About Us

Sgilean Glèidhteachais agus Togail Traidiseanta

Tha sgilean glèidhteachais cudromach airson builean atharrachaidh air structaran, làraichean agus nithean a stiùireadh, gus dèanamh cinnteach gun urrainnear an glèidheadh don àm ri teachd.

A woman in a hard hat and high vis inspecting a Stirling head on a ceiling at Stirling Castle

Tha timcheall air 20% de ar togalaichean, a’ gabhail a-steach dachaighean dhaoine, bùithtean, sgoiltean agus ospadalan, air an togail a’ cleachdadh mhodhan traidiseanta. Tha e cudromach gun cleachd sinn na sgilean agus na stuthan traidiseanta ceudna a chuidich leis na togalaichean sin a chruthachadh aig àm coimhead às an dèidh, gus an àrainneachd eachdraidheil a chumail suas ann an deagh shuidheachadh agus gum bi e comasach dhuinn leantainn air adhart a’ faighinn tlachd às airson ghinealaichean ri teachd. Ma tha obair dhèanadach agus làmh-charach a’ còrdadh riut, dh’fhaodadh gum bi am pàirt seo den roinn tarraingeach dhut.

Tha sgilean ciùird togail traidiseanta a’ ciallachadh nan sgilean sin a bha air an cleachdadh an lùib togalaichean eachdraidheil a thogail, leithid clachaireachd, a’ cleachdadh aol agus mortar, obair glainne dhathte, agus fiù mosàig. Tha trèanadh sna sgilean sin a’ ciallachadh gum faod ar n-àrainneachd eachdraidheil a cumail suas agus a càradh le measgachadh de sgilean traidiseanta agus teicneòlas nua-aimsireil. Tha mòran shuidheachaidhean pàighte aig ìre inntrigidh, leithid greisean-trèanaidh agus preantasachdan, san raon seo. Tha seo a’ ciallachadh gum faod thu sgilean ùra ionnsachadh fhad ’s a tha thu ag obair.

Tha sgilean glèidhteachais cudromach airson builean atharrachaidh air structaran, làraichean agus cuspairean a stiùireadh, gus dèanamh cinnteach gun urrainnear an glèidheadh don àm ri teachd. Tha ceanglaichean aig glèidhteachas ri cumail suas thogalaichean traidiseanta, ach gabhaidh e a cheangal ri raon mòran nas fharsainge de nithean eachdraidheil. Bidh luchd-glèidhidh gu h-àbhaisteach a’ cuimseachadh air raon ùidhe shònraichte. Faodaidh seo a bhith a’ gabhail a-steach aodaichean, obair-ealain, clachaireachd, àirneis, agus fiù gleocaichean!

Faodaidh trèanadh mar neach-glèidhidh a thoirt beagan nas fhaide na raointean eile ann an dualchas, ach tha togail sgilean ann an gabhail cùram do chruinneachaidhean, obair le nithean eachdraidheil, no togalaichean traidiseanta, na àite fìor mhath airson tòiseachadh.

Eisimpleirean de dhreuchdan:

  • Clachair
  • Saor
  • Tughadair
  • Obraiche-iarainn
  • Gobha
  • Oifigear glèidhteachais
  • Glèidhtiche peantaidh
  • Glèidhtiche glainne
  • Glèidhtiche cloiche
  • Glèidhtiche meatailt

Dè a-nis?

Gus tuilleadh ionnsachadh mu na sgilean air a bheil feum ann an glèidhteachas agus mar a chuireas tu tùs air do dhreuchd-beatha, faodaidh tu leughadh mu na goireasan a tha rim faotainn anns an roinn dhreuchdan den Institute of Conservation.

Gus comhairle fhaotainn mu dhreuchdan air sgilean togail traidiseanta, tadhail air an earrann san làraich-lìn againn, ‘How to get involved with building conservation’ aig An Seada Einnsein, no làrach-lìn Society for the protection of Ancient Buildings. Tha goireas fèin-tòiseachaidh aig The Institute of Historic Building Conservation cuideachd do dhaoine a’ coimhead ris a’ chiad cheum a ghabhail nan dreuchdan-beatha, le comhairle, cùrsaichean trèanaidh agus cothroman lìonraidhidh.

Dèan sgrùdadh air na ceanglaichean gu h-ìosal gus dreuchdan bàna a lorg ann an glèidhteachas agus sgilean togail traidiseanta:

Tha dreuchdan glèidhteachais cuideachd nam pàirt mhòr de roinn GLAM, mar sin dèan cinnteach sgrùdadh a dhèanamh air na liostaichean de dh’obraichean ann an earrann GLAM, ma tha ùidh agad ann an glèidhteachas stèidhichte air taigh-tasgaidh no gailearaidh.

Soillse air Dreuchdan

Share