About Us

6 September 2022

Sgeulaichean òga gus an car fhèin a chur air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ sireadh sgeulaichean òga mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeul 2022

Photo of a person in re-enactment clothing and a model dragon.

Thathas ag iarraidh air daoine òga bho air feadh Alba brosnachadh fhaighinn bho còrr air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh na h-Alba mar phàirt de Bliadhna nan Sgeul 2022.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) ag amas air sgeulaichean òga a bhrosnachadh tro dhualchas mar phàirt den fharpais nàiseanta ‘Sgrìobh is Aithris’ a bhios a’ fosgladh an-diugh (Dimàirt 6 an t-Sultain).

Gus pàirt a ghabhail, thèid iarraidh air daoine òga eadar 5 agus 17 bliadhna a dh’ aois sgeulachd innse sa Ghàidhlig mun àite as fheàrr leotha ann an Alba, ann an sgeulachdan sgrìobhte no labhairte.

Thathas a’ toirt cuireadh do luchd-inntrigidh sgeulachd sgrìobhte suas ri 1,000 facal no bhidio de sgeulachd labhairte suas ri còig mionaidean a dh’fhaid a chur a-steach, a bharrachd air dealbh den àite far am bheil an sgeulachd aca stèidhichte. Cha tèid beachdachadh air an dealbh aca mar phàirt de na slatan-tomhais breithneachaidh.

Bidh an co-fharpais a’ dùnadh airson tagraidhean aig 5f air Dihaoine 28 Dàmhair, le luchd-buannachaidh air ainmeachadh air Diciadain 30 t-Samhain.

Thuirt Catriona NicIlleMhoire, Manaidsear Poileasaidh Gàidhlig aig ÀEA,:

“Is e seanchas aon de na cruthan ealain traidiseanta as sine ann an Alba agus tha e na phàirt mhòr de chànan is cultar na Gàidhlig.

"Tha sinn air barrachd is barrachd dhaoine òga fhaicinn le ùidh ann an traidisean an fhacail sgrìobhte agus labhairte.”

“ ’S e deagh chothrom a tha seo do sgeulaichean òga Gàidhlig a bhith air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais gus an sgeulachd aca, air a bhrosnachadh leis an àite as fheàrr leotha ann an Alba, a cho-roinn. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn agus a’ cluinntinn a h-uile sgeulachd a thig a-steach.”

Faigh a-mach barrachd fiosrachaidh agus mar as urrainn dhut pàirt a ghabhail.

Creideas Ìomhaigh: Sgeulachd Tom Jenkins © Rachel Park

Notaichean airson luchd-deasachaidh: 

Mu Àrainneachd Eachdraidheil Alba

  • ’S e Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) am prìomh bhuidheann poblach air a bheil cùram coimhead às dèidh agus aire dhaoine a tharraing chun an àrainneachd eachdraidheil. ’S e HES cuideachd a tha a’ gabhail prìomh uallach airson Our Place in Time, a’ chiad ro-innleachd aig Alba airson an àrainneachd eachdraidheil.
  • ’S e fo-bhranndan de dh’Àrainneachd Eachdraidheil Alba a tha ann an Alba Eachdraidheil, Scran, Canmore, An Cruinneachadh Nàiseanta de dh’ Adhar-dheilbh (NCAP), An t- Engine Shed, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann.
  • ’S e Carthannas Albannach clàraichte a tha ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Àireamh Carthannais Clàraichte SC045925
  • Faodaidh sibh cumail suas ri naidheachdan bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus clàradh airson rabhaidhean puist-d an seo. Ma tha sibh airson tarraing às, cuiribh fios thugainn.
  • Faodaidh sibh Àrainneachd Eachdraidheil Alba a leantainn air Twitter, FacebookLinkedIn agus air ar blog.

Fios mu Bliadhna nan Sgeul 2022
Bidh Bliadhna nan Sgeul (#YS2022 #TalesOfScotland), air a stiùireadh le VisitScotland, air a thaisbeanadh tro 2022 agus bidh i a’ comharrachadh, agus ag àrdachadh beairteas sgeulachdan a tha air am brosnachadh le, sgrìobhte no air an cruthachadh ann an Alba. Bho sgrìobhadairean ainmeil gu seanchas ionadail, tha Bliadhna nan Sgeul a’ brosnachadh muinntir an àite agus luchd-tadhail a bhtih ag èisteachd ri measgachadh de ghuthan, pàirt a ghabhail ann an tachartasan agus eòlas fhaighinn air na h-àiteachan, na daoine agus na cultaran a tha co-cheangailte ri sgeulachdan de gach seòrsa, san àm a dh’ fhalbh agus san latha an-diugh.

Barry McPherson, Oifigear Conaltraidh
07880134601
barry.mcpherson@hes.scot

Share