Live /

In light of COVID-19, all visitor attractions, depots and offices are temporarily closed and staff are working from home. Stay home, stay safe and we look forward to welcoming you back in the future Find out more

x

About Us

2 November 2018

Reic de bhathar shònraichte aig Caisteal Urchadain a chaidh a chruthachadh le òigridhe

’S e teòclaidean, leabhar airson cloinne is coinnlean cuid den bhathar a chaidh a dhealbhadh le òigridhe air a’ Ghàidhealtachd.Bhuannaich taghadh de dh’òigridh à sgoiltean is iomairtean sòisealta air a’ Ghàidhealtachd an cothrom bathar a dhealbh iad, ga reic aig Caisteal Urchadain gu ruige am Màirt 2019.

Alex Patterson stands with a winner for the Urquhart Castle Shop competition

’S e teòclaidean, leabhar airson cloinne is coinnlean cuid den bhathar a chaidh a dhealbhadh le òigridhe air a’ Ghàidhealtachd. Bhuannaich taghadh de dh’òigridh à sgoiltean is iomairtean sòisealta air a’ Ghàidhealtachd an cothrom bathar a dhealbh iad, ga reic aig Caisteal Urchadain gu ruige am Màirt 2019.

Tha am bathar a’ gabhail a-steach mapa, searbhadair-shoithichean, is baga beag cotain bho Bun-Sgoil Cille Chuimein, ‘Braw Chocolates’ bho Àrd-sgoil an Dòrnach, Leabhar cloinne bho Bhun-sgoil Ceann Loch Lìobhan, is coinnlean bho iomairt Made in Tain.

Chaidh am bathar gu lèir a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd agus tha prìsean eadar £3.50 is £35. Thèid prothaid sam bi bho reic a’ bhathair air ais gu na h-iomairtean ionadail, no ri charthannas ainmichte aig na h-òigridhe a ghabh pàirt.

Thàinig an toradh seo a-mach à pròiseact ‘Meet the Buyer’ a chaidh a chuir air bhog le Àrainneachd Eachdraidheil Alba is le taic bho Social Enterprise Academy is a bha a’ fighe a-steach do Bhliadhna na h-Òigridhe 2018. Chaidh cuireadh a-mach do sgoiltean is iomairtean sòisealta a tha ag obair le clann eadar aois 8 – 26 ri bruidhinn ri luchd-ceannachd airson a’ chaisteil, is taisbeanadh a lìbhrigeadh dhaibh cuideachd gus cothrom a chosnadh airson a’ bhathair aca a’ reic sa bhùth aig a’ chaisteal. Chaidh iarraidh air na sgiobaidhean tiotal Gàidhlig, no Albais a chuir air a’ bhathar aca is b’ urrainn na taisbeanaidhean aca a bhith dà-chànanach cuideachd.

Tha seo na pàirt de Phlana Ghàidhlig Àrainneachd Eachdraidheil Alba 2018 – 2023 anns a bheil an t-amas aig a’ bhuidheann gum bi luchd-turais a’ tachairt ris a’ Ghàidhlig nas trice. Tron a’ Phlana air fad, tha amas aig ÀEA a’ cur air adhart a’ Ghàidhlig is a cultar mar phàirt phrìseil de dh’Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Thuirt Ceannard ÀEA, Alex Paterson:

“Tha e air a bhith air leth math a’ faicinn an urrad de dh’òigridhe a chaidh an sàs anns a’ phròiseact seo. Tha tàlant nan òigridh air a’ Ghàidhealtachd follaiseach gu ìre mhòr tron bhathar a chaidh a chruthachadh, is le fios gum bi ùidh aig mòran de na luchd-tadhail a thig do Chaisteal Urchadain. Tha Caisteal Urchadain fear de na làraichean-eachdraidheil as soirbheachail ann an Alba, is mar sin tha e a’ toirt mòr thoileachas dhuinn an cothrom seo a thoirt seachad do sgoiltean is iomairtean ionadail is gum urrainn iad an tàlant aca a thaisbeanadh aig an làrach seo.

“Tha sinn an dòchas gun tug sinn spionnadh do ghinealach ùr tionnsgainneach, is a chuidich iad gus leasachadh prìomh sgilean airson nan dreuchdan aca anns an àm ri teachd.”

Thuirt Natasha Troitino, os cionn Seirbheis bhathar:

“Tha sinn air ar dhòigh glan leis an ìre Phroifeiseantas a chunnaic sinn am measg nan òigridhe a ghabh pàirt. Chunnaic sinn cho cruthachail is easgaidh sa tha an òigridhe, is thàinig seo tarsainn aig gach ìre den phròiseact – bho na iarrtasan aca, is anns na taisbeanaidhean cuideachd. Tha sinn gu math toilichte ar taic a thoirt do na tìodhlacan ionadail seo aig Casiteal Urchadain.”

Thuirt Emily Mnyayi, Os cionn Foghlam aig Social Enterprise Academy:

“This project has given pupils a platform to speak up about the issues that matter to them and develop key skills for the future. We’re thrilled to see Urquhart Castle promoting social enterprise products that are empowering young people in the Highlands to take action and make a difference in their communities.”

Thuirt Shirley Tennant, Manaidsear Leasachaidh airson neartachadh choimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean:

“The future of social enterprise is in great hands, if the results of the young people here today are anything to go by. HIE is delighted to be supporting the Social Enterprise Academy to deliver Social Enterprise in Education across our region. It provides a great way for budding entrepreneurs to learn new skills and gain an understanding of the benefits of the social economy. Thanks to Historic Environment Scotland and Urquhart Castle, these teams have seen their business ideas become a reality.”

Mu Dheidhinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba

1. ’S e Àrainneachd Eachdraidheil Alba (AEA) a’ phrìomh bhuidheann le uallach gus an àrainneachd eachdraidheil a ghleidheadh, a dhìon agus a chur air adhart. Tha AEA cuideachd nam prìomh bhuidheann le uallach airson a bhith lìbhrigeadh na ciad ro-innleachd airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba, ‘Sinn Fhìn anns Gach Linn’

Tha Alba Aosmhor, Scran, Canmore, Cruinneachadh Nàiseanta nan Dealbhan-camara bhon Adhar, An Seada Einnsein, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Dhùn Èideann uile nan co-shuaicheantasan aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

2. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba clàraichte mar Bhuidheann-charthannais Albannach. Àireamh Buidhne-carthannais Albannach SC045925

3. Gheibh sibh naidheachdan bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus faodaidh sibh clàradh airson puist-d fhaighinn le fios air brathan-naidheachd an seo. Ma tha sibh ag iarraidh sgur gam faighinn, cuiribh fios thugainn.

4. Faodaidh sibh fios as ùr fhaighinn air Àrainneachd Eachdraidheil Alba air Twitter, Facebook, LinkedIn agus air ar blog.

Bliadhna na h-Òigridh 2018

’S e Bliadhna na h-Òigridh 2018 an ath bhliadhna le cuspair sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba, às dèidh na Bliadhna airson Eachdraidh, Dualchas is Arc-eòlas ann an 2017.

Le Bliadhna na h-Òigridh 2018 bidh muinntir na h-Alba air am misneachadh le an cuid òigridh aois eadar 8 is 26, agus bithear a’ dèanamh gàirdeachas ris na tha iad air coileanadh, a’ cur sùim anns na nì iad sna coimhearsnachdan aca agus thèid cothroman ùra a chruthachadh dhaibh gus soirbheachadh gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Aig teis-meadhan Bliadhna na h-Òigridh tha prògram de thachartasan gus bratach na h-òigridh a thogail an àirde agus bidh daoine òga aig cridhe dealbhachadh is lìbhrigeadh a’ phrògraim sin. Tron phrògram thèid cothroman ùra is luachmhor a chruthachadh do dh’Albannaich òga agus don mhòr-shluagh, agus bidh ceangal ann ris an tachartas ùr, Farpaisean Spòrs na h-Eòrpa 2018.

Thathar an-dràsta a’ trusadh 200 neach òg air feadh Alba gus a bhith nan Tosgairean airson Bliadhna na h-Òigridh. Nì na Tosgairean cinnteach gu bheil fios aig daoine is buidhnean sna coimhearsnachdan aca air dè tha a’ dol agus bidh iad a’ stiùireadh phròiseactan is gnìomhan gus tachartasan is cothroman a stèidheachadh a tha a’ togail bratach na h-òigridh.

Bidh sia cuspairean aig Bliadhna na h-Òigridh a chaidh a roghnachadh ann an com-pàirt ri daoine òga:

• A’ Gabhail Pàirt – a’ coimhead air mar as urrainn do dh’òigridh buaidh a thoirt air seirbheisean poblach agus co-dhùnaidhean a bheir buaidh air am beatha
• Foghlam – a’ dèanamh cinnteach gum bi pàirt nas motha aig òigridh ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mun ionnsachadh aca
• Slàinte is Math – a’ toirt taic do dh’òigridh gus am bi iad nas fallaine, nas èasgaidhe agus gus am faigh iad cothroman gus ionnsachadh mu shlàinte inntinn agus mu mar a ghlèidheas iad an slàinte inntinn agus mu mar a bheir iad piseach oirre
• Co-ionannachd is Leth-bhreith – a’ dèanamh sanasachd air mar a bu chòir sùim cheart a chur ann an Albannaich òga, agus a’ cur an aghaidh bheachdan a tha a’ dèanamh dìmeas air daoine òga, agus a’ toirt taic do dhaoine òga gus a bhith aig ceann na h-iomairt gus stad a chur air leth-bhreith de gach seòrsa.
• Tionnsgal is ath-nuadhachadh – a’ dèanamh gàirdeachas ris na nì daoine òga a thaobh innleachdas, tionnsgalachd agus eaconamaidh na h-Alba agus a thaobh a bhith a’ toirt piseach air àrainneachd na h-Alba agus a’ dèanamh Alba na h-àite thlachdmhor airson a bhith a’ fuireach ann
• Cultar – a’ dèanamh gàirdeachas ri tàlantan dhaoine òga agus na nì iad airson cultar is ealain na h-Alba.

Airson barrachd fiosrachaidh mu na tha a’ tachairt a thaobh Bliadhna na h-Òigridh agus airson faighinn a-mach ciamar as urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann, tadhlaibh air an làrach-lìn ùr www.yoyp2018.scot no @YOYP2018 air Twitter.

Year of Young People 2018 logo

Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer
Fòn: 0131 668 8097
Post-d: stacey.dent@hes.scot
Foillsichte: DREACHD NA SGAOIL E

Share