Beta Help us improve: share your feedback on our new website.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air aonta fhaighinn airson cosgais inntridh a chur an gnìomh aig Tursachan Chalanais, gus cuideachadh leis an làrach a ghlèidheadh, eòlas luchd-tadhail a leasachadh agus buannachdan a lìbhrigeadh don choimhearsnachd, ach a’ cumail na slighe a-steach an-asgaidh don choimhearsnachd ionadail.

Wide view of the Calanais stone circle during dusk

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) air aonta fhaighinn bho na ministearan gus cosgais inntridh a thoirt a-steach aig Tursachan Chalanais ann an Eilean Leòdhais. Cuiridh cosgais aig an t-slighe a-steach taic ri àm teachdail seasmhach fad-amail a’ charraigh-chuimhne, turas nas èifeachdaich do luchd-tadhail agus cuideachadh le cùram a thoirt do dhualchas air feadh Innse Gall.  

Tha am modail ùr seo ag aonachadh nan Tursachan agus Ionad an Luchd-tadhail, a’ cruthachadh eòlas aig ìre chruinneil a bheir beò còrr air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh. Tha am modail seo comasach mar thoradh air co-obrachadh eadar HES agus Urras nan Tursachan (UnT). Leanaidh HES air adhart le stiùireadh, glèidhteachas agus cùram nan Tursachan, agus bidh UnT, carthannas neo-eisimeileach agus neo-phrothaideach, a’ ruith an Ionaid  Luchd-tadhail ath-leasaichte aig an làraich. Tha planaichean airson modh-obrach amalaichte a leasachadh agus eòlas luchd-tadhail fheabhasachadh air a bhith ga dheasbad thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, a’ leantainn gu co-chomhairleachadh poblach ann an 2024. Chaidh fiosrachadh air ais mu na molaidhean a chleachdadh airson barrachd leasachaidh air planaichean agus chaidh na molaidhean deireannach a chur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta nas tràithe am-bliadhna.  

Lìbhrigidh co-chosgais inntridh shingilte trì prìomh bhuilean:   

  • Obraichean ùra a chruthachadh, eòlas an luchd-tadhail a neartachadh, agus taisbeanadh co-aimsireil ùr a sholarachadh tron Ionad Luchd-tadhail ath-leasaichte.  

  • Ceadachadh obair gus taic a chur ri àm teachdail seasmach fad-amail na làraich tro ghlèidhteachas, stiùireadh àireamhan luchd-tadhail, a thuilleadh air cuideachadh leis a’ bhuaidh mheudaichte aig gnàth-shìde atharrachail air na Tursachan a lasachadh.

  • Maoin Dualchais a chruthachadh gus tabhartasan a sholarachadh agus taic a thoirt do phròiseactan dualchais is foghlam fo stiùir na coimhearsnachd air feadh Innse Gall.  

Fhuair HES raon farsaing de ais-fhiosrachadh rè a’ cho-chomhairleachaidh phoblaich, (425 freagairtean, 46% bho chòdan-puist ann an Innse Gall) a chuidich leis na planaichean deireannach a chumadh a thaobh dèiligeadh ri prìomh dhraghan agus prìomhachsan coimhearsnachd a dhèanamh follaiseach. Gu sònraichte, bidh HES agus UnT a’ cumail na slighe a-steach an-asgaidh do luchd-còmhnaidh ionadail gus am bi e comasach dhaibh tlachd a ghabhail às an dualchas ionadail aca.  

Thog na freagairtean don cho-chomhairleachadh an fheum air cothrom a-steach gu na Tursachan a dhèanamh comasach do dh’àireamh de bhuidhnean agus do dhaoine fa leth a bhios a’ tadhal às leth adhbharan spioradail. Gus dèiligeadh ri seo, thèid pròiseas a chur air bhonn gus beachdachadh air iarrtasan airson tursan cultarach no spioradail.  

“Tha fios againn cho sònraichte agus a tha Calanais do mhuinntir Leòdhais agus do  
luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail,”  thuirt Ceitidh Boal, Ceannard na Roinne Tuath aig HES. “Cuidichidh na planaichean againn le eòlasan an luchd-tadhail àrdachadh agus ceadaichidh e dhuinne inbheisteadh ann an cultar is eaconamaidh farsaing Innse Gall mu choinneamh an ama ri teachd.

Le bhith a’ toirt a-steach cìs inntridh, bidh e na chuideachadh le dìon agus glèidheadh air a’ charragh-cuimhne agus aig an aon àm le leasachadh air eòlas an luchd-tadhail aig an làraich.

“Tha am modh-obrach seo a’ co-chothromachadh an fheum air aon de na  carraighean-cuimhne ro-eachdraidheil as cudromaiche san Roinn Eòrpa a dhìon, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gum faod luchd-còmhnadh ionadail tlachd a ghabhail à slighe  a-steach an-asgaidh gu an dualchas ionadail. Le bhith ag obair gu dlùth le Urras nan Tursachan, faodaidh sinn eòlas luchd-tadhail aig ìre chruinneil a chruthachadh, a’ cur taic ri glèidhteachas, ris a’ choimhearsnachd ionadail, agus pròiseactan dualchais air feadh Innse Gall.” 

Thuirt Ian Fordham, Cathraiche Urras nan Tursachan:

“Airson faisg air trithead bliadhna, tha Urras nan Tursachan air a bhith cuimsichte air Calanais a chomharrachadh às leth sluagh Innse Gall agus luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail.   

"Tha an ath chaibideil seo – ann an co-obrachadh le HES – a’ togail air an tasgadh de £10m a fhuair sinn airson ath-leasachadh air an ionad luchd-tadhail agus cuiridh e taic ri glèidhteachas nan Tursachan, a’ cruthachadh luach eaconamach don urras agus don choimhearsnachd agus a’ cuideachadh le dèiligeadh ris an àireamh a tha a’ sìor fhàs de luchd-tadhail chun na làraich.” 

Thèid mion-fhiosrachadh air prìsean deireannach nan tiogaidean agus air cothrom inntrigidh do luchd-còmhnaidh, a leasachadh agus fhoillseachadh an ceann sreath. 

Leugh sa Bheurla (Read in English)

About Historic Environment Scotland (HES) 

We're the lead body for Scotland’s historic environment, a charity dedicated to the advancement of heritage, culture, education and environmental protection. We are at the forefront of researching and understanding the historic environment and addressing the impacts of climate change on its future. Across Scotland, we investigate and record architectural and archaeological sites and landscapes and care for more than 300 properties of national importance. HES is also working with sector partners to deliver Scotland's strategy for the historic environment, Our Past, Our Future.

Historic Scotland, trove.scot, The National Collection of Aerial Photography (NCAP), The Engine Shed, Stirling Castle, Edinburgh Castle and Stòr are sub-brands of HES.

More about our communications office

Sign-up to receive our media releases

Contact

For further information, please contact:

Historic Environment Scotland Communications Office
07721 959 962
communications@hes.scot

Discover more

Our work

We care for special places, preserve skills, and support communities to inspire and educate people now and in the future.

Projects and research

Discover some of our projects and research, from conservation of objects in our care to detailed digital surveys.

Things to see and do

Explore features, itineraries, and helpful articles to plan your perfect day out.