Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

Facal Gàidhlig English Term English Note Nota Gàidhlig Audio
DACHAIGH CHLOINNE NULL (2)
DACHAIGH CLOINNE CHILDRENS HOME A place where either orphaned children or children from 'broken homes' are cared for. Àite far a bheilear a' gabhail cùram dhìlleachdan no clann o "dhachaighean briste".
DACHAIGH DHILLEACHDAN ORPHANAGE An institution providing care and accommodation for orphans and abandoned children. Ionad a tha a' toirt seachad cùram is àite-fuirich do dhìlleachdain agus clann thrèigte.
DACHAIGH NURSAICHEAN NURSES HOME A building where nurses live. Togalach far a bheil nursaichean a' fuireach.
DACHAIGH SHEANN SHAIGHDEARAN VETERANS HOUSE Self-contained house for ex-service people, often part of larger complex. Taigh a tha na aonad ann fhèin airson daoine a b' àbhaist a bhith ann an seirbheis an airm is msaa, gu tric na phàirt de dh'aitreabh nas motha.
DACHAIGH SONNACH TUATHANAICH   PALISADED HOMESTEAD
DACHAIGH-SLÀNACHAIDH REST HOME
DAINGNEACH KEEP The major tower of a fortification, often acting as its last defence. Prìomh thùr aig daingean, mar is tric an t-àite-dìon mu dheireadh.
DAINGNEACH FORTIFICATION A work or installation with a primarily defensive purpose. Use FORT for prehistoric and early historic sites. Togalach no structar a chaidh a chleachdadh airson àite a dhìon mar is trice. Cleachd GEARASTAN airson làraichean ro-eachdraidheil agus tràth-eachdraidheil.
DAINGNEACH ANTI THANCAICHEAN ANTI TANK DEFENCES
DAINGNEACH GHUNNACHAN MÒRA ARTILLERY FORTIFICATION A fortified structure containing purpose built emplacements for artillery pieces. Structar daingnichte aig a bheil àitichean a chaidh a thogail gu sònraichte do ghunnaichean-mòra.
DAINGNEACHDAN CRÌCHE FRONTIER DEFENCE A system of fortifications constructed along a national frontier to contain the local population, as well as keep out undesirable raiders eg. Antonine Wall. Use with more specific monument type where known. Rian daingneachaidh a-rèir crìch nàdarra gus muinntir an àite a dhìon agus creachadairean a chumail air falbh, m.e. Balla Antoninus. Cleachd seòrsa nas mionaidiche de chuimhneachan ma tha fios air.
DAINGNICHEAN A' BHAILE TOWN DEFENCES Defensive fortifications, such as ramparts, ditches and stone walls, built to defend a town or city. Daingneachadh dìona, mar rampairean, dìgean agus ballachan-cloiche, a chaidh a thogail gus baile no cathair a dhìon.
DAIS STORAGE CLAMP
DAMA DAM A barrier of wood, masonry, concrete or earth, built across a river to create a reservoir of water for domestic and/or industrial usage. Bacadh fiodha, bhreigean, concrait no ùir a chaidh a thogail thairis air abhainn gus tasgadan uisge a chruthachadh mar uisge òil do dhaoine agus/no dhan ghnìomhachas.
DAMA MUILINN MILL DAM A dam constructed across a stream to raise its water-level and make it available to power a mill wheel. Dama a chaidh a thogail thairis air allt gus ìre an uisge àrdachadh ach an gabh roth-muilinn obrachadh air.
DAOR-THAIGH LOCK UP A prison used for temporary detention. The typical village lock-up was a one-storeyed, one-celled building, sometimes of round or polygonal plan. Prìosan far a bheilear a' cumail an greim daoine fad greis. Bhiodh glas-thaigh àbhaisteach ann am baile beag na thogalach le aon ùrlar agus aon chealla, uaireannan cruinn no ioma-cheàrnach.
DEALBH-TÌRE GNÌOMHACHAIS INDUSTRIAL LANDSCAPE An area containing a range of buildings, structures, transport routes and other features which relate to industrial activity. Àite far a bheil togalaichean, structaran, slighean giùlain agus rudan eile a tha co-cheangailte ri obair gnìomhachais.
DEAS-GHNÀTHAN CRÀBHACH IS TÒRRAIDHEAN RELIGIOUS RITUAL AND FUNERARY
DELICATESSEN DELICATESSEN A shop that sells specialist food and drink products which are prepared and ready-to-serve. Bùth a reiceas biadh is deochannan ullamh sònraichte a tha deiseil ri ithe.
DEPOT DEPOT A centralised store or operating base, where the emphasis is on the distribution and movement of goods rather than on long-term storage. For storage only, use WAREHOUSE. For sites where vehicles are serviced and mainatined, use more specific term where known eg BUS DEPOT. Prìomh-ionad stòrais no obrachaidh a tha gu sònraichte a' dèiligeadh ri sgaoileadh is giùlan bathair seach stòras thairis air an ùine fhada. Airson àite a tha na stòras a-mhàin, cleachd TAIGH-BATHAIR. Airson àite far a bheilear a' seirbheiseadh 's a' càradh charbadan, cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air, m.e. BUS-LANN.
DEPOT BHUSAICHEAN BUS DEPOT A building, with adjacent open areas, in which buses are maintained, usually having an extensive area free from upright columns or stanchions to permit overnight storage, repair bays, stores and an office. Togalach le raointean fosgailte faisg air far a bheilear a' dèanamh obair-ghlèidhidh air busaichean, mar is trice le àite mòr far nach eil colbhan no stàinseanan gus am pàirceadh ann tron oidhche, airson cùiltean càraidh, stòrasan is oifis.
DEPOT OLA OIL STORAGE DEPOT A depot used for the storage of petroleum oil. Taigh-stòir far a bheilear a' stòradh ola peatrail.
DEPOT RÈILE RAILWAY DEPOT A centralised store or operating base for logistical use by industrial, commercial or governmental bodies for the storage of goods, or for the maintenance of trains. Stòr no bunait obrachaidh mheadhanach airson logastachd gnìomhachais, malairt no buidhnean an riaghaltais far an cum iad bathar no airson obair-ghlèidhidh thrèanaichean.
DEPOT THRAMAICHEAN TRAM DEPOT A complex with buildings and structures where trams are serviced, maintained and stored. Aitreabh thogalaichean is structaran far a bheilear a' seirbheiseadh, a' glèidheadh is a' stòradh tramaichean.
DEUCHAINN-LANN LABORATORY A group of buildings or rooms equipped with apparatus for scientific experiments or other research, testing and investigations. Buidheann de thogalaichean no seòmraichean sa bheil acainnean airson deuchainnean saidheansail no rannsachadh, deuchainnean is sgrùdaidhean eile.
DÌDEAN REDOUBT A temporary fortified stronghold or earthwork, either isolated or built inside a permanent fortification as a final defensive measure. Daingean sealach no balla ùir, na aonar no am broinn daingean buan mar àite dìon deireannach.
DÌDEAN OUT WORK
DÌDEAN  DHAINGNICHEAN OUTWORKS A series of defensive features, such as walls, banks and ditches, which protect a building or settlement. Sreath de dh'uidheaman dìona, mar bhallachan, uchdain is dìgean, a dhìonas togalach no tuineachadh.
DÌDEAN  ÙIR EARTHWORK REDOUBT
DÌG DITCH (1) A long, narrow channel dug in the ground, used for irrigation or drainage, as a boundary or as part of a defensive barrier. Seanail fada caol san talamh a chleachdar airson uisgeachadh no traoghadh, mar chrìoch no mar phàirt de bhacadh dìonach.
DÌG MOAT A wide ditch surrounding a building, usually filled with water. Use with relevant site type where known eg CASTLE, TOWER HOUSE. Dìg leathann a tha mun cuairt air togalach, mar is trice le uisge ann. Cleachd seòrsa iomchaidh na làraich ma tha fios air, m.e. CAISTEAL, TAIGH-TÙIR.
DÌG A' BHAILE TOWN DITCH A ditch which forms part of a defensive barrier around a town. Dìg a tha na pàirt de bhacadh dìona mun cuairt air baile.
DÌG ANTI- THANCAICHEAN ANTI TANK DITCH A specifically dug ditch for anti-tank defence, detected by much sharper cut line. Dìg a chaidh a chladhach a dh'aona-ghnothach an aghaidh thancaichean 's a dh'aithnichear air an loidhne a tha fada nas gèire.
DÌG RÒMANACH ROMAN DITCH
DÌG TAIGH TUATHANAICH HOMESTEAD MOAT
DÌG-CHRÌCHE BOUNDARY DITCH A ditch that indicates the limit of an area or a piece of land. Dìg a chomharraicheas crìoch raoin no pìos talmhainn.
DÌGEAN ANTI GLIDER DITCH
DÌGEAN ANTI-GHLAIGHDEARAN ANTI GLIDER DITCHES A series of ditches designed to prevent enemy gliders from being able to land safely. Sreath de dhìgean nach leigeadh le plèanaichean-seòlaidh nàmhad laighe gu sàbhailte.
DÌON DEFENCE
DÌON ANTI-PHLÈANAICHEAN ANTI AIRCRAFT DEFENCES Specialist defences designed to protect against airborne attack. Goireasan sònraichte a dhìonas an aghaidh ionnsaighean adhair.
DÌON-CLADAICH SEA DEFENCES Non-military maritime flood and erosion defences. Dìon an aghaidh tuiltean is bleitheadh mara nach ann leis an arm.
DÌON-CLADAICH SEA BANK
DÌONACHD CUIRP MORT SAFE An iron frame placed over a coffin or at the entrance to a grave to act as a deterrent against resurrectionists. Frèam iarainn a chaidh a chur os cionn ciste-laighe no a chaidh a chur aig doras uaighe gus casg a chur air luchd-aiseirighe.
DIOPAIR   SHEEP DIP A place where sheep are washed to clean their wool and combat diseases and parasites. Àite far an nighear na caoraich ach am bi a' chlòimh aca glan agus mar dhìon o thinneasan is parasaitean.
DIORAMA DIORAMA A building in which a view is projected onto a wall by means of a lens. Togalach sa bheilear a' tilgeil sealladh air balla tro lionsa.
DOCA DOCKYARD An enclosure in which ships are built and repaired, and all sorts of ships' stores are brought together. Lann far a bheilear a' togail 's a' càradh longan agus far a bheilear a' cruinneachadh diofar stòrasan nan long.
DOCA DOCK An artificial area of open water, enclosed by masonry and fitted with dock gates in which ships can be repaired, loaded/unloaded or berthed. Linn fhosgailte fhuadain mun a bheil breigearachd no clachaireachd agus aig a bheil geataichean doca. Tha seo na acarsaid agus airson 's gun urrainnear longan a chàradh ann, na luchdan a thoirt uapa no luchdan a chur orra.
DOCA CANÀIL CANAL DOCK An artificial area of open water, situated on a canal, enclosed by masonry and fitted with dock gates in which ships can be repaired, loaded/unloaded or berthed. Linn fhosgailte fhuadain ann an canal mun a bheil breigearachd no clachaireachd agus aig a bheil geataichean doca. Tha seo na acarsaid agus airson 's gun urrainnear longan a chàradh ann, na luchdan a thoirt uapa no luchdan a chur orra.
DOCA FLEÒDRAIDH FLOATING DOCK A floating structure consisting of two walls standing on pontoon tanks, the latter of which can be flooded to receive a vessel and then pumped out until the pontoon deck and the ship are dry. Structar air fleòd aig a bheil dà bhalla a tha nan seasamh air tancaichean. Gabhaidh uisge a chur sna tancaichean airson soitheach a ghluasad air agus gabhaidh a phumpadh a-mach an uairsin gus am bi an deic agus an soitheach tioram.
DOCA NÈIBHIDH NAVAL DOCKYARD A naval base that builds, repairs, docks, converts or resupplies warships, and is manned by civilian engineers and workers and administered by engineer duty officers. Bunait a' chabhlaich far a bheilear a' togail, a' càradh, a' docachadh, ag iompachadh is ag ath-sholar longan-cogaidh. Bidh luchd-obrach agus einnseanairean-togalach ag obair ann fo rianachd oifigearan-dleastanais einnseanaireachd.
DOCA-CIDHE STAITH A waterside depot for coals brought from the collieries for shipment, furnished with staging and chutes for loading vessels. Taigh-stòir ri taobh an uisge airson gual a thàinig o na h-ionadan guaillearachd airson a sheòladh gu àite eile, le làimhrigean is spùtain airson luchd a chur air soitheach.
DOCA-TIONNDAIDH DOCK BASIN An enclosed area of water within a dock system, typically for turning (canting) ships and to be distinguished from enclosed docks used for loading and unloading. Uisgeadan iadhta a tha na phàirt de shiostam doca, mar is trice airson longan a thionndadh agus eadar-dhealaichte o dhocannan dùinte far a bheilear a' toirt bathar far longan no ga luchdadh orra.
DOCA-TIORAM DRY DOCK A stone- or concrete-faced enclosure, with entrance closed by a floatable caisson or by gates, which can be pumped dry for inspection, maintenance or repair of hull or underwater fittings. Lann cloiche no concrait aig a bheil doras a thathar a' dùnadh le caisson air fleòd no geataichean agus a ghabhas a thraoghadh ach an urrainnear sligean longan no acainnean a tha fon loidhne-shnàimh a sgrùdadh, a ghlèidheadh no a chàradh.
DOCA-TIORAM GRAVING DOCK A dry dock where the hulls of ships are repaired and maintained. Doca-tioram far a bheilear a' dèanamh obair-chàraidh is obair-ghlèidhidh air sligean longan.
DOCAICHEAN  CANÀIL CANAL BASIN An open area of water, usually artificial, and enclosed by dock gates or locks, lined with wharves and warehouses, where barges, narrow boats and other canal vessels can load and unload goods and supplies. Uisgeadan fosgailte, mar is trice fear fuadain, mun a bheil docannan-tioram no locan, cidheachan-tìreachaidh is taighean-bathair far an urrainn bathar is goireasan a thoirt far bhàrcannan, bhàtaichean caola 's shoithichean canail eile no an gluasad orra.
DÒID PENDICLE A small dependent holding of a farm. Gabhaltas beag a tha an eisimeil do thuathanas.
Dòm Dome
DORAS-IONNSAIGH SALLYPORT A small gateway cut through a curtain wall or its flanking towers. Used primarily as an outlet for counter-attacking forces. Bealach beag a chaidh a ghearradh tro aghaidh-thogalaich chùirtearach no na tùir ri taobh. Chaidh seo a chleachdadh mar is trice mar doras a-mach gus ionnsaigh a thoirt air nàmhaid.
DRÈAN DITCH A long, narrow channel dug in the ground, used for irrigation or drainage, as a boundary or as part of a defensive barrier. Seanail fada caol san talamh a chleachdar airson uisgeachadh no traoghadh, mar chrìoch no mar phàirt de bhacadh dìonach.
DRÈAN DRAIN An artificial channel for draining liquids. Cladhan fuadain airson lionntan a thraoghadh air falbh.
DRÈAN DHÙINTE FIELD DRAIN An unsocketed wooden, earthenware or porous concrete pipe laid end to end unjointed so as to drain the ground. Pìob fiodha, criadha no concrait pòrasach gun socaidean a laighear, ceann ri ceann, gus talamh a dhrèanadh.
DRÈAN ÒTRACHAIS SEWER A drain or conduit which carries away sewage and waste water. Cladhan no seòl-phìob a bheir air falbh òtrachas agus uisge sgudail.
DROCHAID BRIDGE A structure which spans and provides passage across an obstacle, such as a river, road, ravine or railway. Use specific term where known. Structar a tha a' dol thairis cnap-starra 's a bheir cothrom siubhail thairis air, can abhainn, rathad, mòr-ghil no rathad-iarainn. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
DROCHAID CANÀIL CANAL BRIDGE A bridge over a canal. Drochaid thairis air canal.
DROCHAID CEUM-TARRAING ROVING BRIDGE A bridge which takes the towpath across the canal. Drochaid far a bheil an ceum-tarraing a' dol thairis air a' chanal.
DROCHAID CHANÀIL CANAL VIADUCT
DROCHAID CHARBADAN-SIUBHAIL VIADUCT A bridge, usually resting on a series or arches, carrying roadways or railways over low-lying areas. Drochaid, mar is trice na laighe air sreath de bhoghachan a bheir rathad no rathad-iarainn thairis air talamh ìseal.
DROCHAID CRANN-TOGAIL TRANSPORTER BRIDGE A bridge consisting of a lattice girder spanning the distance between the tops of two towers. Designed to transport vehicles across the gap in a container suspended at road level under a travelling crane on the girder. Drochaid a tha na theannadair laitise a tha a' dol eadar barr dà thùr. Air a dhealbhadh gus carbadan a ghluasad thairis air a' bheàrn ann am bogsa-luchd a tha crochte ris aig àirde an rathaid fo chrann-togail air an teannadair.
Drochaid Dhè Old Brig O'Dee (Invercauld Bridge)
DROCHAID FLEÒDAIDH PONTOON A floating structure, generally temporary, supported on low flat-bottomed or hollow floats. Used in dock or harbour construction works, as well as military supply purposes. Structar air fleòd, mar is trice fear sealach, air fleòdragan ìseal le druim còmhnard no feadhainn a tha falamh. Cleachdar seo ann an obair-thogail doca no calaidh agus san arm airson bathar a ghiùlan.
DROCHAID GHLUASADACH MOVABLE BRIDGE A type of bridge which has machinery and movable elements, eg. to allow vessels to pass. Seòrsa de dhrochaid aig a bheil acainnean is eileamaidean gluasadach, m.e. gus soithichean a leigeil seachad.
DROCHAID IARAINN IRON BRIDGE
Drochaid Omhaich Dredge Bridge
DROCHAID PÌOBA PIPE BRIDGE A bridge for carrying pipes between buildings or working areas, and sometimes over obstacles such as rivers, gorges etc. Drochaid a ghiùlaineas pìoban eadar togalaichean no àitichean-obrach, uaireannan thairis air cnapan-starra mar aibhnichean no mòr-ghil.
DROCHAID SGEADACHAIL ORNAMENTAL BRIDGE A bridge built to enhance or compliment the surrounding landscape. Mainly found on estates or in parkland and usually 18th and 19th century. Drochaid a chaidh a thogail gus dreach na tìre mun cuairt oirre a leasachadh. Gheibhear seo mar is trice air oighreachdan no ann am pàircichean às an 18mh is an 19mh linn.
DROCHAID SHÌONACH CHINESE BRIDGE
DROCHAID SLABHRAIDH CHAIN BRIDGE
DROCHAID-BHOGADAIN BASCULE BRIDGE A bridge that incorporates one or two spans that tilt at the abutments, to move up and out of the way of shipping. Drochaid aig a bheil ruigheachd no dhà a chlaoineas aig na fàrlarasan ach an gabh a gluasad suas, às an rathad de luingeas.
DROCHAID-CHOISE FOOTBRIDGE A narrow bridge for people and animals to cross on foot. Drochaid chaol a choisicheas daoine 's beathaichean thairis oirre.
DROCHAID-CHOISE CHROCHTE SUSPENSION FOOTBRIDGE A footbridge whose deck is hung from above by large cables, chains or pinned iron or steel bars hanging from towers. Drochaid-choise a tha an deic aice crochte ri càballan, slabhraidhean no bàraichean iarainn no stàilinn phrìnichte a tha iad fhèin a' crochadh ri tùir.
DROCHAID-CHROCHTE SUSPENSION BRIDGE A bridge whose deck is hung from above by large cables, chains or pinned iron or steel bars suspended from towers. Drochaid a tha an deic aice crochte ri càballan, slabhraidhean no bàraichean iarainn no stàilinn phrìnichte a tha iad fhèin a' crochadh ri tùir.
DROCHAID-LEACAN CLAPPER BRIDGE A simple form of stone slab bridge. Drochaid shimplidh de leacan.
DROCHAID-RATHAID ROAD BRIDGE A bridge carrying a road over land or water. Drochaid air a bheil rathad a tha a' dol thairis air talmhainn no uisge.
Drochaid-rathaid Leaderfoot Leaderfoot Viaduct
DROCHAID-RÈILE RAILWAY BRIDGE A bridge carrying a railway track across a river, valley, road etc. Drochaid air a bheil rathad-iarrainn a tha a' dol thairis air abhainn, gleann, rathad is msaa.
DROCHAID-RÈILE RAILWAY VIADUCT A bridge, usually raised on a series of arches, which carries a railway across a valley, watercourse or low-lying land. Drochaid, mar is trice tè thogte air grunn bhoghachan agus air a bheil rathad-iarainn a' dol thairis air gleann, abhainn no talamh ìseal.
DROCHAID-THIONNDAIN SWING BRIDGE A movable bridge that swings or rotates around a central pier to provide a passageway for navigation. Drochaid ghluasadach a thionndaidheas no a chuairticheas mu cheidhe mheadhanach airson 's gum faigh luingeas seachad air.
DROCHAID-THOGALACH DRAWBRIDGE (1) A movable bridge lifted at one end by chains or ropes either to stop traffic passing over it or to let traffic pass under it. Drochaid ghluasadach as urrainnear togail air aon cheann le slabhraidhean no ròpannan airson 's nach tèid trafaig thairis tuilleadh no airson trafaig a leigeil seachad foidhpe.
DROCHAID-THOGALACH LIFT BRIDGE A bridge that incorporates a span that moves upwards vertically to provide a passageway for navigation. Drochaid aig a bheil ruigheachd a tha a' dol dìreach an àirde gus slighe fhosgladh do luingeas.
DROCHAID-THOGALACH LIFTING BRIDGE
DROCHAID-TOMHAIS WEIGHBRIDGE A platform scale, flush with the road, for weighing vehicles, cattle etc. Meidh-ùrlair a tha co-rèidh ris an rathad, airson cudrom charbadan, cruidh is rudan mar sin a thomhas.
DRONNAG CHOINEANACH PILLOW MOUND An artificial mound used to farm rabbits. Usually flat-topped and rectangular, and often surrounded by a shallow ditch. Druim beag a chaidh a thogail airson àrach choineanach. Mar is trice bhiodh iad ceart-cheàrnach le mullach rèidh orra agus dìg eu-domhain mun cuairt orra.
Druchtag Motte Druchtag Motte
Dualchas Mara na h-Alba Scotlands Marine heritage
Dualchas na Cruinne World Heritage
DÙDACH CEÒTHA FOG HORN A structure found on lighthouses, piers, etc., capable of emitting a loud noise to warn shipping in foggy weather. Structar a gheibhear air taighean-solais, làimhrigean is msaa a tha comasach air fuaim àrd a dhèanamh mar rabhadh do bhàtaichean nuair a bhios an aimsir ceòthach.
Dùghlais, Caibeal Naomh Bhrìde Douglas, St Bride's Chapel
Duibhleitir Dullatur
Dùin Ghlinn Eilg Glenelg Brochs
DÙN MOTTE A steep-sided artificial mound on which the principal tower of a castle is set. Torr fuadain cas air a bheil prìomh-tùr caisteil.
DÙN BROCH An Iron Age round defended house, found mainly in the north and west of Scotland. Brochs have a tapering profile and thick, usually hollow dry stone walls which contain galleries, cells and a stairway, with guard cells at the entrance. Taigh-dìon cruinn à linn an iarainn a gheibhear mar is trice san iar agus gu tuath ann an Alba. Tha ceann-caol air brugh agus ballachan cobhaireachd (mar is trice) tiugha sa bheil gailearaidhean, ceallan agus staidhir le ceallan freiceadain aig an doras mhòr.
DÙN DUN A building or settlement enclosure with a thick drystone wall, generally circular or oval in plan, usually sited in an elevated position. Togalach no tuineachadh le gàrradh tiugh, mar is trice cruinn no ugh-chruthach agus air talamh àrd.
DÙN FORT An enclosure, often located on a hilltop, bounded by one or more banks, ditches, ramparts or walls. Use for prehistoric and early historic sites. Lann, gu math tric air mullach cnuic, a tha co-dhiù aon uchdan, dìg, rampair no balla mun cuairt air. Cleachd airson làraichean ro-eachdraidheil agus tràth-eachdraidheil.
Dùn a' Bharra Shalaich Barsalloch Fort
Dùn Ad Dunadd Fort
DÙN BALAIST BALLAST MOUND A spoil tip of dumped ballast, deposited from merchant vessels prior to loading cargo, and usually found in estuarine contexts near harbours. Torr air an deach balaist a thilgeil o shoithichean mharsantan mus deach carago a luchdadh orra. Gheibhear iad seo ann an inbhirean faisg air calaidhean mar is trice.
Dùn Chàrlabhaigh Dun Carloway Broch
Dùn Chesters Chesters Hill Fort    
DÙN CHLACH-LOISGTE VITRIFIED FORT
DÙN CHLACHAN LOISGTE BURNT MOUND A mound of fire-cracked stone, often set beside a stream and including a trough or pit which may have been lined with clay, wood or stone. Assumed to be a location where heated stones were used to boil water for cooking purposes. Càrn chlachan a chaidh an sgàineadh le teine, gu math tric ri taobh uillt agus le amar no sloc a bha uaireannan air a lìnigeadh le criadh, fiodh no clachan. Thathar dhen bheachd gun robh daoine a' cleachdadh clachan teasaichte an-seo gus uisge a thoirt gu goil airson còcaireachd.
Dùn Dornaigil Broch of Durness
DÙN IS GÀRRADH MOTTE AND BAILEY An early form of castle consisting of a flat-topped, steep-sided earthen mound, supporting a wooden tower, and accompanied by a bailey. Nàdar a chaisteal tràth le tùr fiodha air tom ùir corrach air a bheil mullach rèidh agus mun a bheil foir-dhùin.
Dùn Law Castlelaw Fort
DÙN LE GAILEARAIDHEAN GALLERIED DUN A building or settlement enclosure, generally circular or oval in plan, with a double-skinned dry stone wall which often contains galleries and a stairway. Usually sited in an elevated position. Dùn, mar is trice cruinn no ugh-chruthach na chruth, le balla-cobhaireachd dà-aodannach sa bheil gailearaidhean agus staidhir gu math tric. Mar is trice air talamh àrd.
DÙN RUBHA PROMONTORY FORT A defensive enclosure created by constructing one or more lines of ramparts across a neck of land, in order to defend, or restrict access to, a spur or promontory, either inland or on the coast. Use for prehistoric and early historic sites. Lann dhìonach far an deach co-dhiù aon sreath de rampairean a thogail tarsainn air caol rubha mar ghleus dìonach no gus smachd a chumail air inntrigeadh do rubha no rinn, an dà chuid am broinn no dùthcha no air a' chladach. Cleachd airson làraichean ro-eachdraidheil agus tràth-eachdraidheil.
DÙN SGUDAIL SPOIL HEAP A mound of waste material derived from industrial activity. Torr de sgudal a chaidh a chruthachadh le gnìomhachasan.
DÙN SGUDAIL SPOIL TIP
DÙN SGUDAL MÈINNIDH SLAG HILL
DÙN SHLIGEAN SHELL MOUND
Dùn Talla Edin Edin's Hall Broch
Dùn Trodain Dun Troddann Broch
DÙN-SGUDAIL  BLUMAIREACHD BLOOMERY MOUND A mound of waste material produced by simple iron smelting. Torr mòr de sgudal a dh'èirich ri linn leaghadh simplidh de dh'iarann.
DÙN-SGUDAIL CLACH-OLA SHALE BING A spoil heap located adjacent to a shale-oil mine and oil works, consisting of waste produced from the retorts in which mined shale was roasted to produce a range of oil products, such as paraffin and wax. Torr cartaidh, faisg air mèinn ola cloiche-guail agus FACTARAIDH ola, sa bheil an sgudal a thig às na soithichean san robhar a' ròstadh na cloiche-ghuail gus diofar bathar ola a dhèanamh mar phaireafain is cèir.
DÙN-SGUDAIL GUAIL BING A spoil heap, often very large, consisting of waste products produced by mining. Torr treamsgail, gu math tric glè mhòr, de sgudal a dh'èirich à obair mèinnearachd.
DÙN-SGUDAIL LEAGHADAIREAN SLAG HEAP A spoil heap consisting mainly of slag, pieces of refuse material separated from a metal during the smelting process. Torr cartaidh sa bheil, gu sònraichte, treamsgal agus pìosan de sgudal a dh'èirich an cois leaghadh meatailte à clach-mhèinnir.
DÙN-SGUDAIL MÈINNE COAL BING A heap of waste material derived from coal mining. Torr de sgudal a chaidh a dh'èirich à mèinnearachd guail.
DÙNAN   FORTLET A small Roman military installation, generally built as an outpost for 80 soldiers or fewer, usually defended by a single rampart and ditch, and containing accommodation for troops and officers, together with stores and ancillary buildings. Daingean beag arm na Ròimhe, mar is trice na ghearastan-blàir do 80 saighdear no nas lugha dhiubh, ga dhìon le aon rampair is dìg agus le àitichean-fuirich airson feachd is oifigearan, còmhla ri stòrasan is togalaichean eile.

Share