Chaidh an naidheachd fhoillseachadh an-diugh (Diciadain 13 Gearan) gu bheil ÀEA air an inbhe, Seòrsa A, a bhuileachadh air Drochaid a' Chaolais Chumhaing ann an Cataibh às dèidh dhi a bhith air a h-aithneachadh mar dhrochaid a tha fìor chudromach a thaobh obair ailtireachd. Cuideachd, ’s i a’ chiad drochaid air an deach ainm Gàidhlig a thoirt gu laghail.
Tha Drochaid a' Chaolais Chumhaing (no Kylesku Bridge mar a dh’aithnichear i sa Bheurla), a tha a’ sìneadh tarsaing caolas mara domhainn ris an canar an Caolas Cumhang, air aon de na nuadh dhrochaidean as sònraichte na coltas agus as ùr-ghnàthaichte ann an Alba agus i air a dèanamh à cruadhtan. Chaidh a togail eadar 1981 is 1984, agus thugadh aithne do cho math ’s a tha dealbhachadh na drochaide agus an dòigh san deach a togail le diofar dhuaisean iomraiteach, leithid Duais Togail Einnseanaireachd Chatharra na h-Alba agus Duais Comann a’ Chruadhtain.
Chaidh aontachadh Drochaid a’ Chaolais Chumhaing a chur ri clàr nan structairean sònraichte às dèidh co-chomhairleachadh a chaidh a chumail le ÀEA, agus Comhairle na Gàidhealtachd, far an robh cothrom aig a’ phoball beachdan a thoirt seachad air a bhith a’ buileachadh inbhe shònraichte air an Drochaid.
Thuirt Ealasaid McCrone, Ceann nan Inbhean-comharraichte aig ÀEA: "Tha Drochaid a’ Chaolais Chumhaing air aon de na drochaidean as sònraichte a thaobh obair ailtireachd airson drochaidean ann an Alba bhon dàrna leth den fhicheadamh linn, agus ’s i aon de na drochaidean as fheàrr de a seòrsa san dùthaich.
"A thuilleadh air cho cudromach ’s a tha i a thaobh ailtireachd, tha an drochaid cuideachd na comharra follaiseach agus car tiamhaidh air mar a thàinig saoghal ùr is nuadh gu sgìrean iomallach na Gàidhealtachd an cois leithid a phròiseactan einnseanaireachd chatharra, agus tha i a’ cur nar cuimhne a’ bhuaidh a bh’ aig leithid a leasachaidhean air dòighean-beatha traidiseanta.
"An-diugh, tha Drochaid a’ Chaolais Chumhaing a’ cosnadh cliù mar àite a bhios a’ tarraing luchd-turais agus i mar phàirt de Shlighe a’ Chosta a Tuath 500, agus tha e na thoileachas mòr dhuinn aithne a thoirt do cho cudromach ’s a tha i gu nàiseanta le bhith a’ buileachadh inbhe Seòrsa A oirre."

Chuir an Comhairliche Alister MacFhionghain, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, meal-a-naidheachd air ÀEA airson a bhith a’ buileachadh inbhe Seòrsa A air an drochaid, agus airson a bhith a’ toirt aithne do cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig sa cheàrnaidh seo de Chataibh. Thuirt e:
"San àm a dh’fhalbh bhiodh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de dhaoine san sgìre seo, agus tha beairteas de dh’òrain is sgeulachdan Gàidhlig ann a bhuineas ris an sgìre. Mar sin, tha e freagarrach gur i an drochaid seo a’ chiad tè air a’ Ghàidhealtachd a tha a’ faighinn ainm ann an Gàidhlig gu h-oifigeil, cànan dùthchasach na Gàidhealtachd."
Chithear aithisg iomlan mun inbhe airson Drochaid a’ Chaolais Chumhaing air làrach-lìn ÀEA.
Fios gu: Dean Hendry, Communications Officer
Fòn: 0131 668 8714
Post-d: dean.hendry@hes.scot