Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) air ainmeachadh gu bheil obair ghlèidhteachais dheatamach air an Talla Mhòr ann an Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh air tòiseachadh an-diugh (Diluain 30 Ògmhios).

Aerial view of a castle on a small islet

Bidh an obair a’ coimhead ri eadar-theachdan ùra a chur an gnìomh gus dèiligeadh ri draghan mun choncrait agus na bàraichean ath-neartachaidh a-staigh. Thèid dàrna structar a stàlachadh fon choncrait a th’ ann mar-thà, a’ cleachdadh stuthan neo-iarannach, fiodh agus obair-bloca, a bhios nas fhreagarraiche don àrainneachd ionnsaigheach mhara. Ceadaichidh seo do HES tuilleadh obrach a tha riatanach taobh a-staigh a’ Chaisteil a choileanadh. 

Tha e tuairmsichte gun toir an obair san Talla Mhòr suas ri trì seachdainean a chrìochnachadh.  

Tha seo a’ leantainn air gnìomh toinnte an lùib nithean eachdraidheil ath-ghluasad rè ùine bhon Talla Mhòr gus dèanamh cinnteach gum bi iad air an dìon fhad ’s a tha an obair a’ dol air adhart. Am measg a’ chruinneachaidh de bhuill-ceàirde ann an sealbh MhicNèill Bharraigh, tha sia musgaidean, dà aileabart agus armanach dhrùidhteach.  

Tha na musgaidean agus na h-aileabartan air an comharrachadh le cinn-latha bho 1742 agus 1743, gan toirt air ais gu àm Aramach nan Seumasach. Tha an armanach, gearradh-arm a tha air a pheantadh ’s air a dhealtrachadh, a’ gabhail a-steach dhealbhan de Leòmhann na h-Alba, soitheach le crann agus Caisteal Chiosmuil, a chaidh a bhuileachadh air Clann MhicNèill ann an 1968. Thug a’ ghnìomhachd ath-ghluasaid cead air pàipearachd nam ball-ceàirde ath-ùrachadh le dealbhan agus tomhasan ùra, agus sgrùdaidhean air an staid a choileanadh.  

Tha an obair seo mar an ath ìre den cheann-uidhe fad-amail aig HES a thaobh Caisteal Chiosmuil ath-fhosgladh do luchd-tadhail aon uair ’s gu bheil e sàbhailte sin a dhèanamh. An-uiridh, ghabh sgrùdaidhean Clachaireachd Àrd-Ìreil, agus obair co-cheangailte, àite air taobh a-muigh a’ Chaisteil. Bha na h-obraichean sin mar thoiseach tòiseachaidh air prògram airson dèiligeadh ri draghan co-cheangailte ri concrait agus bàraichean ath-neartachaidh a’ Chaisteil, a’ leantainn air ath-leasachadh mòr san 20mh linn, a thuilleadh air buaidh salann is taiseachd bho làrach cladaich Caisteal Chiosmuil.   

Sa Mhàrt am-bliadhna, rinn HES càraidhean air an laimrig, a chuidicheas le slighe a-steach do luchd-tadhail a dhèanamh nas fhasa aon uair ’s gum bi an Caisteal air fhosgladh a-rithist.    

Thuirt Seumas Mac a’ Phearsain, Ailtire Sgìreil HES:  

"Tha sinn air leth toilichte a bhith ag adhartachadh obair air taobh a-staigh a’ chaisteil, nì a tha na phrìomh chlach-mhìle nar prògram de dh’obair glèidhteachais agus na cheum eile air adhart nar planaichean fad-amail a thaobh Caisteal Chiosmuil ath-fhosgladh do luchd-tadhail.  

"Tha sinn a’ gabhail ris gu bheil coimhearsnachdan Bharraigh is Bhatarsaigh dealasach a thaobh Caisteal Chiosmuil a mhòr-thaisbeanadh do luchd-tadhail a bhios a’ tighinn bho gach ceàrn den t-saoghal, agus leanaidh sinn ag obair gu dlùth leis a’ choimhearsnachd ionadail. Tha sinn toilichte tursan bàta seusanail a ruith an-asgaidh timcheall a’ bhàigh agus a’ Chaisteil a-rithist am-bliadhna agus an dòchas gun còrd e ri luchd-tadhail a bhith a’ rannsachadh na sgìre fharsaing fhad ’s a tha cead-inntrigidh don Chaisteal cuibhrichte aig an àm seo.”  

Mu Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES)

Is sinne am prìomh bhuidheann airson àrainneachd eachdraidheil Alba, carthannas a tha air a shònrachadh do dh’adhartachadh air dualchas, cultar, foghlam agus dìon àrainneachd. Tha sinn air thoiseach le rannsachadh air agus tuigse don àrainneachd eachdraidheil agus le dèiligeadh ri buaidh atharrachadh gnàth-shìde san àm ri teachd. Bidh sinn a’ sgrùdadh agus a’ clàradh làraichean is chruthan-tìre ailtìreil agus arc-eòlasach air feadh Alba, agus a’ toirt cùram do chòrr air 300 làrach de chudromachd nàiseanta. Tha HES cuideachd ag obair còmhla ri com-pàirteachaisan san roinn gus an ro-innleachd airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, lìbhrigeadh.

Tha Alba Aosmhor, Scran (Lìonra Chothroman Ghoireasan Cultarach Alba), Canmore, Cruinneachadh Nàiseanta Dealbhadaireachd Adhair (NCAP), An Seada Einnsein, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann mar fho-bhranndan de Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Tuilleadh mu ar oifis conaltraidh

Clàraich airson ar brathan-naidheachd

Cuiribh fios gu

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu:

Oifis Mheadhanan Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Fòn-l: 07721 959 962
Post-d: communications@hes.scot

Discover more

Our work

We care for special places, preserve skills, and support communities to inspire and educate people now and in the future.

Projects and research

Discover some of our projects and research, from conservation of objects in our care to detailed digital surveys.

Things to see and do

Explore features, itineraries, and helpful articles to plan your perfect day out.