus ag adhartachadh nan ceanglaichean eadar a làraichean, an àrainneachd eachdraidheil agus dualchas cànanach na h-Alba gus buaidh cultar na Gàidhlig air eachdraidh agus dualchas beò na h-Alba a thaisbeanadh, tro eòlasan ar luchd-tadhail. Bidh seo a’ gabhail a-steach leudachadh Prògram Saor-thoileach Gàidhilg ÀEA a chaidh a chur air bhog ann an 2019. Mar phàirt den phrògram chaidh cuairtean a leasachadh agus a libhrigeadh gu luchd-tadhail le saor-thoilich aig Taigh-Dubh Arnoil air Eilean Leòdhais. Tha planaichean aig ÀEA airson leudachadh nan dòighean sam faod daoine a bhith nan saor-thoilich agus sùbailteachd a mheudachadh na modh-obrach a thaobh obair shaor-thoileach, a bharrachd air mothachadh a mheudachadh mu chothroman phreantasachdan agus socrachaidhean am measg luchd-labhairt na Gàidhlig.

Anns an t-Earrach 2023 nì ÀEA Ath-sgrùdadh Eadar-mhìneachaidh Gàidhlig, a bhios ag ath-sgrùdadh chleachdaidhean eadar-mhìneachaidh Gàidhlig – a’ gabhail a-steach pannalan eadar-mhìneachaidh, leabhraichean-iùil, iùl claisneachd, bathar meanbh-reic, cruinneachaidhean agus tasglannan – gus leasachadh cleachdaidhean eadar-mhìneachaidh Gàidhlig tarsainn ar buidhinn agus toraidhean luachmhor a roinn le càch gus an cleachdadh as fheàrr fhiosrachadh dhaibh.Tha seo a’ leantainn obair fharsaing air tairgse eadar-mhìneachaidh ÀEA a chaidh a dhèanamh mar phàirt den phlana a bh’ ann roimhe. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh mìneachadh didseatach sònraichte far an deach còdan QR a’ ceangal ri bhidiothan Gàidhlig air an stèidheachadh aig 24 làrach, a’ gabhail a-steach Caisteal Dhùn Èideann, Gearastan Dheòrsa agus Cathair-eaglais Ghlaschu, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail barrachd fhaighinn a-mach mun Ghàidhlig agus a cultar co-cheangailte ris an làrach.

Is e prìomh amas eile ann am plana 2023-2026 cuideachadh le àm teachdail seasmhach do Gàidhlig a’ chruthachadh le bhith a’ leantainn air adhart a’ cleachdadh na h-àrainneachd eachdraidheil gus foghlam agus ionnsachadh ann an Gàidhlig a shaidhbhreachadh tro bùithtean-obrach, cuairtean làraichean, goireasan ionnsachaidh, seiseanan ionnsachaidh proifeiseanta agus susbaint dhidseatach. An-uiridh, chuir HES a’ chiad co-fharpais nàiseanta Ghàidhlig air bhog, Sgrìobh is Aithris, gus clann agus daoine òga eadar còig agus 17 bliadhna a dh’aois a bhrosnachadh gu bhith sgrìobhadh sgeulachdan sa Ghàidhlig stèidhichte air an àite as fheàrr leotha ann an Alba. Chaidh taisbeanadh air-loidhne a chruthachadh gus na sgeulachdan a shealltainn.

Tha ÀEA cuideachd an dòchas gun cuir am plana ri targaid cothromachadh carboin na h-Alba le bhith a’ cruthachadh chothroman agus ghoireasan a tha a’ ceadachadh do dhaoine ionnsachadh mu chùis-èiginn na gnàth-shìde tron Ghàidhlig a bharrachd air a bhith ag àrdachadh mothachadh agus tuigse air bith-iomadachd agus cruth-tìre na h-Alba, tha ÀEA an dòchas barrachd dhaoine a thoirt an sàs ann an glèidhteachas na h-àrainneachd nàdarra is eachdraidheil.

Thuirt Catriona Nic IlleMhoire, Manaidsear Poileasaidh Gàidhlig:

’S e plana àrd-amasach a tha seo a dh’ aithnicheas agus a chomharraicheas tabhartas chudromach agus luachmhor na Gàidhlig do dh’àrainneachd eachdraidheil na h-Alba”.

“Tha sinn an dòchas cluinntinn bho na h-uimhir de dhaoine – bho luchd-labhairt na Gàidhlig gu daoine aig a bheil ùidh sa chànan no a tha airson barrachd ionnsachadh mu cànan is cultar na Gàidhlig san àm ri teachd. Le bhith a co-roinn ur beachdan, cuidichidh ur ais-mholadh le leasachadh an ath Plana Gàidhlig againn, nì a chuidicheas sinn le bhith a dìon agus ag adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig do luchd-amais nàiseanta agus eadar-nàiseanta".
Tha an co-chomhairleachadh air Plana Gàidhlig 2023-2026 a’ dùnadh air Diciadain 19 Giblean.

Gabh pàirt anns an co-chomhairleachadh

Read in English

Mu dheidhinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA)

Tha sinn am prìomh bhuidheann aig a bheil an uallach airson dìon a chuir is brosnachadh na h-àrainneachd eachdraidheil. Bidh sinn a’ toirt stiùir dhan chiad ro-innleachd airson na h-àrainneachd eachdraidheil, Our Place in Time.

Tha Alba Aosmhor, Scran, Canmore, The National Collection of Aerial Photography (NCAP) An Seada Einnsean, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann uileadh fo-bhrannd de ÀEA

Thoiribh sùil air ar press pack is cùm suas leinn le bhith a’ cur ainm air adhart airson brathan naidheachd dhan post-d agaibh

Lean Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Twitter: @HistEnvScot | @welovehistory

Facebook: @HistoricEnvScotland | @VisitHistoricScotland

Instagram: @HistEnvScot | @historicscotland

Blog
LinkedIn

Airson barrachd, cuiribh fios gu:

Stacey Shaw
Historic Environment Scotland Media Office
Mobile: 07221 959 962
communications@hes.scot

Share