Live /

Many historic places are still open for visitors, outwith Level 4 COVID protection areas. Book in advance and check if Scottish Government travel restrictions apply before travelling.

x

About Us

10 October 2019

Drochaid Ceasaig aithnichte fo sgeama thoglaichean clàraichte na h-Alba

Chaidh Drochaid Ceasaig ag ainmeachadh mar structar ann an catagaraidh B, le Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA)

Aerial view of the Kessock Bridge. A modern bridge crossing river with two supports.

Chaidh Drochaid Ceasaig, ri taobh Inbhir Nis a bhuileachadh le inbhe Catagaraidh B fon Sgeama Thoglaichean Chlàraichte na h-Alba.  Bha seo ri linn aithneachadh air sàilleabh cliù nan nòsan ailtireil a tha a’ sònrachadh an drochaid a-mach. Chaidh ainmeachadh an-diugh (10 Damh).

Nuair a chaidh togail air an drochaid, b’ e tè de na structaran as coileanta as thaobh innleadaireachd anns an 20mh linn. ’S i a’ chiad drochaid iomadh-càballan-stòlda anns an Rìoghachd Aonaichte, is aig àm an togail ann an 1982, ’s i an drochaid as motha dhen t-seòrsa sin anns an Roinn Eòrpa.

Bha an Drochaid Ceasaig cuideachd tè de na ciad drochaidean a bha a’ cur teicneòlas ùr gu feum airson aghaidh a chuir bho ionnsaidh crith-thalmhainn; dealbhaichte airson a’ leigeil le gluasad talmhainn bho Sgàin a’ Ghlinne Mhòire a’ dol seachad gun tubaist.

Seo an treasamh drochaid ann an Alba a chaidh ainmeachadh le ÀEA fon sgeama anns a’ bhliadhna a chaidh seachad. A’ leantainn Drochaid Arasgain agus Drochaid a’ Chaolais Chumhaing.

Choisinn Drochaid Ceasaig duais airson dealbhachadh agus togail le chèile aig duaisean Cruinn na h-Alba ann an 1983, bliadhna às dèidh dhith fhosgladh do thrafaig.

Thuirt Elizabeth McCrone os cionn Sgioba Clàraidh, ÀEA: “Tha mi air mo dhòigh gu bheil eisimpleir eile de dhualchas nan drochaidean Albannach a-nis air a chlàradh.

“’S e fear de na innleachdan as fheàrr leamsa a thaobh Drochaid Ceasaig, ’s e an comas aice dìon a chuir an aghaidh sìde mosach agus cunnart crith-thalmhainn bho Sgàin a’ Ghlinne Mhòire. Chuir i cuideachd oidhirp mhòr air adhart gus brosnachadh fàs an eaconamaidh, a’ dèanamh siubhail nas fhasa eadar Inbhir Nis agus an Ear Thuatha.

“Tha dualchas làidir de thogail drochaidean againn ann an Alba, is tha Drochaid Ceasaig na pìos chudromach den traidisean stèidhichte seo.

Tha an clàradh seo a’ leantainn co-chomhairle phoblach a chaidh a-mach nas tràithe sa bhliadhna, far an robh cuireadh do luchd na coimhearsnachd na beachdan aca a chuir a-steach air inbhe clàraichte a thoirt seachad.

Thuirt Michael Matheson, Rùnaire a’ Chaibineat airson Còmhdhail Bun-structar agus Co-Cheangaileachas:

Tha mi air mo dhòigh gun deach Drochaid Ceasaig ainmeachadh los cho sònraichte sa tha i gu h-eachdraidheil, mar structar clàraichte. Tha an drochaid ioma-chàball-stòlda air a bhith a’ leigeil leis na mìltean de charbadan a’ dol thairis Linne Fharair airson faisg air 40 bliadhna. Tha e na ceangail fìor chudromach eadar an Ear-thuatha agus Inbhir Nis, agus tha e air a bhith aig bun fàs eacanomaigeach sa sgìre.

“’S e an dealbhachadh ainmeil, fad, is far a bheil i suidhichte, le sealladh tarsainn Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd a choisinn an duais dhith, is ceart a bha sin. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri soirbheas a bharrachd mar phìos chudromach de innleadaireachd na h-Alba.”

Is urrainn dhuibh barrachd fios mu dheidhinn Drochaid Ceasaig a lorg air an portal aig ÀEA: https://portal.historicenvironment.scot/designation/LB52506

Fios gu: Dean Hendry, Communications Officer

Fòn: 0131 668 8714
Post-d: communications@hes.scot

Share