Ro-innleachd ùr airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba air cuir an cèill
Chur Christina McKelvie, Ministear airson Cultar, An Roinn Eòrpa agus Leasachadh Eadar-nàiseanta, Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, ro-innleachd ùr airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, air bhog an-dè (28 Ògmhios).
Leugh sa Bheurla (read in English)
Tha an eadar-ghluasaid gu cothromachadh-carboin, coimhearsnachdan agus àiteachan fulangach, agus eaconamaidh maitheis aig cridhe an ro-innleachd coig bliadhnail ùr.
Chur Christina McKelvie, Ministear airson Cultar, An Roinn Eòrpa agus Leasachadh Eadar-nàiseanta, Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, ro-innleachd ùr airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, air bhog an-dè (28 Ògmhios).
Air an stiùireadh le Àrainneachd Eachdraidheil Alba, chaidh an ro-innleachd a leasachadh as dèidh co-chomhairleachadh poblach, a co-obrachadh le 10 buidhnean* a’ riochdachadh roinn dualchas na h-Alba a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, gus ro-innleachd nàiseanta a chruthachadh dhaibhsan a tha ag obair san roinn phoblach agus air an taobh a-muigh.
Tha an ro-innleachd, a tha a’ togail air an ro-innleachd a bh’ann roimhe ‘Sinn Fhìn anns Gach Linn’, ag amas air slighe air adhart a lìbhrigeadh airson nan còig bliadhna ri teachd le cuideam air miann coitcheann na roinne gus cur gu cunntachail ri eaconamaidh na h-Alba agus an àrainneachd eachdraidheil a chleachdadh gus sunnd dhaoine a leasachadh. Tha fòcas làidir aice cuideachd air an eadar-ghluasaid gu cothromachadh-carboin a bharrachd air miann adhartach gus coimhearsnachdan a chumhachdachadh agus eaconamaidh maitheis a thogail.
Tha àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a’ cluich prìomh ròl ann an eaconamaidh na dùthcha, a’ cumail suas 68,000 obair co-ionnan làn-ùine agus a’ brosnachadh còrr air £4.4bn sa bhliadhna ro pandamaig COVID. Thathas an dùil gun àrdaich na h-àireamhan sin gu timcheall air 10,000 obair ùr thar nan deich bliadhna a tha romhainn gus stoc togail traidiseanta na h-Alba a chumail suas agus a fhreagarrachadh.
Tha an ro-innleachd cuideachd a nochdadh an amas airson an tuilleadh iar-fhreagarrachadh agus a’ cur togalaichean traidiseanta na h-Alba air ais ann an cleachdadh; tha tuairmse gu bheil na togalaichean seo a riochdachadh 19% de stoc thaighean na h-Alba, 33% de fharsaingeachd reic na h-Alba, agus cha mhòr 50% de na farsaingeachdan air an cleachdadh leis an roinn phoblaich.
Chaidh an tachartas bogaidh a’ chumail anns an Citation ann an Glaschu, seann taigh-cùirte a tha clàraichte aig ìre B is a chaidh a thogail ann an 1844, a tha a-nis ann an ath-chleachdadh.
Thuirt Ministear Cultar Christina McKelvie:
"Tha mi toilichte gun deach an ro-innleachd ath-nuadhaichte seo a dhealbhachadh ann am com-pàirteachas eadar an àrainneachd eachdraidheil agus tar-roinnean gus aghaidh a chur ri dùbhlain ùra ceangailte ri mar a tha sinn a’ toirt cùram do ar àrainneachd eachdraidheil.
“Tha Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd a comharrachadh chothroman airson atharrachadh tro bhith a co-obrachadh gus àrainneachd eachdraidheil na h-Alba agus dualchas togte a chumail suas agus a neartachadh.
“Tha na prìomhachasan a tha air chomharrachadh anns an ro-innleachd nàiseanta cuideachd a co-thaobhadh le amas Riaghaltas na h-Alba gus choimhearsnachdan cumhachdach, fulangach agus in-ghabhalach a chruthachadh fhad ’s a tha sinn ag amas air eaconamaidh maitheis agus cothromachadh-carboin a’ lìbhrigeadh ro 2045.”
Thuirt Alex MacPheadrais, Ceannard Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES):
“Tha dualchas na h-Alba air a chomharrachadh le iomadachd. Seo far a bheil sinn ag obair agus a’ fuireach, tha e a’ tàladh luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail agus a’ cumadh mothachadh air dearbh-aithne ionadail is nàiseanta, ach tha prìomh ròl aige cuideachd ann an raointean leithid an eadar-ghluasaid gu cothromachadh-carboin, a’ toirt taic do sgilean is obraichean agus an eaconamaidh maitheis.
“Chan e ro-innleachd airson roinn an dualchais a mhàin a tha ann an Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, tha e airson a h-uile duine ann an Alba agus tha e a’ mìneachadh slighe air adhart gu nàiseanta gus buannachdan àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a chumail suas agus a’ neartachadh. Le bhith ag obair còmhla, is urrainn dhuinn an tabhartas seo agus a’ bhuaidh dhearbhte air raointean prìomhachais nàiseanta, a leasachadh barrachd.”
Thuirt Ailsa NicPhàrlain, Stiùiriche Built Environment Forum Scotland (BEFS):
“Chan e a-mhàin gu bheil Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd a’ nochdadh ciamar agus càite a tha an roinn a solarachadh san latha an-diugh, ach tha i a’ stiùireadh cùrsa gus togail a dhèanamh air chomharrachadh na roinne agus a dèanamh aithnichte mar co-thabhartaiche luachmhor airson an àm ri teachd, a’ toirt taic do dh’obraichean sgileil uaine, an eadar-ghluasaid gu cothromachadh-carboin, agus le àiteachan fulangach mar bhunait do shunnd poblach. Tha an ro-innleachd seo a’ toirt taic do dh-uile iomadachd na roinne. Tha BEFS a’ coimhead air adhart ri bhith a’ co-obrachadh, a’ barantachadh buaidh is toraidhean poileasaidh, airson an roinne san àm ri teachd.”
Airson barrachd fiosrachaidh air Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, tadhal air ourpastourfuture.scot. Tha dreach Beurla den ro-innleachd slàn ri fhaighinn cuideachd.
Mu Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES)
Is sinne am prìomh bhuidheann airson àrainneachd eachdraidheil Alba, carthannas a tha air a shònrachadh do dh’adhartachadh air dualchas, cultar, foghlam agus dìon àrainneachd. Tha sinn air thoiseach le rannsachadh air agus tuigse don àrainneachd eachdraidheil agus le dèiligeadh ri buaidh atharrachadh gnàth-shìde san àm ri teachd. Bidh sinn a’ sgrùdadh agus a’ clàradh làraichean is chruthan-tìre ailtìreil agus arc-eòlasach air feadh Alba, agus a’ toirt cùram do chòrr air 300 làrach de chudromachd nàiseanta. Tha HES cuideachd ag obair còmhla ri com-pàirteachaisan san roinn gus an ro-innleachd airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, lìbhrigeadh.
Tha Alba Aosmhor, Scran (Lìonra Chothroman Ghoireasan Cultarach Alba), Canmore, Cruinneachadh Nàiseanta Dealbhadaireachd Adhair (NCAP), An Seada Einnsein, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann mar fho-bhranndan de Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
Cuiribh fios gu
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu:
Oifis Mheadhanan Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Fòn-l: 07721 959 962
Post-d: communications@hes.scot