About Us

30 June 2022

Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu clàraichte aig Ìre A

The interior of a large church building, A central aisle runs between banks of wooden pews towards a seating gallery and a large, ornate window,

Tha Clàradh Ìre A air a bhuileachadh air Eaglais Naomh Chaluim Cille air Sràid Naomh Vincent ann an Glaschu, dh’innis Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) an-diugh.

Tha Clàradh Ìre A ag aithneachadh deagh-ghnè agus farsaingeachd an deilbh a tha an ìre mhath gun atharrachadh air taobh a-muigh agus a-staigh na h-eaglaise, a bharrachd air an àite chudromach a bha aig an eaglais a thaobh adhradh sa Ghàidhlig ann an Alba.

Chaidh an eaglais a chlàradh aig ìre B ann an 1970. An dèidh iarrtas fhaighinn airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ chlàradh, rannsaich HES an togalach agus rinn iad co-chomhairleachadh poblach sa Mhàirt, a’ toirt cothrom dhan mhòr-shluagh  am beachdan a thoirt a thaobh Ìre A a bhuileachadh air an togalach.

Tha Eaglais Naomh Chaluim Cille, a thogadh eadar 1901 agus 1904, na sàr eisimpleir den stoidhle Gotach Sgeadaichte anmoch, le mion-phuingean agus obair- ciùird aig àrd ìre a thaobh na clachaireachd agus an taobh a-staigh.Tha an taobh a-staigh an ìre mhath slàn, a’ glèidheadh mòran de charactar tòiseach an fhicheadamh linn. Na mheasg tha òrgan pìoba a rèir iarrtais shònraichte le cudromachd nàiseanta a tha clàraichte aig Ìre 1 air Clàr Nàiseanta nan Òrgan Pìoba.

The exterior of a large gothic church with a tall spire on a slightly sloping city street

Taobh a-muigh na Gàidhealtachd ’s i seo an eaglais as motha agus as sgeadaichte a chaidh a thogail a dh’aon ghnothach dha coitheanal Gàidhlig. Chaidh a togail an dèidh do dh’ Eaglais Sràid an Dòchais a bhith air a leagail airson àite a chruthachadh airson leudachadh air Stèisean Rèile Ghlaschu. Chaidh Eaglais Sràid an Dòchais a thogail ann an 1839 dhan choimhearsnachd Ghàidhlig an dèidh dha àireamh mhòr de dhaoine gluasad às a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan gu ruige Glaschu anns a’ chiad leth dhen naoidheamh linn deug. Chaidh an t-airgead   dìolaidh a fhuaireadh bhon Chaledonian Railway Company a chleachdadh airson eaglais ùr a thogail aig 300 Sràid Naomh Vincent.   

Mar fhòcas airson adhradh sa Ghàidhlig taobh a-muigh na Gàidhealtachd, b’ e Eaglais Naomh Chaluim Cille an aon eaglais ann an Glaschu a lean le seirbheis Ghàidhlig air madainnean Sàbaid bho 2011 gu 2020 nuair a chaidh stad a chur air seirbheisean san eaglais.

Am measg nan sgeadachaidhean san eaglais tha ‘Tigh Mo Chridhe, Tigh Mo Gràidh’, leis a’ bhàrd Donnchadh Mac Dhùn Lèibhe, air a shnaigheadh os cionn prìomh dhoras na h-eaglaise agus tha ìomhaigh de Chalum Cille mar fhaileas air a’ cheangal làidir a th’ aig an eaglais ri adhradh sa Ghàidhlig, a’ cur ri ùidh an deilbh.

Thuirt Dara Parsons, Ceannard Chlàraidhean aig HES, “Tha Eaglais Chaluim Cille cha mhòr gun atharrachadh, a’ glèidheadh tòrr mhion-phuingean a-muigh agus a-staigh. Ged a bha an stoidhle Gotach Sgeadaichte a tha ri fhaicinn ann an Eaglais Naomh Chaluim Cille air a chleachdadh tric ann an deilbh eaglaisean ann an Glaschu san naoidheamh linn deug, tha an ìre mion-phuingean agus am beairteas de shnaidheadh cloiche a tha a’ sgeadachadh Eaglais Naomh Chaluim Cille a-staigh agus a-muigh dìreach barraichte.

Tha an deilbh air leth, maille ris an àite sònraichte a bha aig an eaglais taobh a-staigh na coimhearsnachd Ghàidhlig, a’ cur ris an ùidh ailtireil agus eachdraidheil a tha cho sònraichte agus tha sinn toilichte a cudromachd nàiseanta aithneachadh le claradh aig Ìre A.”

’S e clàradh an dòigh air a bheil togalach no structar aig a bheil ùidh ailtireil no eachdraidheil sònraichte air aithneachadh ann an lagh tro Achd Dealbhaidh (Togalaichean air Liosta agus Àrainnean Glèidhteachais) (Alba) 1997.

Tha cunntas togalaich clàraichte airson Eaglais Naomh Chaluim Cille ri lorg air ar làrach-lìn.

Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer

Fòn: 0131 668 8097
Post-d: communications@hes.scot

Share