About Us

27 September 2019

Seiseanan ùr air Dualchas na Gàidhlig aig Taigh-dubh Àrnoil

Is urrainn do luchd-tadhail taigh-dubh Àrnoil ann an Leòdhas a bhith air an fhàilteachadh le seiseanan an asgaidh, air an toirt seachad le luchd saor-thoileach agus le stiùir gus dualchas is cultar na Gàidhlig a rùrachadh co-cheangailte ris an làrach.

Four people stand in front of a thatched roof building. Two are wearing purple fleeces.

Bidh na seiseanan air a lìbhrigeadh le luchd-saor thoileach mar phàirt de Phlana Ghàidhlig Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Is urrainn do luchd-tadhail taigh-dubh Àrnoil ann an Leòdhas a bhith air an fhàilteachadh le seiseanan an asgaidh, air an toirt seachad le luchd saor-thoileach agus le stiùir gus dualchas is cultar na Gàidhlig a rùrachadh co-cheangailte ris an làrach.

Chuir daoine sa choimhearsnachd iad fhèin air adhart gus a’ rannsachadh is a’ leasachadh susbaint nan seiseanan mar phàirt de phrògram luchd saor-thoileach. Cuiridh iad na seiseanan air dòigh le dreach phearsanta air mar a tha iadsan a’ tuigsinn an làrach is a’ choimhearsnachd timcheall, is mar a tha a’ Ghàidhlig a’ fighe an dà chòmhla. Mar sin dheth, bha na luchd saor-thoileach air am brosnachadh gus na sgilean aca fhèin a chleachdadh anns a’ phrògram, is gun urrainn iad na seisean a bheòthachadh tro cheòl, bàrdachd, sgeulachdan, sgilean-ciùird no òraid a ghabhail.

’S e amas nan seisean aire àrdachadh air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig airson a bhith a’ tuigsinn, chan ann a-mhàin an làrach, ach an coimhearsnachd a tha timcheall air. Thèid na seiseanan a lìbhrigeadh sa mhòr chuid ann am Beurla, ach le gach fear dhiubh gheibhear cothrom faclan is abairtean ionnsachadh.

Tha am prògram saor-thoileach na Gàidhlig air a chuir air adhart mar phàirt de Phlana Gàidhlig ÀEA 2018 – 2023. ’S e an taigh-dubh a’ chiad làrach airson seiseanan a thabhann le luchd saor-thoileach, is le beum air fiosrachadh mu dheidhinn na Gàidhlig a thoirt seachad.

Thuirt Brian Ford, Manaidsear airson Turasachd is coimhearsnachdan aig ÀEA:

Tha am prògram saor thoileach na Gàidhlig a’ cumail làmh ri brosnachadh dualchas na Gàidhlig.

“Bha sinn airson gun tig na compàirtichean dhan phrògram le beagan den fhiosrachadh agus na tàlantan aca fhèin airson seiseanan sònraichte a chruthachadh, tro aithris sgeulachdan no òran, airson luach a bharrachd a chuir air na bhios sinn a’ tabhann mu thràth, agus gum bi seo cuideachd a’ toirt chothroman do fheadhainn sa choimhearsnachd.

“Tha làmh air stiùir nan seiseanan uile aig an luchd saor-thoileach, a leig leotha a bhith cruthachail is a’ sealltainn pearsantachd san obair, is tha e na thoileachas dhuinn an tionnsgeulachd seo a bhrosnachadh mar phairt den sgeama saor-thoileach farsaing againn. Bidh sinn an dùil ris a’ phrògram seo a leasachadh air an taigh-dubh, is bidh sinn a’ cur fàilte air duine sam bi le ùidh sa phrògram fios a chuir thugainn.

Thuirt Jane Ryder, Cathraiche Bòrd ÀEA:

Tha an ùidh a th’ aig luchd saor-thoileach airson an taigh-dubh, agus a bhith a’ co-roinn cultar is dualchas na Gàidhlig le daoine a bhios a’ tadhail bho air feadh an t-saoghail gu math follaiseach tro na sgeulachdan a bhios iad ag innse.

“Mholainn dha duine sam bi aig a bheil ùidh barrachd ionnsachadh mu eachdraidh is dualchas nan Eileanan an Iar a’ dol dhan taigh-dubh airson nan seiseanan ùra seo. Gheibh iad a-mach mar a bha e coltach airson daoine a bhith beò anns nan taighean, agus mar a thug seo buaidh air a’ choimhearsnachd airson ginealaichean thar nan linntean.”

Thogadh taigh-dubh Arnoil eadar 852 agus 1895 is bha e na dachaidh dha teaghlach is am beathaichean airson iomadh bliadhna. Tha an taigh-dubh air a chumail gu ìre mhath mar a bha nuair a ghluais an teaghlach a-mach às an taigh ann an 1965.

Airson barrachd fios, no airson ùidh a shealltainn ann a bhith nad fhear no thè saor-thoileach, cuiribh fios ri Marlene NicLeòid, manaidsear an taigh-dhubh air 01851 710395, no aig marlene.macleod@hes.scot.

Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer

Fòn: 0131 668 8097
Post-d: communications@hes.scot
Foillsichte: DREACHD NA SGAOIL E

Share