Ag innse sgeulachdan Ghàidhlig

Ionnsaich mar a bheir thu na sgeulachdan labhairt agad chun ath ìre le molaidhean feumail agus bhidiothan den sgeulaiche Ghàidhlig Magaidh Nic a’ Ghobhainn.

View page in English

Tha sgeulachdan Gàidhlig air a bhith air an innse thar linntean agus tha sgeulachdan air an labhairt mar phàirt mhòr de chultar na Gàidhlig. Tha farpaisean sgeulaichean bliadhnail fhathast ann air feadh Alba an latha an-diugh. 

Tha iomadh dòigh ann air sgeulachdan aithris agus chaidh innse ann an iomadh àite agus aig amannan eadar-dhealaichte: bho chuirmean mòra gu bainnsean, timcheall teintean agus mar sgeulachdan aig àm cadail. 

Tha sinn a’ creidsinn gum faod duine sam bith a bhith na sgeulaiche agus, mar chruth ealain sam bith, tha e feumar air beagan practas. Sin as coireach gun do dh’ iarr sinn air sgeulaiche sgoinneil Ghàidhlig, Magaidh Nic a’ Ghobhainn, deagh mholaidhean a roinn ann am bhidio.  

Tha am bhidio sa Ghàidhlig ach faodaidh tu cuideachd tar-sgrìobhadh a’ leughadh sa Bheurla.

Heading image © 2016 by Rob McDougall

 

Mar a dh’innseas tu sgeulachd tarraingeach

An Gille Ruadh. Sgeulachdan an tac an teine, le Magaidh Nic a' Ghobhainn.

Molaidhean feumail gus sgeulachdan innse

Faigh brosnachadh à sgeulaiche traidiseanta, Magaidh Nic a’ Ghobhainn. Seo 5 mòlaidhean feumail gus ur cuideachadh le ur sgeulachd mìorbhaileachd innse 

Faigh brosnachadh à ‘A’ Bhò Bhreac’

Èist ri sgeulaiche traidiseanta, Magaidh, fhad ’s a tha i ag innse seanchas mu bò dhraoidheil ann an Calanais air Eilean Leòdhais. Faigh brosnachadh bhon seanchas seo gus ur sgeulachd fhèin a sgrìobhadh mar phàirt den cho-fharpais seo.

Cò tha ag innse sgeulachdan na h-Alba?

An robh fhios agad, a bharrachd air a bhith ag innse sgeulachdan mar chur-seachad, tha cuid de obraichean ann far a bheil e cudromach eòlas a bhith agad air mar a dh’ innseas tu sgeulachd!

Leugh grunnd mholaidhean bho sgeulaichean agus daoine a tha ag obair aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba an seo