Learn

Faclair Gàidhlig - Gaelic Thesaurus

Fàilte. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.

Welcome. Historic Environment Scotland have created this Gaelic Thesaurus to provide users with translations from English to Gaelic and Gaelic to English for the part of the vocabulary relevant to safeguarding the nation's historic environment.

Neo tagh litir / Browse by letter:

Beurla / English

Gàidhlig / Gaelic

English Term Facal Gàidhlig English Note Nota Gàidhlig Audio
FABRIC FACTORY FACTARAIDH STUTHAN-AODAICH
FABRICATION SHED SEADA TOGAIL A covered area for making large engineered constructions such as sections of ships or bridges. Raon le mullach air far a bheilear a' dèanamh co-structaran einnseanaireachd mòra mar phìosan de longan no drochaidean.
FABRICATION YARD GÀRRADH SAOTHRACHAIDH An industrial facility for making large engineered constructions such as sections of ships or bridges. Ionad gnìomhachais far a bheilear a' dèanamh co-structaran einnseanaireachd mòra mar phìosan de longan no drochaidean.
FACTORY FACTARAIDH A building or complex, housing machinery for manufacturing purposes. Use specific term where known. Togalach no aitreabh sa bheil innealan airson saothrachadh bathair. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
FACULTY BUILDING TOGALACH ROINNE A departmental building within a college or university where a particular subject is taught and administered. Togalach roinne aig colaiste no oilthigh far a bheilear a' teagasg no a' rianachd cuspair sònraichte.
FAIR FAIDHIR A site where a periodical gathering of buyers, sellers and entertainers, meet at a time ordained by charter, statute or by ancient custom. Làrach far a bheil ceannaichean, reiceadairean is fèistearan a' cruinneachadh o àm gu àm, aig amannan a-rèir banna sgrìobhte, achd no gnàths àrsaidh.
FAIRGROUND RAON FAIDHIR
Falkland Palace Lùchairt Falkland
FANK FAING
FANNER NEACH-FHASGNAIDH
FARINA MILL MUILEANN-FARINA A mill where farina is produced for human consumption. Muileann far a bheilear a' dèanamh farina a dh'itheas daoine.
FARM TUATHANAS A tract of land, often including a farmhouse and ancillary buildings, used for the purpose of cultivation and the rearing of livestock, etc. Use more specific type where known. Fearann, mar is trice le taigh-tuathanais agus togalaichean co-cheangailte ris, airson àiteachas is àrach cruidh is msaa. Cleachd seòrsa na mionaidiche ma tha fhios.
FARM BUILDING TOGALACH TUATHANAIS A building or structure found on a farm. Use more specific term where known. Togalach no structar air tuathanas. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
FARM LABOURERS COTTAGE COTAIDS SGALAGAN TUATHANAIS The dwelling place of a farm worker. Àite-còmhnaidh aig neach-obrach tuathanais.
FARMHOUSE TAIGH-TUATHANAIS The main dwelling-house attached to a farm. Prìomh thaigh-còmhnaidh air tuathanas.
FARMSTEAD BAILE-FEARAINN A farmhouse and ancillary farm buildings forming a group. Taigh-tuathanais agus togalaichean tuathanais co-cheangailte ris cruinn còmhla.
FARMYARD CLOBHSA A yard or enclosure attached to a farmhouse, usually surrounded by other farm buildings. Cuidh no buaileag co-cheangailte ri taigh-tuathanais, mar is trice le togalaichean tuathanais eile mun cuairt air.
FARMYARD (1) SGUÈATHAR A yard or enclosure attached to a farmhouse, usually surrounded by other farm buildings. Cuidh no buaileag co-cheangailte ri taigh-tuathanais, mar is trice le togalaichean tuathanais eile mun cuairt air.
FEED BIN STANCE TOMAN BIADHAIDH A circular or rectangular lump surrounded by a shallow depression, often with a slightly raised external lip, formed by cattle trampling around a feed bin. Usually seen as earthwork remains, but sometimes as cropmarks. Meall cearcallach no ceart-cheàrnach tha tha lagan eu-domhain mun cuairt air, gu tric le bile caran togte a nochd ri linn stampadh a' chruidh mun cuairt air biona biadhtaidh. Chithear seo mar iarsmaidhean uchdan-ùire mar is trice ach uaireannan mar chomharran-barra.
FEED MILL MUILEANN-BIADHAIDH
FEED WORKS FACTARAIDH BIADHAIDH A building or site for the manufacture of animal feed. Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh biadh bheathaichean.
FELDSPAR QUARRY CUARAIDH FELDSPAR A site where feldspar is extracted.  Feldspar is commonly used in the production of ceramics. Làrach far a bheilear a' dùsgadh feldspar.  Cleachdar feldspar gu tric ann an saothrachadh criadhadaireachd.
FELSITE QUARRY CUARAIDH FEALSAIT A site where felsite is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh fealsait.
FELSPAR QUARRY CUARAIDH FELDSPAR Non preferred term. Use FELDSPAR QUARRY. Dàrna roghainn a bhriathar. Cleachd CUARAIDH FELDSPAR.
FENCE FEANSA A construction of wood or metal used to enclose an area of land, a building, etc. Structar fiodha no meatailt a tha ag iadhadh pìos talmhainn, togalach no msaa.
FERMTOUN BAILE-FEARAINN
FERNERY (GARDEN) GÀRRADH RAINICH Area of a garden for the cultivation of ferns. Àite ann an gàrradh far a bheilear a' toirt fàs air raineach.
FERNERY (GLASSHOUSE) TAIGH-GLAINNE RAINICH A glasshouse for the cultivation of ferns. Taigh-glaine far a bheilear a' toirt fàs air raineach.
FERRY TERMINAL PORT-AISEIG An area of a port, dock or harbour, often including buildings for passport control and customs, where passengers and vehicles using ferry services can embark/disembark and where supplies can be taken on board. Raon aig port, doca no cala, gu math tric le togalaichean airson sgrùdadh nan cead-siubhail agus seirbheis na cusbainn far an urrainn do luchd-siubhail agus carbadan a chleachdas aiseagan a dhol air bòrd/a thighinn far bòrd nan aiseagan agus far an urrainnear bathar a chur air bòrd.
FERRYKEEPERS COTTAGE TAIGH AN AISEIG The residence of a ferrykeeper. Taigh-còmhnaidh fear an aiseig.
FERTILIZER WORKS FACTARAIDH TODHAIR A building or site used for the production of both chemical and organic fertilizer. Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh an dà chuid mathachadh ceimigeach is nàdarra.
FEVER HOSPITAL OSPADAL FIABHRAIS
FIBRE GLASS WORKS FACTARAIDH SNÀITHLEACH-GLAINNE A site where objects are manufactured from fibre-glass. Làrach far a bheilear a' dèanamh nithean de ghlainne-shnàithlichean.
FIELD ACHADH
FIELD (1) PÀIRC
FIELD BANK BALLA ACHAIDH
FIELD BOUNDARY CRÌOCH ACHAIDH A fence, wall or other boundary enclosing a field. Use only for fragmentary remains; otherwise use FIELD SYSTEM. Feansa, balla no crìoch eile a tha mun cuairt air achadh. Na cleachd seo ach mas e iarsmadh bloigheach a tha ann; mur eil, cleachd SIOSTAM ACHAIDHEAN na àite.
FIELD CLEARANCE CAIRN CÀRN CHLACHAN ACHAIDH
FIELD DRAIN DRÈAN DHÙINTE An unsocketed wooden, earthenware or porous concrete pipe laid end to end unjointed so as to drain the ground. Pìob fiodha, criadha no concrait pòrasach gun socaidean a laighear, ceann ri ceann, gus talamh a dhrèanadh.
FIELD SYSTEM SIOSTAM ACHAIDHEAN An area of land, often enclosed, used for cultivation or the grazing of livestock. Includes both single enclosures and more complex groups of fields. Fearann, gu math tric na gheàrraidh, airson àiteachas no ionaltradh a' chruidh. Gabhaidh seo a-steach geàrraidhean leotha fhèin no buidhnean de dh'achaidhean.
FIELD WALL BALLA ACHAIDH
FILEMAKERS WORKSHOP BÙTH-OBRACH EIGHEACHAN A workshop where files and other grinding tools are made. Buth-obrach far a bheilear a' dèanamh eigheachan is inneal bleith eile.
FILTER BED GRUNND SÌOLAIDH A tank or pond containing a layer of sand etc., for filtering large quantities of liquid. Tanca no linn sa bheil breath gainmhich no rud mar sin airson tòrr mòr uisge a shìoladh.
FILTER HOUSE TAIGH-SÌOLAIDH A building containing apparatus for the removal of large pieces of detritus from a water supply. Togalach sa bheil acainnean a thogas pìosan mòra de phronnas à solar uisge,
FINDSPOT ÀITE-LORG The approximate location at which stray finds of artefacts were found. Index with object name. An t-àite mu thuaiream far an deach sgapadh de nithean a lorg. Cuir ainm an nì air a' chlàr-amais.
Finials sgeadachaidhean-mullaich
FIRE BRICK MANUFACTORY FACTARAIDH BHREIGEACHAN-TEINE
FIRE BRICK WORKS FACTARAIDH BHREIGEACHAN-TEINE A factory where fire bricks are made. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh breigean-teine.
FIRE CLAY MINE MÈINN CRÈADH-TEINE A site where fire clay is mined from the ground. Làrach far a bheilear a' dùsgadh criadh-theine às an talamh.
FIRE CLAY WORKS FACTARAIDH CRÈADH-TEINE A building or site used for the production of bricks and other items, from a clay with refractory properties. Togalach no làrach far a bheilear a' dèanamh breigean no nithean eile de chriadh theas-fhulangach.
FIRE STATION STÈISEAN-SMÀLAIDH A civic building housing fire engines and a permanent fire-fighting force. Togalach catharra sa bheil na h-einnseanan-smàlaidh agus feachd-smàlaidh buan.
FIRING RANGE RAINNSE LOSGAIDH A piece of ground over which small arms or artillery may be fired at targets. Pìos talmhainn a thathar a' losgadh buill-airm bheaga no gunnaichean-mòra thairis air a dh'ionnsaigh targaidean.
FIRING TARGET TARGAID LOSGAIDH
Firth of Clyde Linne Chluaidh
Firth of Forth Linne Fhoirthe
FISH CURING BUILDING TOGALACH CIÙRADH ÈISG A building where fish is cured. Togalach a bheilear a' ciùradh iasg.
FISH CURING FACTORY FACTARAIDH CIÙRADH ÈISG
FISH CURING HOUSE TAIGH-CIÙRAIDH ÈISG
FISH CURING PLANT FACTARAIDH CIÙRADH ÈISG A commercial facility where fish is cured. Ionad coimearsalta far a bheilear a' ciùradh iasg.
FISH CURING WORKS FACTARAIDH CIÙRADH ÈISG
FISH CURING YARD GÀRRADH CIÙRADH ÈISG An outdoor site where fish curing processes are carried out. Làrach a-muigh far a bheilear ri ciùradh iasg.
FISH FARM TUATHANAS-ÈISG A farm with a pond, river, lake or tanks where fish are kept and bred for commercial purposes. Tuathanas le linn, abhainn no loch far a bheilear a' cumail 's ag àrach iasg gus a reic.
FISH HATCHERY IONAD-ÀRAICH ÈISG A facility where fish fry are hatched and raised. Ionad far a bheil mion-iasg ga ghur is ga àrach.
FISH HOUSE STÒR-ÈISG A building used for the storage of fish. Togalach far a bheilear a' stòradh iasg.
FISH LADDER FÀRADH-ÈISG A series of steps designed to enable fish to ascend a fall of water or a dam. Staidhir a chaidh a dhealbhadh dhan iasg airson 's gum faigh iad seachad air uisge a' tuiteam no dama.
FISH MARKET MARGAID ÈISG A market where fish is sold. Margaid far a bheilear a' reic iasg.
FISH POND LÒN-ÈISG
FISH PROCESSING FACTORY FACTARAIDH GIULLACHD ÈISG A factory where fish are processed into food and other products. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh biadh no bathar eile de dh'iasg.
FISH PROCESSING PLANT IONAD GIULLACHD ÈISG
FISH PROCESSING SITE IONAD-GIULLACHD  ÈISG A place where fish are processed after being caught. Àite far a bheilear a' giullachd iasg 's iad air an glacadh.
FISH PROCESSING WORKS IONAD GIULLACHD ÈISG
FISH SMOKING HOUSE TAIGH-RÈISTIDH ÈISG
FISH SMOKING KILN ÀTH-RÈISTIDH ÈISG A kiln used for the hot smoking of fish.  For cold smoking use SMOKEHOUSE. Àth airson toiteadh teth èisg.  Airson toiteadh fuar, cleachd TAIGH-TOITIDH.
FISH TRAP CARAIDH A device for catching fish, sometimes a fence or enclosure of stakes made in a river, harbour, etc. Acainn airson iasg a ghlacadh, uaireannan bidh seo na fheansa no crò de phuist ann an abhainn, cala 's àitichean mar sin.
FISH TRAPS CARAIDHEAN
FISH WORKS FACTARAIDH ÈISG
FISHERMANS MISSION MISEAN NAN IASGAIREAN
FISHERMENS FASTENER CEAPADH-IASGAICH An unidentified feature on the seabed recorded by fishermen as an obstruction to trawling.   Rud neo-aithnichte air grunnd na mara a chaidh a chlàradh le iasgairean 's e na bhacadh iasgaich.  
FISHERMENS MISSION MISEAN NAN IASGAIREAN A lodging house and refuge for fishermen in port villages and towns. Taigh-loidsig agus tèarmann iasgairean ann am bailtean-iasgaich.
FISHERY IASGACH An area where fish are naturally present, such as part of a river. Àite far am faighear iasg gu nàdarra, can abhainn.
FISHING BOTHY BOTHAN IASGAICH A building used by fishermen as temporary lodgings. Togalach a chleachdas iasgairean mar àite-fuirich sealach.
FISHING LODGE LOIDSE-IASGAICH A building used by fishing parties, often located on an estate. Togalach a tha ga chleachdadh le buidhnean iasgaich, mar is trice air oighreachd.
FISHING SITE IONAD-IASGAICH A site with buildings and structures associated with fishing or fish farming. Làrach far a bheil togalaichean is structaran co-cheangailte ris an iasgach no tuathanachas èisg.
FISHING STAND LÀRACH IASGAICH A platform used by fishermen, often made of beach cobbles, and located on the foreshore. ùrlar a chleachdas iasgairean, gu math tric bidh seo air a dhèanamh de chlachan-càsaidh tràghad agus air an t-seal-mhara.
FISHING STATION STÈISEAN-IASGAICH A site with buildings and structures specifically designed for the landing and initial processing of fish. Often located in a remote or inaccessible area. Làrach air a bheil togalaichean is structaran a tha gu sònraichte airson tìreachadh is ciad ghiullachd an èisg. Gu tric ann an àite iomallach no àite nach ruigear gu furasta.
FISHING STORE STÒR BATHAR-IASGAICH
FISHMONGERS BÙTH-ÈISG
FISHMONGERS SHOP BÙTH-ÈISG A shop where fish is sold. Bùth far a bheilear a' reic iasg.
FISHPOND LÒN-ÈISG A pond used for the rearing, breeding, sorting and storing of fish. Poll far a bheilear ag àrach, a' briodadh, a' seòrsachadh agus a' stòradh iasg.
FIVES COURT CÙIRT TEANAS-LÀIMHE A place for playing Fives, a game resembling tennis involving a ball and a wall. Cùirt far an cluichear teanas-làimhe, geama a tha coltach ri teanas anns a bheil feum air ball agus balla.
FLAGPOLE BRAT-CHRANN A freestanding staff upon which a flag is hung. Crann a sheasas leis fhèin agus air an tèid bratach a chrochadh.
FLAGSTAFF BRAT-CHRANN
FLAGSTONE QUARRY CUARAIDH LEACAN
FLAGSTONE WORKS FACTARAIDH LEACAN-CLOICHE A site where finely laminated sedimentary rock is cut, shaped and worked into finished flagstones. Làrach far a bheilear a' gearradh, a' cruthachadh 's ag obrachadh clach ghrùideach sa bheil breathan fìnealta na leacan ullamh.
FLAT FLAT A dwelling of one or more rooms within a building. Àite-còmhnaidh aig a bheil co-dhiù aon seòmar am broinn togalaich.
FLATS FLATAICHEAN Dwellings occupying all or part of one floor of a tenement or other multi-storey block. Àitichean-còmhnaidh a tha a' lìonadh cuid a dh'ùrlar no ùrlar air fad ann an teanamant no bloca ioma-ùrlarach eile.
FLAX DRESSING SHOP BÙTH SGUIDSEADH LÌN A building used for the preparatory processes in which long and short staple flax fibres were separated by passing through combs. Flaxdressing or 'heckling' shops may be located both on and off mill sites. Togalach far an robhar ag ullachadh lìon, le bhith a' sgaradh teudagan-stapaill goirid is fada ann an cìrean. Faodaidh bùithtean sguidseadh lìn no seiclidh a bhith an dà chuir air làrach muilinn no far na làraich.
FLAX KILN ÀTH-LÌN A kiln for drying flax straw after retting and prior to processing. Àth far a bheilear a' tiormachadh cuiseagan lìn an dèidh a' bhàthaidh agus mus tèid a ghiullachd.
FLAX MILL MUILEANN-LÌN A mill where flax is processed to make linen, thread and yarn. Muileann far a bheilear a' giullachd lìon gus lìon-aodach is snàth a dhèanamh.
FLAX SPINNING WORKS FACTARAIDH SNÌOMH LÌN
FLAX STORE STÒR LÌN A building where flax is stored before processing. Togalach far an cumar lìon mus deach a ghiullachd.
FLEECING TABLE BÒRD-NIGHE CHAORACH A bench with slats used for bathing sheep. Being le lataichean a thathar a' cleachdadh gus caoraich a nighe.
FLINT DEPOSIT RAON CLACH-SPOR A natural accumulation of flint in the form of gravel, pebbles, nodules and boulders. Recorded for its suitability for tool manufacture. Co-chàrnadh nàdarra de chlach-theine an cruth grinneil, molagan, nòidealan is ulpagan. Air a chlàradh a chionn 's gu bheil e freagarrach airson saothrachadh innealan.
FLINT GLASS FACTORY FACTARAIDH GLAINNE CLACH-SPOR
FLINT MILL MUILEANN  CHLACH-SPOR A mill for crushing flint. Crushed flint was used as a source of silica for the manufacture of pottery glazes. Muileann a bhriseas clachan-teine. Bhite a' tarraing silica à clachan-teine briste airson glainneachadh criadhadaireachd.
FLINT MINE MÈINN CLACH-SPOR A subterranean excavation made for the purposes of flint extraction. Cladach fon talamh gus clach-theine a dhùsgadh ann.
FLINT SCATTER SGAPADH IARMADAN CLACH-SPOR A spatially discrete, though sometimes extensive, scatter of flint artefacts and knapping debris recovered from the surface, e.g.. by fieldwalking, rather than from a particular archaeological context. Sgapadh (gu math mòr uaireannan) fuigheall cloiche-teine agus obair na cloiche-teine a tha air leth o chèile 's a chaidh a thogail o uachdar na talmhainn, m.e. a' coiseachd na sgìre seach à co-theacsa àrc-eòlach àraidh.
FLINT WORKING SITE LÀRACH OBAIR CLACH-SPOR
FLOATING CRANE CRANN-TOGAIL FLEÒDRAIDH A dockyard crane permanently mounted on a lighter. Crann-togail air doca a chaidh a thogail gu buan air gàbart.
FLOATING DOCK DOCA FLEÒDRAIDH A floating structure consisting of two walls standing on pontoon tanks, the latter of which can be flooded to receive a vessel and then pumped out until the pontoon deck and the ship are dry. Structar air fleòd aig a bheil dà bhalla a tha nan seasamh air tancaichean. Gabhaidh uisge a chur sna tancaichean airson soitheach a ghluasad air agus gabhaidh a phumpadh a-mach an uairsin gus am bi an deic agus an soitheach tioram.
FLOATING HARBOUR CALA FLEÒDRAIDH A harbour constructed from floating pontoons or caissons connected end to end. Cala a chaidh a thogail de dh'aonadan no caissons air fleòdradh 's a chaidh an ceangal ri chèile.
FLOOD BANK UCHDAN-TUILE
FLOOD DEFENCES BACAIDHEAN TUILE Manmade constructions used to prevent water flooding the surrounding area. Often taking the form of a bank or wall but may be more elaborate. Structaran a chaidh a thogail le mac an duine gus bacadh a chur air tuileachadh na sgìre. Tha seo na uchdan no balla gu math tric ach faodaidh a bhith nas toinnte na sin.
FLOOR ÙRLAR An artificial surface on which people tread and perform activities. Use specific term where known. Uachdar fuadain air a bheil daoine a' coiseachd 's a dèanamh rudan. Cleachd briathar nas mionaidiche ma tha fios air.
FLOORCLOTH FACTORY FACTARAIDH CÒMHDAICH-ÙRLAIR A factory where floorcloth was produced.  Floorcloth is a flooring material made from sealed, painted and printed canvas. Factaraidh far an robhar a' dèanamh aodach-ùrlair.  'S e stuth ùrlair a tha ann an aodach-ùrlair a nithear de chanabhas a chaidh a sheulachadh, a pheantadh is a chlò-bhualadh.
FLOORCLOTH WORKS FACTARAIDH BHRATAN AODAICH ÙRLAIR
FLORIST BÙTH-FHLÙRAICHEAN A shop displaying and selling flowers and ornamental plants. Bùth a tha a' taisbeanadh 's a' reic flùraichean is lusan sgeadachail eile.
FLORIST (1) BUTH-DÌTHEANAN A shop displaying and selling flowers and ornamental plants. Bùth a tha a' taisbeanadh 's a' reic flùraichean is lusan sgeadachail eile.
FLOUR MILL MUILEANN-MINE A factory where flour is produced for use in food products. Factaraidh far a bheilear a' dèanamh flùr gus a chleachdadh ann am bathar bìdh.
FODDER STORE STÒR FODAIR A building or enclosure used to prepare and store dry food such as hay and straw for the feeding of cattle. Togalach no lann far a bheilear ag ullachadh 's a' stòradh biadh tioram mar fheur tioram agus connlach a bheirear dhan chrodh mar bhiadh.
FOG HORN DÙDACH CEÒTHA A structure found on lighthouses, piers, etc., capable of emitting a loud noise to warn shipping in foggy weather. Structar a gheibhear air taighean-solais, làimhrigean is msaa a tha comasach air fuaim àrd a dhèanamh mar rabhadh do bhàtaichean nuair a bhios an aimsir ceòthach.
FOG SIGNAL SIOGNAL CEÒTHA
FOLLY SAOBH-THOGALACH A structure with little or no practical purpose. Often found in 18th century landscaped gardens, they may take many forms, including towers, castles, temples, cairns and hermit's cells. Structar anns nach eil cus feum no a tha gu tur gun fheum. Gheibhear iad seo gu tric ann an gàrraidhean dealbhaichte on 18mh linn agus tha iomadh coltas orra eadar tùir, caistealan, teampaill, cùirn agus cillean aonaran.
FONT AMAR-BAISTIDH A vessel, usually made of stone, which contains the consecrated water for baptism. Use a broader monument type if possible. Soitheach, mar is trice fear cloiche, sa bheil an t-uisge coisrigte airson baisteadh. Cleachd seòrsa de chuimhneachan nach eil cho pongail ma tha gin.
FOOD AND DRINK INDUSTRY SITE IONAD GNÌOMHACHAS  BÌDH 'S  DIBHE Buildings, sites and structures associated with the large-scale production, processing and preserving of food and drink. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri mòr-shaothrachadh, giullachd is glèidheadh bìdh 's dighe.
FOOD AND DRINK PROCESSING SITE LÀRACH GIULLACHD BÌDH IS DIBHE Terms included here are for small scale agricultural production. Tha na briathran an-seo a' buntainn ri àiteachas beag.
FOOD PRESERVING SITE IONAD GRÈIDHEADH BÌDH Buildings, sites and structures associated with the preserving of food. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri glèidheadh bìdh.
FOOD PROCESSING PLANT FACTARAIDH GIULLACHD BÌDH A factory or site for the manufacture of food stuffs from raw ingredients. Factaraidh no làrach far a bheilear a' dèanamh biadh de stuthan bìdh amha.
FOOD PROCESSING SITE LÀRACH GIULLACHD BÌDH Buildings, sites and structures associated with the processing of foodstuffs. Togalaichean, làraichean is structaran a tha co-cheangailte ri giullachd bìdh.
FOOT MARKED STONE CLACH LE LORG COISE
FOOTBALL GROUND PÀIRC BALL-COISE A site including a pitch, stands and ancillary buildings associated with the game of football. Làrach air a bheil faiche, stanndaichean agus togalaichean co-cheangailte ri geamannan buill-choise.
FOOTBRIDGE DROCHAID-CHOISE A narrow bridge for people and animals to cross on foot. Drochaid chaol a choisicheas daoine 's beathaichean thairis oirre.
FOOTPRINT LORG-COISE The mark or outline of a human footprint visible on stone or rock outcrop. Lorg no oir-loidhne cas mac an duine air clach no loman creagach.
FORD FADHAIL A shallow place in a river or other stretch of water, where people, animals and vehicles may cross. Àite ann an abhainn no uisge eile far nach eil e ro dhomhain agus far an urrainn do dhaoine, beathaichean is carbadan a dhol thairis.
FOREIGN OFFICE OIFIS NAN DÙTHCHANNAN CÈIN
FORESTRY WORKERS CAMP CAMPA LUCHD-OBRACH COILLTEARACHD A group of buildings or structures used as temporary accommodation for forestry workers. Grunn thogalaichean no structaran sealach a bha nan àite-còmhnaidh do luchd-obrach na coilltearachd.
FORGE CEÀRDACH A building or site where wrought iron is forged. Togalach no làrach far a bheilear ri fùirneiseachd iarainn thoinnte.
FORMAL GARDEN GÀRRADH FOIRMEIL A garden of regular, linear or geometrical design, often associated with the traditional Italian, French and Dutch styles. Gàrradh dìreach riaghailteach ceàrnagach air dealbhadh geomatrach is bidh nòsan tradaiseanta Eadailteach, Frangach agus Duitseach air an siubhal.
FORT DÙN An enclosure, often located on a hilltop, bounded by one or more banks, ditches, ramparts or walls. Use for prehistoric and early historic sites. Lann, gu math tric air mullach cnuic, a tha co-dhiù aon uchdan, dìg, rampair no balla mun cuairt air. Cleachd airson làraichean ro-eachdraidheil agus tràth-eachdraidheil.
FORT ANNEXE LEAS-GHEARASTAN A small enclosure built onto the perimeter of a ROMAN FORT or LEGIONARY FORTRESS. Lann bheag a chaidh a thogail faisg air GEARASTAN RÒMANACH no GEARASTAN LÈIGIUNACH.
Fort Charlotte, Shetland Fort Charlotte, Sealtainn
Fort George Gearastan Àird nan Saor
FORTIFICATION DAINGNEACH A work or installation with a primarily defensive purpose. Use FORT for prehistoric and early historic sites. Togalach no structar a chaidh a chleachdadh airson àite a dhìon mar is trice. Cleachd GEARASTAN airson làraichean ro-eachdraidheil agus tràth-eachdraidheil.
FORTIFIED HOUSE TAIGH DAINGNICHTE A house which bears signs of fortification. These often include crenellated battlements and narrow slit-like windows. Taigh a chaidh a dhaingneachadh gu follaiseach. Tha baidealan creanaileach agus uinneagan glè chaol aca gu tric.
FORTIFIED ISLAND EILEAN DAINGNICHTE An island, natural or partly artificial, with evidence for a defensive perimeter wall. Use more specific terms where possible. Eilean nàdarra no leth-nàdarra far a bheil lorg balla dìonach mun cuairt air. Cleachd briathran nas mionaidiche ma tha fios air.
FORTIFIED MANOR HOUSE TAIGH-MAINEIR DAINGNICHTE A manor house, which was granted a royal licence to crenellate. Taigh-maineir a fhuair cead rìoghail creanailean a chur ann.
FORTLET DÙNAN   A small Roman military installation, generally built as an outpost for 80 soldiers or fewer, usually defended by a single rampart and ditch, and containing accommodation for troops and officers, together with stores and ancillary buildings. Daingean beag arm na Ròimhe, mar is trice na ghearastan-blàir do 80 saighdear no nas lugha dhiubh, ga dhìon le aon rampair is dìg agus le àitichean-fuirich airson feachd is oifigearan, còmhla ri stòrasan is togalaichean eile.
FORTRESS GEARASTAN A major fortified place, often a town, capable of containing a large force. If Roman use LEGIONARY FORTRESS. Àite daingnichte cudromach, gu math tric na bhaile, le rùm gu leòr airson feachd mòr. Mas e fear leis na Ròmanaich a tha ann, cleachd GEARASTAN LÈIGIONACH.
Foulden, Tithe Barn Foulden, Sabhal an Deicheimh
FOUNDRY TAIGH-FÙIRNEIS A workshop or factory for casting metals. Ceàrdach no factaraidh airson mòlltachadh mheatailtean.
FOUNTAIN FUARAN An artificial aperture from which water springs, commonly used as an ornament in a garden, park or public space. Fosgladh a chaidh a dhèanamh 's uisge a' tighinn às. Tha seo na bhall-maise ann an gàrradh, pàirc no àite poblach gu math tric.
FOUR IN A BLOCK BLOCA CEITHIR FLATAICHEAN A block of four flats, two on the ground floor and two on the first floor. Usually built by a local authority in the inter-war years. Bloca de cheithir flataichean, dà dhiubh air a' bhun-ùrlar agus dà dhiubh air an dàrna ùrlar. Mar is trice chaidh iad seo a thogail le ùghdarras ionadail eadar an dà chogadh mòr.
FOUR POSTER CEITHIR-PHOSTACH
FOUR POSTER STONE CIRCLE CEARCALL  CEITHIR-THURSACHAN A setting of four upright stones standing at the corners of an irregular quadrilateral. May feature more than four stones, but those at the corners are always the most prominent. Ceithir tursachan a tha nan seasamh aig ceithir oiseanan de cheithir-cheàrnachan neo-riaghailteach. Faodaidh gu bheil barrachd air ceithir clachan ann ach 's iad an fheadhainn aig na h-oiseanan an fheadhainn as fhollaisiche.
Fowlis Wester Stone Clach Fhoghlais
FOX HOLE SLOC SHAIGHDEARAN
FOXHOLE SLOC SHAIGHDEARAN
FREESTONE QUARRY CUARAIDH CLACH-GHAIREIL
FRIARY FRAIDHEARAIDH A religious house occupied by men of mendicant religious orders (friars). Taigh cràbhach sa bheil fireannach a' fuireach a tha a' buntainn ri òrdan falbhanach (bràithrean-bochda).
FRIARY GATEHOUSE TAIGH-GEATA FRAIDHEARAIDH
FRIENDS MEETING HOUSE TAIGH-COINNEIMH COMANN NAN CARAIDEAN A place of worship for members of the Society of Friends, a denomination founded by George Fox in c.1650 who believed in passivist principles and a rejection of the sacrament. Àite-adhraidh airson buill Comann nan Caraidean, buidheann a chaidh a chur air bhonn le George Fox mun bhliadhna 1650 aig an robh creideas ann am prionnsabalan fulangachd agus a bha a' diùltadh na sàcramaid.
FRONTIER DEFENCE DAINGNEACHDAN CRÌCHE A system of fortifications constructed along a national frontier to contain the local population, as well as keep out undesirable raiders eg. Antonine Wall. Use with more specific monument type where known. Rian daingneachaidh a-rèir crìch nàdarra gus muinntir an àite a dhìon agus creachadairean a chumail air falbh, m.e. Balla Antoninus. Cleachd seòrsa nas mionaidiche de chuimhneachan ma tha fios air.
FRUIT AND VEG SHOP BÙTH LUSAN IS MHEASAN
FRUIT AND VEGETABLE MARKET MARGAID LUSAN IS MHEASAN An indoor or outdoor market where fruit and vegetables are sold. Margaid am broinn togalaich no taobh a-muigh far a bheilear a' reic lusan is measan.
FRUIT MARKET MARGAID MHEASAN
FRUIT SHOP BÙTH MHEASAN
FRUIT STORE STÒR MHEASAN A building used for the storage of picked fruit. Togalach far a bheilear a' stòradh measan a chaidh a thogail.
FUEL PRODUCTION SITE IONAD DÈANAMH CONNAIDH Includes sites associated with extraction. Tha sin a' gabhail a-steach làraichean a tha co-cheangailte ri às-tharraing stuthan.
FUEL STORE STÒR CONNAIDH A place where material used for burning is stored. Àite far a bheilear a' stòradh stuthan a thèid a losgadh.
FULLERS EARTH QUARRY CUARAIDH CRÈADH AN FHÙCADAIR A site where Fullers Earth (a hydrous silicate of alumina) is extracted. Làrach far a bheilear a' dùsgadh criadh an fhùcadair (hydrous silicate de alumina).
FULLING MILL MUILEANN-LUADHAIDH A mill for beating and cleaning cloth, using soap or fullers' earth. Muileann far a bheilear a' bualadh 's a' glanadh aodach le siabann no criadh an fhùcadair.
FUNDAMENTAL BENCH MARK PUING-DEARBHAIDH   A reference point built directly onto stable bedrock and encased within an underground chamber, used by the Ordnance Survey to record height above Newlyn Datum. Above ground, the position is marked by a low granite pillar, sometimes surrounded by railings. Puing co-chomharraidh a chaidh a stèidheachadh air an fho-chreag sheasmhach agus a tha am broinn seòmair fon talamh 's ga chleachdadh leis an t-Suirbhidh Òrdanais gus an àirde os cionn puing dàta Newlyn a chlàradh. Tha an t-ionad seo ga chomharradh le carragh goireil ìseal air uachdar na talmhainn, uaireannan le rèile mun cuairt air.
FUNERAL DIRECTORS TAIGH LUCHD-TÒRRAIDH The establishment of an undertaker who is responsible for the management of the ceremony connected with the burial or cremation of a dead body. Gnothachas adhlacair a dhèiligeas ri stiùireadh nan deas-ghnàth a tha co-cheangailte ri tìodhlacadh no losgadh cuirp.
FUNERARY SITE LÀRACH TÒRRAIDH Site types normally or frequently associated with burials which in some instances may have had solely religious or ritual functions. Làraichean a thathar dhen bheachd gun robh ceangal aca ri tìodhlacadh mar is àbhaist no gu tric agus uaireannan gur e cleachdadh cràbhach no deas-ghnàthach an aon chleachdadh a bha annta.
FURNACE FÙIRNEIS A chamber in which minerals, metals, etc., are subjected to the continuous action of intense heat. Use specific type where known. Seòmar anns an cuirear meatailtean no clachan-mèinnir fo bhuaidh teasa mhòir. Cleachd seòrsa nas mionaidiche ma tha fios air.
FURNITURE SHOWROOM SEÒMAR-TAISBEANAIDH ÀIRNEIS A room or suite of rooms, often open plan, specifically used for the display and sale of furniture and other related materials. Seòmar no grunn sheòmraichean, gu math tric as aonais thallan, a tha gu sònraichte airson taisbeanadh is reic àirneis is rudan co-cheangailte rithe.
FURRIERS WORKSHOP BUTH-OBRACH BHIAN A place where furs are made into finished products. Àite far a bheilear a' dèanamh bathar ullamh de bhèin.

Share