Stacey a’ Cruthachadh Eachdraidh

Gobha a tha dealasach mu a sgilean dualchais aiseag chun an ath ghinealaich. 

Is mise Stacey, ’s e gobha a th’ annam stèidhichte ann an Dùn Èideann agus Tha Mi a’ Cruthachadh Eachdraidh.  

Ciamar a lorg thu an dreuchd seo?

Thòisich mi mar ghobha-each a’ cur bhrògan air eich agus bha an obair goibhneachd a’ còrdadh rium mòran a bharrachd na nì sam bith eile. Fhuair mi a-mach an uair sin gum faodainn goibhneachd glèidhteachais a dhèanamh agus b’ ann an uair sin a cho-dhùin mi mo dhreuchd a leantainn ann an roinn an dualchais. 

Bha mi air mo tharraing gu dreuchd ann an goibhneachd glèidhteachais oir is fìor thoigh leam a bhith ag obair le obair-iarainn eachdraidheil, agus ag obrachadh a-mach mar a chruthaich daoine bho na linntean mòra a dh’fhalbh a leithid de nithean do-chreidsinneach. 

Ciamar a bheireadh tu iomradh air d’ obair ann an trì fhacail?

Bheirinn iomradh air mo dhreuchd mar: eadar-mheasgte, riarachail agus eachdraidheil. 

Nuair a bhios daoine a’ smaoineachadh air goibhneachd, tha iad dìreach a’ smaoineachadh air bualadh meatailt le òrd mòr ach tha mòran a bharrachd na sin na lùib. Tha e mu dheidhinn a bhith a’ cladhach timcheall nar n-àm a dh’fhalbh agus a’ cleachdadh mhodhan cruthachail gus beachdan a thoirt beò. 

Bidh goibhnean a’ dèanamh mòran de nithean beaga a tha a’ dèanamh diofar mòr – tha mòran nithean a’ tachairt air cùl gnothaich nach eil cothrom aig daoine fhaicinn. 

Mar ghobha, tha mi a’ cruthachadh agus a’ glèidheadh obair-iarainn eachdraidheil agus a’ cumail suas àireamh de thogalaichean eachdraidheil air feadh Alba. 

Is e ceàird gu math eadar-mheasgte a th’ ann le mòran diofar thaobhan ris. Tha na sgilean air leudachadh a-steach do dhreuchdan eile thar ùine, leithid dreuchdan luchd-togail agus tàthadairean, ach chan eil na sgilean riatanach aca gus ar n-àrainneachd eachdraidheil a chumail suas agus a sgeadachadh. Tha e fìor chudromach gun glèidh sinn sgilean traidiseanta gus am bi càraidhean is glèidhteachas ga dhèanamh ceart, no dh’fhaodadh e barrachd croin a dhèanamh. 

Dè bhiodh tu a’ smaoineachadh aig aois a còig mu do dhreuchd an-diugh?

Bhiodh mise agus mi còig bliadhna a dh’aois, a’ gabhail mòr-iongnadh do m’ obair an-diugh - bha mi làn chinnteach gun robh mi a’ dol a bhith nam dotair-bheathach. 

Tha m’ obair san roinn dualchais cudromach, oir às aonais ghoibhnean glèidhteachais, cha bhiodh an obair-iarainn eireachdail ann do dhaoine airson tlachd a ghabhail às san àm ri teachd.

Is e sgil air leth a th’ ann an goibhneachd – chan eil a bhith comasach air pìosan obrach a ghnàthachadh agus a chruthachadh gu sònraichte na thachartas làitheil ann am beatha na mòr-chuid. Tha mo dhreuchd air mo bheatha atharrachadh ann a leithid de dhiofar dhòighean agus tha na sgilean a tha mi air a thogail trom dhreuchd air mo chomasachadh gu siubhal air feadh na dùthcha airson obair agus tadhal air cuid de dh’àiteachan iongantach. 

Dè as fheàrr a tha a’ còrdadh riut mud dhreuchd?

Is e an nì as fheàrr leam mum dhreuchd, a bhith comasach air a dhol air cùlaibh chùisean aig na làraichean eachdraidheil sin agus mi fhìn a bhogadh nar dualchas - cothrom nach eil mòran daoine a’ faighinn. Tha mi fiù ’s air a bhith aig fìor mhullach Cathair-eaglais Ghlaschu gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ choileach-gaoithe an sin. 

Tha mi air mo bheò-ghlacadh leis an t-suidheachadh nach eil goibhneachd air atharrachadh thar cheudan de bhliadhnaichean. Tha na bha a’ tachairt an uair sin a’ gabhail àite fhathast san latha an-diugh.

Dè a’ mhòmaid as ainmeile nad dhreuchd gu ruige seo?

Tha mòran nithean às a bheil mi pròiseil bho m’ àm ann an dreuchd dualchais. Is e na cearcaill a rinn mi airson crùnadh an Rìgh Theàrlaich a’ mhòmaid as ainmeile a th’ agam.

B’ e aon de na clachairean aig HES a dhealbhaich an cearcall le a làmhan - diosg beag cruinn le ìomhaigh air - ann an crèadha. Bha an cearcall sònraichte seo, cearcall an Leòmhainn Rèimeil, air a bhrosnachadh le pannal an Leòmhainn a tha os cionn na drochaid-togail aig an t-slighe a-steach gu Caisteal Dhùn Èideann. Chaidh an Leòmhann a sganadh gu didseatach gus modail 3D a thoirt gu buil, a bha an uair sin air ùisneachadh airson pàtran 3D làn-mheud bho an deach molldair a chruthachadh. Chàraich mi an uair sin e ann am feòdair leaghte mus deach craiceann de dh’òr 23.5-carat a chur air le peantair HES, le a làmhan.

Chruthaich sinn cearcaill bheaga gus am buileachadh mar thiodhlac don Rìgh agus fear mòr a chaidh a chur air a’ bhogsa anns a bheil Clach Sgàin na suidhe.

Is e dreuchd mhìorbhaileach agus shàsachail a th’ ann an goibhneachd. Ma bhios tu a’ coimhead airson fiosrachadh, sìn a-mach gu buidhnean mar HES a bhios comasach air do stiùireadh air an t-slighe cheart. 

Stacey ann an Gnìomh

Coinnich ri Stacey, gobha stèidhichte aig St Ann’s Maltings ann an Dùn Èideann. 

An dreuchd

Tro a dreuchd le HES, tha Stacey a-nis a’ toirt seachad nan sgilean a dh’ionnsaich i gu phreantas. Tha cothrom aig goibhnean eòlas dèanadach a thogail, ag ionnsachadh bho eòlaich nan raon no nan ceàird taghte, agus a’ cleachdadh altan ceàrdachd meatailt traidiseanta a thuilleadh air teicneòlas an latha an-diugh. Mar phàirt de phrògram Co-phàirtiche Ciùird nas fharsainge HES, bidh goibhnean a’ faotainn meantoradh agus trèanadh tarsainn measgachadh de sgilean ciùird a’ gabhail a-steach ceàrdachd, tàthadh, togail, agus modhan crìochnachaidh.

Faigh a-mach mu ghoibhneachd le HES