Tha dreuchdan an lùib luchd-tadhail leithid stiùireadh chuairtean, ceannach, agus inntrigidh, aig teis-meadhain obrachadh air làraichean dualchais bho latha gu latha. Faodaidh iad a bhith trang aig amannan, ach cuideachd fìor luachmhòr. Tha dreuchdan mar seo an sàs ann an conaltradh ri luchd-tadhail, obair ann am bùithtean, stiùireadh chuairtean làraich, agus cuideachadh le sàbhailteachd agus tèarainteachd luchd-turais. Gle thric, chan eil feum aig obraichean mar sin air eòlas farsaing ro-làimh no teisteanasan, agus mar sin faodaidh iad a bhith nan slighe math a-steach do dh’obair ann an àrainneachd dualchais. Aig ìre nas àirde, faodaidh tu a bhith an urra ri làrach shònraichte, no fiù roinnean nas motha, agus faodaidh obair a bhith an lùib brosnachadh sgiobaidhean làraich agus leasachadh ro-innleachdan turasachd tar-chuimseach.
Tha gu leòr obraichean ann an turasachd ‘air cùl gnothaich’ cuideachd – an còrdadh e riut a bhith ag obair anns na meadhanan sòisealta gus culaidhean-iongnaidh dualchais a roinn air feadh an t-saoghail, no siubhal thall-thairis gus ruighinn a-mach gu luchd-èisteachd cruinneil? Is dòcha gu bheil thu airson ballrachd a bhrosnachadh gu culaidhean-iongnaidh no tachartasan poblach agus prìobhaideach a chur air dòigh aig na h-ionadan sin? Tha seo uile agus barrachd comasach le dreuchd ann an Turasachd Dualchais.
Tha seirbheis luchd-ceannach agus sgilean conaltraidh cudromach airson na mòr-chuid de dhreuchdan taobh a-staigh an raoin seo. Tha a bhith dìoghrasach mu far a bheil thu ag obair, na chuideachadh cuideachd!
Eisimpleirean de dhreuchdan:
- Cuidiche Aghaidh Taighe
- Stiùbhard Làraich
- Stiùiriche Chuairtean
- Manaidsear Obrachaidhean Luchd-tadhail
- Oifigear Chonaltraidhean
- Co-òrdanaiche Inntrigidh
- Manaidsear Thachartasan
- Cuidiche Ballrachd
- Comhairliche Malairt Siubhail
- Manaidsear Leasachaidh Turasachd
Dè a-nis?
Faodaidh tu tagradh a dhèanamh airson mòran dreuchdan luchd-tadhail air an làraich. Tha obraichean seusanail nan dòigh mhath air tòiseachadh agus an t-eòlas a thogail air a bheil feum airson dreuchd nas fhad-amaile. Faodaidh teisteanasan ann an aoigheachd, turasachd, no stiùireadh thachartasan a bhith feumail airson dhreuchdan nas àirde.
A’ coimhead airson obraichean? Sgrùd am fiosrachadh air na làraichean-lìn seo:
- Scottish Tourism Alliance - Dreuchdan Turasachd na h-Alba
- Association of Scottish Visitor Attractions (ASVA) - Dreuchdan Culaidhean-iongnaidh Luchd-tadhail na h-Alba
- Arival - Liosta Dhreuchdan Turasachd Eadar-nàiseanta
- Travel Weekly - Dreuchdan Turasachd Eòrpach
- Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba - obraichean is cothroman
- Dreuchdan Àrainneachd Eachdraidheil Alba - dreuchdan bàna làithreach
- Urras Nàiseanta na h-Alba - lorg dreuchd
Soillse air Dreuchdan
Carson nach cluinn sibh bhuapasan san roinn mu chuid de na mòran dreuchdan a tha rim faotainn ann an turasachd?
Àrd-Stiùiriche aig Tursan Mercat
Is e obair spòrsail a th’ ann an stiùireadh thursan oir is urrainn dhut do dhìoghras don bhaile agad a roinn, le bhith ag innse sgeulachdan fìor bhon àm a dh’fhalbh. Tha thu cuideachd a’ faighinn mòran eadar-dhealachaidh san latha agad, a bhith air a’ bhlàr a-muigh agus coinneachadh ri daoine bho air feadh an t-saoghail.
Is e aon nì airson ionnsachadh, gum faod cha mhòr nì sam bith a tha a’ còrdadh riut a thionndadh gu obair ann an turasachd. Tha e fosgailte, tha e fàilteach, tha e sùbailte, agus ge ’r bith càite an tèid thu, cho fada ’s a tha dòigh-smuaineachadh dheimhinneach agad, gheibh thu cuideachadh le fàs, leasachadh agus a bhith cho math ’s as urrainn dhut.
Mar eisimpleir, mas e neach càirdeil a th’ annad agus meas agad air coinneachadh ri daoine, tha turasachd dhutsa. Bidh tu ag obair le càch san sgioba agad agus a’ cur fàilte air daoine bho air feadh an t-saoghail a tha a’ tadhal air a’ cheann-uidhe agad.
Chan e sin a-mhàin, ma tha thu measail air siubhal, faodaidh tu do dhreuchd ann an turasachd a ghabhail agus atharrachadh gu àite sam bith air an t-saoghal, gus am faod thu a bhith ag obair agus a’ siubhal aig an aon àm.
Gheibh thu riarachadh mòr san obair ann an turasachd mas e neach cruthachail a th’ annad. An toigh leat margaideachd no meadhanan sòisealta? Mas toil, dh’fhaodadh tu a dhol an sàs ann an dealbhadh làrach-lìn, stiùireadh mheadhanan sòisealta, no conaltraidhean. San obair seo, bidh tu a’ cleachdadh do sgilean cruthachail gus ceangal a dhèanamh le daoine agus dèanamh cinnteach gum bi cuimhne fìor mhath aca air a’ cheann-uidhe agad.
Ge ’r bith dè na nithean as fheàrr leat agus d’ ùidhean, tha obair dhut ann an turasachd!