A stone castle rising directly from the shoreline, photographed from the water with distant hills beneath a clear sky.

Leugh sa Bheurla (read in English)

Tha Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh a’ cur fàilte uair eile air luchd-tadhail, a’ leantainn crìoch air prògram de dh’obair glèidhteachais dheatamach. Bidh Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) a tha a’ coimhead às dèidh na làraich, a’ ruith thursan treòraichte air cinn-latha bho Dhimàirt 21ad Iuchar troimhe gu 30mh Sultain 2026, nuair a bhios an làrach a’ dùnadh airson a’ gheamhraidh.

Bha an obair ghlèidhteachais  riatanach a’ gabhail a-steach siostaman taic ùra airson an concrait, bunailteachadh air mullach-seòmair an Talla Mhòir gus inntrigeadh a cheadachadh, ionadachadh air an staidhre san tùr, ath-mhullachadh air a’ chaibeal agus càraidhean air laimrig Bhàgh a’ Chaisteil. Tha an t-slighe-coiseachd àrd-ìre air ionadachadh cuideachd, a’ toirt sealladh dràmadach aig àrd-ìre do luchd-tadhail air ais air Bàgh a’ Chaisteil, ag àrdachadh eòlas iomlan luchd-tadhail agus a’ cruthachadh ceangal nas cuimhneachaile dhaibh chun na làraich. Tha pàirtean den obair air am maoineachadh le Fonndas Alba Aosmhor, a fhuair airgead thabhartasan do Chaisteal Chiosmuil a bha air eagrachadh le Comann Chlann MhicNèill Aimeireaga.

Thuirt Katey Boal, Ceannard na Roinne a Tuath aig HES:

“Tha seo air bliadhnaichean a thoirt ga choileanadh, le obraichean deatamach a’ gabhail àite gus dèiligeadh ri dùbhlain glèidhteachais a bha toinnte. Tha sinn air a bhith ag obair taobh ri taobh le coimhearsnachdan Bharraigh is Bhatarsaigh agus tha an taic acasan air a bhith mar phrìomh phàirt den t-slighe seo. Tha mi toilichte a ràdh gu bheil sinn ag ath-ùrachadh slighe a-steach gu Caisteal Chiosmuil on a tha e na phrìomh phàirt den choimhearsnachd ionadail agus de dh’eaconamaidh an luchd-tadhail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air daoine don chaisteal uair eile gus an cur iad eòlas air a’ phàirt suaicheanta seo de dh’Alba."

Tha seo air bliadhnaichean a thoirt ga choileanadh, le obraichean deatamach a’ gabhail àite gus dèiligeadh ri dùbhlain glèidhteachais a bha toinnte.

Bidh tursan a’ ruith aon uair san latha air cinn-latha shònraichte bho Dhimàirt 21 Iuchar 2026, a’ maireachdainn uair a thìde agus a’ fàgail air bàta bho chidhe Bhàgh a’ Chaisteil. Feumaidh tiogaidean a bhith air an glèidheadh ro-làimh agus thathar ag iarraidh air luchd-tadhail a bhith an làthair 15 mionaidean ron uair a tha clàraichte leotha. Thèid an tairgse thursan a leudachadh mar a bhios an seusan a’ dol air adhart le amannan a bharrachd gan cur ris an latha. Mar thoradh air obraichean glèidhteachais leantainneach, tha aig luchd-tadhail ri ad chruaidh a chur orra, a gheibh iad aig an àm, airson fad an turais. Feumaidh brògan iomchaidh (làidir) a bhith air an cleachdadh.

Tha Caisteal Chiosmuil, cathair-suidhe Chlann MhicNèill Bharraigh, ag innse dhuinn mu nàdar an tighearnais Ghàidhlig sna Meadhan Aoisean. Tha Caisteal Chiosmuil, ainm Gàidhlig an daingnich, a’ ciallachadh ‘caisteal air creag a’ bhàigh bhig’. Ceadaichidh tursan treòraichte do luchd-tadhail eòlas a chur air agus barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh an daingnich suaicheanta seo bhon 15mh linn, a’ cluinntinn sgeulachdan mu thachartasan sònraichte ann an eachdraidh a’ Chaisteil, bho chruinneachaidhean cinnidh agus cèilidhean gu sgeulachdan nas duirche mu mhurt agus sèistean. Bidh cothrom cuideachd air barrachd ionnsachadh mun bheatha air eilean Bharraigh, le in-shealladh air eachdraidh ionadail an iasgaich agus buaidh nam fuadaichean air a’ choimhearsnachd, a thuilleadh air obair glèidhteachais a tha air a bhith a’ gabhail àite aig an làraich thar nam beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Barrachd fiosrachaidh mu na thursan agus tiogaidean