Is mise Kirsty agus tha mi nam nuadh-phreantas anns an sgioba Obrachaidhean aig Caisteal Shruighlea agus Tha Mi a’ Cruthachadh Eachdraidh.
Ciamar a lorg thu an dreuchd seo?
Chuala mi mu dheidhinn na preantasachd san t-siathamh bliadhna san sgoil tro mo chomhairliche dhreuchdan. Dà bhliadhna às dèidh sin, is e aon de na nithean as fheàrr nam bheatha. Tha mi air measgachadh de sgilean ùra ionnsachadh, air seann sgilean a leasachadh, agus air fìor mhiann do dh’obair san roinn dualchais a chosnadh. Do neach sam bith eile a tha a’ smaoineachadh air nuadh-phreantasachd, mholainn e gu tur. Tha mi a’ faireachdainn fo mhòr-urram ag obair an seo agus tha mi cinnteach gum biodh thusa cuideachd.
Ciamar a bheireadh tu iomradh air d’ obair ann an trì fhacail?
Chanainn gu bheil m’ obair sàsachail, dùbhlanach agus dìreach spòrsail!
Dè bhiodh tu a’ smaoineachadh aig aois a còig mu do dhreuchd an-diugh?
B’ àbhaist dhomh a bhith a’ dràibheadh seachad air Caisteal Shruighlea fad na tìde agus a-nis tha mi ag obair an seo gach latha. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun creidinn seo ’s mi òg. ’S e comharra-tìre ainmeil a th’ ann agus tha mi air fàs cho mòr mar phearsa fhad ’s a tha mi air a bhith ag obair an seo, mar sin tha mi den bheachd gum bithinn glè phròiseil asam fhìn aig aois a còig.
Dè as motha as fheàrr leat mun dreuchd?
Is e a bhith a’ coinneachadh cheudan de dhaoine ùra gach latha bho air feadh an t-saoghail an nì as fheàrr mum dhreuchd, agus a bhith a’ cumail eachdraidh na h-Alba beò agus làidir le bhith a’ roinn sgeulachdan leotha. Do chuid de luchd-tadhail, is e a mhiann a thighinn gu Caisteal Shruighlea agus tha mise a’ faighinn cothrom an tadhal aca a dhèanamh fiù nas deimhinniche.
Dè a’ mhòmaid as ainmeile nad dhreuchd gu ruige seo?
’S e a’ mhòmaid a bu chuimhneachaile dhomh nuair a bha mi ag aig Caisteal Shruighlea agus mi ag obair san oifis thiogaidean, agus reic mi ballrachd Alba Aosmhor ri màthair Ariana Grande, Joan Grande. ’S pearsa laghach a th’ innte.
Kirsty ann an Gnìomh
Thigibh còmhla rinn gu Caisteal Shruighlea agus faighibh a-mach tuilleadh mu dhreuchd Kirsty.
An dreuchd
Tro a dleastanas le HES, bha cothrom aig Kirsty a bhith ag obair ann an raon dreuchdail a tha cruthachail agus cultarach. Tha Nuadh-Phreantasachdan a’ toirt seachad cothrom gun choimeas air eòlas làmhach leis an roghainn air adhartachadh sìos slighean foghlaim agus dreuchdail. Tha na nuadh-phreantasachdan aig Caisteal Shruighlea a’ faighinn cothrom air obrachadh ann an diofar sgiobaidhean, leithid Inntrigidh, Reic agus Stiùireadh Chuairtean, gus misneachd agus sgilean a thogail ann am farsaingeachd de raointean. Tha cothroman ann cuideachd air eòlas a chosnadh tro bhith ag obair aig cuid de na tachartasan a thathar a’ cumail aig a’ chaisteal.