Cò mu dheidhinn a tha a’ cho-fharpais?

Faigh a-mach barrachd fiosrachaidh mun cho-fharpais againn agus mar as urrainn dhut pàirt a ghabhail.

View page in English

Comharraich bliadhna tèamaichte VisitScotland, Bliadhna nan Sgeul 2022 còmhla rinn, a tha a’ coimhead ri bhith a’ cur cudrom air sgeulachdan a chaidh a chruthachadh ann an – no air am brosnachadh le – Alba. 

A’ gairm airson sgeulaichean òga aois 5-17! 

An robh fios agad gun deach sgeulachdan Gàidhlig innse mu theintean, air muin eich, ann an caistealan, aig cèilidhean, agus ann an dachaighean air feadh an t-saoghail fad ceudan de bhliadhnaichean? 

Tha na sgeulachdan sin a’ gabhail a-steach a h-uile càil bho faoinsgeulan traidiseanta gu sgeulachdan sìthe ionadail, beul-aithris inntinneach gu sgeulachdan eachdraidheil mu dhaoine agus àitichean bhon àm a dh’ fhalbh. 

A-nis tha cothrom agad do sgeulachd innse 

Faigh a-mach tuilleadh mu mar a chuireas tu do sgeulachd a-steach, as urrainn cur a-steach, na duaisean a tha rim faighinn, agus mòran a bharrachd gu h-ìosal. 

Gabh pàirt

Ma tha thu airson do sgeul a sgrìobhadh no innse, leig le do mhac-meanmna a’ ruith gus sgeulachd a chruthachadh ann an Gàidhlig mun àite as fheàrr leat ann an Alba. 

Is dòcha gur e làrach eachdraidheil, cruth-tìre no àite sònraichte làn de chuimhneachain sona an t-àite as fheàrr leat. Is dòcha gum bi thu airson sgrìobhadh mu rùn-dìomhair a thachair an sin,  sgeulachd-siubhail mìorbhaileach no sgeulachd sìthiche mun àite sin. 

Cuir thugainn do sgeulachd sa Ghàidhlig ro Dihaoine, 28 Dàmhair gus pàirt a ghabhail san fharpais againn agus gum bi cothrom agad duais air leth a bhuannachadh.

Taghaidh sinn cuideachd sgeulachdan a bhios mar phàirt de thaisbeanadh maireannach air-loidhne. 

Tha sgrìobhadh is aithris air a thoirt thugad le Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Coilltearachd agus Fearann Alba. 

A’ cur do sgeulachd a-steach

Faodaidh tu aon sgeulachd (labhairte no sgrìobhte) Ghàidhlig a chur a-steach don cho-fharpais seo. Feumaidh sgeulachdan a bhith mun àite as fheàrr leat ann an Alba. Faodar an t-àite a tha sa sgeulachd agad a shuidheachadh san àm a dh’ fhalbh, san latha an-diugh no san àm ri teachd. 

Feumaidh na sgeulachdan a bhith air an sgrìobhadh le clann agus daoine òga (eadar 5 agus 17 bliadhna a dh’aois) a tha a’ fuireach ann an Alba, Sasainn no a’ Chuimrigh airson a bhith ceadaichte. Bu mhath leinn nan cuireadh a’ neach-inntrigidh dealbh den àite as fheàrr leotha ann an Alba a-steach, a bhiodh air a shealltainn còmhla ris an sgeulachd aca ma tha i air thaghadh airson a thaisbeanadh air-loidhne. 

Bidh feum air cead bho phàrant no neach-glèidhidh airson gach innteart. Airson bhidiothan a tha air thaghadh airson an taisbeanaidh air-loidhne, bidh sinn a’ conaltradh ri pàrantan/luchd-glèidhidh tro phost-d ag iarraidh orra foirm cead a lìonadh. 

Feuch an leugh thu ar làn Cumhachan is Cùmhnantan agus Brath Prìobhaideachas mus cuir thu a-steach don co-fharpais.

A’ cruthachadh do sgeulachd

Tha iomadh dòigh ann airson sgeulachd innse, agus mar sin faodaidh tu do sgeulachd fhèin a chuir a-steach ann an aon de thrì dòighean: 

Innteartan sgrìobhte 

Cha bu chòir do sgeulachd sgrìobhte a bhith nas fhaide na 1000 facal sa Ghàidhlig. Bu chòir an cur a-steach mar Sgrìobhainn Word no PDF. 

Tha sinn gad bhrosnachadh gus dealbh no pioctair den àite as fheàrr leat a chuir a-steach. Thèid seo a thaisbeanadh còmhla ris an sgeulachd agad ma thèid a thaghadh airson an taisbeanaidh air-loidhne. Dèan cinnteach nach eil daoine sam bith anns na pioctairean a chuirear a-steach. 

Ionnsaich mar a sgrìobhas tu sgeulachdan.

Innteartan labhairte (aithris)

Tha fàilte oirbh do sgeulachd a chlàradh mar bhidio anns nach cluinnear ach do ghuth. Bu chòir dealbh no pioctair a bhith anns a’ bhidio (seach sgrion dubh). Is dòcha gum bi thu airson sreath de dhealbhan a dheasachadh airson a dhol còmhla ris an sgeulachd agad no do chamara bhidio a chuir air uachdar agus fòcas a chuir air aon ìomhaigh (leithid dealbh) airson an sgeulachd gu lèir. Cha bu chòir daoine sam bith a bhith ann an dealbhan sam bith a thèid a chleachdadh. 

Cha bu chòir don bhidio le aithris a bhith nas fhaide na 5 mionaidean de dh'fhaid agus bu chòir dha a bhith suas ri 1GB ann am meud. Bu choir an sgeulaiche a bhith air a chluinntinn gu soilleir. 

Cluinn bho sgeulaiche traidiseanta agus mar as urrainn dhutsa sgeulachd innse. 

Innteartan labhairte (sgeulachd don chamara) 

Faodaidh tu bhidio dhìot fhèin a chuir a-steach ag innse do sgeulachd chun chamara, a bhios a’ ciallachadh gu bheil d’ aghaidh ri fhaicinn. Is dòcha gum bi thu airson do fhèin a sgeadachadh mar na diofar charactaran, a bhith nad chleasaiche airson diofar phàirtean den sgeulachd no dìreach an sgeulachd innse ris a’ chamara.  

Cha bu chòir don bhidio a bhith nas fhaide na 5 mionaidean de dh'fhaid agus bu chòir dha a bhith suas ri 1GB ann am meud. Bu chòir an sgeulaiche a bhith air fhaicinn agus air a chluinntinn gu soilleir. 

Faigh deagh mholaidhean bho sgeulaiche proifeiseanta gus do chuideachadh le bhith ag innse sgeulachdan.  

Na Duaisean

Gheibh luchd-buannachaidh na leanas: 

- Pasgan dhuaisean Alba Aosmhor

- Tiogaidean teaghlaich airson an làrach Alba Aosmhor as fheàrr leotha

- Àirleasan le taic bho Comhairle nan Leabhraichean

  • Luach £20 airson gach neach-buannachaidh ann an roinn aois 5-9 
  • Luach £40 airson gach  neach-buannachaidh ann an roinn aois 10-12 
  • Luach £60 airson gach  neach-buannachaidh  ann an roinn aois 13-17 

- Geama-bùird ‘Ciste Uladh na h-Alba’ airson sgoil gach neach-buannachaidh le taic bho Stòrlann

- Aon leth-bhreac dhan neach-buannachaidh agus dà leth-bhreac airson sgoil an neach-buannachaidh den leabhar ‘A Thogail Dùn’ le taic bho Coilltearachd agus Fearann ​​Alba

Bidh an innteart as fheàrr anns gach roinn aoise; aoisean 5-9, aois 10-12, aois 13-17 cuideachd a’ buannachadh priont lìono ann am frèam de còmhdach den leabhar ‘A Thogail Dùn’ leis an neach-ealain Liz Myhill. 

Gheibh an fheadhainn a tha san dàrna àite teisteanas com-pàirteachaidh. 

Artwork images: © Liz Myhill

Mar a bheachdaicheas sinn air innteartan

Bu chòir an innteart agad a chur a-steach fo aon de thrì roinnean: 

- An sgeulachd sgrìobhte as fheàrr 

- An sgeulachd labhairte as fheàrr (aithris) 

- An sgeulachd labhairte as fheàrr (sgeulachd don chamara) 

Thèid innteartan a chuir a-steach fo roinnean aois stèidhichte  gu fèin-obrachail: 

- 5 gu 9 bliadhna a dh'aois 

- 10 gu 12 bliadhna a dh'aois 

- 13 gu 17 bliadhna a dh'aois 

Bithear a’ breithneachadh luchd-inntrigidh air an sgeulachd aca. Cha tèid dealbhan agus pioctairean a chuirear a-steach an cois sgeulachdan air a mheasadh mar phàirt de na slatan-tomhais breithneachaidh. 

Na gabh dragh mu bhith a’ feuchainn ri pìos sgrìobhaidh ‘foirfe’ a chruthachadh, leig le do mhac-meanmna a ruith! Tha sinn a’ coimhead airson daoine le rudeigin ri ràdh, tòrr a bharrachd air deagh litreachadh no gràmar!

Sgeulachd èibhinn, sgeulachd tarraingeach, sgeulachd neònach. Tha sinn airson tàlant le sgrìobhadh sgeulachdan a chomharrachadh tron ​​Ghàidhlig, is sinn ag iarraidh sgeulachd mac-meanmnach a chluinntinn, no leughadh, a tha greamachadh oirnn agus gar tarraing chun àite as fheàrr leat ann an Alba. 

Thèid sgeulachdan - a bhios mar phàirt de thaisbeanadh maireannach air-loidhne - a thaghadh a rèir mar a choilean iad ‘stiùireadh’ na farpais. 

Ar com-pàirtichean

’S i Comhairle nan Leabhraichean am prìomh bhuidheann le dleastanas airson taic a chumail ri ùghdaran agus ri foillsichearan Gàidhlig na h-Alba, agus airson ìomhaigh is ruigsinneachd leabhraichean Gàidhlig a thogail ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. 

Is e Coilltearachd agus Fearann ​​Alba, a’ bhuidheann aig Riaghaltas na h-Alba, a tha os cionn stiùireadh choilltean is fearann ​​nàiseanta na h-Alba. Le cinn-uidhe air feadh Alba airson luchd-tadhail, chan eil gainnead de choilltean, is àiteachan inntinneach ann. 

Tro phrògraman foillseachaidh Stòrlann tha goireasan gan deasachadh gach bliadhna do sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus foghlam fad-beatha. Tha prìomhachasan gan taghadh le tidsearan agus luchd-ionnsachaidh agus tha taic a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail agus bho bhuidhnean eile a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh. 

Gabh pàirt anns a’ cho-fharpais

Cuir thugainn do sgeulachd labhairte no sgrìobhte gus cothrom duaisean air leth a bhuannachadh.