Luke a’ Cruthachadh Eachdraidh

Clachair le tàlant a bhuannaich duaisean airson ar n-àrainneachd eachdraidheil a chumail suas.

Is mise Luke, ’s e clachair a th’ annam stèidhichte ann am meadhan Alba agus Tha Mi a’ Cruthachadh Eachdraidh. 

 

Ciamar a lorg thu an dreuchd seo?

Bha mi ag obair le sgioba Balla Antonine air glanadh is càradh fearainn aig làrach a bha aig aon uair mar a’ chrìoch a b’ fhaide tuath den Ìmpireachd Ròmanach faisg air 2,000 bliadhna air ais. Choinnich mi ri clachair an sin bho HES agus chuir mi a-steach airson preantasachd aig Caisteal an Dùin agus bha mi soirbheachail. Tha mi air a bhith ag obair aig HES airson sia bliadhna a-nis mar Leas-Mhanaidsear Obrachaidhean ann am Peairt.

Ciamar a bheireadh tu iomradh air d’ obair ann an trì fhacail?

Is e na trì fhacail a chleachdainn gus iomradh a thoirt air m’ obair: eadar-mheasgte, sàsachail agus riatanach.

Mar chlachair aig HES, is e mo dhleastanas cùram agus glèidhteachas a thoirt do thogalaichean. Nam dhreuchd, tha cothrom agam a bhith ag obair air làraichean eachdraidheil agus togalaichean air feadh meadhan Alba. Do neach sam bith le ùidh ann an clachaireachd, mholainn e gu cinnteach. Is e ceàird fìor riarachail a th’ ann, fiù gun choimeas, agus ’s e bunait làidir a th’ ann airson dreuchd-beatha san roinn dualchais.

Dè bhiodh tu a’ smaoineachadh aig aois a còig mu do dhreuchd an-diugh?

Bhithinn aig aois a còig a’ faicinn mo dhreuchd glè thlachdmhor agus bhiodh ùidh agam a bhith ag obair aig na togalaichean iongantach sin do bheil sinn a’ toirt cùram. Agus, cò aig còig bliadhna a dh’aois, nach biodh airson obair ann an caisteal?!

Dè as motha as fheàrr leat mun dreuchd?

Is e an nì as fheàrr leam mun dreuchd agam, cothrom a bhith ag obair aig cuid de na togalaichean as brèagha ann an Alba agus a’ gabhail cùram do ar n-eachdraidh gach latha.

Tha mo phreantasachd le HES air mo bheatha atharrachadh. Tha e air dreuchd-beatha a thoirt dhomh agus ceàird as urrainn dhomh a thoirt leam air feadh an t-saoghail.

Dè a’ mhòmaid as ainmeile nad dhreuchd gu ruige seo?

Gu ruige seo ’s e a’ mhòmaid as ainmeile nam dhreuchd, Clach Sgàin a thoirt sìos a Lunnainn airson crùnadh an Rìgh Theàrlaich - b’ e turas iongantach a bh’ ann agus mìorbhaileach a bhith nam phàirt de dh’eachdraidh. 

B’ e an coileanadh a bu phròiseile dhomh rè mo phreantasachd, a bhith a’ farpais ann am farpais WorldSkills SkillBuild agus a’ buannachadh a’ bhuinn òir airson clachaireachd. 

Luke ann an Gnìomh

Coinnich ri Luke, an clachair againn le inbhe Oilimpigeach, aig a bheil bliadhnaichean de dh’eòlas ann an clachaireachd.

An dreuchd

Tro a dhreuchd le HES, tha Luke air a sgilean clachaireachd a leasachadh fhad ’s a tha e a’ siubhal air feadh cruth-tìre ghlacmhor na h-Alba. Tha clachairean nam prìomh pàirt de dhìon ar n-àrainneachd eachdraidheil, a’ cleachdadh mhodhan glèidhteachais gus structaran is togalaichean aig ar làraichean a chàradh agus a chumail suas, gu tlachd nan ginealaichean ri teachd. Tha na clachairean aig HES stèidhichte tarsainn àireamh de dh’ionadan a’ gabhail a-steach Caisteal Shruighlea, Caisteal an Dùin, Peairt agus Abaid Obar Bhrothaig, le cothrom air pàirt a ghabhail ann an tuilleadh trèanaidh gus an sgilean ciùird a leasachadh. 

Ionnsaich Clachaireachd le HES