Chaidh leabhar ùr fhoillseachadh an diugh (Diluain 2 An t-Samhain) a tha a’ feuchainn ri cur às dhen bheachd gun robh Hiort na coimhearsnachd a bha air falach bhon t-saoghal.
Tha St Kilda: The Last and Outmost Isle a’ cur còmhla toraidhean bhon t-suirbhidh arc-eòlais as motha a chaidh a dhèanamh riamh air na h-eileanan, le ìomhaighean ainneamh agus dealbhan de na h-eileanan agus na daoine nach deach fhoillseachadh roimhe.
Chur na h-ùghdarran Seoras Geddes agus Angela Gannon seachad corr is naoi miosan a’ fuireach agus ag obair ann an Hiort, mar phàirt de phròiseact a mhair ochd bliadhna, a’ rannsachadh eachdraidh bheartach nan eilean.
Tha Hiort gu tric air an ainmeachadh mar ‘na h-eileanan aig oir an t-saoghail’. Tha e mar aon de dìreach 27 àite san t-saoghal a fhuair inbhe Dualchas na Cruinne UNESCO aig dà ìre, nàdar agus cultur. Ann an 1930 as dèidh dhaibh faighneachd air a shon, chaidh na daoine mu dheireadh fhuadach bho Hiort.
Tha an cruinneachadh ùr de sheann dealbhan eachdraidheil a’ toirt sealladh àraid air an àm a dh’fhalbh. Tha dealbhan dubh is geal bhon 19mh agus am 20mh linn ri taobh ìomhaighean ùra an latha an-diugh. A’ bharrachd air an tìr, chithear na daoine, na gnìomhan làitheil aca, agus mar a thòisich turasachd anns an 19mh linn. A bharrachd air iomradh air mar a dh’fhalbh na Hiortach, tha an leabhar a’ coimhead air eachdraidh an arm sna h-eileanan, agus an obair a rinn luchd-nàdar, luchd-glèidhidh agus arc-eòlaichean, le dealbhan nach deach fhoillseachadh roimhe leis an neach-craolaidh agus sreapadair Albannach Tom Weir.
Thuirt Seoras Geddes, aon de na sgrìobhadairean, arc-eòlaiche aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba, “Tha Hiort a-measg na h-àiteachan san t-saoghal nach deach a thuigsinn ceart a riamh. Tha a mhòr-chuid a’ coimhead air Hiort le beachd romansach de thrèubh chaillte, air falbh bho shìobhaltachd. Ach tha an rannsachadh againne a’ dearbhadh nach ann mar seo a bha iad. Bha Hiort an còmhnaidh ceangailte ri coimhearsnachdan air feadh an iar-thuath agus a’ Ghaìdhealtachd. Mar eisimpleir airson ùine mhòr bha Hiort, còmhla ri Pabaigh, mar phàirt de thac Mhic Leoid – ag obair dìreach mar a bha cha mhòr a h-uile coimhearsnachd eile air Ghàidhealtachd.
“’S e tha dha-rireabh annasach mu mhuinntir Hiort gun deach aca a bhith mar phaìrt bheòthail de dh’Alba a dh’aindeoin cho iomallach sa bha iad fad 3,000 bliadhna”
Tha daoine air a bhith a’ fuireach air Hiort airson na mìltean de bhliadhnaichean, agus chleachd iad cha mhòr a h-uile pìos de na h-eileanan. A bharrachd air àiteachas, agus a’ cumail caoraich is crodh, bha iad ainmeil airson an dòigh annasach a bh’aca air na h-eòin a ghlacadh bho na creagan àrda. Mar phàirt den t-suirbhidh aca chaidh na h-arc-eòlaichean gu Boraraigh, far an d-fhuair iad fianais de dh’àiteachais a’ ciallachadh gun robh pàirt de choimhearsnachd Hiort a’ fuireach agus ag obair air talamh cas nas lugha na dà chilemeatair cearnagach.
Tha rannsachadh cuideachd a’ sealltainn gun robh suas ri sia caibealan cloiche beaga air an suidheachadh tro na h-eileanan, le fianais gun robh taistealachd Chriosdaidheachd an sin suas dhan 17mh agus 18mh linn.
Thuirt Geddes: “Tha e sgoinneil, le rannsachadh agus suirbhidhean, gu bheil sinn fhathast a’ lorg rudan ùra mun aìte sònraichte seo agus an dòigh-beatha a bh’ann. Tha fhathast cothrom air cuairtean air leth a ghabhail ann an Hiort, nach fhaighear ann an aìte sam bith eile anns an Rìoghachd Aonaichte.”
Tha St Kilda: The Last and Outmost Isle a’ cosg £25.00 agus tha e ri cheannachd aig na bùithtean leabhraichean mòra.
About Historic Environment Scotland (HES)
- As of the 1st October 2015, Historic Scotland and RCAHMS came together to form a new lead public body charged with caring for, protecting and promoting the historic environment. The new body Historic Environment Scotland (HES) will lead on delivering Scotland’s first strategy for the historic environment, Our Place in Time.
- Historic Scotland is a sub brand of HES.
- View our press pack and keep up to date by registering for media release email alerts. If you wish to unsubscribe, please contact us.
Year of Food and Drink 2015
2015 is the Year of Food and Drink, a celebration of Scotland’s natural larder and the role that food and drink plays in shaping our economic success. Scotland generates over £2.5m per day through food and drink tourism. A series of themed months will create an appetite for key areas of Scotland’s food and drink industries – from seafood and whisky to berries and high-quality meat.
Follow Historic Environment Scotland
Twitter: @HistEnvScot | @welovehistory
Facebook: @HistoricEnvScotland | @VisitHistoricScotland
For further information
Grant Thomson
Historic Environment Scotland Media Office
Direct Line: 0131 668 8603
Mobile: 07580 702 611
communications@hes.scot