Tha measgachadh farsaing de dhreuchdan rim faotainn san raon seo, bho bhith ag obair air cùlaibh gnothaich a’ coimhead às dèidh agus a’ glèidheadh chruinneachaidhean de nithean, gu bhith ag obair gu dìreach leis a’ phoball gus an cuideachadh le cothrom fhaighinn air na cruinneachaidhean agus tlachd a ghabhail asta, tro dhreuchdan ionnsachaidh. Tha institiudan GLAM uile mu dheidhinn ceangal dhaoine ri ealain, cultar agus dualchas, agus dèanamh cinnteach à ruigsinneachd do na ginealaichean ri teachd.
Tha àiteachan-obrach GLAM a’ tighinn anns gach cumadh is meud agus a’ còmhdach gach cuspair air an smaoinich thu, bho fhasan gu dèideagan, spòrs, agus biadh. Tha fiù an tasglannan fhèin aig cuid de ghnothachasan agus charthannasan gus an eachdraidh mar phàirt de an dearbh-aithne, a ghlèidheadh.
Is e roinn fharpaiseach a th’ ann, ach tha oidhirpean gan dèanamh airson slighean ùra a-steach don sgioba-obrach fhosgladh. Faodaidh obair shaor-thoileach do chuideachadh le barrachd a thuigsinn mu dheidhinn na tha a dhìth, agus an seòrsa obrach a tha institiudan GLAM a’ tabhann. Tha cothroman saor-thoileach aig institiudan beaga agus mòra ann am measgachadh de dhreuchdan a bhios iad a’ sanasachadh. Fiù ged nach fhaic thu cothrom a tha freagarrach dhut, na biodh eagal ort post-d a chur gu taigh-tasgaidh no gailearaidh a’ faighneachd a bheil raon sam bith sam faod thu a bhith saor-thoileach.
Tha an aon uimhir de sgilean gnìomhaidh san raon seo agus a tha ann de dh’obraichean! Mholadh sinn sgrùdadh a dhèanamh air cuid de na ceanglaichean gu h-ìosal gus faighinn a-mach mu na diofar dhreuchdan a tha rim faotainn san roinn agus na seòrsaichean sgilean a tha a dhìth. Dh’fhaodadh gu bheil cuid aca sin agad mar-thà!
Eisimpleirean de dhreuchdan:
- Tasglannaiche
- Manaidsear chlàran
- Leabharlannaiche
- Cuidiche/manaidsear eòlais luchd-tadhail
- Glèidheadair
- Cuidiche/manaidsear chruinneachaidhean
- Dealbhaiche thaisbeanaidhean
- Comasaiche ionnsachaidh
- Teicneòlaiche gailearaidh
- Oifigear foghlaim Taigh-tasgaidh
Dè a-nis?
Faigh a-mach tuilleadh mu inntrigeadh air roinn taigh-tasgaidh le iùl an-asgaidh Museums Association gus do dhreuchd a chur air bhonn.
A bheil thu ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu dhreuchdan ann an stiùireadh fiosrachaidh agus leabharlannan? Tha CILIP air cur còmhla Iùl Dhreuchdan a’ Tòiseachadh gus do chuideachadh le tòiseachadh agus tha fiosrachadh aig Oilthigh Chill Rìmhinn mu eismpleirean de dhreuchdan, na sgilean a dh’fheumas tu agus mar a thòisicheas tu.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair ann an tasglannan, trèanadh agus cothroman saor-thoileach, tadhail air duilleag dhreuchdan Archives and Records Association.
A’ coimhead airson dhreuchdan bàna? Dèan sgrùdadh air na làraichean-lìn gu h-ìosal:
- Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba
- Dreuchdan Taigh-tasgaidh san RA
- Dreuchdan Association of Independent Museums (AIM)
- Dreuchdan Museums Association (Ballrachd a dhìth)
- Dreuchdan Group for Education in Museums (GEM)
- Dreuchdan Information and Records Management Society (IRMS)
- Dreuchdan Library and Information Association (CILIP)
Soillse air Dreuchdan
Cuidiche Glèidhidh aig Taigh-tasgaidh Ball-coise na h-Alba
Tha mi ag obair mar Chuidiche Glèidhidh ann an Taigh-tasgaidh Ball-coise na h-Alba. Tha m’ obair làitheil an lùib planadh agus buileachadh air prògram thaisbeanaidhean an taigh-tasgaidh agus cuideachadh le stiùireadh air cruinneachaidhean an taigh-tasgaidh. Faodaidh mo dhreuchd iomadh cumadh a ghabhail mar eagrachadh agus cumail suas an taisbeanaidh, stòradh air nithean no ùrachadh siostam stiùiridh chruinneachaidhean an taigh-tasgaidh. Am measg obair eile sam bi mi an sàs, tha làimhseachadh agus giullachd taobh a-staigh cruinneachadh an taigh-tasgaidh (a tha a’ gabhail a-steach stiùireadh air seilbheachdan ùra agus nithean air iasad) no dèanamh rannsachadh airson thaisbeanaidhean ri teachd, ullachadh àbhaisteach agus cur air bhonn thaisbeanaidhean.
On nach eil ach ceathrar luchd-obrach san sgioba glèidhidh anns an taigh-tasgaidh agam, tha cothroman agam obrachadh taobh a-muigh mo dhreuchd. O chionn ghoirid, tha mi air a bhith ag obair le buidheann de dhaoine òga bho sgoil ionadail air pròiseact Sgioba-obrach an Ama ri Teachd. Tha sgoilearan air a bhith ag obair gus eileamaid eadar-obrachail a chruthachadh airson ar làraich thaisbeanaidh ùir, agus aig an aon àm ag ionnsachadh mu dhreuchdan san roinn a thuilleadh air meudachadh an sgilean fastaidheachd.
Tha mòran dreuchdan brosnachail an làthair taobh a-staigh thaighean-tasgaidh. Nuair a thòisich mi nam dhreuchd anns an roinn dualchais, cha robh fios agam ach air dreuchdan glèidheadair agus tasglannair, ach tha mòran diofar shlighean gu am faod an abairt fharsaing “dreuchd taigh-tasgaidh” leantainn.
Cuidiche Ath-sgrùdaidh Tasglainn, Urras Nàiseanta na h-Alba
Is mise an Cuidiche Ath-sgrùdaidh Tasglainn aig Urras Nàiseanta na h-Alba. Mar phàirt dem dhreuchd, tha mi ag obair air pròiseact an lùib comharrachadh chlàran nar n-oifisean is togalaichean a bu chòir a bhith nam pàirt de ar Tasglann Chorporra. Tha Tasglann Chorporra na pàirt de dhualchas agus cuimhne institiud, a tha a’ ciallachadh gur e pròiseact cudromach a tha seo a ghlèidheas na clàran sin do ghinealaichean ri teachd. Tha m’ obair a’ gabhail a-steach a bhith an sàs ann an eagrachadh, liostadh agus bogsadh chlàran a tha gu bhith nam pàirt de ar cruinneachadh tasglainn, còmhla ri stiùireadh air faighinn cuidhteas chlàran nach fheum sinn a ghlèidheadh. Tha seo a’ gabhail a-steach comharrachadh chlàran aig a bheil cudromachd eachdraidheil agus a bhios feumail do ghinealaichean san àm ri teachd.
Tha mòran eug-samhlachd nam obair bho latha gu latha, agus tha mi comasach air obrachadh le mòran diofar sheòrsaichean chlàran, a’ gabhail a-steach dealbhan, mapaichean agus sgrìobhainnean. Tha taobhan eile air m’ obair ann an tasglann air a bheil mi air eòlas a chur mar thoradh air an dreuchd seo, a’ gabhail a-steach catalogadh a tha gar cuideachadh gu faighinn a-steach do chruinneachaidhean agus an tuigsinn, agus didseatadh a cheadaicheas do chlàran a bhith ruigsinneach do luchd-cleachdaidh air-loidhne.