About Us

22 February 2017

A’ gabhail subhachais air Eachdraidh na h-Alba ann an 2017

Latha comharrachadh air Dualchas a bhuineas dhuinn uile

Side view of a child at Edinburgh castle wearing a roman centurian's helmet holding an open book

Tha brosnachadh ann do choimhearsnachdan Gàidhlig am bliadhna gus aire a bharrachd a chuir air eachdraidh, le prògram ùr de thachartasan is iomairtean bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) mar phàirt den bhliadhna Eachdraidh Dualchas is Arc-eòlas a tha a’ sealltainn gum buin dualchas dhuinn uile.

Tha am buidheann cuideachd ag iarraidh air coimhearsnachdan taic a chuir ri eachdraidh is dualchas cuairt taighean sa choimhearsnachd le bhith a’ gabhail pàirt sa chiad latha airson dualchas a chomharrachadh: Heritage Awareness Day air an 7mh den Dàmhair. Bidh an iomairt nàiseanta seo a’ toirt chothrom do charaidean, teaghlaichean is coimhearsnachdan airgead a thogail airson iomairtean a tha dlùth orra, le bhith a’ cur deiseachan eachdraidheil orra, a’ cumail farpaisean ceist, no a bhith a’ cur air dòigh tachartasan eachdraidheil cuideachd.

Thuirt Ceannaird ÀEA, Alex Paterson: “The historic environment in Scotland currently attracts 14.6 million visitors a year and contributes in excess of £2.3 billion to Scotland’s economy. As Scotland’s lead heritage body we’re on a mission to up the ante at home and further afield as part of 2017’s themed year of History, Heritage and Archaeology.

“We’re off to a strong start following last week’s announcement of a record breaking first – four million visitors to our staffed sites in a single financial year period. Today I’m pleased to unveil a programme of over 100 events, lectures and campaign activity that will engage the people of Scotland with all the work we do.

“We’re also asking people to get involved with the first ever Heritage Awareness Day, coming up on the 6th of October. This will be all about helping people of all ages to engage with their history.

“The themed year provides us with a great stage to bring all the different elements which make up Scotland’s rich and diverse historic environment to audiences like never before. A truly exciting prospect for the months ahead.”

A thuilleadh air seo, bidh am prògram aig ÀEA làn de thachartasan, mar fhear aig Caisteal Chair Labhraig a bhios a’ faicinn geama ghniùstail (jousting) airson a chiad uair ann an deich bliadhna, tachartas ùr aig Dùn Dheòrsa, fosgladh de Ionad Ghlèidhteachais ann an Sruighlea an Seada Einnsein, is a’ chiad fhèis a bhios a’ freagairt air dualchas History Live air an 30mh den t-Sultain is 1d den Dàmhair.  

Fad na bliadhna, nì ÀEA nas fhasa dha daoine a’ faighinn a-steach gu na clàraidhean is làraichean tro seinealan digiteach leis a’ phròiseact dhigiteach, Archaeology InSites, is a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta cuideachd gus aire a chuir air làraichean arc-eòlais neo-ainmeil air feadh na dùthcha. Bidh sreath de thachartasan a’ gabhail àite air Facebook Live cuideachd mar cuir air bhog de thaisbeanadh eadar-nàiseanta a bhios a’ rannsachadh Romantic Scotland, is rannsachadh tùsaireach a chaidh a dhèanamh air ealain-creige ro-eachdraidheil, is buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air dualchas thogte na h-Alba.

Le naoi a-mach à deich dhaoine ag aontachadh gu bheil e cudromach gum bi sinn a’ coimhead às dèidh àiteachan eachdraidheil*, tha ÀEA – le barrachd na 300 làraichean ann an Alba fo a chùram – ag amas air barrachd dhaoine a’ cur an sàs ann an eachdraidh na bh’ ann roimhe mar phàirt de bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Arc-eòlas. Tha Alba gu math cliùiteach air feadh an t-saoghail airson eachdraidh is dualchas, is ainmichte mar 12 a-mach à 50 air a’ chlàr Measadh Nàiseanta air Branndadh airson a bhith math dheth ann an cultair is dualchas, is tha sin na fìor dheagh bhun-stèidh a ghabhas togail air.  

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineid airson Turasachd is Cùisean Taobh a-muigh Fiona Hyslop:     “2017 is Scotland’s Year of History, Heritage and Archaeology, an exciting opportunity for people from across the country and visitors alike to celebrate Scotland’s inspiring and captivating historic environment.

“We know that Scotland’s history, heritage and archaeology act as magnets for visitors from both home and abroad to come and explore our many iconic sites and hidden gems alike.

“As part of that Historic Environment Scotland’s engaging programme of events offers something for everyone who wish to enjoy our historic landscape, from Neolithic tombs to medieval castles, from historic towns to some industrial wonders.”

Tha ÀEA air tool-kit a chruthachadh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine gus dol an sàs ann an Latha Comharrachadh Dualchas, an cuide ri prògram le gach tachartas airson 2017, air an làrach-lìn.

Mu dheidhinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) 

  • Is sinne am prìomh bhuidheann le uallach airson cùram, glèidheadh is a’ brosnachadh na h-àrainneachd eachdraidheil. Bidh sinn a’ gabhail stiùir dhe lìbhrigeadh a’ chiad ro-innleachd ann an Alba airson na h-àrainneachd eachdraidheil, Our Place in Time
  • Tha Alba Aosmhor na fo-shuaicheantas de ÀEA
  • Thoiribh sùil air ar press pack is bidh fiosraichte le bhith clàraichte airson brath-naidheachd nam meadhanan is puist-d. Ma tha sibh airson d’ ainm a thoirt far na liosta, cuir fios thugainn

Bliadhna Eachdraidh, Dualchas is Arc-Eòlas 2017

’S e 2017 am bliadhna dhe Eachdraidh, Dualchas is Arc-Eòlas (EDA), is bliadhna a chì subhachas a thoirt air Albannaich, ar cultar is traidiseanan sònraichte, ar cruth-tìre, ar làraichean eachdraidheil is tarraingeach a thuilleadh air sgeulachdan is blasadan de rudan eireachdail eile. Bho làraichean Dualchas na Cruinne gu carraighean àrsaidh, toglaichean clàraichte gu raointean blàir, traidiseanan cultarail gu fionn-sgeòil, ’s e 2017 am bliadhna gus rùrachadh eachdraidh na h-Alba. ’S e iomairt air a chuir air adhart le Riaghaltas na h-Alba, is le stiùireadh bho Visit Scotland is buidhnean eile.
Rach an sàs air Twitter le #HHA2017
Year of History, Heritage and Archaeology 2017 Gaelic logo

Lean Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Airson tuilleadh fiosrachaidh

Ali George
Historic Environment Scotland Media Office
Direct Line: 0131 668 8714
Mobile: 07583 018 790 
ali.george@hes.scot

Share