Live /

Edinburgh, Stirling and Urquhart Castles are now open, please book your tickets online in advance. We are working hard to open other sites in the coming weeks

x

About Us

13 January 2020

A’ Ghàidhlig aig cridhe cuirm ùr, le solas is ceòl aig Caisteal Urchadain

Bidh Àrainneachd Eachdraidheil Alba a chuir air adhart cuirm sònraichte airson Bliadhna nan uisgeachan is costachan 2020

Aerial view of Urquhart Castle and Loch Ness

Bidh cuirm ùr le ceòl is solas a’ gabhail àite aig Caisteal Urchadain anns an Damhair mar phàirt de Bhliadhna nan Uisgeachan is Costachan 2020.

Bidh Aiseag, a’ gabhail àite thar an deireadh sheachdain 10mh is an 11mh den Damhair, is a’ crìochnachadh le cuirm shònraichte oidhche Dòmhnaich 11mh den Damhair. Bidh an cuirm a’ rùrachadh, is a’ gabhail subhachais anns na ceanglaichean eadar cultar is dualchas na Gàidhlig, is na h-uisgeachan is costachan. Bidh seo air an toirt seachad le teicneòlas cruthachail, is ceòl ga chluich beò air an àrd-ùrlair.

Tron latha, bidh rudan ri dhèanamh cuideachd. Airson teaghlaichean bidh seiseanan a’ sealltainn mar a tha daoine air an dlùth cheangail ris na h-uisgeachan is costachan. Bidh an cothrom aig luchd-tadhail a’ feuchainn ri stuth a chruthachadh aig taighean-cèairde, cleasachd beò fhaicinn, is ceòl a’ cluinntinn co-cheangailte ri eachdraidh is beul-aithris a tha na phàirt de na h-uisgeachan is costachan mun cuairt oirnn.

Thig an tachartas gu crìch le cuirm shònraichte bheòthail a nì feum de sholas is dealbhan airson dualchas nan uisgeachan is costachan a thoirt seachad ann an dòigh chruthachail. Bidh na dealbhan air an sgaoileadh air bhallachan a’ chaisteil, a’ toirt luchd-tadhail air slighe suas costa an iar is tuatha na h-Alba, a’ sealltainn na ceanglaichean eadar seo agus dualchas na Gàidhlig.

Tha prògram for-ruigsinneach cuideachd na phàirt den tachartas. Le pròiseactan beaga a’ ruith air feadh Alba ann an co-bhann le buidhnean coimhearsnachd a bhios a’ cuideachadh le cruthachadh is leasachadh susbaint airson Aiseag. Bidh seo a’ gabhail a-steach daoine òga.

Mar phàirt de dh’obair leantainneach aig ÀEA ann an coimhearsnachdan ionadail, bidh ÀEA ag obair le gnìomhachasan is com-pàirt eile gus a’ dèanamh cinnteach gun urrainn dha Druim na Drochaid, agus an àite timcheall a’ faighinn buannachd às a’ chuirm.

Tha Aiseag gu bhith na prìomh cuirm aig ÀEA airson Bliadhna nan Uisgeachan is Costachan, is e mar aon pàirt de phrògram mòr a bhios a’ cumail taic ris a’ bhliadhna seo.

Bidh seo a’ gabhail a-steach leirmheas fad bhliadhna air taighean-solais, ann an co-bhann le Northern Lighthouse Board a chaidh ainmeachadh aig ceann an uiridh. Mar phàirt den leirmheas, thèid ùrachadh air na liostaichean airson toglaichean clàraichte, is thèid rannsachadh a dhèanamh airson beachdachadh air taighean-solais ùr airson an clàradh.

A thuilleadh air seo, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan ùra gu Maoin Taic na h-Àrainneachd Eachdraidheil bho phròiseactan sa choimhearsnachd aig a bheil fòcas air brosnachadh dhualchas nan costa Albannach, is a’ togail air mar a bhios sinn ga dhìon bho bhuaidh atharrachadh na clìomaid. Bidh fàilte air foirmeachan-iarrtas bho air feadh na dùthcha.

Thuirt Alex Paterson, Ceannard Àrainneachd Eachdraidheil Alba:

Tha Aiseag an cuirm as motha a rinn sinn le Gàidhliggu ruige seo, is tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn for a’ shealltainn chun a’ chultar mar phàirt de Bhliadhna nan Uisgeachan is Costachan.

“Tha Uisgeachan is Costachan na h-Alba air buaidh nach beag a thoirt air ar n-eachdraidh tro sgeulachdan, cultar, is dòighean-beatha. Le bhith a’ cleachdadh ceòl is solas son seo a chomharrachadh, tha sinn an dùil an dàimh air leth ris an àrainneachd eachdraidheil a chuir thairis ann an dòigh sònraichte.

“Tha ruideigin airson a h-uile duine aig an tachartas seo. Bho seiseanan airson teaghlaichean, ri ceòl ùr-ghnàthach, cà eile airson cuirm mar seo, ach ri taobh Loch Nis?”

“Bidh an tachartas aig Caisteal Urchadain a’ tabhann chan e a-mhàin dìreach na seallaidhean àlainn a thig leatha, ach brosnachadh de ceanglaichean eadar an làrach agus cultar na Gàidhlig mu thimcheall oirre.”

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultar, Turasachd agus cùisean Taobh a-muigh, Fiona Hyslop:

Cha b’ urrainn dhuinn Bliadhna nan Uisgeachan is Costachan a chomharrachadh gun sùil is sùim a chuir ri Loch Nis.

"Tha e air leth math gu bheil Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ cleachdadh cultar is dualchas na Gàidhlig a bhuineas dhan sgìre fhèin, mar fòcas airson prìomh cuirm na bliadhna aig Caisteal Urchadain, is am measg thachartasan eile co-cheangailte ri Bliadhna nan Uisgeachan is Costachan.

“Tha mi toilichte gu bheil an t-ionnsachadh bho Bhliadhna na h-Òigridhe 2018 a’ leantainn fhathast leis gu bi daoine òga an sàs ann an cruthachadh susbaint. Tha mi an dùil gun còrd Aiseag ri daoine ionadail, agus ri luchd-tadhail. Chan e a-mhàin airson na seallaidhean breagha a bhios ann, ach cuideachd an cothrom ionnsachadh ciamar a tha a’ Ghàidhlig is na stòiridhean a thig leatha co-cheangailte ris an àrainneachd.

Bidh farsaingeachd de thaisbeanaidhean is tachartasan eile cuideachd a’ gabhail àite aig làraichean eachdraidheil ÀEA tron bhliadhna. Leis an tachartas bhliadhnail ‘Rock of Ages’ aig Caisteal Dhùn Breatann agus ‘Viking Invasion aig Caisteal Dhùn Staidhinis a bhios air a cheangail ri Uisgeachan is Costachan 2020. An cuide ri seo bidh tachartasan is taisbeanaidhean eile aig Pàirc an Ròid tro 2020.
Lean Alex le:

“Tha sinn air bhioran gus pàirt a ghabhail anns a’ bhliadhna thèamaichte airson 2020. Tha aig mòran de ar làraichean ceanglaichean ri ar uisgeachan is costachan, is tha sinn an dùil gun bhrosnaich ar prògram luchd-tadhail ri bhith a’ gabhail ùidh ann an uisgeachan na h-Alba.

“Tha am bliadhna cuideachd a’ toirt dhuinn cothrom airson soillseachadh buaidh na clìomaid air ar làraichean a tha aig an oir, is gu bheil sinn a’ faoillseachadh ar gealltanasan airson atharrachadh na clìomaid thar an ath chòig bhliadhna.

“Tha buaidh na clìomaid, a bhios a’ gabhail a-staigh àrdachadh muir-làn, aon de na prìomh riosgan don àrainneachd eachdraidheil, agus ’s e aon de na prìomhachasan a th’ againn am bliadhna airson barrachd mothachadh air a’ chùis seo a’ sgaoileadh.

Tha Aiseag na phàirt de dh’oidhirpean taobh a-staigh am Plana Gàidhlig 2018 – 2023 a bhios a’ toirt seachad gealltanasan ÀEA air ciamar a bhios iad a’ brosnachadh Gàidhlig mar phàirt phrìseil is cudromach de àrainneachd is eachdraidh na h-Alba.

Airson barrachd fios air Maoin Taic airson na h-Àrainneachd Eachdraidheil, is ciamar as urrainn dhut iarrtas a chuir a-steach.

Airson barrachd fios air na tha ÀEA a’ dèanamh airson Bliadhna nan Uisgeachan is Costachan.

Fios gu: Stacey Dent, Communications Officer

Fòn: 0131 668 8097
Post-d: communications@hes.scot

Share