Skip to content

About Us

21 October 2016

Clann bho Sgoil an Taobh Siar gu bhith nochdadh air a’ bhrat-ùrlair dhearg

Thèid ciad shealladh de ‘An Tac an Teine’ a’ cur air dòigh aig Ionad Grinneabhat ron a thèid na filmichean beò air loidhne

A general view of the Blackhouse, Arnol.

Tha a’ chlann à Sgoil an Taobh Siar nar rionnagan ann an dà fhilm a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Àrainneachd Eachdraidheil Alba is mar phàirt den sgeama Junior Tour Guides aca. Tha An Tac an Teine a’ toirt dhuinn sealladh air cuid de na seann sgeulachdan a tha bitheanta ann an cultar na Gàidhlig, is cuideachd tha e a’ sònrachadh air uair far an robh caraidean is teaghlaichean a’ tighinn còmhla an tac an teine, is ag innse sgeulachdan.

Thàinig an sgioba ionnsachaidh aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) agus Sgoil an Taobh Siar còmhla ann an 2009 is tha an sgoil air a bhith pàirt den sgeama Junior Guides bhon uair sin. A’ togail air a’ chom-pàirteachais seo, is le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig ann an 2015/16 dh’atharraich iad cruth a’ phròiseict is chruthaich iad dà fhilm: fear ann an Gàidhlig, is fear a tha ag amas air luchd-ionnsachaidh.

Bidh na filmichean air an cleachdadh mar ghoireas ann an sgoiltean Gàidhlig, is mar dhòigh ann do sgoilearan ag ionnsachadh barrachd mun a’ Ghàidhlig is a cultair. Tha am film a’ toirt beò eachdraidh an taigh-dubha, le ceathrar cloinne ag innse sgeulachdan an tac an teine, is sgoilearan eile a’ cuideachadh le solas is fuaim.

Thuirt Silvie Silke a tha ag obair airson sgioba ionnsachaidh ÀEA:

“This year, we wanted to try something a bit different with the pupils at Sgoil an Taobh Siar. In previous years we’ve trained them up to give tours of the Blackhouse in period costume, but this time round we applied for and received funding from Bòrd Na Gàidhlig to make a pair of films, bringing to life the history of the site in a slightly different way.

“To start us off, we commissioned a new script from Illuminate UK. They visited the School of Scottish Studies to collect the fireside stories you hear in the film. They then trained the pupils on their performance skills, and in April this year Uist Film came in to support the young people in four days of intensive – and very cold – filming! The pupils did a fantastic job, and resulting films will now be available online as a learning resource.”

Bha 24 sgoilearan P5-7 an sàs anns an fhilm, is a’ gabhail uallach air gach gnothach air beulaibh is air cùlaibh a’ chamara, is rud a bha fìor mhath daibh a thaobh leasachadh sgilean is a’ cur eòlas air gnìomhachas ùr.

Bha ÀEA ag obair gu dlùth le luchd-obrach na sgoile, Taigh-dubh Àrnoil, companaidh dràma Illuminate, is Uist Film. Chaidh a’ chiad shealladh de An Tac an Teine an-dè (20mh den Dàmhair) aig Ionad Grinneabhat air taobh Siar Eilean Leòdhais, is tha e a-nis ri fhaighinn air loidhne.

Thuirt Oifigear Planadh is Poileasaidh na Gàidhlig airson ÀEA Ruairidh Greumach

“Le oidhche Shamhna a’ teannadh oirnn tha e a’ faireachdainn iomchaidh ann an dòigh gu bheil am film a’ sònrachadh air cuid de na sgeulachdan eagallach a th’ againn ann an cultar na Gàidhlig. Cluinnidh sibh sgeulachdan Mac an t-Srònaich is mu dheidhinn an each-uisge mar eisimpleir. Ach a bharrachd air sin, ‘s e film cudromach a tha seo airson a’ sealltainn mar b’ àbhaist daoine a’ cumail blàth thar nan oidhcheannan air a’ Ghàidhealtachd le a bhith a’ tighinn còmhla is ag innse sgeulachdan”

Innse dhuinn mu na sgeulachdan agaibh fhèin  

Bu toill leinn aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ cluinntinn cuid de na cuimhneachan a th’ agaibh air dòigh bheatha an taighe-dhuibh. Tha sinn a’ brosnachadh duine sam bith a chunnaic na filmeachan air loidhne a’ cur brath thugainn mu na sgeulachdan aca fhèin is gun cùm sinn oirnn leis na traidiseanan de bheul-aithris.

Tha An Tac an Teine ri fhaicinn air làrach-lìn aig

About Historic Environment Scotland (HES)

Year of Innovation, Architecture and Design 2016

2016 is the Year of Innovation, Architecture and Design (IAD). Through a series of exciting events and activity, the year will showcase Scotland's position as an "innovation nation", its outstanding built heritage, and its thriving, internationally acclaimed creative industries sector. This is a Scottish Government initiative being led by VisitScotland and supported by a variety of partners.

Year of Innovation, Architecture and Design 2016

Follow Historic Environment Scotland

Twitter: @HistEnvScot | @welovehistory 

Facebook: @HistoricEnvScotland @VisitHistoricScotland

Blog
Instagram
LinkedIn

For further information

Ali George
Historic Environment Scotland Media Office
Direct Line: 0131 668 8714
Mobile: 07583 018 790
ali.george@hes.scot

Share