About Us

12 June 2019

Sgoilearan Taobh na Pàirce a’ comharrachadh film ùr

Chaidh film ùr ghoirid a chruthachadh le sgoilearan ann an clas 5 aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce is bidh e ri fhaotainn air làrach-lìn na buidhne cuide ri goireasan Gàidhlig eile.

Chaidh film ùr ghoirid a chruthachadh le sgoilearan ann an clas 5 aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce, an sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, is bidh e ri fhaotainn air làrach-lìn na buidhne cuide ri goireasan Gàidhlig eile.

Tha am film ag a’ leantainn beatha Mhàiri aig trì amannan cudromach: Rugadh Rìgh Sheumais VI, nuair a chaidh a glacadh is a’ cur dhan phrìosan, agus aig deireadh a beatha. Chaidh am film a chruthachadh le Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an co-bhann leis an sgoil ri linn cothrom a thoirt do sgoilearan a bhith an sàs ann an eachdraidh tro Ghàidhlig, tha e cuideachd mar phàirt de dhleastanasan na buidhne mar phàirt den Plana Ghàidhlig ÀEA 2018 -2023.

Tha am film ri fhaotainn air loidhne airson sgoiltean, is luchd-labhairt is ionnsachaidh eile, agus ann mar phàirt de dhleastanas ÀEA airson taic a thoirt do dh’fhoghlam Ghàidhlig le bhith a’ tabhann phròiseactan, cothroman agus goireasan do dh’fhoghlam luchd-fileantaich is ionnsachaidh.

Theirig an-seo, airson sùil a chuir air an fhilm.

Airson barrachd goireasan Gàidhlig, theirig an-seo.

Airson sùil a chuir thairis Plana Gàidhlig na buidhne, theirig an-seo.

Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer
Post-d: communications@hes.scot

Share