Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (AEA) air prògraman airson luchd-obrach saor-thoileach Gàidhlig a stèidheachadh aig Caisteal Dhùn Staidhinis faisg air an Òban agus aig Taigh-dubh Àrnoil ann an Leòdhas, mar phàirt de dh’fhoillseachadh a’ Phlana Ghàidhlig aca airson 2018-2023.
Seo a’ chiad Phlana Gàidhlig còig-bliadhna aig ÀEA agus nuair a bhathar ga dhealbh thugadh fa-near do na beachdan a fhuaras bho luchd-ùidhe taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne, buidhnean com-pàirteach, Bòrd na Gàidhlig agus bhon mhòr-shluagh fad nan 12 seachdain a chumadh an co-chomhairleachadh. Tron phlana seo, tha ÀEA a’ rùnachadh cànan is cultar na Gàidhlig a chur air adhart agus aithne a thoirt dhaibh mar phàirt prìseil is cudromach de dh’àrainneachd eachdraidheil na h-Alba.
Thathar ag iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig, no daoine le ùidh sa Ghàidhlig, cuairtean sònraichte a chur air dòigh agus a lìbhrigeadh airson luchd-tadhail aig na làraich eachdraidheil. Tha seo mar thaic don amas aig ÀEA gus a’ bhuaidh a shealltainn a bh’ aig agus a th’ aig cultar na Gàidhlig air eachdraidh is dualchas na h-Alba agus sin a dhèanamh tro na seirbheisean aca do luchd-tadhail.
Mar phàirt den Phlana Ghàidhlig, tha AEA gu bhith a’ cur iomairt innleachdach ùr an sàs aig Caisteal Urchadain, faisg air Inbhir Nis, far am bithear a’ toirt cothrom do luchd-tadhail beagan eòlais a chur air cànan is cultar na Gàidhlig. Nì ÀEA rannsachadh air luchd-tadhail, agus bidh Gàidhlig mar phàirt den turas a bhios aig daoine a thadhlas air a’ chaisteal tro ionnsachadh, stuthan mìneachaidh agus an lùib nan seirbheisean reic.
Thuirt Alex MacPheadrais, Àrd-oifigear Àrainneachd Eachdraidheil Alba:
Tha a’ Ghàidhlig na pàirt sònraichte is prìseil de dh’eachdraidh is cultar na h-Alba, agus bidh i a’ tarraing luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail.
"Tha stuthan mìneachaidh Gàidhlig againn aig 29 de na làraich againn an-dràsta, air feadh na dùthcha eadar Glaschu is siorrachd Obar Eadhainn is Eilean Leòdhais, agus tha sin a’ sealltainn do luchd-tadhail cho mòr ’s a tha a’ Ghàidhlig na pàirt de dhualchas na h-Alba.
"Ri linn meudachadh ann an àireamhan luchd-obrach saor-thoileach, tha sinn a’ leudachadh is a’ leasachadh program luchd-obrach soar-thoileach againn air fad. Tha sinn an dòchas leis na prògraman ùra seo aig Caisteal Dhùn Staidhinis agus Taigh-dubh Àrnoil gum brosnaich sinn coimhearsnachdan gu bhith a’ dol an sàs ann am pròiseactan a tha a’ dèanamh follaiseach luach cultar na Gàidhlig do dh’eachdraidh na h-Alba agus don dùthaich san latha an-diugh."
Thuirt an Dr Coinneach MacIllEathain, a tha na Bhall de Bhòrd Àrainneachd Eachdraidheil Alba:
"Tha cànan is cultar na Gàidhlig air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh na h-Alba agus tha iad nam pàirt cudromach de dhualchas na dùthcha. Tha am Plana Gàidhlig a’ dearbhadh mar a tha sinn air cur romhainn cànan is cultar na Gàidhlig a ghleidheadh agus a chur air adhart, agus bheir e brosnachadh do na ginealaich a thig às ar dèidh gu bhith ag ionnsachadh mu dhualchas is eachdraidh Gàidhlig na h-Alba.
“Tha sinn an dòchas togail air mar a shoirbhich do Phlana Gàidhlig Alba Aosmhor 2012-2017, thoradh san ùine sin fhuair 4,000 sgoilear agus tidsear buannachd bho ar prògram ionnsachaidh Gàidhlig agus chaidh 45 sgrìobhainnean Gàidhlig fhoillseachadh leinn ann an Alba."
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair, Tursachd agus Cùisean Taobh a-muigh Fiona Hyslop.
"Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bunasach do fhèin-aithne chultarach is eachdraidheil na dùthcha. Tha am plana seo na deagh leasachadh airson luchd-labhairt na Gàidhlig is na eisimpleir de cho cruthachail sa tha buidhnean poblach is comhairlean ionadail ann a bhith a’ cumail taic ri dualchas na Gàidhlig, is a’ cur tai cri amasan a’ Phlana Ghàidhlig Nàiseanta.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air na tha ÀEA a’ dèanamh airson cur air adhart na Gàidhlig tro phrògram luchd-obrach saor-thoileach. Tha am program a’ toirt cothroman air leth seachad gus doimhneachd is eòlas a chuir ris na tha aig Alba ri thabhann do luchd-tadhail, le bhith a’ toirt cothrom do luchd-iondail is do luchd-turais airson barrachd fhaighinn a-mach mu chultair prìseil na Gàidhlig.
"Thar nam bliadhnaichean, tha piseach mòr air tighinn air ionnsachadh na Gàidhlig, is tha e a’ toirt misneachd dhomh a’ faicinn stèidheachadh de dh’iomairtean ùra mar an fhear seo, far am faigh daoine de gach aois cothroman na sgilean Gàidhlig aca an cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean. Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba airson àite tèarainteachd don Ghàidhlig a chruthachadh is a ghlèidheadh anns an àm ri teachd ann an Alba."
Tha e mar dhleastanas reachdail air ÀEA Plana Gàidhlig a dhealbh is a chur an gnìomh mar phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, dha bheil e na amas inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba.
Luach a-nuas am PlanaRi fhaotainn ann an Gàidhlig cuideachd
Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:
- Ann an 2017/2018, bha 10,000 duine cloinne suas gu aois 18 ann am Foghlam tron Ghàidhlig no Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba, sin àrdachadh de 43% bho 2011-2012.
- A rèir Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, dh’fhaodadh gun urrainn don Ghàidhlig eadar £82m - £149m a chur ri luach eaconamaidh na h-Alba.
- A rèir sgrùdadh bheachdan a rinn VisitAlba ann an 2012, thuirt 51% de luchd-tadhail bho thall thairis gun robh mar a bha ùidh aca ann an cultar na Gàidhlig no mar a bha an cultar na tharraing dhaibh am measg nan adhbharan a thug orra tadhal air Alba.
Mu Dheidhinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba
1. ’S e Àrainneachd Eachdraidheil Alba (AEA) a’ phrìomh bhuidheann le uallach gus an àrainneachd eachdraidheil a ghleidheadh, a dhìon agus a chur air adhart. Tha AEA cuideachd nam prìomh bhuidheann le uallach airson a bhith lìbhrigeadh na ciad ro-innleachd airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, ‘Sinn Fhìn anns Gach Linn’
• Tha Alba Aosmhor, Scran, Canmore, Cruinneachadh Nàiseanta nan Dealbhan-camara bhon Adhar, An Seada Einnsein, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann uile nan co-shuaicheantasan aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
2. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba clàraichte mar Bhuidheann-charthannais Albannach. Àireamh Buidhne-carthannais Albannach SC045925
3. Gheibh sibh naidheachdan bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus faodaidh sibh clàradh airson puist-d fhaighinn le fios air brathan-naidheachd an seo. Ma tha sibh ag iarraidh sgur gam faighinn, cuiribh fios thugainn.
4. Faodaidh sibh fios as ùr fhaighinn air Àrainneachd Eachdraidheil Alba air Twitter, Facebook, LinkedIn agus air ar blog.
5. Bliadhna na h-Òigridh 2018
’S e Bliadhna na h-Òigridh 2018 an ath bhliadhna le cuspair sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba, às dèidh na Bliadhna airson Eachdraidh, Dualchas is Arc-eòlas ann an 2017.
Le Bliadhna na h-Òigridh 2018 bidh muinntir na h-Alba air am misneachadh le an cuid òigridh aois eadar 8 is 26, agus bithear a’ dèanamh gàirdeachas ris na tha iad air coileanadh, a’ cur sùim anns na nì iad sna coimhearsnachdan aca agus thèid cothroman ùra a chruthachadh dhaibh gus soirbheachadh gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.
Aig teis-meadhan Bliadhna na h-Òigridh tha prògram de thachartasan gus bratach na h-òigridh a thogail an àirde agus bidh daoine òga aig cridhe dealbhachadh is lìbhrigeadh a’ phrògraim sin. Tron phrògram thèid cothroman ùra is luachmhor a chruthachadh do dh’Albannaich òga agus don mhòr-shluagh, agus bidh ceangal ann ris an tachartas ùr, Farpaisean Spòrs na h-Eòrpa 2018.
Thathar an-dràsta a’ trusadh 200 neach òg air feadh Alba gus a bhith nan Tosgairean airson Bliadhna na h-Òigridh. Nì na Tosgairean cinnteach gu bheil fios aig daoine is buidhnean sna coimhearsnachdan aca air dè tha a’ dol agus bidh iad a’ stiùireadh phròiseactan is gnìomhan gus tachartasan is cothroman a stèidheachadh a tha a’ togail bratach na h-òigridh.
Bidh sia cuspairean aig Bliadhna na h-Òigridh a chaidh a roghnachadh ann an com-pàirt ri daoine òga:
• A’ Gabhail Pàirt – a’ coimhead air mar as urrainn do dh’òigridh buaidh a thoirt air seirbheisean poblach agus co-dhùnaidhean a bheir buaidh air am beatha
• Foghlam – a’ dèanamh cinnteach gum bi pàirt nas motha aig òigridh ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mun ionnsachadh aca
• Slàinte is Math – a’ toirt taic do dh’òigridh gus am bi iad nas fallaine, nas èasgaidhe agus gus am faigh iad cothroman gus ionnsachadh mu shlàinte inntinn agus mu mar a ghlèidheas iad an slàinte inntinn agus mu mar a bheir iad piseach oirre
• Co-ionannachd is Leth-bhreith – a’ dèanamh sanasachd air mar a bu chòir sùim cheart a chur ann an Albannaich òga, agus a’ cur an aghaidh bheachdan a tha a’ dèanamh dìmeas air daoine òga, agus a’ toirt taic do dhaoine òga gus a bhith aig ceann na h-iomairt gus stad a chur air leth-bhreith de gach seòrsa.
• Tionnsgal is ath-nuadhachadh – a’ dèanamh gàirdeachas ris na nì daoine òga a thaobh innleachdas, tionnsgalachd agus eaconamaidh na h-Alba agus a thaobh a bhith a’ toirt piseach air àrainneachd na h-Alba agus a’ dèanamh Alba na h-àite thlachdmhor airson a bhith a’ fuireach ann
• Cultar – a’ dèanamh gàirdeachas ri tàlantan dhaoine òga agus na nì iad airson cultar is ealain na h-Alba.
Airson barrachd fiosrachaidh mu na tha a’ tachairt a thaobh Bliadhna na h-Òigridh agus airson faighinn a-mach ciamar as urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann, tadhlaibh air an làrach-lìn ùr www.yoyp2018.scot no @YOYP2018 air Twitter.
Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer
Fòn: 0131 668 8097
Post-d: communications@hes.scot
Foillsichte: DREACHD NA SGAOIL E